Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Prògram beothachaidh BBC ALBA aig Cannes Short Film Festival

20 Lùnastal 2019

Tha film goirid – a’ togail air an oillt agus an dràma a bha air beulaibh seòladairean agus iad an lùib aon de na tubaistean mara is miosa ann an uisgeachan an Rìoghachd Aonaichte – air a bhith air a thaghadh airson duais aig Cannes Short Film Festival.

Chaidh am prògram beothachaidh aig BBC ALBA, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn (You are at the bottom of my mind), stèidhichte air tubaist an Iolaire, a dhealbhachadh ris a’ phìos bàrdachd leis an aon ainm le Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn.

Tràth air madainn 1 Faoilleach 1919, bhuail HMY Iolaire creagan ’s i a’ tilleadh a Steòrnabhagh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr. Chaochail còrr air 200 duine.

Air a choimiseanadh mar phàirt de chlàr shònraichte air BBC ALBA a bha a’ comharrachadh 100 bliadhna bhon a thachair an tubaist, b’ e obair toileachais a bh’ ann dhan dealbhadair Catrìona NicIlleDhuibh.

Thuirt Catrìona: “Chan eil mòran sa chlàr a sheall tubaist an Iolaire agus ‘s e obair faireachdail a bh’ ann a bhith a’ cruthachadh seo. Tha mi cho toilichte gu bheil am film air a sgaoileadh airson an sgeulachd cudromach seo innse dhan an t-saoghal.”

Chaidh Am Bocsa, companaidh riochdachaidh Chatrìona, ainmeachadh air geàrr-liosta RTS Scotland airson Dealbhachadh Beò & VFX na bu thràithe sa bhliadhna.

Bidh Cannes Short Film Festival a’ gabhail àite eadar 5 agus 8 Sultain agus gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an seo.