Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Sealladh air Briseadh na Cloiche

14 Màrt 2017

BRISEADH NA CLOICHE

Bidh a’ chiad sealladh de fhilm ùr goirid ann an Gàidhlig, Briseadh na Cloiche (The Breaking of the Stone), a’ gabhail àite aig Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu nas fhaide air adhart air a’ mhìos seo.

Air a chlàradh ann an Taigh-cluiche Webster ann an Glaschu, far an deach an dealbh-chluich a chur air àrd-ùrlar mar phàirt de Fhèis Taobh an Iar Ghlaschu an-uiridh, tha an riochdachadh seo a’ nochdadh Iain MacRath agus Màiri Mhoireasdan le ceòl bho Alex Neilson. Bidh e air a thaisbeanadh le fo-thiotalan ann am Beurla ann an Taigh-dhealbh an CCA ann an Glaschu air 17 Màrt.

Tha Briseadh na Cloiche air a mheas fad’ is farsaing mar aon de na sgeulachdan goirid as grinne aig an sgrìobhaiche Iain Moireach, agus stèidhichte aig teis-meadhan litreachais co-aimsireil Gàidhlig. Air atharrachadh airson àrd-ùrlar agus sgrion leis a’ chleasaiche Iain MacRath, agus air a stiùireadh ’s air fhilmeadh le Donnchadh Dòmhnallach, tha an riochdachadh a’ leantainn slighe adhartais suirghe a ghabh àite às dèidh a’ chogaidh gu crìch a bha air leth duilich.

Tha an coimeasgadh spionnmhor seo de dhràma, dannsa agus mìm a’ faotainn taic làidir bho cheòl faramach eadar-obrachail a bha fìor thogarrach bho Neilson.

Chaidh am pròiseact film is thèatar seo a choimiseanadh leis a’ bhuidheann ealain Ghàidhlig, Ceòl ’s Craic, agus a mhaoineachadh le MG ALBA agus Alba Chruthachail.

Thuirt stiùiriche a’ phròiseict, Iseabail Mhoireach: “Tha sgeulachd Iain Mhoireich aithnichte fada is farsaing mar phìos mòr-bhuadhach de litreachas co-aimsireil Gàidhlig agus bha fios againn gum b’ urrainn dhuinn a bhith soirbheachail leis an dealbh-chluich seo a chur an gnìomh air àrd-ùrlar, ach bha sinn a’ faireachdainn cuideachd gun robh comas mòr aige mar phìos de dhràma a ghabhadh fhilmeadh.

“Mar sin is e ar n-amas an seo, film thùsail Gàidhlig a thaisbeanadh do luchd-èisteachd dìleas ealain agus tòiseachadh a’ dèiligeadh le dìth fhilmichean taigh-dhealbh ann an Gàidhlig. Tha an taic bho MG ALBA agus Alba Chruthachail air sin a choileanadh dhuinn.”

Tha dràma air a mheas mar phrìomh eileamaid ann an aiseirigh na Gàidhlig agus a’ faotainn taic làidir bhuapasan a tha ga fhaicinn mar chruth ealain a tha a’ cur a’ chànain aig fhìor thoiseach. Tha Briseadh na Cloiche a’ tarraing nan eileamaidean as fheàrr ann an litreachas, dràma agus film Gàidhlig còmhla ann am pasgan a tha beag ach glè èifeachdach.

Thuirt Brian Ó hEadhra, Oifigear Ealain agus Cultur Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig, “Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn na h-obrach cho-aimsireil Ghàidhlig seo ga leasachadh bho Fhèis Taobh Siar Ghlaschu 2016 gu Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu na bliadhna seo agus mu deireadh gu BBC ALBA san àm ri teachd. Tha an obair chumhachdach seo a’ dearbhadh gu bheil dràma na Gàidhlig a’ fàs agus a’ lorg luchd-èisteachd ùra tro thaisbeanaidhean air àrd-ùrlair agus sgrion. ’S e seo aon de ghrunn phròiseactan dràma a tha a’ tighinn am bàrr an-dràsta agus tha sinn a’ gabhail fiughar ri tuilleadh den leithid fhaicinn sna bliadhnaichean ri thighinn.”

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail BBC ALBA: “Tha Briseadh na Cloiche a’ cur ri iomadach dràma a tha ri fhaotainn ann an Gàidhlig, agus tha mi air leth toilichte gum bi e ri fhaicinn air BBC ALBA san àm ri teachd. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas don fhilm aig Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu, tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh fhaicinn ann am prògram GSFF”.

Thèid Briseadh na Cloiche (20 mion) a sgrionadh le fo-thiotalan Beurla air 17 Màrt aig 9f ann an taigh-dhealbh an CCA ann an Glaschu. Air a sgrionadh roimhe, bidh Away with the Land (13 mion), aithriseach mhac-meanmhainneach le Joya Berrow mu bheatha a’ chroiteir, Dòmhnall Iain MacAonghais, às Na Hearadh. Bidh sin air a leantainn le seisean Ceist is Freagairt còmhla ri Iain MacRath, Màiri Mhoiresadan agus Donnchadh Dòmhnallach fo stiùir a’ chraoladair Ghàidhlig, Derek MacAoidh. Thathar a’ toirt cuireadh do dh’aoighean gu deoch no dhà aig 8f.

Bidh Briseadh na Cloiche air a chraoladh air BBC ALBA nas fhaide air adhart sa bhliadhna an dèidh dha na coileanaidhean eile dheth a bhith seachad.