Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Geàrr-Liost Fèis nam Meadhanan Ceilteach

7 Màrt 2016

DUSAN PRÒGRAM GÀIDHLIG AINMICHTE AIR GEÀRR-LIOST FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Tha dusan prògram Gàidhlig bho BhBC ALBA agus Rèidio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna, a thèid a chumail ann an Dùn Gharbhan, Waterford, bho 20-22 Giblean.

Tha FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA cuideachd air ainmeachadh ann an duais Kieran Hegarty sa ghnè Ùr-ghnàthachas. Tha BBC Rèidio nan Gàidheal aon uair eile ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna – duais a choisinn iad ann an 2015 nuair a chaidh an Fhèis a chumail ann an Inbhir Nis.

Prògraman BBC ALBA a th’ air a’ gheàrr-liosta:

Cùisean làitheil:
Eòrpa – MH17 (Riochdaichte le BBC Gàidhlig)
Thug am prògram seo cuid de na càirdean, a chaill teaghlaichean ann an tubaist-adhair Malaysian Airlines ann an 2014 agus ann an sgrios Lockerbie ann an 1998, còmhla.

Na h-Ealain:
Brìgh a’ Chiùil (Riochdaichte le Bees Nees Media)
Ghabh a’ chompanaidh ealain às a’ Phòlainn, Song of the Goat, ri dùbhlan sònraichte nuair a chur iad air adhart taisbeanadh ùr aig Fèis Dhùn Èideann le bhith a’ cur iad dreach mac-meanmnach air seinn ann an Gàidhlig. Lean Bees Nees iad bho rannsachadh is ionnsachadh air cànan nach b’ aithne dhaibh, gu ruith-thairis air an stuth ann am baile Wroclaw sa Phòlainn agus a’ crìochnachadh le taisbeanadh eireachdail ann an Cathair-eaglais Naomh Ghill aig Iomall Fèis Dhùn Èideann ann an 2014.

Dràma:
Bannan (Riochdaichte le Young Films)
Dràma BBC ALBA air a chlàradh air fad san Eilean Sgitheanach.

Dibhearsain:
Seirm (Riochdaichte le Bees Nees Media)
Air a chlàradh aig Fèis Celtic Connections ann an Glaschu, tha an t-sreath seo de chòig phrògraman a’ taisbeanadh luchd-ealain agus luchd-ciùil roghainneach a ghabh pàirt san fhèis geamhraidh as motha air an t-saoghal.

Aithriseachd Shingilte:
Balaich na h-Àirde (Riochdaichte le Sorbier Productions)
Sgeulachd nam bràithrean Mhic a’ Ghobhainn à Leòdhas agus na choilean iad ann an craoladh, sgrìobhadh, actadh agus seinn.

Am Balach MacCuidhein (Riochdaichte le Solus Productions)

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an naidheachd gu bheil dusan prògram Gàidhlig eadar BBC ALBA agus BBC Rèido nan Gàidheal air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna. Tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air gach sgioba a bha an sàs anns na prògraman air fad. Tha e na thoileachas mòr dhuinn cuideachd FilmG fhaicinn air a gheàrr-liosta airson duais Kieran Hegarty às dèidh bliadhna shoirbheachail eile air a bhith ann airson an fharpais. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith cruinneachadh còmhla ann an Dùn Gharbhan le riochdairean craolaidh bho air feadh na dùthchannan Ceilteach eile”.

A thuilleadh air a bhith air an ainmeachadh airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha Rèidio nan Gàidheal air an ainmeachadh, le Blàr Loos (Prògram Aithris Rèidio); Feasgar (Prògram Làitheil Rèidio); Beag air Bheag (Prògram Rèidio airson Luchd Ionnsachaidh); Mire ri Mòir aig a’ Mhòd (Prògram Ciùil Rèidio); Cèilidh Rapal aig a’ Chidhe (Prògram Ciùil Rèidio). Tha cuideachd Spòrs na Seachdain ainmichte sa ghnè Spòrs Rèidio.

Thuirt Marion NicFhionghuin, Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig: “Tha mi cho toilichte airson sgioba Eòrpa agus toilichte a bhith a’ faicinn uiread de phrògraman Rèidio nan Gàidheal air a’ gheàrr-liosta airson duaisean aig Fèis na bliadhna ’sa. Tha mi gu h-àraid toilichte leis an fharsaingeachd de phrògraman a th’ air a’ gheàrr-liosta agus dhaibhsan a bha ag obair agus a ghabh pàirt sna diofar phrògraman. Bha sinn air leth moiteil duais Stèisean Rèidio na Bliadhna a bhuannachadh ann an 2015 agus tha sinn a’ coimhead air adhart, agus ann an dòchas, ri tuilleadh soirbheachas am-bliadhna”.

Thuirt Iain MacLeòid bhon chompanaidh Bees Nees: “Tha Bees Nees a’ cur fàilte air an naidheachd gun deach Brìgh a’ Chiùil agus Seirm an ainmeachadh airson duaisean aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach. Tha an t-urram seo a’ ciallachadh mòran dhuinne mar chompanaidh agus tha na sgiobaidhean cruthachail a bha ag obair air na prògraman rim moladh airson an obair ionmholta a rinn iad”.

Tha an companaidh riochdachaidh neo-eisimeileach, Mactv, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, air an ainmeachadh sa ghnè Spòrs airson a’ phrògram aca Lynsey Sharp – Get Out Strong, Commit a thug sùil air an lùth-chleasaiche agus na h-oidhirpean làn fhaireachdainn aice ann an geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an 2014, a chaidh a chraoladh cheana air BBC ALBA.

Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu www.celticmediafestival.co.uk