Bheir BBC ALBA samhradh sònraichte de cheòl thugaibh am-bliadhna le craoladh bho thrì de na fèisean as motha ann an Alba.
Thèid TRNSMT, Fèis Belladrum agus Celtic Connections uile a chraoladh air BBC ALBA as t-samhradh.
Bidh Fèis TRNSMT ann an Glaschu a’ tòiseachadh an t-seachdain seo, 8 agus 9 Iuchar, le Niall Iain Dòmhnallach a’ lìbhrigeadh beò air oidhche Haoine agus oidhche Shathairne bho 9f, mus lean an craoladh air BBC Scotland bho 10f gach oidhche agus Didòmhnaich 10 Iuchar.
Bidh na prògraman beò a’ gabhail a-steach luchd-ciùil bhon phrìomh àrd-ùrlar, àrd-ùrlar King Tut’s agus òrain air an clàradh gu sònraichte thairis air an deireadh-sheachdain aig Glasgow Green.
Am measg nam prìomh luchd-chiùil bidh Paolo Nutini, Sam Fender, The Strokes, Foals, Lewis Capaldi agus Wolf Alice.
Thèid prògram le na pìosan as fheàrr a chraoladh bho 16 agus 23 Iuchar.
Nas fhaide air adhart sa mhìos bidh BBC ALBA a’ craoladh beò aig Fèis Cridhe Tartan Belladrum faisg air Inbhir Nis.
Bidh prògram le na pìosan as fheàrr bho na trì latha de cheòl air a chraoladh beò bho 9f air 28, 29 agus 30 Iuchar le Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach.
Faodaidh luchd-amhairc craoladh beò a bharrachd a leantainn air BBC Scotland bho 11f air 29 agus 30 Iuchar.
Bidh Nile Rodgers & Chic, Van Morrison agus Emeli Sandé air a’ phrìomh àrd-ùrlar, le luchd-ciùil eile leithid The Fratellis, Sam Ryder, Passenger agus Tide Lines.
A thuilleadh air sàr cheòl beò bidh seiseanan acoustic agus agallamhan.
Agus ma chailleas sibh dad bidh BBC ALBA a’ toirt thugaibh na pìosan as fheàrr gach seachdain bho 6 Lùnastal aig 9f.
Bidh dà chuirm air leth sònraichte aig Celtic Connections bho Thalla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu cuideachd air an craoladh air BBC ALBA nas fhaide air adhart as t-samhradh.
Bidh Capercaillie agus Orcastra Simphinidh Albannach a’ BhBC (BBC SSO) a’ tighinn còmhla gus cuid de na h-òrain as fheàrr aig Capercaillie a thoirt thugaibh, a’ taisbeanadh measgachadh iongantach de stoidhlichean ciùil traidiseanta is clasaigeach air 17 Sultain aig 9f.
Bidh Niteworks cuideachd a’ tighinn còmhla ri BBC SSO airson cuirm shònraichte a thèid a chraoladh air 24 Sultain aig 9f.
Thèid prògram mun chòmhlan agus an t-slighe aca gus an treas clàr aca a chruthachadh a chraoladh air 22 Sultain aig 9f.
Thuirt Stiùiriche Leasachadh Susbaint MG ALBA, Mairead Chamshron: “Bidh samhradh de cheòl air BBC ALBA a’ toirt ar luchd-amhairc bho achaidhean fèise gu tallaichean cuirm-chiùil bhailteil, a’ còmhdach measgachadh de thàlant iongantach air an t-slighe.
“Air cùlaibh an taghadh bheairteach seo de stoidhlichean ciùil tha prìomh cho-obrachadh le Celtic Connections, BBC SSO, TG4, BBC Scotland a thuilleadh air Fèis Belladrum, TRNSMT agus riochdairean Beezr Studios, BBC Scotland Productions agus The Ninety.
“Tha sinn air leth toilichte na còmhlain sgoinneil seo a shealltainn dhan luchd-amhairc againn.”