Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Suirbhidh Mhòr na Gàidhlig

14 Samhain 2016

SUIRBHIDH MHÒR NA GÀIDHLIG A’ FAIGHNEACHD CIAMAR AS URRAINN DHA NA MEADHANAN CÙIS NA GÀIDHLIG ADHARTACHADH

Thathar air suirbhidh ùr a chur air dòigh mar phàirt de rannsachadh a tha a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig na meadhanan Gàidhlig air ionnsachadh a’ chànain.

Tha Suirbhidh Mhòr na Gàidhlig, a chaidh a choimiseanadh le Bòrd na Gàidhlig is MG ALBA, ga cumail le Meriel Young Consulting, buidheann-rannsachaidh a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann.

Tha trì ceisteachain ann a tha ag amas air daoine le diofar chomasan anns a’ Ghàidhlig: luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Is urrainn do dhaoine an t-suirbhidh a lìonadh air an làrach-lìn air a shon aig www.thebiggaelicsurvey.co.uk. Cha toir e ach mu chòig mionaidean a lìonadh.

Am measg nan cuspairean anns a’ cheisteachan tha: a’ bhuaidh a th’ aig meadhanan craolaidh mar BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal, na stuthan ionnsachaidh Gàidhlig a tha rim faighinn agus cho math ’s a tha iad, agus uireasbhaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh nan goireasan a tha a’ brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh no gus na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart.

Thuirt Meriel Young, bho Meriel Young Consulting: “Chaidh an rannsachadh seo a choimiseanadh le Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA agus cuidichidh e le bhith dealbh cheann-uidhe airson nam meadhanan Gàidhlig sna bliadhnaichean air thoiseach. Tha sinn airson cluinntinn bho fharsaingeachd de luchd-freagairt, bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig gu fileanta gu daoine a tha airson an cànan ionnsachadh ach nach eil air tòiseachadh fhathast. Mar as motha de dhaoine a fhreagras na ceisteachain – fireannaich is boireannaich, sean is òg – ’s ann as fheàrr a bhios na toraidhean rannsachaidh againn.”

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh gum bi tuigse nas fheàrr aige air mar a tha daoine ag ionnsachadh agus a’ cur ris na sgilean Gàidhlig aca. Tha e air leth cudromach airson planadh agus airson leasachadh a’ chànain gu bheil sinn a’ tuigsinn mar a bhios na meadhanan a’ cuideachadh luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus na daoine aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh, gus cothrom fhaighinn air a’ chànan. Seo a’ chiad turas a chaidh rannsachadh mar seo a dhèanamh agus bheir e cothrom dhuinn tomhas a dhèanamh air dè cho cudromach ’s a tha na meadhanan do bhith adhartachadh na Gàidhlig.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Chaidh ar ro-innleachd airson nam meadhanan Gàidhlig, Lèirsinn 2021, fhoillseachadh san Dùbhlachd an-uiridh, is i ag amas air cruth-atharrachadh a thoirt air buaidh nam meadhanan Gàidhlig air ath-nuadhachadh na Gàidhlig. Tha an rannsachadh ùr seo a’ dol gar cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn barrachd mun àite a th’ aig na meadhanan Gàidhlig ann a bhith a’ cur taic ri ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, bhon chreathail chun na h-uaighe, agus tha fadachd oirnn cluinntinn bho luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus bhuapa-san aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain, mu na tha a dhìth orra airson na sgilean aca a leasachadh. Tha na meadhanan didseatach ag atharrachadh gu luath, agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ cur ri ionnsachadh na Gàidhlig, le bhith a’ gabhail brath air na cothroman a tha an cois nan atharrachaidhean sin.”