Tha MG ALBA an-diugh air fàilte a chur air sgrùdadh chudromach air buaidh eaconamach agus sòisealta a tha air sealltainn an àite cudromach a th’ aig na meadhanan Gàidhlig, chan ann a-mhàin ann a bhith a’ lìbhrigeadh sàr-shusbaint chun luchd-amhairc, ach mar stiùiriche eaconamach le comas sìor fhàs a thoirt nar coimhearsnachdan.
Tha an sgrùdadh, a chaidh a dhèanamh le Ekos le taic bho HIE, a’ mìneachadh toraidhean sheilbheachd MG ALBA agus an roinn solarachaidh, a bhios a’ frithealadh ùrlaran BBC ALBA, a thuilleadh air na prìomh bhranndan aig MG ALBA; FilmG, LearnGaelic & SpeakGaelic. Tha am fiosrachadh a th’ ann an-dràsta mun bhuaidh eaconamach gu math soilleir, a’ sealltainn gu bheil an roinn solair an urra ri 340 obraichean, tuarastalan luach £10.4m agus GVA de £17.2m. Tha seo uile a’ leantainn gu toradh de thasgadh £1.34 airson gach £1 a chaidh a chosg.
Tha an aithisg cuideachd a’ sealltainn a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann bho phasgan sheilbheachd bhrìgheil, air bun-stèidh nan robh an t-seilbheachd bho thùs anns na meadhanan Gàidhlig air a bhith ceangailte ri ìre na h-atmhorachd. Tha seo a’ sealltainn an àrdachadh ann an obraichean agus cothroman fàis a dh’fhaodadh a bhith air an trusadh le roinn nam meadhanan a tha a’ gluasad aig astar.
A’ cur fàilte air an sgrùdadh, thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul: “Tha an aithisg seo a’ sealltainn an àite cudromach a th’ aig na meadhanan Gàidhlig ann a bhith a’ lìbhrigeadh fàs eaconamach, gu sònraichte a thaobh chosnaidhean, do na coimhearsnachdan againn. Ma tha sinn airson dèiligeadh ris na duilgheadasan a tha far comhair a thaobh na Gàidhlig agus na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh, feumaidh sinn coimhead air seilbheachd gus na cothroman a lìbhrigeadh a dh’fhaodadh cruth-atharrachadh a thoirt.
“Tha na meadhanan Gàidhlig mar phàirt den àm ri teachd seasmhach aig ar coimhearsnachdan, agus mar phrìomh chùis ann an raointean leithid foghlam, na gnìomhachasan cruthachail, leasachadh tàlaint, agus com-pàirteachadh coimhearsnachdan. A dh’aithghearr bidh sinn a’ foillseachadh ar Lèirsinn airson àm ri teachd nam meadhanan Gàidhlig, a bhios a’ coimhead air an àite a dh’fhaodadh a bhith aig na meadhanan Gàidhlig airson fàs eaconamach agus com-pàirteachadh choimhearsnachdan ann an Gàidhlig tro na meadhanan a phutadh.”
Fhuair an sgrùdadh taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean. Thuirt Joanna Peteranna, Manaidsear Sgìre Eadar-amail, sgioba Innse Gall HIE: “Tha MG ALBA a’ cuideachadh ghnìomhachasan cruthachail ionadail tro bhith a’ coimiseanadh phrògraman agus aig an aon àm a’ cruthachadh agus a’ toirt taic do iomadh cosnadh anns na h-eileanan. Bidh e a’ tabhann chothroman airson susbaint mheadhanan Gàidhlig a thoirt don luchd-amhairc gu maith luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh na h-Alba agus an t-saoghail.
Tha sinn toilichte ar taic a thoirt don sgrùdadh seo, a tha a’ sealltainn os-sealladh àrd ìre air mar a tha MG ALBA a’ cur ri leasachadh eaconamach agus coimhearsnachd anns an sgìre agus nas fhaide air falbh.”