Tairgsean

Atharraich gu Beurla

Cuireadh Gu Tagradh – Seirbheisean Co-òrdanaiche Pròiseict

17 Giblean 2024

Seirbheisean Co-òrdanaiche Pròiseict

17 Giblean 2024

  1. Tha MG ALBA a’ toirt cuireadh dhuibh tagradh a chur a thaobh solar nan seirbheisean gu h-àrd.
  2. Tha dùil gun tòisich seirbheisean bho 6 Cèitean 2024.
  3. Feumar do thagradh a chur a-steach tro phost-d gu tender@mgalba.com
  4. Feumaidh tagraidhean ruighinn ro 2f air 29 Giblean 2024. Is dòcha nach tèid beachdachadh air tagraidhean a thig a-steach às dèidh seo.
  5. Chan eil e mar fhiachaibh air MG ALBA gabhail ri tagradh sam bith a gheibhear.
  6. Bu chòir ceistean a chur gu tender@mgalba.com

Cùl-fhiosrachadh

Tha sibh a’ faighinn cuireadh a dhol gu www.mgalba.com airson tuilleadh fiosrachaidh mun chompanaidh.

Tha MG ALBA a’ fastadh còrr air 40 neach-obrach. ’S e a phrìomh obair a bhith a’ coimiseanadh susbaint mheadhanan lèir-chlaistinneach bho chompanaidhean riochdachaidh mheadhanan agus a’ ruith na seirbheis lèir-chlaistinneach Gàidhlig BBC ALBA ann an co-obrachadh leis a’ BhBC.

Seirbheisean air an sireadh

Tha grunnan phròiseactan inntinneach san amharc aig MG ALBA agus feumar Co-òrdanaiche Pròiseict gus cuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh nam pròiseactan sin gu soirbheachail.

Bidh an Co-òrdanaiche Pròiseict a’ cruthachadh agus a’ rianachd plana a’ phròiseict agus a’ buidseatadh airson grunnan phròiseact beag a bhios a’ gabhail a-steach co-òrdanachadh luchd-obrach MG ALBA, tàlant on taobh a-muigh, agus luchd-comhairleachaidh gus stiùireadh a dh’ionnsaigh prìomh chlachan-mile agus libhrigeadh.

Is iad na prìomh sgilean agus an t-eòlas a dh’fheumar airson nan seirbheisean sin:

  • Eòlas air a bhith ag obair thar sgiobaidhean ioma-dhiosaplain;
  • Sùil air mion-fhiosrachadh agus deagh sgilean rianachd agus stiùireadh phròiseactan;
  • Bun-sgilean cruthachaidh buidseat agus rianachd phròiseict;
  • Eòlas air Co-òrdanachadh Riochdachaidh no Rianachd Pròiseict;
  • Eòlas air rianachd bun-phròiseas an dèidh riochdachaidh;
  • Fiosrachadh mu chòraichean lèir-chlaistinneach & modhan-obrach cartaidh;
  • Comas a bhith a’ toirt sgioba ri chèile airson an èifeachdas as motha; agus
  • Comas a bhith ag ullachadh agus a’ dol an sàs le HR a thaobh cùmhnantan geàrr-ùine.

Tha sgilean Gàidhlig miannaichte.

Clàr-ama

Bidh an cùmhnant a’ tòiseachadh air 6 Cèitean 2024 agus a’ tighinn gu crìoch air 16 Lùnastal 2024. Thathar a’ sùileachadh gum bi am bun-dhleastanas cuibheasach 2 là san t-seachdain.

Riaghladh Cùmhnant

’S iad prìomh luchd-conaltraidh a’ chùmhnaint seo Ceannard Cruth-atharrachaidh Didseatach agus Stiùiriche Susbaint MG ALBA

Prìsean

Tha MG ALBA air suas ri £9,000 (ex VAT) a chuir an dàrna taobh airson a’ chùmhnant.

Ceistean agus Tagradh

Cha bu chòir tagraidhean a bhith nas fhaide na 1 duilleag, gun a bhith a’ toirt a-steach briseadh sìos cosgais no teisteanasan.

Faodaidh tu do thagradh a chur a-steach anns a’ chruth as freagarraiche dhut (me Microsoft Word, PowerPoint msaa).

Is dòcha gun tèid cuireadh a thoirt dhut coinneachadh ri riochdairean MG ALBA gus beachdachadh air an tagradh agad, às dèidh a’ cheann-latha dùnaidh.

Feuch an cuir thu a-steach ceistean sam bith co-cheangailte ris a’ chuireadh seo air post-d gu tender@mgalba.com