Bhuannaich Eòrpa, an t-sreath shuaicheanta chùisean làitheil air BBC ALBA, an duais airson prògraman Cùisean Làitheil aig na BAFTAs Albannach 2017.
Bha an tachartas ann air oidhche na Sàbaid (Didòmhnaich 5 Samhain) ann an Glaschu, le Edith Bowman ga lìbhrigeadh.
B’ e 2017 an treas turas ann an trì bliadhna far an deach Eòrpa ainmeachadh sa gheàrr-liosta seo, le prògram sònraichte leth-uair air daoine a bha nam prìosanaich ann an Guantànamo a’ faighinn an urraim am bliadhna.
Chaidh sgioba Eòrpa air feadh na Roinn Eòrpa gus bruidhinn ri na daoine seo, daoine fo amharas gur e ceannaircich a bh’ annta, ach a tha a-nis a’ fuireach ann an dùthchannan Eòrpach aig nach eil ceangail no dlùth-dhàimh riutha. Nan fògarraich bhon dachaigh is bhon teaghlach, gun chasaidean oifigeil air a chuir orra a-riamh, tha na daoine seo mu sgaoil le beatha ùr gun a bhith dèiligeadh idir le na trioblaidean pearsanta a dh’fhulaing iad ann an Guantànamo.
Tha Eòrpa am bliadhna a’ comharrachadh 25 bliadhna agus tha sreath ùr dìreach air tòiseachadh gach seachdain air BBC ALBA, BBC2 Scotland agus BBC Parliament.
A’ riochdachadh sgeulachdan bho air feadh na Roinn Eòrpa agus an Rìoghachd Aonaichte, tha Eòrpa air cliù fhaighinn airson mar a tha e a’ dèiligeadh le cùisean Eòrpach agus sgeulachdan nan daoine fhèin. Am bliadhna sa sgioba a chaidh ainmeachadh tha an riochdaire Rebecca NicIllinnein, an neach-naidheachd Angela NicIlleathain, an stiùiriche Maureen NicLeòid, an neach-camara Stephen Hughes agus an luchd-rannsachaidh Murchadh MacSuain is Niall MacÌosaig.
Thuirt neach-naidheachd Eòrpa, Angela NicIlleathain: “Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn an duais agus moiteil às an sgioba air fad. Bu chaomh leinn taing a thoirt dhan fheadhainn a bhruidhinn rinn. Mura biodh daoine deònach na sgeulachdan aca innse, cha bhiodh Eòrpa idir ann.”
Thuirt an riochdaire Rebecca NicIllinnein: “Le Eòrpa a’ comharrachadh 25 bliadhna, abair annas a bh’ ann nuair a bhuannaich sinn BAFTA oidhche na Sàbaid airson a’ phrògram mu Guantànamo. Cha robh dùil sam bith againn gum buannaicheadh sinn is dà chompanaidh eile, STV agus Maramedia/BBC Scotland a’ taisbeanadh prògraman làidir cuideachd. Tha sgioba Eòrpa ag obair gu cruaidh airson sgeulachdan a lorg nach eil a’ faighinn an aon seòrsa aire seach sgeulachdan eile, ach a tha fhathast fiùthail.”
Bha Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA, uabhasach toilichte gu bheil Eòrpa air aithne a chosnadh a-rithist airson mar a tha e ag aithris air cùisean làitheil.
Thuirt Mghr Caimbeul: “Tha Eòrpa an-dràsta air tòiseachadh air an 25mh sreath agus tha e fhathast a’ cosnadh dhuaisean. Tha na h-aithrisean a tha an sgioba a’ toirt thugainn uabhasachadh cudromach agus nas buntainneach na bha iad a-riamh. Tha BBC ALBA air a dhòigh glan gu bheil prògram cho làidir agus cliùiteach gar riochdachadh an dà chuid an seo agus thall-thairis.”