Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Iomairt Ionnsachaidh Gàidhlig buadhmhor a’ gluasad chun Dàrna Ìre

14 Màrt 2022

Le còrr air 250k cleachdadh den t-susbaint mheadhanan sòisealta aige on a chaidh a’ chiad ìre a chur air bhog an-uiridh, tha am pròiseact a-nise a’ gluasad chun ath-ìre.

Bidh an iomairt a-nise a’ tabhann a chuid ghoireasan ionnsachaidh Gàidhlig air leth do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a tha airson an ath cheum a ghabhail air an turas ionnsachaidh.

Tha SpeakGaelic a’ tabhann modal ionnsachaidh aonaichte sònraichte, le susbaint agus adhartas a tha stèidhte air bun-stèidh Eòrpach (Common European Framework of Reference for Languages). Tha na goireasan a tha a’ dèanamh an-àirde bun-stèidh a’ phròiseict gan sgrìobhadh leis an Ionad Nàiseanta Cultar is Cànain, Sabhal Mòr Ostaig.

Tha na prògraman rim faotainn air iPlayer a’ BhBC agus BBC Sounds a thuilleadh air an t-seanail BBC ALBA, le làthaireachd air YouTube a’ dearbhadh ruigsinneachd air feadh an t-saoghail. Tha ionnsachadh fèin-stiùirichte ri fhaotainn tron làrach, a thuilleadh air na goireasan teagaisg aghaidh-ri-aghaidh. Tha SpeakGaelic cuideachd a’ faighinn taic bho shusbaint mac-meanmnach air na meadhanan sòisealta.

Tha ionnsachadh aghaidh-ri-aghaidh ri fhaotainn cuideachd, le clasaichean agus luchd-teagaisg Gàidhlig ionadail a’ cleachdadh SpeakGaelic mar an cnàimh-droma airson an cuid teagasg, a’ frithealadh orra-san a tha a’ sireadh dòigh ionnsachaidh nas structaraichte, leis an t-susbaint mheadhanan a bharrachd a’ tabhann dhòighean bogaidh fiù ’s nas fheàrr fhaighinn mar phàirt den iomairt.

Tha SpeakGaelic ga mhaoineachadh le co-bhanntachd eadar MG ALBA, Sabhal Mòr Ostaig agus le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, MG ALBA agus am BBC.

Chaidh a’ chiad ìre den phròiseact (A1), a bha ag amas air fìor luchd-tòiseachaidh, a chur air bhog san Dàmhair 2021, agus a-nise tha an dàrna ìre (A2), a tha ag amas air an dà chuid luchd-ceuma A1 agus iadsan aig a bheil eòlas a-cheana air a’ Ghàidhlig ach feumach air ùrachadh, ga chur air bhog an-diugh, 14 Màrt.

’S iad na preseantairean BBC agus na rionnagan air-loidhne, Joy Dunlop agus Calum MacIllEathain a tha a’ stiùireadh SpeakGaelic.

Buinidh Joy Dunlop don Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, agus bidh tòrr a bhios a’ coimhead BBC Scotland agus BBC ALBA ga h-aithneachadh mar neach-lìbhrigidh aimsir agus neach-ciùil a bhios tric a’ nochdadh ann am prògraman.

Tha Calum MacIllEathain aithnichte do dhaoine air-loidhne airson a chuid susbaint bhon bhlàr a-muigh (cò nach cuimhnich air dùbhlan a’ mheanbh-chuileig!?) agus airson a bhith air prògram BBC ALBA Dhan Uisge, far a bheil e a’ taisbeanadh a chuid dealas airson a bhith a’ snàmh anns a’ mhuir, ann an lochan agus ann an aibhnichean air feadh Alba.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Pròiseict SpeakGaelic agus Stiùiriche Susbaint Ioma-ùrlair MG ALBA: “’S e SpeakGaelic am pròiseact as motha a bha ann a-riamh a bha ag amas air a bhith a’ toirt air inbhich an cànan a thogail agus a thoirt am feabhas, agus tha e ag amas air cruth-atharrachadh a thoirt air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.

“Tha e air leth cudromach gum feuch sinn ris a’ Ghàidhlig a dhèanamh cho furasta ’s a ghabhas ionnsachadh, agus gun toir sinn barrachd misneachd ann a bhith ga cleachdadh dhaibh-san aig a bheil i mar-thà. Tha an iomairt ioma-ùrlair a’ ceadachadh do dhaoine fa leth, clasaichean agus buidhnean an t-slighe aca fhèin a thaghadh, le susbaint ri fhaotainn uair sam bith a dh’fheumas iad e.

“Tha e deatamach do àm ri teachd na Gàidhlig – agus an dreuchd a tha aice ann an Alba a tha ùr-nòsach agus iomadach – gun tog sinn misneachd ann an luchd-labhairt a’ chànain, ge bith cò iad; ùr, air a’ chànan a chall, no fileanta iad fhèin agus a’ sireadh barrachd misneachd. Le gach ìre de SpeakGaelic a’ tighinn gu bith, tha sinn gu mòr an dòchas gum bi iadsan le ùidh ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig a’ lorg an t-susbaint agus nan goireasan a tha a’ freagairt orra fhèin, ge bith càite no ciamar a bhios iad ag ionnsachadh, gum faigh sinn air am misneachadh uile.”

Faigh tuilleadh fios an-diugh aig www.speakgaelic.scot agus lean duilleagan SpeakGaelic air-loidhne – Instagram, Twitter, Facebook & TikTok.