2024 Cuairt Coimiseanaidh Cùmhnant Riochdachaidh Ioma-bhliadhnail

English / Beurla

Mu BhBC ALBA

’S e seanail ùr-nòsach, adhartach a th’ ann am BBC ALBA leis a’ Ghàidhlig agus a’ choimhearsnachd aig a cridhe. Air a ruith ann an com-pàirteachas eadar am BBC agus MG ALBA, is e an t-amas aice luchd-amhairc air feadh Alba agus nas fhaide air falbh a ghluasad agus a bhrosnachadh le sgeulachdan agus seallaidhean sònraichte Gàidhlig.  Faicibh Pàipear-taic 2 airson fiosrachadh mu MG ALBA agus a dhleastanas ann a bhith a’ maoineachadh agus a’ dol gu cùmhnant leis an t-susbaint seo.

Tha susbaint air ùrlar iPlayer agus seanail loidhneach BBC ALBA air a choimeasanadh ann an dà dhòigh eadar-dhealaichte:

 

  1. Cuairtean coimiseanaidh cunbhalach ag amas air susbaint shònraichte a lìbhrigeadh.
  2. Cùmhnantan riochdachaidh ioma-bhliadhnail, ’s iad sin a’ mhòr chuid de ar susbaint.

Ann an saoghal meadhanan farpaiseach far a bheil roghainn gun chrìoch thar phailteas ùrlaran, feumaidh luchd-amhairc adhbhar sònraichte airson BBC ALBA a thaghadh.

Tha seo a’ ciallachadh gu feum a h-uile pìos susbaint air BBC ALBA a bhith comasach air briseadh troimhe agus buaidh agus feabhas a lìbhrigeadh.

Gus an t-amas seo a choileanadh, tha sinn ag àrdachadh na h-ìre de mhaoineachadh airson susbaint nar cuairtean coimiseanaidh cunbhalach a’ gabhail a-steach maoineachadh airson co-riochdachadh agus co-mhaoineachadh.

Tha an aon fhòcas air sònrachas cruthachail a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ daingneachadh agus a’ cur còmhla nan cùmhnantan riochdachaidh ioma-bhliadhnail sa chuairt coimiseanaidh seo taobh a-staigh còig gnèithean.

Chuireamaid fàilte air tagraidhean bho chompanaidhean riochdachaidh airson nan gnèithean a leanas. Bidh na coimiseanan soirbheachail mar bhunait air cùmhnantan dà bhliadhna a’ tòiseachadh san Iuchar 2024.  A rèir dèanadais, bidh comas aig ùine a’ chùmhnaint a leudachadh airson aon bhliadhna eile.

Ceòl agus Tachartasan

  • 31 uairean sa bhliadhna
  • Luach cùmhnant: £1,200,000 sa bhliadhna
  • Lìbhrigeadh a rèir tachartasan beò agus feumalachdan ioma-ùrlar
  • Luchd-amhairc air a bheilear ag amas: Gàidhlig le brìgh nàiseanta
Tha am pasgan seo ag amas gu sònraichte air craoladh beò ioma-chamara, stoidhle OB de thachartasan mòr-chòrdte – Belladrum, Celtic Connections, Na Trads. (Faic Pàipear-taic 1 airson fiosrachadh mionaideach).

Tha na h-amannan beò seo air a bheil feum air tionndadh sgiobalta deatamach gus luchd-amhairc mòr a thoirt chun iPlayer agus chun na seanail loidhneach againn.

Coltach ris a h-uile pasgan, bidh ro-innleachd dhidseatach a tha air obrachadh a-mach gu soilleir cuideachd na phàirt deatamach de thagradh soirbheachail sam bith.

Thoir an aire gu bheil am pasgan Ciùil is Tachartasan seo ag iarraidh ìre de eòlas teicnigeach a thuilleadh air comas dàimhean treas-phàrtaidh agus luchd-ùidh a chruthachadh agus a chumail suas.

Aithriseach

  • 12 uairean sa bhliadhna
  • Luach cùmhnant: £720,000 sa bhliadhna
  • Lìbhrigeadh a rèir prìomhachasan foillseachaidh is margaidheachd stèidhichte
  • Luchd-amhairc air a bheilear ag amas: Gàidhlig le brìgh nàiseanta
Tha sinn a’ coimhead airson cuspairean sònraichte mu nàdar, cruth-tìre no àrainneachd, no sgeulachdan pearsanta is coimhearsnachd le sùil cruinne.

Bu chòir gum biodh tarraingeach farsaing aig na prògraman seo le sgeulachdan làidir a mhaireas thairis air measgachadh de 45-60 mionaidean.

Tha sinn gu sònraichte a’ sireadh sreathan goirid sa phasgan seo seach sreathan singilte (mura bheil prìomhachas clàr-ama ann).

Bu chòir gum biodh e comasach do bheachdan susbaint didseatach ciad chruth goirid a bharrachd a sholarachadh gus luchd-amhairc neo-loidhneach a thoirt chun na seanail agus dol an sàs a bhrosnachadh.

Dh’fhaodadh co-riochdachadh agus co-mhaoineachadh buntainn ris an t-susbaint seo ach bidh e deatamach cinn-latha foillseachaidh a choileanadh.

Cur-seachad Aithriseach (Prìomh Luchd-amhairc na Gàidhlig)

  • 12 uairean sa bhliadhna
  • Luach cùmhnant: £384,000 sa bhliadhna
  • Lìbhrigeadh a rèir prìomhachasan clàraichte agus margaidheachd stèidhichte
  • Luchd-amhairc air a bheilear ag amas: Prìomh luchd-amhairc na Gàidhlig
Tha sinn a’ sireadh cruthan Fact-Ent mòr-chòrdte a tha ag amas gu tur air an t-àm 8:30f sa chlàr loidhneach a bhios a’ sealbhachadh Prìomh Luchd-amhairc na Gàidhlig bho phrògram naidheachdan beò làitheil BBC ALBA.

Bu chòir tàlant a bhith aig cridhe an tagradh seo leis an amas an luchd-amhairc as fharsainge a ruighinn.

Bhiodh prògraman leth-uair a tha comasach air branndaichean a thogail nas fheàrr.

Bu chòir gum biodh e comasach do bheachdan susbaint didseatach ciad chruth goirid a bharrachd a sholarachadh gus luchd-amhairc neo-loidhneach a thoirt chun na seanail agus dol an sàs a bhrosnachadh.

Cur-seachad Aithriseach (Luchd-amhairc nas òige)

  • 12 uairean sa bhliadhna
  • Luach cùmhnant: £384,000 sa bhliadhna
  • Luchd-amhairc air a bheilear ag amas: Gàidhlig le brìgh nàiseanta
Is e am prìomhachas leis a’ phasgan seo cruthan tarraingeach a lìbhrigeadh ann an dòigh ùr a chòrdas ri daoine.

Is e an t-amas luchd-amhairc nas òige a thàladh (fo 35).

Smaoinich air didseatach/iPlayer an toiseach agus amannan sùbailte.

Bidh ro-innleachd mhionaideach airson ruighinn air luchd-amhairc didseatach cudromach.

Prògraman Aithriseach air an ceannach a-staigh

  • 35 uairean sa bhliadhna
  • Luach cùmhnant: £315,000 sa bhliadhna
  • Luchd-amhairc air a bheilear ag amas: Gàidhlig le brìgh nàiseanta
Tha sinn a’ cur barrachd cuideam air na tha sinn a’ ceannach de phrògraman aithriseach leis an amas sreathan làn-bhuaidh a chur air feadh a’ chlàr aig 9f.   (Thèid gabhail ri amannan coimearsalta airson fad 60 mionaidean).

Bidh e deatamach gum bi miann ann airson nan cruthan aithriseach eadar-nàiseanta as fheàrr, agus inntinn airson susbaint air a stiùireadh le aithris a chomharrachadh a bhios gu math iomchaidh don luchd-amhairc againn.

Bidh eòlas a thaobh chùmhnantan airson prògraman air ceannach, agus a’ làimhseachadh nan dùbhlain cruthachail is teicnigeach a thaobh tionndadh gu Gàidhlig, cudromach cuideachd.

Bidh luach a’ chùmhnaint a’ toirt a-steach cosgais ceadachd bho luchd-sgaoilidh/treas phàrtaidhean.

Tagraidhean

Feuch an cuir sibh a-steach:

  • Geàrr-chunntas cruthachail dà-bhliadhna agus geàrr-iomradh air molaidhean susbaint airson Bliadhna 1.
  • Fiosrachadh mu eachdraidh ur companaidh, prìomh thàlant agus duaisean sam bith a choisinn sibh.
  • Tha atharrachadh pàtrain cleachdaidh luchd-amhairc a’ ciallachadh gu bheil ar luchd-amhairc a’ sùileachadh susbaint air grunnan ùrlaran agus mar sin bu chòir don tagradh agaibh mion-fhiosrachadh mar a chuireas sibh susbaint ioma-ùrlar ris gus luchd-amhairc a tharraing a-staigh agus ur susbaint a mhargaidheachd.
  • Mion-fhiosrachadh air mar a thèid an t-susbaint a mhargaidheachd don luchd-amhairc air a bheileas ag amas le eisimpleirean air mar a bhiodh seo a’ coimhead/a’ faireachdainn agus dè na goireasan a bhiodh air an cruthachadh gus taic a thoirt don eileamaid seo den tagradh.
  • Molaidhean air mar a tha sibh am beachd dìleab a chruthachadh don Ghàidhlig a thaobh tàlant le Gàidhlig aig gach ìre den ghnìomhachas agaibh. Bu chòir seo a bhith a’ mìneachadh ur planaichean airson seilbheach ann an trèanadh gnìomhachais.
  • Mion-fhiosrachadh air mar a bhios an t-susbaint agaibh a’ nochdadh iomadachd na h-Alba san latha an-diugh, agus mar a nì sibh cinnteach gum bi guthan agus cùl-fhiosrachadh eadar-dhealaichte an dà chuid air agus far an sgrion.
  • Plana lìbhrigidh a’ gabhail a-steach planaichean airson riochdachadh seasmhach a’ cleachdadh àireamhair Albert agus teisteanas agus trèanadh prìomh luchd-obrach riochdachaidh.
  • Dearbhadh air inbhe na companaidh mar fhastaiche tuarastail bith-beò.
  • Mion-sgrùdadh buidseit aon-dhuilleag. 

Beachdachaidhean Eile

 

    • Tha prìsean agus uairean a thìde de phasgan gnèithean stèidhichte.
    • Faodaidh companaidhean tagradh a dhèanamh airson barrachd air aon phasgan.
    • Thèid dèanadas ath-sgrùdadh gu foirmeil aig deireadh Bliadhna 1 agus Bliadhna 2.
    • A rèir dèanadais, faodar leudachadh cùmhnant airson aon bhliadhna a thabhann.
    • Tha cùmhnantan MG ALBA ag iarraidh gum bi rèiteachadh le tàlant stèidhichte air aontaidhean PACT le aonaidhean tàlant.

Clàr-ama

  • Is e an ceann-latha airson tagraidhean solarachaidh ioma-bliadhna 1f Dihaoine 9 Gearran 2024.
  • Feumar a h-uile tagradh a chur gu pasgan@mgalba.com ron cheann-latha. Thèid cuidhteas a chruthachadh gu fèin-ghluasadach. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ cheann-latha seo agus tha e mar dhleastanas air a’ chompanaidh riochdachaidh dèanamh cinnteach gun tèid na tagraidhean an lìbhrigeadh.
  • Thèid cothrom cùisean sam bith co-cheangailte ris a’ chuairt coimiseanaidh seo a shoilleireachadh Diardaoin 18 agus Dihaoine 19 Faoilleach 2024 nuair a bhios oifigearan com-pàirteachais rim faighinn airson coinneamhan le tagraichean san amharc.
  • Faodaidh ceistean a chur air post-d gu claire.macdonald@bbc.co.uk ro Dhiluain 15 Faoilleach 2024.
  • Thèid dèiligeadh ri ceistean sam bith a thèid a thogail ann an dìomhaireachd ach faodar cuspairean cudromach a roinn tro Cheistean Cumanta (FAQs) air duilleagan-lìn coimiseanaidh MG ALBA, ro 26 Faoilleach 2024.
  • Aon uair ’s gu bheil an cuairt coimiseaidh dùinte, thèid an cothrom na tagraidhean seo a dheasbad agus a leasachadh tro agallamhan le tagraichean. Thathas an dùil gum bi na coinneamhan sin ann Dimàirt 20 Gearran 2024.
  • Is e Dihaoine 29 Màrt 2024 an ceann-latha ris a bheil dùil airson co-dhùnaidhean com-pàirteachais MG ALBA/BBC.
  • Tha dùil gun tòisich cùmhnantan ioma-bliadhna Diluain 1 Iuchar 2024.
  • FAQs: FAQs – 2024 Multi-annual Production Contract Commissioning

Slatan-tomhais Measaidh

Tha slatan-tomhais airson co-dhùnaidhean air tagraidhean (le cuideaman iomchaidh) air am mìneachadh gu h-ìosal:

  • 35% Feabhas, cruthachalachd agus so-aithneachas an tagraidh agus freagarrach airson BBC ALBA
  • 25% Eòlas daingnichte ann an lìbhrigeadh soirbheachail de shusbaint le buaidh mhòr gu
    craoladair TBh aithnichte no streamer
  • 20% Molaidhean susbaint ioma-ùrlar agus eachdraidh cruthachaidh is lìbhrigidh
  • 10% Molaidhean airson leasachadh prìomh thàlant le Gàidhlig air agus far an sgrion
  • 10%      Ro-innleachd Iomadachd & In-ghabhail airson a’ chùmhnant seo a lìbhrigeadh

Pàipear-taic 1

Ceòl agus Tachartasan

 

A’ chiad uair sa chlàr-ama: Deireadh-sheachdainean, timcheall air 9f. (faodaidh cuid a bhith tron ​​t-seachdain)

 

Cruth: Beò/iPlayer an toiseach/prògraman air an tionndadh timcheall gu sgiobalta, fad mar a bhios iomchaidh don tachartas.

 

Thathas an dùil gum bi an t-susbaint seo beò / iPlayer an toiseach / tionndadh sgiobalta bho phrìomh thachartasan leithid Celtic Connections (7 uair a thìde), Belladrum (20 uair a thìde), Na Trads (4 uair a thìde). Dh’fhaodadh am measgachadh tachartais atharrachadh gu tachartasan den aon seòrsa thairis air a’ chùmhnant.

 

Gu h-ìosal tha mion-fhiosrachadh mionaideach mun t-susbaint a thathar an dùil.

•          Belladrum – craoladh beò le co-dhiù 7+2 camara thairis air trì oidhche den fhèis, measgachadh de phrìomh àrd-ùrlar, àrd-ùrlar ‘garden’ agus pìosan air a chlàradh gu sònraichte airson co-dhiù 5.5 uair a thìde. Bidh ceòl nach fhacas roimhe a’ nochdadh mar iPlayer an toiseach agus/no tionndadh sgiobalta airson co-dhiù 14.5 uair a thìde. Tha còraichean craolaidh sònraichte air an cumail no air an rèiteachadh le MG ALBA.

 

•          Celtic Connections – 3 uair a thìde de shusbaint stèidhichte air taisbeanaidhean air an ullachadh le riochdaire le co-dhiù 6 camara agus 4 uair a thìde le co-dhiù 6 camara stèidhichte air iPlayer an toiseach agus/no tionndadh sgiobalta de thachartasan Celtic Connections a chaidh a chlàradh ro-làimh airson an craoladh timcheall na fèise. Thèid còraichean craolaidh sònraichte a cho-rèiteachadh le MG ALBA no tron ​​chompanaidh riochdachaidh.

 

•          Na Trads – 2 uair a thìde aig a’ char as lugha de chraoladh beò bhon tachartas dhuaisean a chaidh a chumail ann an diofar àiteachan ann an Alba le co-dhiù 7+2 camara bhon tachartas bhliadhnail air Ceòl Traidiseanta na h-Alba le 2 uair a thìde a bharrachd de shusbaint nach deach fhaicinn air a ghlacadh aig an tachartas. Tha còraichean craolaidh sònraichte gan cumail no air an rèiteachadh le MG ALBA.

Pàipear-taic 2

Mu BhBC ALBA

 

Air 19 Sultain 2008 chuir MG ALBA agus am BBC air chois seanail TBh Gàidhlig sònraichte, BBC ALBA.

 

’S e co-iomairt neo-chorporra a th’ ann am BBC ALBA air a ruith fo chead a’ BhBC agus air a mhaoineachadh agus air a stiùireadh ann an com-pàirteachas eadar am BBC agus MG ALBA.

 

Bidh MG ALBA ag aontachadh cùmhnant le riochdairean gus còraichean phrògraman a cheannach a thèid an uair sin chun a’ BhBC (mar neach-gleidhidh cead seirbheis) gus an tèid a chraoladh air BBC ALBA.

 

Air sgàth nàdar leantainneach cùmhnantan riochdachaidh ioma-bhliadhnail MG ALBA tha modail cùmhnant neo-àbhaisteach air a chleachdadh.

 

Càirdeas Cùmhnantail

 

Ceanglaichean feumail

·       Làrach-lìn feumail

https://mgalba.com/

·       Lèirsinn MG ALBA – Mapa Slighe airson nam Meadhanan Gàidhlig 2022-2027

https://mgalba.com/wp-content/uploads/2021/11/Leirsinn-A-Route-Map-for-Gaelic-Media-2022-2027.pdf