CBBC ALBA 2021

English / Beurla

CBBC ALBA 2021

Gheibhear barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal mu dheidhinn Cuairt Coimiseanaidh CBBC ALBA – 2021

Mu

Tha BBC ALBA a’ lìbhrigeadh measgachadh sgoinneil de phrògraman chloinne agus cartùnaichean do chlann le Gàidhlig fo na branndan CBeebies ALBA agus CBBC ALBA.

Tha sinn airson ’s gum bi a h-uile neach-amhairc òg againn pròiseil às an cuid cànan agus a’ faicinn Gàidhlig mar rudeigin a tha a’ buntainn riutha.  Mar sin, tha sinn a’ cur barrachd cuideam air fòrmatan live-action a tha a’ ceangal riutha ann an dòigh sgiobalta agus ann an dòigh a tha a’ ciallachadh rudeigin dhaibh.

Tha sinn an-dràsta a’ sireadh thagraidhean airson fòrmatan live-action ùr a tha air an dealbhadh gu sònraichte airson ar luchd-èisteachd CBBC ALBA (aois 7-12).

Gnèithean

Is iad na gnèithean anns a bheil ùidh againn:

 

Cur-seachad fìrinneach

  • Fòrmatan le eileamaid eadar-ghinealach – dè na h-eòlasan as urrainn do dhaoine òga a cho-roinn le inbhich?
  • Fiosrachail agus spòrsail – ionnsachadh a dh’fhaodas a “thoirt air falbh” ach cuideachd cothrom do chlann a bhith a’ gàireachdainn gun sguir.

 

Comadaidh agus dibhearsain

  • Prògraman sgeidse – dòigh-obrach modúlach gus an tèid sgeidsichean a bhriseadh sìos agus a chleachdadh air ùrlaran eile.
  • Draoidheachd no cleasan – fòrmatan èibhinn, escapist a dh’fhaodar a chleachdadh a-rithist.

Maoin

Gheibh am pròiseact tabhartas maoineachaidh bho MG ALBA de £150,000.

 

Tha sinn an dùil cuideachd, aig an ìre is lugha, gun cuir a’ chompanaidh shoirbheachail a-steach airson maoineachadh co-ionnan ri Maoin Susbaint Luchd-amhairc Òga BFI a bharrachd air creideasan cìse na RA.

 

Bi dùil gun tèid am pròiseact a shoirbhicheas a choilionadh anns a bhliadhna ionmhais sa.

 

Young Audiences Content Fund

 

Faochadh cìse (tro dhearbhadh creideas cìse BFI)

Pròiseas Tagraidh

Bu chòir tagraidhean deireannach agus ceistean sam bith a chur gu Claire NicDhòmhnaill: claire.macdonald@bbc.co.uk

 

Ceann-là thagraidhean – Dihaoine 11mh Ògmhios 2021 aig 5f.

 

Ceann-là airson co-dhùnaidhean com-pàirteachais MG ALBA/BBC – Dihaoine 25mh Ògmhios 2021 aig 5f.