Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Bannan ga shealltainn sna Stàitean Aonaichte, Canada agus san Fhraing

23 Gearran 2021

Tha an t-seirbheis chraolaidh MHz gu bhith a’ sealltainn an t-sreath dràma shoirbheachail aig BBC ALBA, Bannan, ann an Ameireaga a Tuath.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Young Films agus an companaidh reic, Videoplugger, agus bithear a’ tabhann cothrom an sreath fhaicinn air MHz Choice sna Stàitean Aonaichte agus Canada bho thràth sa Mhàrt 2021.

Tha seo às dèidh mar a chaidh Earrannan 1-18 de Bhannan a chraoladh san Fhraing mu thràth, agus tha an craoladair san Fhraing air 10 earrannan eile a cheannach airson an sealltainn.

Tha a-nis 7 sreathan air a bhith ann den phrìomh dhràma aig BBC ALBA agus tha Young Films a tha a’ riochdachadh Bhannan an dùil an 8mh sreath a chlàradh san t-Sultain am-bliadhna.

Tha Bannan stèidhichte ann an coimhearsnachd Ghàidhealach agus air a chlàradh san Eilean Sgitheanach, agus tha e a’ sealltainn cò ris a tha beatha dhaoine coltach ann an sgìre dhùthchail san latha an-diugh tro sgeulachdan drùidhteach nam prìomh charactaran.

Tha an dràma air coimhead air diofar chuspairean dùbhlanach agus doirbh bho thòisich e, leithid na cunnartan do chloinn bho chàirdeas tron eadar-lìon, aillse bhàsmhor agus a’ chiad mhurt ann an dràma air BBC ALBA.

Thuirt Chris Young, a tha na riochdaire air Bannan agus a stèidhich an companaidh Young Films, “Tha sinn a’ faicinn a-rithist mar as urrainn do dhràma Gàidhlig a bhith tarraingeach do dhaoine bho dhùthchannan cèin aig a bheil dualchas agus cànanan eadar-dhealaichte bho na th’ againne.

“Bidh luchd-amhairc sna Stàitean Aonaichte, Canada agus san Fhraing airson fhaicinn dè thachras do charactaran leithid Màiri agus Ceitidh fhad ’s a tha iad a’ dèiligeadh ri cùisean dùbhlanach a dh’èireas nam beatha.

“Ged a bhiodh na fo-thiotalan ann am Beurla no Fraingis no ged a bhiodh guthan Breatnais air a thoirt dha na cleasaichean, bidh na sgeulachdan seo a cheart cho làidir is buadhmhor ’s a tha iad ann an Gàidhlig.

“Agus le luchd-amhairc ùra ann an Ameireaga, tha sinn cinnteach gun sgaoil Bannan gu dùthchannan eile rè ùine agus daoine a’ faicinn an luach a th’ ann an deagh sgeul air a deagh innse.”

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA, “Tha Bannan air còrdadh gu mòr ri daoine ann an Alba agus tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil cothrom ann an dràma fìor mhath seo a chur fa chomhair luchd-amhairc eadar-nàiseanta feuch am faigh iadsan blasad den chànan agus feuch am faic iad mar as urrainn dhuinne mar Ghàidheil sgeul ar beatha a chur an cèill gu h-ealanta is gu gleusta.”

Thuirt an Riochdaire Susbaint Dhidseataich aig MHz, Susan Strand, “Tha an dràma seo lèirsinneach agus drùidhteach, agus bheir e sealladh dhut air cultar nan Gàidheal.”

Thuirt Emanuele Galloni, Ceannard Videoplugger, “Tha sinn air ar dòigh gun tèid Bannan a shealltainn airson a’ chiad uair ann an Ameireaga a Tuath air MHz, tha sinn gu làidir den bheachd gun còrd am prògram seo ri daoine air feadh an t-saoghail.”