Chaidh a’ chiad sreath den dràma a chraoladh air BBC ALBA san Fhaoilleach agus sa Ghearran 2023 agus chòrd e ris an luchd-amhairc sa bhad. Tha sgrìobhadairean Patsi NicChoinnich agus Catrìona Lexy Chaimbeul air tòiseachadh air sgriobtaichean airson an dàrna sreath – a’ togail air na sgeulachdan dathach de ghaol, strì agus chluaineas a chaidh a thogail anns a’ chiad sreath. Thathas a’ coimhead ri filmeadh anns na h-Eileanan an Iar sa Chèitein.
Bho shrainnsearan dalma gu gaol dìomhair agus teaghlach a tha an impis tuiteam às a chèile, bha sreath a h-aon loma làn tachartasan toinnte is buadhmhor a ghlac aire an luchd-amhairc.
Tha an t-sreath stèidhichte air gnìomhachas teaghlaich, le Muileann MhicSuain na theis mheadhain. Tha a’ ghnìomhachas ann an staing le sgioba-obrach beag a’ feuchainn rin cuid obraichean a dhìon agus tha an ùine a’ ruith airson ceannard na muilne, Seumas MacSuain (Eòghan MacFionghain) freagairt a lorg. Bidh sreath a dhà a’ dearbhadh dè tha dol a thachairt do Sheumas agus don mhuileann.
Ann an oidhirp gus a’ ghnìomhachas a shàbhaladh agus dìon a chuir air dòighean-obrach traidiseanta, dh’iarr Seumas taic-airgid bho charaidean teaghlaich à Nirribhidh.
Ràinig neach-gnìomhachais òg à Nirribhidh, Johan Furseth (Fredrik Malte Petersen), an t-eilean làn planaichean eadar-dhealaichte bho na dòighean dualach. Cha b’ fhada gus an robh Johan agus na planaichean aige a’ cur an ainmein air manaidsear na muilne, Sìleas NicSuain (Erica Mhoireasdan).
Bha mì-thoileachas agus do-riarachas eachraidheil ann an teaghlach MhicSuain aig cridhe grunn sgeulachdan san t-sreath. Chì luchd-amhairc tòrr a bharrachd den seo anns an dàrna sreath agus sinn a’ feitheamh gus faighinn a-mach dè thachras don mhuileann.
Erica Mhoireasdan mar Sìleas NicSuain. © Sradag Creative / Solus Productions / MG ALBA.
Bidh bòidhchead àrainneachd Na Hearadh is faram nam beart maille ri dol a-mach theaghlach a tha eadar starsaich soirbheachais is crìonadh marbhteach, a’ cur ri beartas nan sgeulachdan anns an dràma eireachdail seo aon uair eile.
Riochdaichte le Solus Productions, tha an t-Àrd-Riochdaire/Stiùiriche, Tony Kearney, air a dhòigh gu bheil sreath ùr dearbhte airson an ath-bhliadhna agus tha e a’ dèanamh fiughair ris an luchd-amhairc a thoirt air ais gu sgeulachdan stèidhichte ann am baile Gàirneabhal.
Thuirt Tony Kearney: “Tha sinn air ar dòigh glan leis a’ mhòr-mholadh a fhuair a’ chiad sreath de An Clò Mòr.
“Bidh luchd-amhairc TBh gu dearbh air an dòigh le na caractaran làidir, na seallaidhean dathach agus na sgeulachdan dàna. Tha e soilleir gu bheil miann a-muigh an sin airson an seòrsa dràma seo agus tha sinn air leth toilichte gu bheil BBC ALBA a’ toirt cothrom dhuinn an dàrna sreath a dhèanamh.”
Thuirt An t-Àrd-Riochdaire, Jim Webster: “Tha Solus air leth toilichte gun d’ fhuair sinn cead airson sreath ùr de ‘An Clò Mòr’ a chruthachadh airson BBC ALBA.
“Tha am moladh air a’ chiad sreath air a bhith air leth math agus tha sinn a’ faighinn tòrr spòrs mar-thà anns an t-seòmar sgeulachdan a’ dèanamh cinnteach gun lean an dràma air fad ann an stoidhle do chlann MhicSuain ann an sreath a dhà.
“Bha sinn air leth fortanach a bhith ag obair le sgioba cho tàlantach ann an sreath a h-aon, a thuilleadh air a bhith a’ faighinn eòlas air co-obrachadh mìorbhaileach bhon choimhearsnachd anns na Hearadh, Scalpaigh agus Leòdhas. Cchan urrainn dhuinn feitheamh gus tilleadh air ais sa Chèitean seo gus an ath chaibideil fhilmeadh.”
Thuirt an Sgrìobhadair Patsi NicChoinnich: “Bha An Clò Mòr a’ tabhann taghadh tarraingeach de charactaran làidir, deiseil airson an cuid sgeulachdan innse.
“Is e na tha a’ tachairt thar ghinealaichean am fìor sgeulachd. Agus tha e na thoileachas dràma ùr a chruthachadh, suidhichte agus air fhilmeadh ann an cruth-tìre as aithne dhomh fad mo bheatha.”
Thuirt An t-Àrd-Riochdaire/ Deasaiche Coimiseanaidh Uilleam Macleòid: “Tha An Clò Mòr aig teis-meadhan craoladh BBC ALBA agus mar sin tha MG ALBA air leth toilichte an dàrna sreath den dràma seo a mhaoineachadh agus a choimiseanadh.
“Tha an t-sreath air luchd-amhairc a chumail air oir an suidheachain. Thathas airson faighinn a-mach dè thachair on dh’fhàg sinn a’ chiad sreath agus tha sinn air bhioran leis an dùil ri barrachd nochdaidhean agus iongnadh ri thighinn.
“Tha An Clò Mòr air atharrachadh mòr a thoirt air dràma Gàidhlig agus air an doras fhosgladh do luchd-amhairc farsaing agus taingeil.”
Tha a’ chiad sreath de An Clò Mòr ri fhaicinn air BBC iPlayer.