Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Bhòt Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA fosgailte

3 Samhain 2021

Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA a’ tilleadh a Ghlaschu airson 2021, beò agus air sgrìn

Bidh Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA a’ taisbeanadh cuid de na ceòladairean Albannach as fheàrr thairis air iomadh gnè ciùil, a’ comharrachadh a’ bheartais de thàlant a th’ aca le ceòl beò bho Engine Works Glaschu am-bliadhna, agus ga chraoladh air BBC ALBA aig 9f, 4 Dùbhlachd 2021.

Gus bhòtadh agus airson nan naidheachdan as ùire, rachaibh gu www.scotstradmusicawards.com.

Thuirt Ailean Moireasdan, Ceannard Ciùil Alba Chruthachail: “Tha ceòl aig teis-mheadhan beatha mòran dhaoine. Tron ghlasadh-sluagh chaill sinn chan e a-mhàin na cuirmean-ciùil ach cuideachd oideachadh aghaidh-ri-aghaidh, a’ cluich tac an teine agus a’ cèilidh mar choimhearsnachd.

“Tha cothrom air leth againn aig Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA gus comharrachadh ar coimhearsnachdan ciùil agus na rudan iongantach a fhuair sinn bho chluicheadairean is seinneadairean gus spiorad na Trads a chumail beò tro na làithean dorch ud.

“Tha ceòl traidiseanta na h-Alba fhathast a’ soirbheachadh leis gu bheil ar dualchas, a tha a’ tighinn bho chànanan dùthchasach beairteach, air a thoirt seachad bho ghinealach gu ginealach.

“Sin an t-adhbhar gu bheil Alba Chruthachail moiteil a bhith a’ cur taic ri Duais Janet Paisley airson Seirbhisean gu Albais, agus tron Iomairt Ciùil na h-Òigridh, an duais airson Oideas Ciùil na Bliadhna. Tha sinne cuideachd toilichte taic a thoirt ri Hands up for Trad agus an obair chudromach a tha iad a’ dhèanamh fad na bliadhna.”

Le ceòl beò bho Ímar, Dàimh, Hannah Rarity, The Canny Band, agus tuilleadh, bidh na duaisean cliùiteach seo a’ toirt urram do shàr-mhathas ann an saoghal ciùil traidiseanta na h-Alba.

Le bacadh air tachartasan agus ceòl beò bho thoiseach a’ ghlasadh-sluaigh, tha Hands up for Trad air a bhith ag obair cruaidh bhon Mhàrt 2020 gus taic a thoirt do luchd-ciùil agus airson ùrlaran eadar-dhealaichte a thabhann do cheòladairean gus an luchd-èisteachd a ruighinn, airgid a thogail agus tiocaidean a reic.

Às dèidh oidhche shoirbheachail aig Duaisean Albannais ann an Dùn Dè air 25 Sultain 2021 ‘s e Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA san Dùbhlachd an dàrna tachartas beò aca bhon a thòisich am bacadh, le compàirteachas ùr le MG ALBA gus na duaisean a chraoladh beò.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha MG ALBA cho moiteil gu bheil sinn a-rithist a’ cur taic ri Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba – tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha coimhearsnachdan ciùil thraidiseanta air feadh Alba, agus gu h-àraid am measg coimhearsnachdan Gàidhlig.

“Tha e a’ toirt toileachas dhuinn amannan coimhearsnachd leithid na Trads a thoirt gu BBC ALBA aig an àm sònraichte seo sa bhliadhna.”

“Tha e cuideachd ag aithneachadh an luchd-ealain cliùiteach sin agus cho innleachdach agus cho làidir ’s a tha a’ choimhearsnachd ciùil traidiseanta às dèidh na dùbhlain anns na 18 mìosan a dh’fhalbh.”

A’ gabhail a-staigh gach taobh de cheòl, bho chluich gu sgrìobhadh, seinn Ghàidhlig, ceòl dùthchasach agus dannsa gu còmhlan pìoba agus tòrr a bharrachd, bidh luchd-amhairc èasgaidh agus beothail an cois cuid de na h-ainmean as motha anns a’ ghnìomhachas, gus na ceòladairean agus sgrìobhadairean seo a chomharrachadh le duaisean leithid Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Neach-Ciùil na Bliadhna.

Thuirt Anna-Wendy Stevenson, Àrd-Oidiche agus Stiùiriche Prògraim BA (Urram) Ceòl: “Tha e riatanach gum bi sinn a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh an tàlant anns a’ ghnìomhachas ciùil agus a tha a’ ceangal choimhearsnachdan ann an iomadh dòigh, aig àm nuair a tha an gnìomhachas seo a’ slànachadh às dèidh duilgheadasan a’ phandeimig.

“Tha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean air leth toilichte taic leantainneach a chumail ri Duais Neach-Ciùil na Bliadhna, agus cuideachd ann a bhith a’ comharrachadh cho cudromach ‘s a tha Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA, ann a bhith a’ toirt bhuidhnean bho air feadh na h-Alba còmhla gus leasachadh agus aithneachadh saothair agus tàlant an luchd-ciùil againn.”

Thuirt Duncan Byatt, Ceannard Comunn Gàidhealach Lunnainn: “Tha Seinn Ghàidhlig air a bhith gu mòr mar phàirt de na tha a’ toirt air daoine Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh, agus tha Comunn Gàidhealach Lunnainn air ar dòigh taic a chumail ri Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aon uair eile aig na Trads.

“Meal a naidheachd bhuainne dhan cheathrar a tha air a’ gheàrr-liosta, agus orra-san a bhios a’ seinn sa Ghàidhlig.”

Am-bliadhna, tha Talla Cliùiteach Ceòl Traidiseanta na h-Alba a’ faighinn taic bho Fhèisean nan Gàidheal, agus bidh seo na phàirt sònraichte de na prìomh duaisean agus den phrògram TBh.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson na tha an luchd-ciùil sònraichte againn a’ cur ri ar cultar aithneachadh, agus tha sinn gu math toilichte taic a chur ri Talla Cliùiteach Ceòl Traidiseanta na h-Alba aon uair eile.

“’S e prìomh amas ar n-obrach a bhith a’ taiceachadh Fèisean coimhearsnachd gus pàirtean den chultar Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta a thoirt seachad do dhaoine òga.

“Tha cultar na Gàidhlig agus na h-Albais an urra ri beul-aithris, a bhith ag ionnsachadh bhuapa-san aig a bheil na h-òrain, puirt, dannsaichean agus sgeulachdan sin.

“Thairis air an 18 mìos mu dheireadh, tha ceòladairean traidiseanta agus seinneadairean air tlachd mhòr a thoirt do dhaoine ann an dòighean nach fhacas a-cheana, is mar sin tha sinn a’ toirt taing do luchd-inntrigidh na bliadhna-sa le meala naidheachd orra fhèin agus an cuid teaghlaichean.”

Taobh a-staigh nan Duaisean agus a’ phrògraim, thèid triùir aig cridhe coimhearsnachd ciùil trad aithneachadh tro dhuaisean sònraichte; ‘Duais Janet Paisley airson Seirbhisean gu Albais le taic bho Alba Chruthachail’, ‘Duais airson Seirbhisean gu Gàidhlig le taic bho Bhòrd na Gàidhlig’, agus ‘Duais Hamish Henderson airson Seirbhisean gu Ceòl Traidiseanta’.

Thuirt Stuart Fleming, Àrd-Mhanaidsear Dàimh airson Alba agus Èirinn a Tuath, PRS for Music: “Tha PRS for Music cho toilichte a bhith a-rithist a’ cur taic ri Duais Obair Tùsanach na Bliadhna aig Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA.

“Tha e fìor mhath gu bheil na duaisean air tilleadh agus ag aithneachadh na sgrìobhadairean tàlantach, cruthachail an measg a’ choimhearsnachd trad Albannach.

“Tha am pandeimig air a bhith doirbh dhuinn uile, ach tha iadsan a chaidh ainmeachadh fhathast a’ cruthachadh obair bhrosnachail.

“Meal-a-naidheachd air gach neach a chaidh ainmeachadh, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ comharrachadh sin leibh san Dùbhlachd.”

Tha buidheann-lìbhrigidh nan duaisean, Hands up for Trad, air a mhaoineachadh leis a’ Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail. Chaidh a stèidheachadh ann an 2002 gus inbhe agus faicsinneachd ceòl traidiseanta na h-Alba àrdachadh tro fiosrachadh, taic agus foghlam do cheòladairean, chom-pàirtichean agus luchd-ùidh.

Thuirt Stiùiriche Chruthachail Hands up for Trad, Simon Thoumire: “Bhon a thòisich an glasadh-sluagh thàinig an sgioba còmhla gus taic a thoirt do cheòladairean agus luchd-taic ri linn ‘s gun deach cuirmean a chur dheth, agus tha sinn air cultar agus fèisteas a thoirt gu luchd-ùidh, agus mar sin tha mi cho taingeil agus cho toilichte airson a h-uile duine a chaidh ainmeachadh agus tha mi a’ coimhead air adhart ri ceòl beò a-rithist am-bliadhna,  agus ri bhith ag obair le MG ALBA gus faireachdainn na Trads a thoirt gu dachannan dhaoine.”

Mar thoradh air bacaidhean Covid-19, chan fhaod ach sponsairean agus daoine a tha a’ nochdadh air geàrr-liosta a bhith an làthair aig an tachartas fhèin am-bliadhna.

Bha bhòtadh fosgailte don phoball bho 4 gu 17 Dàmhair airson an tachartais Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba MG ALBA a tha ga ruith le Hands Up for Trad, agus ’s iad na leanas a tha gan ainmeachadh airson duais:

Obair Tùsanach na Bliadhna le taic bho PRS for Music

1. Calum MacPhail – 7 Years Old

2. Fatma’s Waltz – Adam Sutherland

3. Dùsgadh – Breabach

4. The Driftwood Project – Jack Badcock

5. Wild Edges – Inge Thomson

Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna le taic bho Greentrax Recordings

1. Cabraich Community Arts, Stornoway: Online Skills and Ceilidh

2. Dee and Don Ceilidh Collective’s ‘Our Rivers and Glens’ project.

3. Riddell Fiddles’ Two Towns Housing Estate Youth Musical Outreach Programme

4. Stonehaven Folk Club Folk in Crisis Concerts

Tachartas na Bliadhna le taic bho VisitScotland

1. Capers in Cannich

2. Celtic Connections

3. Eden Court Under Canvas

4. In The Tradition – Edinburgh International Festival Traditional Music Programme 2021

5. NAAFC Festival

Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna le taic bho Chomunn Gàidhealach Lunnainn

1. Ainslie Hamill

2. Iain ‘Costello’ Maciver

3. Kim Carnie

4. Mairi Macmillan

Neach-ciùil na Bliadhna le taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean

1. Ali Levack

2. Findlay Napier

3. Ingrid Henderson

4. Iona Fyfe

5. Mhairi Hall

Tachartas Air-loidhne 2021 le taic bhon Gordon Duncan Memorial Trust

1. Alec Dalglish Live Streams

2. An Tobar Summer Sessions

3. Làn-Dùil Online Festival

4. Norrie “Tago” MacIver Live Streams

5. Ron Jappy Vincular Album Launch

Seinneadair Albais na Bliadhna Citty Finlayson le taic bhon Traditional Music and Song Association

1. Beth Malcolm

2. Calum McIlroy

3. Cameron Nixon

4. Ellie Beaton

Bhidio Traidiseanta na bliadhna le taic bho Threads of Sound

1. Adahs Way  – Ali Levack

2. Doddies Dream – Bruce MacGregor

3. Summer – Lewis McLaughlin

4. Mairead nan Cuiread – Mhairi Macmillan

5. Pretty Girl – Lapwyng (Valtos Remix)

Ceòl Traidiseanta sna Meadhanan le taic bho Shabhal Mòr Ostaig

1. Ceòl is Cràdh’ (BBC ALBA)

2. Tartan Tunes

3. Taynuilt Ceilidh’s

4. The 22nd Annual Pipes of Christmas – 2020 / The Clan Currie Society / The Learned Kindred of Currie

Neach-ciùil Gealltanach na Bliadhna le taic bhon Royal Conservatoire of Scotland

1. Arthur Coates

2. John Dew

3. Madderam

4. The Canny Band

Oide-Ciùil na Bliadhna le taic bho Iomairt na h-Òige Alba Chruthachail

1. Imogen Bose Ward, Fiddle

2. Gillian Millar, Falkirk Traditional Music Project

3. Isla Ratcliff, Dundee City Council

4. Michael Bryan, Guitar

5. Craig Muirhead, Director of Piping and Drumming at Strathallan School

Clàr na Bliadhna le taic bho Birnam CD

1. And Den Dey Made Tae by Ross & Ryan Couper

2. Cairdeas by Brian Ó hEadhra & Fionnag NicChonnich

3. Gaol by Rachel Walker

4. Livewire by Mec Lir

5. MAIM by Whyte

6. Milestone by Duncan Lyall

7. Orkney Monster by The Chair

8. Still Time by Karen Matheson

9. The Light of The Moon by Gnoss

10. Where the World Is Thin by Kris Drever