Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Com-pàirteachas le CBBC agus CBeebies

13 Sultain 2018

Tha BBC ALBA an-diugh (13 Sultain) a’ foillseachadh com-pàirteachas le CBeebies agus CBBC.

Thèid CBeebies agus CBBC fhoillseachadh air ALBA Diluain 17 Sultain bho dhachaigh ùr ghleansach.

Thadhail Ben Cajee agus Karim Zeroual bho CBeebies agus CBBC air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-diugh gus an com-pàirteachas ùr seo a chomharrachadh.

Nan cuideachd bha Carrie NicNèillRuairidh MacCormaigHannah NicCurdaidh agus Calum Dòmhnallach a bheir, cuide ri sgioba ùr, na prògraman ùra chloinne chun an luchd-amhairc òga.

’S e leudachadh susbainteach a tha seo a chruthaicheas ceithir uimhir de stuthan ùra ann an Gàidhlig do chlann a bhios air a thaisbeanadh gach là den t-seachdain agus tron bhliadhna air fad.

CBeebies

Bidh CBeebies, airson clann fo aois sgoile, ri fhaicinn air ALBA bho 5f airson uair a thìde, a’ tighinn gu crìoch le Stòiridh – sgeulachd àm-cadail. Agus bidh CBBC air ALBA ri fhaicinn eadar 6 is 7f.

CBBC

Bidh an aon seòrsa dreach agus faireachdainn aig an dà sheirbheis Ghàidhlig ri na seirbhisean Beurla, le seinn, fios mu cho-làithean breith, cleasan cruthachaidh agus bèicearachd.

Tha an iomairt a’ tachairt is BBC ALBA a’ comharrachadh 10 bliadhna air an èadhar agus 40 bliadhna bho nochd prògraman cloinne Ghàidhlig air a’ BhBC airson a’ chiad uair.

Thuirt Bill Macleòid, àrd-riochdaire airson BBC ALBA agus a tha os cionn na h-iomairt:

“’S e iomairt dàna, ùr a tha seo airson a’ Ghàidhlig fhilleadh gu dlùth ri seanailean cliùiteach chloinne, Cbeebies agus CBBC agus a’ cruthachadh goireasan beothail is taitneach do chloinn le Gàidhlig is am pàrantan. ’S e co-obrachadh air leth torrach a tha air a bhith ann le roinn iomraiteach na cloinne aig a’ BhBC agus tha sinn làn dhùil gun còrd an dreach ùr ris a’ chloinn.”

Thuirt Maireadh Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a’ BhBC:

“Tha prògraman chloinne aig cridhe clàr-ama làitheil BBC ALBA agus tha sinn air ar dòigh glan a bhith air chothrom an t-seirbheis seo a neartachadh agus beairteas de phrògraman ùra a thairgse – ’s e ar rùn gun toir an t-seirbheis chloinne ùr luach agus buaidh chun an luchd-amhairc òga tron a’ chom-pàirteachas shònraichte seo bhon BhBC.”

Thuirt Ian France, Ceannard Taisbeanadh Phrògraman Roinn Cloinne a’ BhBC

“Tha Roinn Taisbeanaidh CBBC agus CBeebies aig cridhe gach seanail agus tha eòlas aca ann a bhith a’ conaltradh agus a’ ruighinn clann air feadh na RA agus mar sin tha mi cho toilichte gu bheil an com-pàirteachas seo le BBC ALBA a’ ciallachadh gu bheil an cothrom aig nas motha de chloinn ar stuthan fhaicinn.”