Cothroman obrach

English / Beurla

Seirbheisean Manaidsear Trèanaidh

7 Màrt 2024

  1. Tha MG ALBA a’ toirt cuireadh dhuibh tagradh a chur a thaobh solar nan seirbheisean gu h-àrd.
  2. Tha dùil gun tòisich seirbheisean bho 18 Màrt 2024.
  3. Feumar do thagradh a chur a-steach tro phost-d gu tender@mgalba.com
  4. Feumaidh tagraidhean ruighinn ro 1f air 3.2024. Is dòcha nach tèid beachdachadh air tagraidhean a thig a-steach às dèidh seo.
  5. Chan eil e mar fhiachadh air MG ALBA gabhail ri tagradh sam bith a gheibhear.
  6. Bu chòir ceistean a chur gu tender@mgalba.com

 

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mun chompanaidh aig www.mgalba.com

Tha MG ALBA a’ fastadh còrr air 40 neach-obrach. ’S e a phrìomh obair a bhith a’ coimiseanadh susbaint mheadhanan lèir-chlaistinneach bho chompanaidhean riochdachaidh mheadhanan agus a’ ruith na seirbheis lèir-chlaistinneach Gàidhlig BBC ALBA ann an co-obrachadh leis a’ BhBC.

Seirbheisean air an sireadh

Tha feum aig MG ALBA air Manaidsear Trèanaidh a stiùireas Sgeama Trèanaidh ann an 2024 mar a chithear gu h-ìosal.

Bidh an Sgeama Trèanaidh a’ comharrachadh, a’ fastadh agus a’ toirt taic do luchd-trèanaidh às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan ach nach eil ann am foghlam làn-ùine an-dràsta, gus greisean gnìomhachais fhaighinn le companaidhean riochdachaidh TBh is film a tha ag obair air a’ Ghàidhealtachd is na h-eileanan agus nas fhaide air falbh le fòcas sònraichte air dràma. Bidh an Sgeama Trèanaidh a’ tabhann greisean gnìomhachais do 6 luchd-trèanaidh thar diofar ìrean airson ùine de 6 mìosan bho 8 Giblean 2024.  Thèid fàilte a chur air tagraidhean bho Luchd-trèanaidh le Gàidhlig.

Feumaidh am Manaidsear Trèanaidh manaidseadh a dhèanamh air;

  • Taghadh thagraichean, ann an co-bhonn ri MG ALBA, bho iomairt sanasachd le tagraichean gu bhith air an toirt gu geàrr-liosta, agallamhan agus cur an dreuchd mar Luchd-trèanaidh;
  • An cleachdadh as fheàrr a thaobh Iomadachd agus In-ghabhail ga thoirt a-steach don phròiseas fastaidh;
  • Riaghladh an Luchd-trèanaidh a thaobh a bhith a’ cuideachadh le logistics gus daoine fhaighinn suidhichte, fiosrachadh slàinte is sàbhailteachd agus mathas coitcheann airson gach greis gnìomhachais;
  • Clàr 6 mìosan de ghreisean gnìomhachais a chur air dòigh airson an Luchd-trèanaidh a fhreagras ri amasan farsaing an Sgeama Trèanaidh a’ gabhail a-steach ach gun a bhith cuibhrichte ri cùmhnant (teamplaid air a sholarachadh le MG ALBA) le gach companaidh riochdachaidh a bhios a’ gabhail Luchd-trèanaidh;
  • Lìbhrigeadh clàran-ama san uair / gach seachdain airson gach Neach-trèanaidh a ghabhas lìbhrigeadh gu roinn ionmhais MG ALBA gus pàigheadh ​​tuarastail is cosgaisean Luchd-trèanaidh a chomasachadh;
  • Lìbhrigeadh aithisg air gach neach-trèanaidh às dèidh gach greis gnìomhachais taobh a-staigh ùine an Sgeama Trèanaidh, le fios air ais bho Cheann na Roinne no bhon Riochdaire Companaidh Riochdachaidh;
  • Lìbhrigeadh cùrsa trèanaidh aon-uair BECTU “Hit the Ground Running” rè na h-ùine trèanaidh 6-mìosan;
  • Aithisg nuair a bhios crìoch ga chur air an Sgeama Trèanaidh a’ toirt mion-fhiosrachadh air an adhartas a rinn gach Neach-trèanaidh, measadh air na h-ath cheuman aca sa ghnìomhachas a’ gabhail a-steach feuman trèanaidh sam bith eile; agus
  • Aithisg chosgaisean airson an sgeama a’ sealltainn chosgaisean ri chrìochnachadh gach mìos bho 15 Cèitean 2024 le aithisg dheireannach ri thighinn air 15 Dàmhair 2024. Dh’fhaodadh gum bi feum air beagan sùbailteachd mun aithisg dheireannach ma thèid an sgeama a leudachadh.

 

Bu chòir na sgilean agus an eòlas a leanas a bhith aig a’ Mhanaidsear Trèanaidh;

  • Eòlas agus tuigse air leth air roinn riochdachaidh TBh na h-Alba agus gu sònraichte riochdachaidhean dràma agus riochdachaidhean sa Ghàidhlig;
  • Comas conaltradh gu soilleir agus aig an ìre iomchaidh le riochdairean bhon Chompanaidh Riochdachaidh gus an tèid greisean gnìomhachais an Sgeama Trèanaidh a riaghladh gu rèidh;
  • Sgilean Gàidhlig (miannaichte);
  • Eòlas air dèiligeadh ri Luchd-trèanaidh Riochdachaidh TBh aig gach ìre de eòlas;
  • Eòlas air dìon luchd-trèanaidh nas òige no so-leònte;
  • Sàr sgilean rianachd agus buidseit; agus
  • Sàr sgilean conaltraidh.

 

Clàr-ama

 

Bidh an cùmhnant airson ùine de 6 mìosan a’ tòiseachadh air 18 Màrt 2024.

 

Riaghladh Cùmhnant

 

’S e Stiùiriche Susbaint MG ALBA am prìomh neach-conaltraidh airson a’ chùmhnant seo.

 

Prìsean

 

Tha MG ALBA air suas ri £15,000 a chuir an dàrna taobh airson a’ chùmhnant.

 

Ceistean agus Tagradh

 

Cha bu chòir tagraidhean a bhith nas fhaide na aon dhuilleag, gun a bhith a’ toirt a-steach briseadh sìos cosgais no teisteanasan.

 

Faodaidh tu do thagradh a chuir a-steach anns a’ chruth as freagarraiche dhut (m.e., Microsoft Word, PowerPoint msaa).

 

Is dòcha gun tèid cuireadh a thoirt dhut coinneachadh ri riochdairean MG ALBA gus beachdachadh air an tagradh agad, às dèidh a’ cheann-latha dùnaidh.

 

Feuch an cuir thu a-steach ceistean sam bith co-cheangailte ris a’ chuireadh seo air post-d gu tender@mgalba.com