Fhuair FilmG, farpais nam filmichean Gàidhlig, an àireamh as motha a-riamh de dh’ìnntrigidhean am-bliadhna agus filmeadairean òga bho air feadh na dùthcha a’ cruthachadh obair ùr, tharraingeach sa chànan.
A bharrachd air an àireimh – 104 gu h-iomlan – bha MG ALBA, a tha air cùlaibh lìbhrigeadh na farpais leis a’ chompanaidh Cànan Graphic Studio (CGS) san Eilean Sgitheanach, cuideachd mothachail air cho farsaing ‘s a bha na cuspairean a nochd sna filmichean. Nam measg, a’ chiad fhilm san fharpais bho Eilean Mhanainn, anns a’ Ghàidhlig aca fhèin.
Chaidh diofar sheòrsaichean teicneòlais a chleachdadh gus taic a thoirt do dhaoine òga airson piseach a thoirt air na sgilean cruthachail aca tro mheadhan na Gàidhlig.
Ghabh na sgoiltean pàirt ann am bùthan-obrach air-loidhne, le taic bho bhidiothan agus stuthan-obrach fìorachd leasaichte (Augmented Reality). Thug Bòrd na Gàidhlig taic do na bùthan-obrach seo, a leig le daoine òga bho air feadh na h-Alba an cuid sgilean a leasachadh tro mheantoradh agus chlasaichean, a dh’aindeoin suidheachadh Covid-19.
Choinnich na britheamhan cuideachd air-loidhne gus cnuasachadh air dè na filmichean as fheàrr a bh’ ann a thaobh sgeulachd, beairteis-cànain agus coltais.Thèid na geàrr-liostaichean a thaghadh agus bidh na buannaichean air an ainmeachadh aig cuirm nan duaisean Dihaoine, 19 Màrt.
Cha bhi cuirm ceart ‘beò’ ann am bliadhna ri linn a’ Chorònabhìorais, agus mar sin thèid Duaisean FilmG a shealltainn airson a’ chiad uair a-riamh air BBC ALBA an toiseach Dihaoine, 19 Màirt 2021. Thèid a’ chuirm a chlàradh ann an Steòrnabhagh am bliadhna, le Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach aig an stiùir.
Thuirt Debbie NicAoidh, Manaidsear Phròiseactan aig CGS: “Abair dùbhlan a bh’ aig na britheamhan am-bliadhna le àireamh nam filmichean a fhuair sinn! Bha filmichean sònraichte math againn, agus bha e follaiseach cho cruaidh ‘s a dh’obraich na tagraichean, agus cho mòr ‘s a chòrd e riutha a bhith a’ cruthachadh nam filmichean. Chan e obair fhurasta a bhios ann a bhith a’ taghadh nan geàrr-liostaichean, agus a’ taghadh nam buannaichean.”
Thuirt Murchadh MacSuain, a tha a’ stiùireadh a’ phròiseict agus a tha na Mhanaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Mar a bha e airson iomadach tachartas eile, ‘s e bliadhna mhì-chinnteach agus dheuchainneach a bh’ ann, ach chithear leis an àireimh àird de dhaoine a chuir a-steach airson FilmG am-bliadhna, am meas a th’ aig daoine air an fharpais. Tha an dà chuid sgoiltean agus filmeadairean air innse dhuinn dìreach cho cudromach ‘s a tha e do Ghàidheil òga, gu bheil cothroman leithid seo aca airson sealltainn cho cruthachail ‘s a tha iad. Tha sinn moiteil às a h-uile duine a ghabh pàirt.”
Tha Sgioba FilmG airson taing a thoirt don a h-uile duine a chuir film a-steach dhan fharpais. Tha sinn cuideachd fada an comain na sgoiltean a bha cho cuideachail agus taiceil ro àm na Nollaig.
Tha bhòtadh fosgailte an-dràsta fhèin airson an dà chuid Duaisean Inbheach agus Òigridh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn FilmG:
Faodaidh sibh cuideachd pàirt a ghabhail sa chòmhradh tro na diofar mheadhanan sòisealta aig FilmG:
www.facebook.com/filmgalba/
www.instagram.com/filmg_alba/
twitter.com/FilmGAlba