Tha Cathraiche MG ALBA air ainmeachadh gu bheil sreath de chòmhraidhean ro-innleachdail air a bhith a’ gabhail àite le fòcas air na h-amasan agus na dùilean airson àm ri teachd craoladh Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ stiùireadh nan còmhraidhean seo a tha cuideachd a’ toirt a-steach Riaghaltas na RA, Ofcom agus am BBC.
A’ sgrìobhadh ann an Aithisg Bhliadhnail na buidhne airson 2019-20, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha an Cathraiche Allan Dòmhnullach a’ mìneachadh lèirsinn dàna MG ALBA gus slighe shoilleir a thogail, stèidhichte air ‘com-pàirteachas agus co-obrachadh’ ach aig an aon àm tha e mothachail air na dùbhlain mòra a tha dualtach a bhith mu choinneimh roinn nam meadhanan anns na deich bliadhna air thoiseach.
Tha aithisg an là an-diugh cuideachd a’ nochdadh gu bheil ro-innleachd MG ALBA gus lìonra de chom-pàirteachasan co-riochdachaidh eadar-nàiseanta a thogail air toradh mòr a thoirt air seilbheach. Airson seilbheach de £635,000, tha BBC ALBA air a bhith comasach air £3.1m a bharrachd de shusbaint ùr a chraoladh.
Tha na dàimhean sin cuideachd air àrd-ùrlar a thoirt don t-seanail aig ìre eadar-nàiseanta, nam measg na dh’fhoillsich MG ALBA an t-seachdain-sa chaidh gu bheil naoi dùthchannan a’ co-roinn susbaint BBC ALBA as t-samhradh.
A dh’aindeoin soirbheachas an dòigh-obrach chruinneil seo, leig tabhartasan iomlan MG ALBA agus am BBC 1.8 uair de phrògraman ùra gach là a chuir air an t-seanail, an coimeas ri 1.9 uairean a’ bhliadhna roimhe.
Tha figearan luachaidh an luchd-amhairc Gàidhlig airson BBC ALBA air a dhol suas bliadhna an dèidh bliadhna (8.5/10 an aghaidh 8.4/10), mar a bha figearan luchd-amhairc nàiseanta (7.7/10 an aghaidh 7.4/10). Thuit ruigsinneachd loidhneach an luchd-amhairc Gàidhlig beagan gu 56.9% (59.4%) agus thuit ruigsinneachd luchd-amhairc nàiseanta beagan gu 9.7% (10.3%).
Gu cudromach, ge-tà, tha MG ALBA a’ leantainn air adhart a’ togail dòigh-obrach ioma-ùrlair, le toraidhean soirbheachail. Dhaingnich fastadh Iseabail Nic an t-Sagairt mar chiad Stiùiriche Susbaint Ioma-ùrlair na buidhne dòigh-obrach a tha air àrdachadh fhaicinn ann an seallaidhean air iPlayer a’ BhBC (5%) agus fàs 79% thairis air àrd-ùrlaran sòisealta agus didseatach.
Tha prògraman beò air a bhith nam pàirt mhòr de ro-innleachd MG ALBA airson BBC ALBA. Tha prògraman ciùil ùra aig cridhe a’ chlàir, le Belladrum, Na Trads, Cèilidh na Bliadhn’ Ùire, Còisir Eurovision, TRNSMT agus Ceòladair Traidiseanta Òga na Bliadhna aig BBC Radio Scotland, duaisean ciùil Gradam Ceoil, Celtic Connections agus Seirm uile a’ còrdadh ris an luchd-amhairc.
Dhaingnich an t-seanail cuideachd a suidheachadh mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba, a’ craoladh geamannan na h-Alba aig Cupa Cruinne FIFA nam Ban, ball-coise Eòrpach nam ban agus a’ sealltainn geamaichean ball-coise nam ban air an cluich aig an taigh a thuilleadh air rugbaidh eadar-nàiseanta agus geamaichean air an cluich aig an taigh agus croladh.
Chunnaic LearnGaelic, a chuir làrach-lìn ùr air bhog na bu thràithe air a’ bhliadhna, àrdachadh iongantach de 43% anns an luchd-cleachdaidh aca.
Thuirt Cathraiche MG ALBA, Ailean Dòmhnullach:
“Tha Aithisg Bhliadhnail na bliadhna seo a’ daingneachadh nan dùbhlain mòra a tha mu choinneimh MG ALBA, gu sònraichte nuair a thig e gu bhith a’ lìbhrigeadh ar com-pàirteachas le BBC ALBA. Is e an fhìrinn nuair a bhios buidseatan a’ teannachadh ann an da-rìribh, feumaidh sinn a bhith nas innleachdaiche a thaobh mar a chruthaicheas sinn prògraman ùra.
“Tha e na thogail dhuinn gu bheil sinn a’ lìbhrigeadh susbaint shònraichte ioma-ùrlair, a’ togail luchd-amhairc didseatach, a’ meudachadh luachadh an luchd-amhairc, agus a’ brosnachadh barrachd dhaoine na bha a-riamh a dhol an sàs leis a’ Ghàidhlig.
“Tha mi a’ cur fàilte air conaltradh dìreach le Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na RA, Ofcom agus am BBC a tha a’ toirt dòchas dhuinn gun urrainn dhuinn slighe a lorg a chuidicheas le bhith a’ lìbhrigeadh modail cruth atharrachaidh a tha riatanach gus cuideachadh le bhith a’ daingneachadh an àm ri teachd as soilleire a tha comasach do na Meadhanan Gàidhlig.
“Is e ar n-amas dèanamh cinnteach gu bheil slighe shoilleir le goireasan gu leòr stèidhichte air com-pàirteachas agus co-obrachadh, làidir gu leòr gus dèiligeadh ris na dùbhlain agus na cothroman a bhios ann anns na deich bliadhna a tha romhainn ann an àrainneachd mheadhanan a tha gu math caochlaideach”.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA:
“Tha na còmhraidhean mu Chraoladh Seirbheis Poblach cudromach airson nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd airson iomadach adhbhar, nam measg maoineachadh a’ BhBC san àm ri teachd agus an solar poileasaidh a tha riatanach airson craoladh Gàidhlig.
“Anns a’ bhliadhna a tha romhainn, cuiridh sinn seachad cuibhreann sònraichte de ar n-ùine agus goireasan gus bunaitean poileasaidh nam meadhanan Gàidhlig a shoilleireachadh agus a neartachadh anns an àrainneachd mheadhanan ioma-chruth seo a tha a’ sìor fhàs measgaichte agus farpaiseach.
“Leanaidh sinn oirnn a’ sireadh làn chinnt mu mhaoineachadh gus seirbheis meadhanan Gàidhlig ioma-chruth a lìbhrigeadh san àm ri teachd, a’ togail air na h-ìrean àrda de shàsachd susbaint gus buaidh luchd-amhairc, cànan, cultar, agus cùisean sòisealta agus eaconamach a mheudachadh.