Bòrd MG ALBA
Tha am Bòrd air a dhèanamh suas de Chathraiche agus suas ri 11 ball eile. Tha buill air an cur an dreuchd airson ùine-shuidheachaidh le Ofcom le aonta bho Rùnaire na Stàite. Tha an t-Àrd-Oifigear air a chur an dreuchd leis a’ Bhòrd.
Lean na ceangalaichean gu h-ìosal airson barrachd fosrachaidh mu Bhòrd MG ALBA agus airson pàipearan a’ bhùird fhaighinn.
Ailean Dòmhnullach
Cathraiche
Ceit-Anna NicLeòid
Donaidh MacAmhlaidh
Cathraiche Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
Iain Mac a’ Mhaolain
Iain Stephen Moireasdan
Cathraiche Comataidh Shusbaint, Sgilean & Dhaimhean
Lisa Annette
Màiri Kidd
Marion Nic na Ceàrdaich
Rhoda Nicdhòmhnaill
Ailean Dòmhnullach
Cathraiche
Tha Ailean Dòmhnullach fileanta sa Ghàidhlig. Tha e air a bhith an sàs ann an riochdachadh agus manaidseadh ann an craoladh thairis air 40 bliadhna thar rèidio agus telebhisean. Am measg nan obraichean, bha e na Cheannard agus na neach-seilbh air a’ chompanaidh spòrs agus cur-seachad mneTV agus na stiùiriche agus neach-seilbh air purple TV, riochdaire didseatach agus telebhisean. Bha e ag obair airson 12 bliadhna aig a’ BhBC, dà bhliadhna aig Grampian TV agus 25 bliadhna anns an roinn telebhisean neo-eisimeileach le eòlas air obair naidheachd agus cuisean làithreach ann an rèidio, telebhisean agus pàipearan naidheachd, cho math ri bhith na àrd-riochdaire, na riochdaire agus na stiùiriche air raon farsaing de phrògraman coitcheann nam measg prògraman aithriseach, creideimh, comadaidh agus ciùil.
Ann an 2015, chuir Riaghaltas na h-Alba Ailean an dreuchd mar Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig (am prìomh bhuidheann poblach ann an Alba a tha an urra ri bhith ag adhartachadh leasachadh na Gàidhlig), bha e ron seo na bhall de Bhòrd Colaisde a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh, agus de Bhòrd Skillset ann an Alba. Airson sia bliadhna bha e mar Chathraiche den earrann telebhisein neo-eisimeileach ann an Alba (PACT) agus bha e na stiùiriche air PACT (UK) ann an Lunnainn.
Ceit-Anna NicLeòid
’S ann à Leòdhas a tha Ceit-Anna agus tha i fileanta sa Ghàidhlig. Cheumnaich i à Oilthigh Dhùn Èideann agus tha i ag obair mar neach-lagh. Tha i ag obair na Tagraiche agus chaidh a gairm chun bhàr Albannach ann an 2012. Mus deach i an sàs na dreuchd mar neach-lagha, bha Ceit-Anna ag obair an lùib rèidio agus telebhisean. Cho math ri bhith ag obair mar Thagraiche, tha i na h-urrasair air carthannas a tha a’ toirt comhairle mu dhàimhean.
Donaidh MacAmhlaidh
Cathraiche Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh
Le bhith ag obair airson Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE) airson 36 bliadhna, tha beartas de eòlas ann an leasachadh eaconamach aig Donnie. Mus do leig e seachad a dhreuchd aig HIE ann an 2016, bha e ann an obraichean aig àrd ìre, nam measg Manaidsear Raoin airson nan Eilean Siar, Ceannard Iomairt nan Eilean Siar, Stiùiriche Roinneil airson Na h-Eileanan An Iar agus Earra-Ghàidheal ’s na h-Eileanan agus mu dheireadh mar Stiùiriche Roinneil Bun-structair.
Tha a chuid eòlais a’ toirt a-steach a bhith a’ manaidseadh agus a’ lìbhrigeadh prògraman-obrach ag amas air a bhith a’ taiceachadh dhaoine fa leth, gnìomhachasan agus buidhnean coimhearsnachd, nam measg prògraman sòisealta agus coimhearsnachd, prògraman leasachadh gnìomhachais, solarachadh bun-structar agus trèanadh. A thuilleadh air an sin, tha eòlas aige ann am fastadh agus a’ neartachadh sgiobaidhean, riaghladh corporra agus manaidseadh bhuidseatan.
Rugadh agus thogadh Donnie ann an Càrlabhagh, Leòdhas, far a bheil a dhachaigh an-diugh. Tha e an sàs ann an croitearachd agus tha e na Chlèireach Baile ann an Garenin agus Mullach
Iain Mac a’ Mhaolain
Tha Iain Mac a’ Mhaolain fileanta sa Ghàidhlig, agus rugadh agus thogadh e ann an Uibhist a Deas. Tha e a’ fuireach agus ag obair ann an Steòrnabhagh aig an àm a tha an làthair. Is e neach-cunntais a tha ann mar dhreuchd agus tha e air a bheatha phroifeiseanta a chur seachad ag obair san earrann phoblach, le seirbheis ann an earrannan an Riaghaltais Ionadail, seirbheis nam poileas agus ann an Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Airson na 27 bliadhna mu dheireadh tha Iain air a bhith ann an dreuchdan aig ìre àrd-mhanaidseadh, an toiseachd co-cheangailte ri Ionmhas ach mu dheireadh ann an dreuchdan nas corporra. Tha Iain air a bhith na Cheannard air Colaisde a’ Chaisteil UHI on Fhaoilleach 2012 agus tha e air a bhith an sàs ann an dreuchdan riochdachaidh aig ìre Roinneil agus Nàiseanta ann an earrann nan Colaistean agus taobh a-staigh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Iain Stephen Moireasdan
Cathraiche Comataidh Shusbaint, Sgilean & Dhaimhean
’S e neach-naidheachd a th’ ann an Iain Stephen a tha ag obair ann an clò-bhualadh, air-loidhne, rèidio agus Tbh. Tha e na fhear-deasaiche air a’ phàipear-naidheachd Am Pàipear, a tha air iomadh duais a chosnadh. Tha ioma obair air a bhith aige sna meadhanan agus tha e an sàs ann an diofar iomairtean co-cheangailte ri leasachadh Gàidhlig. Tha e cuideachd an sàs ann an croitearachd.
Lisa Annette
Tha Lisa à Malaig agus tha i fileanta sa Ghàidhlig, is i air a bhith ag ionnsachadh bho aois 17. Tha Lisa a-nis a’ fuireach ann an Glaschu far a bheil i na Riochdaire agus Stiùiriche Cunntais airson a’ bhuidheann chruthachail neo-eisimeileach, Cut Media.
Cheumnaich Lisa bho Shabhal Mòr Ostaig agus thòisich i a cùrsa-obrach air greis gnìomhachais aig MG ALBA, mus deach BBC ALBA a chuir air bhog. Gu luath, chaidh i air adhart gu bhith na pàirt bunaiteach de sgioba ALBA agus bha i a’ stiùireadh riochdachadh taisbeanadh na seanail agus stuthan adhartachadh air an èadhar. Às deidh còig bliadhna le MG ALBA, chaidh Lisa a dh’Astràilia tro phrògram WITBN (Lìonradh Eadar-nàiseanta de Chraoladairean Telebhisiean Dùthchasail) gus obair leis a’ chraoladair dùthchasail an sin, NITV. Chùm Lisa oirre a’ faighinn eòlas riochdachaidh eadar-nàiseanta fhad ’s a bha i a’ fuireach ann an Astràilia agus Sealainn Nuadh, ag obair air a ceann fhèin air riochdachaidhean malairteach mòra. Bho thill i a dh’Alba, chuir i seachad ùine ag obair ann an riochdachadh TBh na Gàidhlig san roinn neo-eisimeileach. Bho thòisich i le Cut Media ann an 2016, tha i air a bhith a’ riochdachadh susbaint bhidio agus iomairtean margaidheachd didseatach airson companaidhean mòra eadar-nàiseanta, leithid adidas & Red Bull.
Màiri Kidd
Tha Màiri na Ceannard Eadar-amail de Litreachas, Cànain agus Foillseachadh aig Alba Chruthachail. Ron sin, bha i na foillsichear le ùidh shònraichte ann an leabhraichean is stuthan eile do chloinn is òigridh, agus na h-Òraidiche ann am Foillseachadh. Bha i na Manaidsear-stiùiridh den chompanaidh foillseachaidh neo-eisimeilich Barrington Stoke agus bha i ag obair ron sin mar Cheannard air Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig. Tha i cuideachd na stiùiriche de Chuilean Craicte, companaidh coimhearsnachd a tha a’ toirt leabhraichean ùra Gàidhlig do dh’òigridh air feadh Alba, bha i na stiùiriche air Independent Publishers’ Guild agus de ghrunnan chomataidhean eile a tha a’ brosnachadh in-ghabhaltachd ann am foillseachadh ann am Breatainn.
Tha ùidh mhòr aig Màiri ann an craoladh is cultar na Gàidhlig. Tha i air a bhith an sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh dràma, sgeulachdan is eile ann an diofar dhòighean tro na bliadhnaichean mar sgrìobhaiche, chleasaiche is eile, gach cuid tro chraoladh agus beò air beulaibh sluaigh.
Marion Nic na Ceàrdaich
Tha Marion air a bhith na h-Àrd-Oifigear de Publishing Scoltand (buidheann malairt agus leasachaidh agus carthannas) bho 2008, le uallaich iomlan airson manaidseadh prògram-obrach na buidhne, iarrtasan maoineachaidh, poileasaidh, am prògram International Publishing Fellowship, agus cuspairean cleachdaidh foillseachaidh. Tha Marion air a bhith ag obair ann an roinn foillseachadh leabhraichean airson còrr is 30 bliadhna, an toiseachd na Foillsichear aig Polygon, a choisinn duais Sunday Times UK Small Publisher of the Year, agus a dh’fhoillsich leabhraichean a bha air geàrr-liosta Booker. Bha i ag obair na h-òraidiche oilthigh air cùrsa ceum Maighistireachd ann am Foillseachadh aig Edinburgh Napier airson sia bliadhna mus do thòisich i le Publishing Scotland ann an 2003 mar Manaidsear Leasachadh Gnìomhachais. Tha Marion cuideachd na ball bùird de Chomhairle nan Leabhraichean (ex-officio), BookSource agus Literature Alliance Scotland a thuilleadh air a bhith na ball Comataidh de Chomataidh Comhairleachaidh Leabharlann aig Sabhal Mòr Ostaig agus na ball de phannal Saltire Society Publisher of the Year. ’S ann à Barraigh a tha Marion bho thùs ach tha i ag obair agus a’ fuireach ann an Dùn Èideann.
Rhoda Nicdhòmhnaill
Rugadh agus thogadh Rhoda air Eilean Leòdhais agus tha i fileanta sa Ghàidhlig. An dèidh ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu, thòisich i air cùrsa-beatha ann an craoladh, an dà chuid air sgrion agus mar riochdaire agus lean seo gu Rhoda a bhith na h-àrd bhall ann an sgioba-stiùiridh STV. Mar Cheannard na Gàidhlig aig STV, bha Rhoda an urra ri bhith a’ cruthachadh raon de phrògraman TBh a’ gabhail a-steach Machair, a’ chiad sreath dràma Gàidhlig agus Speaking Our Language, an t-sreath telebhisein a lean air adhart airson ùine agus a bha i a’ riochdachadh agus a’ preasantadh. An dèidh sin, bha i na Stiùiriche air Prògraman-aithris agus bha i na h-Àrd-Riochdaire air grunnan phrògraman a choisinn duaisean, nam measg After Lockerbie a choisinn Bafta son am Prògram-aithris As Fheàrr.
Ann an 2003, chaidh a suidheachadh mar an Comhairliche Sònraichte airson Rùnaire Stàite na h-Alba a bha ann aig an àm sin, Helen Liddell, agus an dèidh sin bha i na comhairliche conaltraidh agus iomairtean agus tha i a-nis aithnichte mar eòlaiche chùisean phoblach san RA. Tha Rhoda an-dràsta na h-àrd-stiùiriche aig Hanover Communications, fear de na buidhnean comhairleachaidh conaltraidh as motha san RA.