Chaidh Na Trads 2020, prògram sònraichte airson nan Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA a chraoladh air BBC ALBA Disathairne 12 Dùbhlachd airson nan duaisean bliadhnail a chomharrachadh ann an 2020.
Chaidh an tachartas, a tha gu h-àbhaisteach a’ dol a-mach beò, a chraoladh ann am prògram beòthail a bh’ air a chur ri chèile agus a chur a-mach air BBC ALBA a-mhàin. Le Alistair Heather agus Màiri Anna NicUalraig aig an stiùir, chaidh na buannaichean ainmeachadh a bharrachd air ceòl bho cuid de na ceòladairean traidiseanta as cliùitiche ’s a tha ann, leis an Iona Fyfe Trio, Project Smok, Deirde Ghreumach, Jarlath Henderson & Karen NicMhathain, a thuilleadh air Phil Cunningham agus tòrr a bharrachd.
Bha còir aig tachartas na bliadhna-sa gabhail àite ann an Talla Chàird Dhùn Dhè, ach le ceòl beò agus tachartasan toirmisgte airson an àm ri teachd, rinn Hands Up for Trad saothair gus taic a thoirt do luchd-ciùil le bhith a’ tabhann ùrlar eadar-dhealaichte, a thàinig am bàrr le dà phrògram sònraichte airson Na Trads air BBC ALBA.
Thug Joy Dunlop inntrigeadh do na buill ùra aig Talla Laoich na Trads oidhche Haoine, leis na Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA an uair sin air an Disathairne. Thèid na duaisean a shealltainn a-rithist air BBC ALBA aig 9f Disathairne 18 Dùbhlachd 2020 agus bidh iad ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là.
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche Ro-innleachd & Cùisean Thaoibh a-muigh aig prìomh buidheann taic nan duaisean, MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Uair eile, tha na Trads air taisbeanadh sàr-mhathas cruthachalachd is tàlaint na h-Alba air fad. Bu mhath le MG ALBA meal an naidheachd a chur orra a ghabh pàirt ann, iadsan a chaidh ainmeachadh agus na buannaichean, leis gu bheil iad air a bhith mar phàirt de bhliadhna air leth diofraichte far a bheil ceòl air a bhith na rud uabhasach cudromach nar beathannan uile. Tha sinn air ar dòigh gu bheil Hands Up for Trad air a h-uile duine a thoirt cruinn còmhla gus an taghadh as fheàrr de cheòl thraidiseanta a chomharrachadh.”
Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich Hands Up For Trad agus a tha na Stiùiriche Cruthachail aca, gun robh e taingeil dhan a h-uile neach a bha an sàs: “Thug Covid-19 oirnn uile atharrachaidhean mòra a dhèanamh, agus thug e iomadh dhiofar bhuaidh oirnn, agus bu mhath leam taing a thoirt do MG ALBA agus ar luchd-taic, na ceòladairean agus an sgioba, agus a h-uile duine a chuir bhòt a-staigh.
“Tha a h-uile duine air obrachadh gun sgur – ag atharrachadh, a’ cumail a’ dol, agus a’ toirt ar prògram ciùil tron bhliadhna air fad gu bith – a’ toirt bliadhna air leth gu crìoch ann am prògram na h-oidhche a-raoir, Na Trads 2020 air BBC ALBA, agus Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA.”
Taobh a-staigh prògram nan duaisean, chaidh triùir cùl-taicean coimhearsnachd Ceòl Traidiseanta na h-Alba aithneachadh le duaisean sònraichte; Chaidh Duais Seirbhisean don Albais Jane Paisley le taic bho Alba Chruthachail a thoirt gu James Robertson, chaidh Duais Seirbhisean don Ghàidhlig le taic bho Bhòrd na Gàidhlig a thoirt gu John Smith, agus chaidh Duais 2020 Sheumais MhicEanruig airson Seirbhisean gu Ceòl Traidiseanta gu Lisa Whytock.
Le atharrachadh airson a h-uile nì tha an gnìomhachas air a chur air dòigh ri linn Covid-19 ann an 2020, ’s iad buannaichean Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA:
1. Clàr na Bliadhna, le taic bho Bhirnam CD
The Woods le Hamish Napier
2. Obair Ùr na Bliadhna, le taic bho PRS for Music
Everyday Heroes le Skerryore
3. Pròiseact Ciùil Coimhearsnachd na Bliadhna, le taic bho Ghreentrax Recordings
Tunes in the Hoose
4. Tachartas na Bliadhna le taic bho VisitScotland
BBC Radio Scotland Young Traditional Musician Award 20th Anniversary Concert (Celtic Connections)
5. Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna le taic bho Chomunn Ghàidhealach Lunnainn
Fionnag NicChoinnich (Fiona MacKenzie)
6. Neach-ciùil na Bliadhna, le taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Tim Edey
7. Cuirm Air-loidhne 2020, le taic bhon Gordon Duncan Memorial Trust
Duncan Chisholm’s Covid Ceilidh
8. Seinneadair Albais Citty Finlayson na Bliadhna, le taic bhon Traditional Music and Song Association (TMSA), do luchd-ciùil a bhios a’ seinn ann an Albais
Siobhan Miller
9. Bhidio Trad na Bliadhna, le taic bho Threads of Sound
Calum Dan’s Transit Van le Peat & Diesel
10. Ceòl Traidiseanta anns na Meadhanan, le taic bho Shabhal Mòr Ostaig
Anna Massie – Black Isle Correspondent
11. Neach-ciùil Gealltanach na Bliadhna, le taic bhon Royal Conservatoire of Scotland
Rebecca Hill
12. Oide Ciùil na Bliadhna, le taic bho Creative Scotland’s Youth Music Initiative
Josie Duncan