Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Chaidh farpais nam film goirid, FilmG, thar a’ Chuain Shiair leis an iomairt aca ann an Canada

12 Ògmhios 2023

Chaidh FilmG, farpais nam film goirid Gàidhlig, thar a’ Chuain Shiair airson a’ chiad uair sa Chèitean, tro Mhìos nan Gàidheal  ann an Alba Nuadh.

Às aonais tagraidhean sam bith à Canada sa 15-bliadhna a dh’fhalbh, chuir sgioba FilmG seachad seachdain a’ dèanamh cheanglaichean ann an Alba Nuadh, meadhan soirbheachail cànan is cultar nan Gàidheal.

Chaidh diofar thachartasan a chur air dòigh ann an diofar sgoiltean agus tachartasan coimhearsnachd air feadh na mòr-roinne, nam measg bùth-obrach sònraichte aig Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn. Mar thoradh air na h-oidhirpean sin, thàinig deagh fhreagairt bho ionadan foghlaim agus filmeadairean ùra.

Mhìnich Manaidsear Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain an iomairt: “Chan e a-mhàin gu bheil ar n-iomairt a dh’Alba Nuadh a’ toirt sgeulachdan Gàidhlig bho dhiofar mòr-thìrean ri chèile, ach tha e cuideachd a’ fosgladh raon ùr de bhrosnachadh do ar sgeulaichean Gàidhlig.”

Ann an Halifacs, chaidh bùth-obrach a chumail ann an com-pàirteachas le Còmhlan Filmeadairean Gàidhlig na h-Albann Nuaidh, iomairt air a stiùireadh leis na filmeadairean Joyce Dhòmhnallach agus Iain MacLeòid.

A bharrachd air a bhith a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh fhilmichean goirid Gàidhlig, agus le film Gàidhlig eile san ro-riochdachadh, tha Iain MacLeòid ainmeil airson a chuid sgrìobhaidh airson an t-sreath èibhinn ainmeil Trailer Park Boys, a bha stèidhichte sa mhòr-roinn.

Thuirt Iain MacLeòid:“Bidh pròis Ghàidhlig Alba Nuadh ri fhaicinn nuair a tha sinn a’ cruthachadh fhilmichean inntinneach airson FilmG, a’ sealltainn àm ùr de cho-obrachadh thar a’ Chuain Shiair agus a’ fosgladh ar filmeadairean gu cothroman ùra.”

Thèid an 16mh farpais bhliadhnail FilmG a chur air bhog nas fhaide air adhart sa mhìos.