Chaidh FilmG, farpais nam film goirid Gàidhlig, thar a’ Chuain Shiair airson a’ chiad uair sa Chèitean, tro Mhìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh.
Às aonais tagraidhean sam bith à Canada sa 15-bliadhna a dh’fhalbh, chuir sgioba FilmG seachad seachdain a’ dèanamh cheanglaichean ann an Alba Nuadh, meadhan soirbheachail cànan is cultar nan Gàidheal.
Chaidh diofar thachartasan a chur air dòigh ann an diofar sgoiltean agus tachartasan coimhearsnachd air feadh na mòr-roinne, nam measg bùth-obrach sònraichte aig Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn. Mar thoradh air na h-oidhirpean sin, thàinig deagh fhreagairt bho ionadan foghlaim agus filmeadairean ùra.
Mhìnich Manaidsear Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain an iomairt: “Chan e a-mhàin gu bheil ar n-iomairt a dh’Alba Nuadh a’ toirt sgeulachdan Gàidhlig bho dhiofar mòr-thìrean ri chèile, ach tha e cuideachd a’ fosgladh raon ùr de bhrosnachadh do ar sgeulaichean Gàidhlig.”
Ann an Halifacs, chaidh bùth-obrach a chumail ann an com-pàirteachas le Còmhlan Filmeadairean Gàidhlig na h-Albann Nuaidh, iomairt air a stiùireadh leis na filmeadairean Joyce Dhòmhnallach agus Iain MacLeòid.
A bharrachd air a bhith a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh fhilmichean goirid Gàidhlig, agus le film Gàidhlig eile san ro-riochdachadh, tha Iain MacLeòid ainmeil airson a chuid sgrìobhaidh airson an t-sreath èibhinn ainmeil Trailer Park Boys, a bha stèidhichte sa mhòr-roinn.
Thuirt Iain MacLeòid:“Bidh pròis Ghàidhlig Alba Nuadh ri fhaicinn nuair a tha sinn a’ cruthachadh fhilmichean inntinneach airson FilmG, a’ sealltainn àm ùr de cho-obrachadh thar a’ Chuain Shiair agus a’ fosgladh ar filmeadairean gu cothroman ùra.”
Thèid an 16mh farpais bhliadhnail FilmG a chur air bhog nas fhaide air adhart sa mhìos.