Bòrd MG ALBA
Tha am Bòrd air a dhèanamh suas de Chathraiche agus suas ri 11 ball eile. Tha buill air an cur an dreuchd airson ùine-shuidheachaidh le Ofcom le aonta bho Rùnaire na Stàite. Tha an t-Àrd-Oifigear air a chur an dreuchd leis a’ Bhòrd.
Lean na ceangalaichean gu h-ìosal airson barrachd fosrachaidh mu Bhòrd MG ALBA agus airson pàipearan a’ bhùird fhaighinn.
Iain Moireasdan
Cathraiche
Ingrid NicEanraig
Marion Nic na Ceàrdaich
Cathraiche Comataidh Lèirsinn
Rhoda Nicdhòmhnaill
An t-Oll Calum MacLeòid
Cathraiche Comataidh Sgrùdaidh & Dearbhaidh
Catrìona Mhoireach
Calum Steele
Lachlan Peel
Daibhidh Byrne
Iain Moireasdan
Cathraiche
Neach a tha fileanta sa Ghàidhlig bho Uibhist a Tuath, chuir Iain air chois Morrison Media ann an 2012, companaidh conaltraidh a bhios a’ tabhann ceanglaichean poblach ro-innleachdail, seirbheisean cùisean poblach agus co-chomhairleachadh trèanaidh sna meadhanan. Ron sin, bha Iain na neach-naidheachd aig a’ BhBC airson còrr air 20 bliadhna agus bha grunnan dhreuchd le ìomhaigh àrd aige a’ gabhail a-steach a bhith mar neach-naidheachd Na h-Eòrpa, mar am Prìomh Neach-naidheachd Poilitigeach agus mar Neach-naidheachd Albannach. Tha e air a bhith ag obair air raon de phrògraman Gàidhlig a’ gabhail a-steach Reothart agus Eòrpa. Tha e a’ leantainn air adhart a’ riochdachadh prògram spòrs gach seachdain Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal.
Tha fèin-fhiosrachadh neo-ghnìomhach Iain a’ gabhail a-steach deich bliadhna (2013 – 2022) air Bòrd Sabhal Mòr Ostaig agus trì bliadhna mar riochdaire Alba air Bòrd Sheirbheisean Poblach na RA de PRCA, dreuchd a tha e a-nis air a leigeil seachad.
Ingrid NicEanraig
Stèidhichte ann an Loch Abar agus an sàs ann an iomadh taobh de cheòl traidiseanta, tha fèin fhiosrachadh aig Ingrid thar còrr air trichead bliadhna de bhith a’ taisbeanadh, a’ teagasg, a’ sgrìobhadh agus a’ clàradh ann an raon nan ealain Ghàidhlig agus tha i aig an àm seo a’ ruith Old Laundry Productions, stiùidio clàraidh agus leubail clàraidh a tha stèidhichte ann an Gleann Fhionnainn.
An cois Ingrid tha fèin-fhiosrachadh a’ tighinn cuideachd a thaobh craoladh agus foghlam, leis gun do fhritheil i mar an stiùiriche-ciùil air prògram suaicheanta BBC ALBA Cèilidh na Bliadhn’ Ùire am measg phrògraman eile fhad ’s a bha i a’ teagasg aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Sabhal Mòr Ostaig agus aig an t-Sàr Ionad Nàiseanta Ceòl Traidiseanta. Tha i an-dràsta mar chathraiche air Goireasan Coimhearsnachd Ghleann Fhionnainn SCIO.
Marion Nic na Ceàrdaich
Cathraiche Comataidh Lèirsinn
Tha Marion air a bhith na h-Àrd-Oifigear de Publishing Scoltand (buidheann malairt agus leasachaidh agus carthannas) bho 2008, le uallaich iomlan airson manaidseadh prògram-obrach na buidhne, iarrtasan maoineachaidh, poileasaidh, am prògram International Publishing Fellowship, agus cuspairean cleachdaidh foillseachaidh. Tha Marion air a bhith ag obair ann an roinn foillseachadh leabhraichean airson còrr is 30 bliadhna, an toiseachd na Foillsichear aig Polygon, a choisinn duais Sunday Times UK Small Publisher of the Year, agus a dh’fhoillsich leabhraichean a bha air geàrr-liosta Booker. Bha i ag obair na h-òraidiche oilthigh air cùrsa ceum Maighistireachd ann am Foillseachadh aig Edinburgh Napier airson sia bliadhna mus do thòisich i le Publishing Scotland ann an 2003 mar Manaidsear Leasachadh Gnìomhachais. Tha Marion cuideachd na ball bùird de Chomhairle nan Leabhraichean (ex-officio), BookSource agus Literature Alliance Scotland a thuilleadh air a bhith na ball Comataidh de Chomataidh Comhairleachaidh Leabharlann aig Sabhal Mòr Ostaig agus na ball de phannal Saltire Society Publisher of the Year. ’S ann à Barraigh a tha Marion bho thùs ach tha i ag obair agus a’ fuireach ann an Dùn Èideann.
Rhoda Nicdhòmhnaill
Rugadh agus thogadh Rhoda air Eilean Leòdhais agus tha i fileanta sa Ghàidhlig. An dèidh ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu, thòisich i air cùrsa-beatha ann an craoladh, an dà chuid air sgrion agus mar riochdaire agus lean seo gu Rhoda a bhith na h-àrd bhall ann an sgioba-stiùiridh STV. Mar Cheannard na Gàidhlig aig STV, bha Rhoda an urra ri bhith a’ cruthachadh raon de phrògraman TBh a’ gabhail a-steach Machair, a’ chiad sreath dràma Gàidhlig agus Speaking Our Language, an t-sreath telebhisein a lean air adhart airson ùine agus a bha i a’ riochdachadh agus a’ preasantadh. An dèidh sin, bha i na Stiùiriche air Prògraman-aithris agus bha i na h-Àrd-Riochdaire air grunnan phrògraman a choisinn duaisean, nam measg After Lockerbie a choisinn Bafta son am Prògram-aithris As Fheàrr.
Ann an 2003, chaidh a suidheachadh mar an Comhairliche Sònraichte airson Rùnaire Stàite na h-Alba a bha ann aig an àm sin, Helen Liddell, agus an dèidh sin bha i na comhairliche conaltraidh agus iomairtean agus tha i a-nis aithnichte mar eòlaiche chùisean phoblach san RA. Tha Rhoda an-dràsta na com-pàirtiche aig WA Communications, fear de na buidhnean comhairleachaidh conaltraidh as motha san RA.
An t-Oll Calum MacLeòid
Cathraiche Comataidh Sgrùdaidh & Dearbhaidh
Is e neach-comhairleachaidh neo-cheangailte a thaobh leasachadh seasmhach a tha ann an Calum, neach-acadaimigeach agus sgrìobhadair. Tha e fileanta sa Ghàidhlig agus is ann às na Hearadh a tha e. Tha e a’ fuireach ann an Glaschu a-nis agus tha mòran dhan obair co-chomhairleachaidh aige, obair sgrìobhaidh agus obair poileasaidh a’ cuimseachadh air a’ cheangal eadar am fearann, cultar, coimhearsnachd agus so-sheasmhachd.
Ann an 2010 stiùir Calum an iar-sgrùdadh reachdail air Achd Ath-leasachadh Lagh an Fhearainn (Alba) 2003 às leth Pàrlamaid na h-Alba. Bha e na bhall de chomataidh Maoin Fearann na h-Alba ann an 2016 agus bha e air Bòrd Ùghdarras a’ Chlò Hearaich eadar 2008 – 2016.
Catrìona Mhoireach
Craoladair, riochdaire agus neach-deasachaidh neo-cheangailte le còrr air 35 bliadhna de dh’eòlas riochdachaidh aig a’ BhBC le creideasan an dà chuid mar riochdaire agus preasantair air grunn phrìomh phrògram mu litreachas, na h-ealain, ceòl, eachdraidh agus cànan. Tha Catriona cuideachd na h-ùghdar foillsichte sa Ghàidhlig agus bha i na Cathraiche air Comhairle nan Leabhraichean bho 2017 – 2021. Tha i fileanta sa Ghàidhlig bho thùs agus a’ fuireach ann an Glaschu.
Calum Steele
Àrd-stiùiriche aithnichte an dèidh còig bliadhna deug a chuir seachad na Rùnaire Coitcheann air Caidreachas Poileas na h-Alba gu 2023, far an do leasaich e agus a thug e buaidh air poileasaidh an dà chuid ann an Alba agus air feadh na cruinne, a’ gabhail a-steach an aonadh a chruthaich Seirbheis Poileis na h-Alba. Roimhe seo, bha Calum na chonstabal poileis agus tha e fhathast air Comhairle Eadar-nàiseanta Chomainn Riochdachaidh a’ Phoileis. Tha efileanta sa Ghàidhlig bho thùs agus tha e an-dràsta stèidhichte ann an Dollar.
Lachlan Peel
Mar neach a chaidh oideachadh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, tha Lachlann an-dràsta ag obair do JP Morgan ann an Dùn Èideann an dèidh ceumnachadh bho Oilthigh Oxford le ceum ann an Eachdraidh. Fhad ’s a bha e san sgoil, bha Lachlann a’ farpais ann am farpais film goirid FilmG far an do choisinn e ‘Film Oileanach as Fheàrr’ agus ‘An Coileanadh as Fheàrr’ agus bhon uair sin tha e air a bhith a’ toirt taic don iomairt mar bhritheamh
Daibhidh Byrne
Tha Daibhidh à Inbhir Nis na neach-labhairt Gàidhlig, agus tha e na neach-tionnsgain agus na dheasaiche siubhail seasmhach 360°. Tha an t-eòlas aige air leantainn gu obair craolaidh leis a’ BhBC, ITV, agus LBC, agus an sgrìobhadh aige a’ nochdadh ann am foillseachaidhean leithid The Sun agus The Scotsman. Tha e na alumnus for-cheum aig Sabhal Mòr Ostaig, far an robh e cuideachd ag obair ann an dreuchd leasachaidh mus deach e gu BBC Scotland, ag obair air a’ phrògram cùisean an latha, Eòrpa, a choisinn iomadh duais. Tha e an-dràsta na iar-chathraiche air Urras Cuimhneachaidh Cogaidh Àrd-sgoil Hillhead.