Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Àireamhan luchd-cleachdaidh an làraich LearnGaelic air dùblachadh tron ghlasadh-sluaigh

23 Ògmhios 2020

icky MacCrimmon LearnGaelic user

Tha àireamhan luchd-cleachdaidh an làraich LearnGaelic air dùblachadh tron ghlasadh-sluaigh, ri linn barrachd iarrtas airson na Gàidhlig.

Le fèin-leasachadh, agus gu sònraichte ionnsachadh cànain, a’ faicinn meudachadh mòr ann an ùidh thar nam beagan mhìosan a chaidh seachad, tha MG ALBA, aon de na compàirtichean aig LearnGaelic agus a tha a’ lìbhrigeadh na làraich, àireamhan cho àrd ’s a bha ann a-riamh ainmeachadh.

Chleachd còrr air 114,000 neach LearnGaelic bho thoiseach a’ ghlasadh-sluaigh, a dhà uimhir na bha de luchd-labhairt na Gàidhlig ann a rèir a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh.

Thuirt Eilidh Lewsey, Deasaiche LearnGaelic: “Tha sinn air am fàs as motha fhaicinn a thaobh nan goireasan do luchd-tòiseachaidh, leithid nan duilleagan Gaelic Sounds agus Fichead Facal (liostaichean briathrachais). Tha An Litir Bheag, litir ghoirid a tha ag amas air ar luchd-ionnsachaidh, ceangailte gu mòr ris an fhaclair againn agus tha e air fàs sònraichte fhaicinn. Tha am Faclair againn gu cunbhalach a’ fàs nas làidire, agus tha sinn air ar dòigh gu bheil an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a’ leantainn orra ga chur gu feum.”

Le Gàidhlig na h-Alba ri faighinn air an app ionnsachadh cànain Duolingo bhon uiridh, tha ùidh mhòr air nochdadh anns a’ chànan thairis air diofar ùrlaran didseatach.

Chaidh dreach ùr a thoirt air an làrach an-uiridh, agus tha iomairtean air na meadhanan sòisealta air cuideachadh le bhith a’ brosnachadh luchd-cleachdaidh a bhith a’ gabhail nan ciad-cheumannan ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain.

Bha beagan Gàidhlig aig Nicky MacCrimmon (36), à Dùn Dè, nuair a bha e na bhalach òg, ach chaill e sin nuair a chaidh e gu foghlam tro mheadhan na Beurla. Às dèidh 30 bliadhna, chuir e roimhe fhèin a togail a-rithist, agus bidh e a’ cleachdadh làrach LearnGaelic gus cur ris na sgilean aige.

Thuirt e: “Tha e dìreach do-chreidsinneach na tha de stuth air an làrach-lìn agus cho furasta ’s a tha e a ruighinn. Tha mi a’ cleachdadh tòrr de na goireasan airson luchd-tòiseachaidh oir tha iad cho dathte agus làn dhealbhan agus, mar neach-ionnsachaidh, tha thu a’ faighinn dìreach na tha a dhìth ort.

“Cha chòrdadh e rium a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig cho mòr mura b’ e LearnGaelic. ’S dòcha gun toirinn orm fhèin faighinn troimhe ach cha bhiodh e idir cho tlachdmhor. Tha e air a bhith air leth feumail dhomh”.

Tha an seinneadair Gàidhlig, Josie Duncan, bhon chòmhlan Inyal, air a bhith a’ clàradh sreath cunbhalach tron ghlasadh-shluaigh air a bheil “Learn a Gaelic song”.

Thuirt Josie: “Tha e air a bhith na thlachd dhomh a bhith comasach òrain a theagasg agus a bhith ann an conaltradh le daoine tron ghlasadh-shluaigh le LearnGaelic. Tha ceòl na mheadhan cho cudromach, agus ’s dòcha gu bheil e fiù ’s nas cudromaiche an-dràsta. Tha e cho math a bhith a’ faicinn mar a tha daoine a’ dèiligeadh ris na bhidiothan, ’s e rud air leth math a th’ ann a bhith a’ faicinn nan dreachan aca fhèin air na h-òrain.”

Air a chruthachadh ann an 2011, ’s e caraid air-loidhne do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a th’ ann an LearnGaelic, le innealan agus goireasan a tha gu feum aig gach ìre comais.

Tha LearnGaelic na cho-bhanntachd eadar MG ALBA, Bòrd na Gàidhlig, am BBC, Bòrd na Ceiltis (Alba) agus Sabhal Mòr Ostaig.