Le tuairmse den àbhaist air fàire, tha BBC ALBA a’ gabhail cuairt dhan bhlàr a-muigh gus bòidhchead àrainneachd na h-Alba a thaisbeanadh tro phrògraman tarraingeach bho àm na Càisge.
Bidh an dealbhadair agus filmeadair Calum MacIlleathain, a tha aithnichte airson a bhith a’ snàmh gu dàna a-muigh, a’ sireadh nan seallaidhean as fheàrr ann an Alba agus a’ feuchainn rin glacadh tron chamara ann an Dealbh is Slighe | Picture Trail.
Bidh Calum (32), a tha a’ fuireach ann an Obar Pheallaidh, a’ faighinn a-mach mar a thill gu leòr againn gu nàdar gus dèiligeadh ri buaidh Covid-19 ann an Trusadh: Air ais gu Nàdar | Back to Nature. Bidh e an cuideachd aoighean a tha a’ toirt seachad na teisteanasan aca fhèin mu bhith a’ faighinn a-mach dhan bhlàr a-muigh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh.
Bidh Calum a’ ruith cuide ris an t-seinneadair aithnichte Julie Fowlis, air bruaichean Loch Nis, agus bidh i ag innse mar a chleachd ise nàdar agus eacarsaich tro 2020, gus a’ bheàrn a dh’fhàg cion chuirmean is fèisean a lìonadh.
Bidh an t-eileanach agus fìor mhaighdinn-mara Kate NicLeòid a’ cumail oirre a’ rùrach mun cuairt oir-thìr Ùige, Eilean Leòdhais, is i a’ tional sgeulachdan eachdraidheil agus mu àite a h-àraich. Tha an t-sreath seo a’ glacadh seallaidhean iongantach bho mhuir is tìr, de thràighean òr-bhuidhe, uisgeachan fìor ghlan agus beanntan corrach ann an Miann na Maighdinn Mara | Mermaid Tales.
Dhuibh-se a tha am beachd làithean-saora a ghabhail nas fhaisge ri làimh nan àbhaist am-bliadhna, cha b’ fhuilear dhuibh coimhead ri Mach à Seo airson beagan bhrosnachaidh.
Bho dhualchas dìomhair Lodainn an Ear gu cruinn-eòlas creagach an Eilein Mhuilich air a’ chost an iar, bidh Ramsay MacMhathain a’ sireadh àiteachan sònraichte a lorg, is e gu dealasach a’ toirt sgrìob gach deireadh sheachdain air feadh Alba.
Tha BBC ALBA a’ cur fàilte air ùrachadh an Earraich, leis na prògraman sgoinneil seo sa chlàr bhon Ghiblean. Fhad ’s a tha na làithean a’ sìneadh mean air mhean, is làithean geala air fàire, tha fios gun glac prògraman BBC ALBA aire, is gum bi iad nan adhbhar brosnachaidh is misneachaidh.
Thuirt Uilleam MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh aig BBC ALBA: “Tha sinn air faicinn cho fìor chudromach ’s a tha e do dhaoine anns na h-amannan dùbhlanach a tha seo a bhith a’ faighinn a-mach dhan àrainneachd, agus tha e anabarrach math gu bheil BBC ALBA a’ tairgsinn taghadh fharsaing de phrògraman làidir dhaibh-san a tha ag ionndrainn a bhith a’ siubhal, agus a’ tabhainn beachd no dhà airson an t-àm às dèidh a’ ghlasaidh.
“Tha na Gàidheil aithnichte airson an cuid gràdh agus ceangal do nàdar, agus mar sin tha sinn dha-rìreabh toilichte gum faod sinn rudeigin sònraichte a chur ri sin le clàr an earraich.”
Bidh na prògraman air fad rim faicinn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là an dèidh gan craoladh.