Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Deireadh-seachdain de phrògraman Runrig air BBC ALBA

25 Màrt 2021

Runrig_The Story 2016 (c)Matt Liengie

Dhaibh-san a tha fìor dèidheil air ceòl, bidh an cuirm a bha mar soraidh slàn bho Runrig, ‘The Last Dance’ bho Chaisteal Shruighlea ri fhaicinn air BBC ALBA airson a’ chiad uair mar phàirt de dheireadh-sheachdain sònraichte le prògraman mu dheidhinn a’ chòmhlain. 

Chaidh an dà chuirm a chlàradh anns an Lùnastal 2018 air beulaibh luchd-amhairc de 50,000 leis a’ chompanaidh dhibhearsain didseatach Blazing Griffin a tha stèidhte ann an Glaschu.

Seallaidh am prògram sònraichte seo air BBC ALBA an cuirm air fad, a mhaireas 3 uairean a thìde a chaidh a chlàradh aig Caisteal Shruighlea, àite aithnichte agus eachdraidheil don chòmhlan.

Air an toirt ri chèile ann an 1973 san Eilean Sgitheanach, thàinig Runrig gu cliù anns na 1970an agus 80an mar an còmhlan rock & folk a bu shoirbheachaile riamh à Alba, is mhair an ùine aca mar chòmhlan airson 45 bliadhna.

Thug iad a-mach 14 clàran stiùidio, agus thug iad ceòl Gàidhlig bho thallaichean beagan na Gàidhealtachd gu làraichean-cuirm mòra an t-saoghail, le Canada agus New York nam measg. Bha cuirmean làn aca aig cuid de na h-àitichean a bu chliùitiche air an t-saoghail cuideachd, leithid Times Square ann an New York, Talla Rìoghail Albert agus Caisteal Dhùn Èideann.

Tha Runrig – The Last Dance cuideachd a’ nochdadh ceòl bho thaghadh cheòladairean aithnichte Albannach eile, leithid Julie Fowlis, Duncan Chisholm, Laura McGhee, Gary Innes, Dave Towers agus Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

Tha Donnie Rothach, am prìomh seinneadair aig Runrig bho 1974 gu 1997 air an ùrlar leis a’ chòmhlan airson cuid den chuirm, agus an luchd-amhairc a’ dèanamh gàirdeachas ri seo.

Thuirt Rory Dòmhnallach, ball tùsanach den chòmhlan a tha a-nise a’ fuireach ann an Cataibh: “’S e an dealas a th’ againn airson a bhith a’ cluich a chum an còmhlan a’ dol airson barrachd na 45 bliadhna. Thug an cuirm soraidh slàn seo uile gu ceann – tachartas ceart, geur a bha air a roinn eadarainn a bhios leam gu bràth. Ann an iomadh dhòigh, tha an soirbheachas againn leis ar luchd-leantainn, agus tha am film seo a’ sealltainn sin.”

Chuir a bhràthair Calum ris a seo: “Anns na h-amannan neònach tha seo, tha e uaireannan duilich a bhith a’ faireachdainn ceangailte ris na coimhearsnachdan as fhaisge ris a’ chridhe. Tha sinn an dòchas gum faigh coimhearsnachd Runrig faireachdainn aonaichte is iad a’ coimhead an cuirm mu dheireadh againn air BBC ALBA, agus gun tog e an spiorad aca.”

Thuirt Steven Little, riochdaire an fhilm The Last Dance aig Blazing Griffin; “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ faicinn an cuirm slàn 3 uairean a thìde air BBC ALBA, ’s e mar ùrlar foirfe airson an luchd-leantainn ionadail aig Runrig a ruigsinn. Bha mi fhèin riaraichte a bhith ag obair air an riochdachadh seo, tha e a’ taisbeanadh drùidhteachd a’ chòmhlain agus a tha a’ tabhann dìleab a bhiodh an còmhlan ag iarraidh fhàgail aig an luchd-leantainn aca. ’S e film cuirm air leth togarrach a th’ ann, agus tha fios am fhèin gun còrd e glan ri luchd-leantainn Runrig.”

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha BBC ALBA riaraichte deireadh seachdain slàn de shusbaint Runrig a thabhann dhan luchd-amhairc againn, leis a’ chuirm The Last Dance mar soraidh slàn a’ chòmhlain. Tha e air a bhith sgoinneil ag obair le Blazing Grifin agus a bhith a’ toirt an tachartas air leth seo gu BBC ALBA.”

Tha Runrig – The Last Dance air BBC ALBA air Disathairne, 3 Giblean aig 8f.

Bidh Air an Oir ri fhaicinn air Dihaoine 2 Giblean aig 9f, prògram bho thasglann BBC ALBA a tha a’ coimhead air freumhan ceòlmhor Runrig agus na buaidhean a bh’ orra, agus chithear cuirm bhon tasglann Runrig – City of Lights Didòmhnaich 4 Giblean aig 9f. Bidh na prògraman air fad ri fhaicinn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là às dèidh gan craoladh.