BBC ALBA – Cuairt Coimiseanaidh Solarachaidh Ioma-bhliadhnail 2020

English / Beurla

Cuairt Coimiseanaidh Solarachaidh Ioma-Bhliadhnail 2020 – BBC ALBA

Gheibhear barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal mu dheidhinn Cuairt Coimiseanaidh Solarachaidh Ioma-Bhliadhnail 2020 – BBC ALBA.
Lean an ceangal gu h-ìosal airson Stiùreadh Coimiseanaidh Solarachaidh Ioma-Bhliadhnail:

Mu dheidhinn

Tha BBC ALBA na sheirbheis telebhisein le cead craolaidh bhon BhBC, air a riaghladh ann an com-pàirteachas le MG ALBA agus am BBC.

Gu ruige seo tha dà eileamaid air a bhith ann an ro-innleachd coimiseanaidh BBC ALBA: dà chuairt coimiseanaidh gach bliadhna, agus cùmhnantan ioma-phrògram, ioma-bliadhna ris an canar cùmhnantan ‘pasgan’.

Ged a bhios an ro-innleachd coimiseanaidh seo a’ leantainn air adhart san fharsaingeachd, tha an fheallsanachd a tha air cùl nan cùmhnantan ioma-bliadhna ag atharrachadh. Mar chomharra air an àrainneachd ioma-ùrlar farpaiseach anns am bheil BBC ALBA a’ farpais, agus cho riatanach ’s a tha e dèanamh cinnteach gum bi luchd-coimhid a’ taghadh susbaint BBC ALBA, gluaisidh an dòigh-obrach airson nan cùmhnantan ioma-bliadhna bho chosgais nas ìsle san uair, meud àrd, gu barrachd cuideam air buaidh.

Tha am pàipear seo a’ mìneachadh na sreathan de ghnèithean a tha an com-pàirteachas a’ sireadh air stèidh ioma-bliadhna.

Pròiseas

Thoir fa-near air na leanas:

  • Is e an ceann-là airson tagraidhean solair ioma-bliadhna Diluain 11 Faoilleach, 2021 aig 5.30f.
  • Is e an ceann-là ris a bheil dùil airson co-dhùnaidhean com-pàirteachas MG ALBA/BBC Diciadain 31 Màrt, 2021.
  • Thathar an dùil gun tòisich cùmhnantan ioma-bliadhna air 1 Iuchar 2021.
  • Mairidh na cùmhnantan trì bliadhna.
  • Tha prìs as àirde agus na h-uairean a thìde as ìsle aig gach sreath de ghnè ioma-bliadhna: mar sin thèid tagraidhean a mheasadh sa mhòr-chuid air buaidh chruthachail an tagradh aca – mar sin, thoir fa-near de gach eileamaid de na slatan-tomhais measaidh a thaobh seo. Chan eil sinn an dùil gum bi companaidhean a’ tagradh nas ìsle na a’ phrìs ainmichte, no a’ moladh àrdachadh mòr sam bith ann an uairean: is e an t-amas susbaint a chruthachadh le buaidh taobh a-staigh a’ bhuidseit a chaidh a shònrachadh.
  • Faodaidh companaidhean tagradh airson barrachd air aon ghnè solair gu sgèile ris a bheil iad comhfhurtail.
  • Tha aon ghnè (Ceòl is Tachartasan Gnè 2) gu sònraichte a’ sireadh modhan com-pàirteachais ùr-ghnàthach: bhiodh sinn a’ cur fàilte air an dòigh-obrach seo air gnèithean eile cuideachd ma tha sin iomchaidh. Thoir fa-near, gus leigeil le craoladh susbaint a tha gu math sònraichte, ach is dòcha dùbhlanach gu loidsigeach a ghlacadh, gum bi goireasan MG ALBA (a’ toirt a-steach uidheamachd agus luchd-obrach) rim faighinn aig cosgais do thagraiche sam bith nam biodh iad ag iarraidh sgrùdadh a dhèanamh air a leithid.
    Tha sinn fhathast àrd-amasach airson fàs coimearsalta roinn solair BBC ALBA agus airson cultar tionnsgain a thogail. Gus togail air eachdraidh co-riochdachadh agus co-mhaoineachadh eadar-nàiseanta a tha a-nis stèidhichte, thèid iarraidh air an dà chùmhnant le luach as àirde (Aithriseach Gnè 1 agus Cèol is Tachartasan Gnè 1) Preantas Ceumnaiche Riaghladh Gnìomhachais le Gàidhlig a chur an dreuchd. Bidh MG ALBA ag obair le solaraichean gus taic ionmhais co-dhiù 50% fhaighinn airson tuarastal a’ Phreantais airson ùine a’ phreantasachd aca.

Slatan-tomhais

Is iad seo na slatan-tomhais airson co-dhùnaidhean bho sheadh cruthachail mu thagraidhean don chuairt coimiseanaidh solair ioma-bliadhna:

1. Buaidh: faodar buaidh a chruthachadh agus a thomhas ann an iomadh dòigh, a’ toirt a-steach duaisean, ruigsinneachd luchd-amhairc, tarraing air na meadhanan sòisealta. Tha sinn àrd-amasach airson susbaint BBC ALBA, agus thar nam bliadhnaichean tha sinn air barrachd aithne eadar-nàiseanta fhaicinn airson prògraman Aithriseach agus Ceòl is Tachartasan. Sònraich mar a chruthaicheas tu buaidh airson BBC ALBA leis an tagradh agad: ciamar a nì an t-susbaint seo cinnteach gum bi an luchd-amhairc a’ taghadh BBC ALBA. Airson gnèithean Aithriseach, tha sinn an dùil gun cuir thu a-mach dè a’ chuibhreann den tagradh agad a bhios mar ‘phròiseactan àrd-amasach aig ìre cruinne’, a bharrachd air a’ chuibhreann aig am bi gnìomh ‘clàradh’, ie, raointean sònraichte anns a bheil ùidh aig cànan agus cultar na Gàidhlig agus a chruthaicheas susbaint air leth sònraichte

2. Co-mhaoineachadh: far a bheil sin iomchaidh, tha sinn an dùil gum bi tagraidhean a’ sònrachadh dè a’ chuibhreann den mhaoineachadh aca air a bhios iad a’ feuchainn ri co-mhaoineachadh a choileanadh. Ann an Aithriseach Sreath 1, tha sinn an dùil gum bi co-dhiù 4 uairean den t-susbaint air a cho-mhaoineachadh.

3. Ioma-ùrlar: is e susbaint cruth fada einnsean BBC ALBA, agus tha na gnèithean a’ buntainn ri susbaint cruth fada. Ach, ann an saoghal ioma-ùrlar, faodar susbaint cruth fada ath-dhealbhadh no faodar stuth co-phàirteach a chruthachadh airson ùrlaran eile. Bu chòir don tagradh agad mìneachadh mar a chuireas tu luach ioma-ùrlar, a’ gabhail a-steach gur dòcha gu bheil feum air ceadan a bharrachd.

4. Eòlas dearbhaichte ann an riochdachadh telebhisein: bu chòir don tagradh agad ur eòlas a mhìneachadh.

5. Poileasaidh companaidh a dh’ionnsaigh cumail suas a’ Ghàidhlig ann an Alba: bu chòir don tagradh agaibh sònrachadh mar a tha sibh am beachd dìleab a chruthachadh don Ghàidhlig leis an t-seilbheach seo, a thaobh tàlant le comas na Gàidhlig aig gach ìre den ghnìomhachas agaibh. Bu chòir seo gabhail a-steach a bhith a’ mìneachadh ur planaichean airson seilbheach ann an trèanadh gnìomhachais.

6. Iomadachd: tha BBC ALBA na chom-pàirteachas de dhà bhuidheann stèidhichte air maoineachadh poblach, agus tha àite sònraichte againn ann an eag-eòlas cruthachail na h-Alba. Cleachdaidh sinn ar suidheachadh sa ghnìomhachas gus atharrachadh a thoirt air adhart agus gus dèanamh cinnteach gu bheil neach sam bith a bhios a’ dèanamh phrògraman dhuinn a’ cur ri riochdachadh a tha a’ sìor fhàs, fìor agus iomadachd. Bu chòir dhuibh sònrachadh mar a bhios an t-susbaint a thathar a’ moladh a’ nochdadh iomadachd Alba an là an-diugh, agus mar a nì thu cinnteach gun tèid guthan agus eachdraidh eadar-mheasgte a thoirt a-steach an dà chuid air agus far-sgrion.

GNÈITHEAN SOLAR PHRÒGRAIM

1.
Prògraman Aithriseach Streath 1.
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach, 9f.
Cruth: Prògraman aithriseach de 58-59 mionaid gach fear.
Luchd-amhairc: Coimhearsnachd na Gàidhlig no coimhearsnachd air feadh na h-Alba
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £840,000
Uairean airson solar: 14 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

2.
Prògraman Aithriseach Sreath 2.
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach, 9f.
Cruth: Prògraman aithriseach de 58-59 mionaid gach fear.
Luchd-amhairc: Coimhearsnachd air feadh na h-Alba no coimhearsnachd Ghàidhlig.
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £240,000
Uairean airson solar: 4 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

3.
Dibhearsain fìrinneach Sreath 1.
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach, 8.30f.
Cruth: Sreath de phrògraman, 29 mionaidean gach fear.
Luchd-amhairc: Coimhearsnachd Ghàidhlig
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £380,000
Uairean airson solar: 14 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

4.
Dibhearsain fìrinneach Sreath 2.
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach, 8.30f.
Cruth: Sreath de phrògraman, 29 mionaidean gach fear.
Luchd-amhairc: air feadh na h-Alba
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £220,000
Uairean airson solar: 7 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

5.
Prògraman fìrinneach stèidhichte air susbaint a chaidh fhaighinn.
A’ chiad chraolaidh: Là seachdaineach, 10f.
Cruth: A rèir an ùine a chaidh fhaighinn.
Luchd-amhairc: air feadh na h-Alba
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £260,000
Uairean airson solar: 30 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

6.
Dibhearsain aotrom.
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach, 10f.
Cruth: Sreath de phrògraman, 29 mionaidean gach fear.
Luchd-amhairc: Coimhearsnachd Ghàidhlig gu sònraichte fo aois 30 bliadhna
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £200,000
Uairean airson solar: Ìre as ìsle 5

7.
Ceòl is Tachartasan Sreath 1
A’ chiad chraoladh: Deireadh-sheachdainean, 9f. (faodaidh cuid a bhith tron t-seachdain)
Cruth: Prògraman beò/mar beò/luath, fad mar a tha iomchaidh don tachartas.

Ceòl is Tachartasan Sreath 1 – Mion-fhiosrachadh
Thathas an dùil gum bi an t-susbaint seo beò/mar beò/luath bho phrìomh thachartasan leithid Celtic Connections (7 uairean), Belladrum (16 uairean), Na Trads (4 uairean) agus Farpaisean Chon-Chaorach (4 uairean). Dh’fhaodadh measgachadh an tachartais atharrachadh gu tachartasan den aon seòrsa rè cùrsa a’ chùmhnaint.

Air a mhìneachadh gu h-ìosal tha mion-fhiosrachadh mionaideach mun t-susbaint a tha san amharc.

  • Belladrum – craoladh beò le 7+ 2 chamara aig a’ char as lugha thar trì oidhcheannan den fhèis, measgachadh de phrìomh àrd-ùrlar, ‘acoustics’ air an clàradh gu sònraichte agus na pìosan as fheàrr den fhèis airson co-dhiù 5.5 uair a thìde. Pìosan ciùil nach fhacas roimhe air an tionndadh gu sgiobalta airson co-dhiù 10.5 uairean. Bidh còraichean craolaidh an tachartais air an cumail no thèid an rèiteachadh le MG ALBA. Luchd-amhairc – Nàiseanta.

 

  • Celtic Connections – 3 uairean de chraoladh beò de phìosan air an taghadh leis na riochdairean le co-dhiù 6 camara agus 4 uairean le 6 camara aig a’ char as lugha stèidhichte air tionndadh luath de shusbaint ro-chlàraichte airson a chraoladh timcheall air àm na fèise. Tha còraichean craolaidh air an cumail, no thèid an rèiteachadh le MG ALBA. Luchd-amhairc – Gàidhlig le co-fhaireachdainn Nàiseanta

 

  • Na Trads – 2 uair a thìde de chraoladh beò bho dhiofar ionadan air feadh Alba le 7 +2 camara aig a’ char as lugha bho chomharrachadh bliadhnail Ceòl Traidiseanta na h-Alba le 2 uair a bharrachd de shusbaint nach fhacas roimhe a chaidh a ghlacadh aig an tachartas. Tha còraichean ruigsinneachd agus craolaidh air an gleidheil le MG ALBA ann an com-pàirteachas le Hands Up For Trad. Luchd-amhairc – Gàidhlig le co-fhaireachdainn Nàiseanta

 

  • Farpaisean Chon-Chaorach – 4 uairean de phrògraman air an aithris le na preseantairean agus pasgain bho na Deuchainnean Coin Caorach Nàiseanta is Eadar-nàiseanta aig ionadan air feadh na RA. Air a chlàradh le 4 camara aig a’ char as lugha agus SCU a bharrachd. Thèid còraichean ruigsinneachd agus craolaidh leis a’ Chomann Eadar-nàiseanta Chon-Chaorach am barganaichte le MG ALBA. Luchd-amhairc – Nàiseanta.

 

Luchd-amhairc: Gàidhlig le co-fhaireachdainn Nàiseanta
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £1,000,000
Uairean ri thoirt seachad: 31 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

8.
Ceòl is Tachartasan Sreath 2
A’ chiad chraoladh: Deireadh-sheachdainean, 9f.
Cruth: Beò/mar beò/prògraman, fad mar a tha iomchaidh don tachartas.

Ciùil is Tachartasan Sreath 2 – Mion-fhiosrachadh
Is e iomairt ùr a th’ anns a’ ghnè seo le MG ALBA a’ coimhead ri bhith a’ com-pàirteachadh le buidhnean agus/no companaidhean riochdachaidh gus tachartasan ciùil is ealain a nochdadh agus tàlant ùr bho àiteachan gun riochdachadh timcheall air Alba. Faodaidh goireasan MG ALBA (a’ toirt a-steach uidheamachd agus luchd-obrach) a bhith rim faighinn aig cosgais do thagraiche sam bith ma tha iad airson seo a sgrùdadh. Tha dùil ri còig tachartasan, air an lìbhrigeadh fo mhodal com-pàirteachais le dùil ri maoineachadh maidsidh no goireasan neo-ghnèitheach.

Luchd-amhairc: Gàidhlig le co-fhaireachdainn Nàiseanta
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £125,000 gach bliadhna
Uairean airson solar: 7.5 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

Tiotalan prògraman chloinne air an ceannach
Gheibh MG ALBA measgachadh de thiotalan chloinne a tha ag amas air gach cuid na buidhnean aois ro-sgoile agus 6-9, agus ann an deasbad le tagraichean soirbheachail feuchaidh iad ri cothromachadh practaigeach a ruighinn a thaobh measgachadh de phròiseactan le aire do eòlas, tàlant, iom-fhillteachd agus eallach obrach.

9.
Tiotalan prògraman chloinne air an ceannach Sreath 1
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach.
Cruth: Sreath de phrògraman, fad an urra ri fad a chaidh fhaighinn.
Luchd-amhairc: Clann, coimhearsnachd Ghàidhlig
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £142,500
Uairean airson solar: 15 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

10.
Tiotalan prògraman chloinne air an ceannach Sreath 2
A’ chiad chraoladh: Là seachdaineach.
Cruth: Sreath de phrògraman, fad an urra ri fad a chaidh fhaighinn.
Luchd-amhairc: Clann, coimhearsnachd Ghàidhlig
Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2021 airson trì bliadhna
Buidseat gach bliadhna: £332,500
Uairean airson solar: 35 uairean a thìde aig a’ char as ìsle

Ceann-latha deireannach

Is e an ceann-là airson thagraidhean solar phasgan Diluain 11 Faoilleach 2021 aig 5.30f.

Faodar ceistean sam bith mun phròiseas seo a chuir gu pasgan@mgalba.com aig àm sam bith. Bidh oifigearan BBC ALBA rim faighinn airson coinneamhan goirid le tagraichean san t-Samhain/Dùbhlachd 2020 agus thèid fiosrachadh mun deidhinn a thoirt seachad a dh’aithghearr. Thèid fiosrachadh a thèid a cho-roinn le pàrtaidh sam bith fhoillseachadh mar Ceistean Cumanta air làrach-lìn MG ALBA.

Feumar a h-uile tagradh a chuir a-steach gu dealanach gu pasgan@mgalba.com ron cheann-là. Thèid cuidhteas a thoirt a-mach gu fèin-ghluasadach. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ cheann-là seo agus tha e mar dhleastanas air a’ chompanaidh riochdachaidh dèanamh cinnteach gun deach an lìbhrigeadh a choileanadh.

Is e an ceann-là ris a bheil dùil airson co-dhùnaidhean com-pàirteachais MG ALBA/BBC Diciadain 31 Màrt, 2021.

Ma tha ceistean agad mu phàirt sam bith den chuairt coimiseanaidh seo, cuir post-d gu pasgan@mgalba.com