Tha cuirm Peat & Diesel, From the Barrow to the Barrowlands, air duais a thogail airson a’ Phrògram Ciùil Beò a’ b’ Fheàrr aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna.
Riochdaichte leis a’ chompanaidh riochdachaidh MacTV a tha stèidhte ann an Steòrnabhagh, fhuair am prògram soirbheachas mòr air BBC ALBA nuair a chaidh a chraoladh an toiseach anns a’ Ghiblean 2020 mar phàirt de dh’fheasgar sònraichte air an t-seanail a’ comharrachadh a’ chòmhlain.
Anns a’ chuirm dhuaisean a chaidh a shruthadh beò mar phàirt de dh’Fhèis nam Meadhanan Ceilteach, le Sanjeev Kohli (Still Game) aig a’ cheann, bha an neach-breithneachaidh Marie MacNeill a’ moladh an “sgioba air leth aig MacTV” airson a bhith a’ sealltainn “còmhlan a bha a’ faighinn cumhachd bho chonnadh ionadail air fad!”.
Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Leasachaidh & Co-riochdachaidh / Coimiseanan aig MacTV, “Tha sinn cho fìor thoilichte gun do bhuannaich MacTV an duais chliùiteach seo! Tha an dòigh sònraichte sa bheil Peat & Diesel a’ dèanamh luaidh air Gàidhlig agus cultar nan eilean le fealla-dhà agus an ceòl tarraingeach aca air aire mhòr a ghlacadh, agus bha e na thlachd agus na thoileachas an sgeulachd aca innse tron phrògram aithriseach againn agus tron phrògram bhon chuirm iongantach sin aig na Barrowlands!”
Tha mi dìreach moiteil à sgioba MacTV agus coimhearsnachd mheadhanan nan eilean a bha gu mòr na phàirt dheth, agus balaich Peat & Diesel fhèin. Bha e dhà-rìreabh na mhìorbhail a fhuair mòr-spionnadh à neart ealanta nan eilean!’ – ach hey, ‘sin agad mar a tha sinn ga dhèanamh sna h-Eileanan an Iar!”
Chaidh am prògram aithriseach mu na balaich That’s the Way We Do It, a thàinig an cois a’ chuirm seo, ainmeachadh airson duais eile aig an fhèis, agus chosnaich e duais airson Fad-phrògram Aithriseach Eadar-nàiseanta aig an fhèis aithnichte Williamsburg International Film & Music Festival ann am Brookyln, New York.
Bha an dà phrògram a’ leantainn a’ chòmhlain à Steòrnabhagh is iad a’ faighinn cliù dhaibh fhèin air thoiseach air cur air bhog an dàrna chlàir aca agus an cuirm sònraichte aig talla-ciùil cho aithnichte ’s a tha ann an Glaschu, am Barrowland Ballroom.
Tha Peat & Diesel air a dhèanamh an-àrd den iasgair, Calum ‘Boydie’ MacLeòid, dealanair Innes Scott agus draibhear-lìbhrigidh Uilleam ‘Uilly’ MacLeòid, agus tha iad air buaidh nach beag a thoirt air an t-saoghal ciùil ann an Alba mar-thà, is an cuid sgeulachdan àraid agus ceòl tarraingeach a’ toirt sealladh air beatha nan eilean a’ glacadh mac-meanmna na dùthcha.
Fhuair BBC Radio nan Gàidheal soirbheachas aig an Fèis nam Meadhanan Ceilteach cuideachd, le Spòrs na Seachdain a’ faighinn an duais airson Prògram Spòrs Rèidio as Fheàrr airson a’ cheathraimh thurais, a’ glèidheadh an tiotail airson a’ phrògram as soirbheachaile a-riamh ann an eachdraidh na fèise a tha a’ dol air ais 42 bliadhna.
Leis a’ chraoladair Iain Moireasdan aig an stiùir, bhuannaich am prògram ann an 2016, 2017 agus 2019, agus chaidh prògram na bliadhna-sa a chomharrachadh airson a bhith a’ dèanamh oidhirp air leth ann a bhith a’ taisbeanadh an adhartais a tha ga dhèanamh ann an spòrs nam ban.
Thuirt Iain: “Feumaidh mi moladh mòr a dhèanamh air an riochdaire, Màiri NicRisnidh, a chum gnothaichean a’ dol tro sheachdaineanan a’ ghlasaidh, nuair nach robh spòrs beò ann airson còmhradh mu dheidhinn. Bha mise a’ craoladh bho rùm beag san taigh, agus bha a h-uile duine a bhruidhinn sa phrògram nan dachannan fhèin. Taing mhòr dhaibh-san airson bruidhinn cho ealanta mu dheidhinn spòrs nam ban, a’ dèanamh prògram a bha airidh air duais a bhuannachadh.
“Dhomh-sa, tha Spòrs ag obrachadh seach gu bheil e a’ dèanamh ceangal dlùth ris an luchd-èisteachd a tha a cheart cho measail rinn fhèin air spòrs aig a h-uile ìre. Tha Spòrs a’ gluasad gu siubhlach bho chòmhradh mu dheidhinn rionnagan mòra an t-saoghail, leithid Messi, gu rionnagan ùra mar Emma Raducanu, gu rionnagan sgìreil a’ bruidhinn mu spòrs sa choimhearsnachd aca fhèin. Measgachadh a tha a-nise air buannachadh ceithir tursan ann an sia bliadhna.”
Thuirt Màiri NicRisnidh, Riochdaire Spòrs na Seachdain: ““Mòran taing do dh’Fhèis nam Meadhanan Cheilteach agus na breitheamhan airson an duais, Prògram Spòrs Rèidio as Fheàrr a thoirt do Spòrs na Seachdain airson an ceathraimh thurais. Tha mi fhèin, Iain agus an sgioba air fad air ar dòigh glan. Bha na prògraman uile aig àrd ìre, le cuspairean eadar-dhealaichte agus inntinneach. Chaidh iad uile a lìbhrigeadh gu proifeasanta agus sheall iad dhuinn mar as urrainn aithris mu dhiofar chuspairean spòrs a tha cho eadar-dhealaichte. Taing uile, dhan a h-uile aoigh a ghabh pàirt anns a’ phrògram, a chaidh a-mach tron chiad glasaidh-sluaigh, airson a bhith cho fosgailte le an cuid beachdan agus a’ cur earbsa anns an teicneòlas”
Thuirt Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha e air leth brosnachail a bhith a’ faicinn gu bheil na meadhanan Gàidhlig a’ faighinn an aithneachadh gu cunbhalach am measg an t-susbaint a b’ fheàrr a th’ aig na nàiseanan Ceilteach. Bidh na riochdairean, companaidhean riochdachaidh, sgiobannan agus tàlant ag obair gu dìoghrasach thairis air na meadhanan airson prògraman sgoinneil a chruthachadh gach latha agus gach seachdain den bhliadhna, agus tha sinn a’ cur fàilte bhlàth air duaisean cliùiteach gnìomhachais mar seo.”