Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC ALBA air feadh an t-saoghail

18 Ògmhios 2020

BBC ALBA World Map

Thèid dà shreath BBC ALBA a shealltainn ann an naoi diofar dùthchannan as t-samhradh.

Chaidh San Fhuil, sreath aithriseach a’ leanas a’ bhliadhna chroitearachd ann an Uibhist a Deas, agus an t-sreath-ciùil Port a thaghadh le grunn dhùthchannan Eòrpach, a thuilleadh air Cùba, mar phàirt de dh’iomairt eadar-nàiseanta gnìomhachais ri linn suidheachadh Covid-19.

Le lùghdachadh ann an comas riochdachaidh, chuir an An t-Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU) gairm a-mach a’ tarraing air dùthchannan air feadh an t-saoghail an t-susbaint aca fhèin a sgaoileadh, gus a’ bheàrn ann am prògraman a lìonadh.

Tha fèill farsaing ga dhèanamh air prògraman BBC ALBA, leis an dà shreath Ghàidhlig gu bhith air an sealltainn anns a’ Ghrèig, anns a’ Bhulgair, agus ann an Albàinia.

TrixPix-San_Fhuil

Chaidh San Fhuil cuideachd a thaghadh le craoladairean Pòlannach, Romàineach agus Cròthaiseach, agus thèid Port, an t-sreath ciùil anns an nochd an dà sheinneadair chliùmhor Julie Fowlis agus Muireann NicAmhlaoibh, a shealltainn anns an Ucràin, A’ Mhasadon a Tuath agus ann an Cùba.

Tha MG ALBA, a’ bhuidheann a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air soirbheachas fhaicinn o chionn ghoirid bho bhith ag obair le craoladairean eadar-nàiseanta, agus iad a’ togail duais an t-seachdain-sa chaidh aig fèis Prix Jeunesse airson fear de na prògraman co-obrachail aca.

Thuirt Mairead Chamshron, deasaiche seanail aig MG ALBA: “Tha an luach a bharrachd a tha ri fhaighinn bho cho-bhanntachdan eadar-nàiseanta na fhìor deagh bhrosnachadh do riochdairean neo-eisimeileach taobh a-staigh roinn nam meadhanan Gàidhlig. Tha e mìorbhaileach susbaint Gàidhlig fhaicinn anns gach ceàrnaidh den t-saoghal, a’ cruthachadh cheanglaichean ùra agus a’ dearbhadh càileachd susbaint BBC ALBA, agus tàlant nan riochdairean againn.”

Thairis air na ceithir bliadhna mu dheireadh, tha BBC ALBA air luach fhaighinn bho aontaidhean co-obrachail agus co-mhaoineachaidh, le dùthchannan air feadh an t-saoghail leithid Sìona agus Coirèa a Deas, agus gu sònraichte ann an co-bhanntachd le buill an EBU.

Ann an 2019 a-mhàin, fhuair luchd-amhairc BBC ALBA buannachdan luach £3.1m ann am prògraman a bharrachd ri linn seilbheach co-mhaoineachaidh agus co-obrachaidh.

Bha BBC ALBA cuideachd ag obair còmhla ris an EBU sa chiad oidhirp aig Alba ann an co-fharpais nan còisirean Eurovision, agus le bhith a’ cruthachadh prògraman cloinne a tha air duaisean a chosnadh tro bhith a’ gabhail pàirt ann an sgeamaichean iomlaid prògraman aithriseach agus dràma.

Thuirt am filmeadair Beatrix Wood a tha stèidhte ann an Uibhist a Deas, agus a bha na stiùiriche/riochdaire air San Fhuil: “Tha e sgoinneil gu bheil buill an EBU air atharrachadh ann an dòigh cho math gus dèanamh cinnteach gum faigh an luchd-amhairc aca air farsaingeachd de phrògraman fhaicinn fhathast. Tha sinn air ar dòigh gum bi San Fhuil ri fhaotainn le luchd-amhairc nas fharsaing agus eadar-nàiseanta. Tha sgeulachdan maireannach muinntir Uibhist Deas agus an cuid àbhachdas is seasmhachd aig cridhe an t-sreath seo a’ tabhainn rudeigin dòchasach don luchd-amhairc an-dràsta, a bharrachd air an dibhearsain a gheibh iad leis na seallaidhean iongantach a nochdas ann.”

Port

Thuirt Alasdair MacCuish, aig a bheil Beezr Studios, a riochdaidh Port; “Tha e sònraichte gu bheil sreath leithid Port gu bhith air fhaicinn le luchd-amhairc cho iomadach is farsaing. Bha e na urram a bhith ag obair leis an luchd-ciùil mhìorbhaileach a chruthaich an ceòl drùidhteach san t-sreath, agus tha e na theisteanas do ìre agus buntainneas an ciùil gu bheil na h-uiread de dhùthchannan san EBU air Port a thaghadh airson nan seanailean aca fhèin.”