Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Vlog a’ Mhòid

6 Dùbhlachd 2016

Co-fharpais ùr MG ALBA – Vlog a’ Mhòid

Tha MG ALBA air co-fharpais bhidio ùr a chuir air bhog gus a’ Vlogger as fheàrr a lorg aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2016.

Bidh Vlog a’ Mhòid fosgailte airson neach sam bith a tha an sàs sa Mhòd ann an dòigh sam bith – a’ gabhail pàirt mar fharpaiseach, ga choimhead air an tbh, ag èisteachd air rèidio, mar bhritheamh no mar neach-taic a’ Mhòid.

Faodaidh na vlogan a bhith a’ gabhail a-steach ullachadh airson a’ Mhòid, siubhal, a’ dèanamh deiseil airson a dhol air an àrd-ùrlar, a’ faighinn nan comharran, a’ coimhead nam prògraman, a bhith a’ coimhead no a’ frithealadh nan cèilidhean agus nan còisirean air fad a’ seinn còmhla no an turas dhachaigh.

Tòisichidh a’ cho-fharpais Dimàirt 27 Sultain agus bidh e fosgailte gu Dimàirt 25 Dàmhair. Bidh dà roinn aois ann, le duaisean gan toirt seachad san roinn Fo aois 18 agus san roinn airson Inbhich. Gheibh iadsan a bhuannaicheas anns gach roinn camara Go-Pro.

Feumaidh gach vlog a bhith clàraichte air fòn-làimhe, feumaidh e a bhith sa Ghàidhlig agus mun Mhòd agus nas giorra na trì mionaidean. Gheibhear na riaghailtean mionaideach an seo.

Faodaidh farpaisich roghnachadh a bhith a’ cruthachadh aon vlog, vlogan air leth no sreath de vlogan. Gus cuideachadh a thoirt dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an vlog a chruthachadh, tha Calum MacIlleathain, bho The Social aig a’ BhBC, air stiùir vlog ullachadh (Dèan sin/Na dèan seo) a tha ri fhaighinn an seo.

Tha An Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid air dòigh, taiceil mun cho-fharpais. Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh & Co-bhanntachdan MG ALBA: “’S e fear de amasan MG ALBA daoine a bhrosnachadh gus stuth fèin chruthaichte sa Ghàidhlig a dhèanamh airson nam meadhanan didseatach. Tha Gàidhlig aig cridhe a’ Mhòid agus tha an tachartas na dheagh chothrom airson co-fharpais vlog a chur air bhog. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri na vlogan fhaicinn agus am faicinn air an co-roinn cho fad is farsaing ’s a ghabhas”.

Fosglaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 ann an Steòrnabhagh Dihaoine 14 Dàmhair, a’ crìochnachadh le na còisearan air fad a’ seinn còmhla Disathairne 22 Dàmhair.