Tha prìomh phrògram spòrs nam Ban ann an Alba Women’s Sport 360 a’ tilleadh an t-seachdain-sa, le cuid den tàlant lùth-chleasachd as fheàrr san dùthaich air ùrlaran didseatach BBC ALBA.
’S i curaidh ruithe Geamannan a’ Cho-fhlaitheis Lee McConnell a tha còmhla ri preseantair Iona Ballantyne airson a’ chiad phrògram den t-sreath ùr, a’ toirt sùil air ais air co-fharpaisean lùth-chleasachd Tokyo 2020.
Cuideachd anns a’ chiad phrògram, tha an snàmhadair òg Albannach Katie Shanahan, tè a tha air sia buinn a thogail aig na European Junior Championships.
Le sgioba snàimh GB a’ tilleadh à Tokyo leis an uiread de bhuinn as motha a-riamh, tha Katie airson an dìleab aca a chumail an àrd, is i a’ coimhead air adhart ris na geamannan Oilimpigeach a tha gu bhith ann am Paris ann an 2024.
Tha Alyson Bell cuideachd a’ nochdadh anns a’ phrògram, neach-ruith a tha air ceithir buinn òir a ghlèidheadh dhi fhèin aig na European World Junior Championships.
Leanaidh an t-sreath air leis na naidheachdan agus leasachaidhean as ùire ann an spòrs nam ban ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, le taghadh aoighean thairis air a’ chòrr den bhliadhna.
Tha an t-sreath as ùire de Women’s Sport 360 a’ cur ris an taghadh gun choimeas a th’ aig BBC ALBA airson spòrs nam ban, le geamannan beò bhon SWPL air a’ chlàr as t-Fhoghar.
Thuirt Lee McConnell, rionnag ruith Albannach: “Tha e dìreach sgoinneil cothrom fhaighinn a bhith an sàs le Women’s Sport 360, agus a bhith a’ cur na tha boireannaich a’ coileanadh anns an t-saoghal spòrs air àrd-ùrlar mar seo.
“Nuair a thòisich mise a-mach air mo shlighe, cha robh dad den leithid ann, is mar sin tha e air leth brosnachail gu bheil na h-òganaich air a’ phrògram a’ faighinn nan cothroman seo agus ùrlar airson na tha iad a’ coileanadh aig toiseach nan dreuchdan aca.”
Thuirt Margot McCuaig, àrd-riochdaire companaidh solarachaidh spòrs BBC ALBA, Nemeton TV: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ toirt sreath eile de Women’s Sport 360 gu bith. ’S e tlachd a th’ ann daonnan a bhith ag obair leis na tosgairean spòrs seo, agus a bhith a’ dearbhadh gum faigh spòrs nam ban an riochdachadh air a bheil e airidh.
“Airson barrachd is deich bliadhna a-nise, tha mi air a bhith ag obair gus sgeulachdan bhoireannach ann am spòrs a thoirt air beulaibh an t-sluaigh, a’ toirt dhaibh-san an cothrom a bhith mar sgeulaichean, le ùrlar far am faod iad na tàlantan aca a shealltainn agus na ginealachdan a tha a’ tighinn às an dèidh a bhrosnachadh.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùriche Susbaint Ioma-Ùrlair BBC ALBA, agus àrd-riochdaire susbaint spòrs na seanail: “Tha sinne aig BBC ALBA moiteil a bhith a’ taisbeanadh agus a’ toirt ùrlar do bhoireannaich ann an spòrs, agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ togail air làthaireachd Women’s Sport 360 air BBC iPlayer, YouTube BBC ALBA agus na meadhanan sòisealta. Tha gach sgeulachd agus gach turas a chì agus a chluinneas sinn brosnachail agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ leantainn ann a bhith a’ toirt ùrlar do bhoireannaich ann an spòrs air BBC ALBA.
Bidh Women’s Sport 360 ri fhaicinn gach seachdain air BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA bho Dhiardaoin 12 Lùnastal.