Cothroman obrach

English / Beurla

Sgeama Treanaidh 2024

28 Màrt 2024

Tha MG ALBA, ann an co-bhoinn ri Sgrìn Alba agus am BFI, a’ tabhann na leanas do thagraichean soirbheachail:

  • Suas ri sia mìosan de thrèanadh pàighte làn-ùine air greisean gnìomhachais thar diofar riochdachaidhean Gàidhlig agus Beurla ann am prògraman sgriobtadh agus fìrinneach TBh/FILM, prògraman aithriseach agus pròiseactan eile taobh a-staigh roinnean cruthachail nam meadhanan didseatach
  • Prògram de chùrsaichean inntrigidh goirid le BECTU Vision
  • Taic agus stiùireadh sònraichte airson gach neach-trèanaidh.

Bidh tu ag obair le, agus ag ionnsachadh bho, proifeiseantaich gnìomhachais mar phàirt de sgioba, a’ faighinn eòlas obrach ann an àrainneachd obrach ann an da-rìribh.

Gheibh luchd-trèanaidh tuarastal mìosail stèidhichte air an fhìor thuarastal beò (an-dràsta aig £12 san uair ro chìs agus NI.). Thèid seo a phàigheadh ​​aig deireadh gach mìos.

Nuair a bhios tu ceangailte ri greisean gnìomhachais taobh a-staigh roinn riochdachadh dràma obraichidh tu suas ri 55 uair san t-seachdain.

Mar as trice bidh bùthan-obrach trèanaidh air-loidhne agus greisean gnìomhachais air riochdachaidhean fìrinneach a’ toirt a-steach 37.5 uair san t-seachdain.

Tòisichidh cùrsaichean trèanaidh bho 15 or 22 Giblean 2024 airson 6 mìosan agus tha iad airson daoine nach eil ann am foghlam làn-thìde.

Bidh a’ chiad greis gnìomhachais air seata le Black Camel Pictures air dràma ùr – pròiseact aig a bheil buidseat aig àrd ìre.  Bidh filmeadh anns Na Hearadh & Leòdhas agus ann an Glaschu. Bidh greisean gnìomhachais eile an dara cuid anns na h-Eileanan Siar air neo air tìr-mòr na h-Alba.

Thèid luchd-trèanaidh a phàigheadh ​​​​air ais airson cosgaisean siubhail is àite-fuirich ach feumaidh iad a bhith sùbailte agus deònach airson a bhith suidhichte ann an diofar sgìrean tron trèanadh air fad.

Tha sinn gu sònraichte a’ sireadh dhaoine aig a bheil ùidh anns na dreuchdan a leanas, ach bu chòir do thagraichean a bhith deònach a bhith air an cur ann an roinnean eile cuideachd:

  • Camara
  • Fuaim
  • Roinn na h-Ealain / Grafaigs
  • Riochdachadh / Locations
  • A’ coimhead às dèidh sgriobt & Leantanas
  • Iar-Riochdachadh

Sgilean/eòlas a bhiodh math:

  • Gàidhlig
  • Eòlas sna meadhanan didseatach cruthachail
  • Cead-dràibhidh

Gus iarrtas a chuir a-steach cuiribh CV gu cothroman@mgalba.com ro 08.04.24