Dleastanas
Dleastanas
Tha dleastanas MG ALBA ga chur an cèill ann an Achd a’ Chonaltraidh 2003, Achd Craolaidh 1990 agus Achd Craolaidh 1996.
Tha uallach air a’ bhòrd a bhith a’ cur air dòigh ro-innleachd aig ìre àrd agus a’ dealbh, ag ath-sgrùdadh agus a’ moladh phoileasaidhean agus chleachdaidhean gus am faigh iad amasan ro-innleachdail na buidhne a choileanadh.
A thuilleadh air beachdachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomlan nì am Bòrd measadh air na prionnsabalan a tha a’ riaghladh raointean obrachaidh mar mhaoineachadh, pròiseactan, trèanadh, goireasan, seirbheisean bho muigh, feuman luchd-cleachdaidh agus dàimh luchd-earrainn.
Tha riaghailtean mu obair Bòrd agus Comataidhean MG ALBA gan cur an cèill sna Gnàth-riaghailtean.
Tha Cathraiche agus Buill MG ALBA fo smachd Còd Giùlain nam Ball.
Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
’S e obair Chomataidh Sgrùdaidh & Dearbhaidh comhairle a thoirt don Bhòrd gu bheil siostaman iomchaidh riaghladh, in-smachd agus measadh chunnartan air an cuir an sàs taobh a-staigh MG ALBA.
Stèidheachadh agus Ballrachd
Dleastanasan
Tha raon-ùghdarrais Comataidh Sgrùdaidh & Dearbhaidh mar a leanas:
Aithisgean
Bidh an luchd-obrach a’ cuartachadh geàrr-chunntasan na Comataidh gu gach ball de MG ALBA.
Comataidh Lèirsinn
Is e dleastanas Comataidh Lèirsinn beachdachadh air treandaichean agus cuideaman san raon a-muigh agus comhairle a thoirt don Bhòrd air cùisean a tha riatanach airson Lèirsinn foillsichte MG ALBA a choileanadh, a’ gabhail a-steach leantainneachd, cruth-atharrachadh, meadhanan didseatach agus ro-innleachd dhaonna.
Stèidheachadh agus Ballrachd
Dleastanas
Tha dleastanas Comataidh Lèirsinn mar a leanas:
Cumhachdan
Faodaidh a’ Chomataidh, aig cosgais na companaidh, aithisgean neo-eisimeileach fhaighinn mar a dh’fheumar agus faodaidh iad taic speisealta fhastadh mar a dh’fheumar.
Coileanaidh cathraiche na Comataidh dreuchd a’ Chathraiche an Gnìomh mura h-eil an Cathraiche ri fhaighinn airson ùine ghoirid no mura h-urrainn dha an dleastanasan a choileanadh. Thèid an ùine a thathar a’ meas, ma tha fios air, a thaobh nan uallaichean seo a chur an cèill do dh’Ofcom agus don luchd-ùidh iomchaidh uile. Mar Chathraiche an Gnìomh, bidh Cathraiche na Comataidh a’ coileanadh na h-uile gnìomhan mar as trice a bhuineas don Chathraiche a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuibhrichte gu, an fheadhainn a tha air am mìneachadh anns na Riaghailtean Ionmhasail, Gnàth Riaghailtean agus Sgeama Tiomnachaidh is Rianachd.
Aithisgean
Bidh an Rùnaire a’ cuairteachadh geàrr-chunntasan na Comataidh gu gach ball de MG ALBA