Prògraman Nollaig sgoinneil le gaol bho BBC ALBA.
Bho dràma ùr agus prògraman aithriseach drùidhte le cianalas gu ceòl beò agus pailteas fealla-dhà na Nollaig, chan urrainnear a bhith ann an cuideachd nas fheàrr na BBC ALBA!
Bidh an Oidhche ron Nollaig a’ tòiseachadh le Clò Beag Chirsty Bella a tha ag innse sgeulachd nighean bheag às na Hearadh a tha airson a’ chlò aice fhèin fhighe.
Tha cuimhneachain sònraichte ann an Oidhche Gun Tàmh | Lewisian Nights a tha a’ toirt sùil air saoghal a’ chiùil ann an Leòdhas. Bho làithean dòigheil nan 1960an chun an latha an-diugh, tha an neach-ciùil ionadail Iain “Spanish” MacAoidh a’ gabhail cuairt tro na bliadhnaichean agus a’ cnuasachadh mu dè a tha ri thighinn.
A’ toirt an Oidhche ron Nollaig gu crìch tha Alleluia!, le prògram sònraichte na Nollaig bho Coats Pàislig, a’ nochdadh taghadh de laoidhean, laoidhean ràitheil agus cnuasachadh pearsanta air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain.
Cuir seachad Là na Nollaig còmhla ri Pàdruig MacCuinn (Gàrradh Phàdruig) agus Coinneach MacLeòid aig bothan an teaghlaich air Eilean Saoil ann an Nollaig sa Bhothaig.
Pàdruig MacCuinn, a chompanach Coinneach MacLeòid agus an Westie aca, Seòras, a’ comharrachadh na Nollaig aig bothan an teaghlaich air Eilean Saoil ann an Earra-Ghàidheal ann an ‘Nollaig sa Bhothaig’
Le cuideachadh bho na h-aoighean aca agus Seòras, tha Pàdruig agus Coinneach a’ toirt cruth atharrachadh air a’ bhothan gu bhith mar àite iongantach geamhraidh – sàr shuidheachadh airson Nollaig thraidiseanta le mistletoe is fìon, ceòl is òrain, gaol is gàire.
Cuideachd air Là na Nollaig tha Dad Sam Bith (Every Dad) – sgeulachd bhlàth mu bhalach beag le mac-meanmna mòr. Tha Mason a’ gabhail iongnadh càite a bheil athair, agus tha e a’ lorg trì athraichean gu tur eadar-dhealaichte.
Tha sgeul beatha fhìor air a thaisbeanadh ann am Barraigh gu Barcelona. Tha Alanna, aois 10, à Eilean Bharraigh na modail air a bheil fèill mhòr aig cuid de na suaicheantasan aodaich as motha san Roinn Eòrpa.
Là an dèidh na Nollaig, gheibhear prògram draoidheil chloinne ann an cruth dealbh-beò, Yoyo & The Little Auk a tha ag innse sgeulachd mu auk beag a tha dealaichte bhon treud aige. Tha taic ciùil àlainn na chois bho Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba.
Curstaidh NicDhòmhnaill a’ dèanamh turas iongantach gu Uummannaq ann an Graonlainn
Tha prògraman aithriseach brèagha Dùthchas agus Greenland: Sgeul Isobel Wylie Hutchison a’ toirt an luchd-amhairc gu diofar àiteachan agus amannan.
Tha Dùthchas a’ cleachdadh tasglann film nach fhacas roimhe bho na 60an is 70an a chaidh a chur ri ceòl sònraichte bho Dhòmhnall Seathach gus sgeulachd drùidhteach imrich is call cultarach Eilean Bheàrnaraigh innse.
Tha ar sgiathan a’ sgaoileadh nas fhaide air falbh ann an Greenland – Sgeul Isobel Wylie Hutchison le Curstaidh NicDhòmhnaill a’ leantainn ceuman an iomairtiche Albannach a tha càirdeach dhi, Isobel Wylie Hutchison. Bho Alba gu Uummannaq ann an Graonlainn, bidh Ciorstaidh a’ coinneachadh ri daoine a bha càirdeach riuthasan a nochd ann an deilbh a thog Iseabail anns na 1920an.
Air Oidhche Challainn tha Deilbh Dr Hay a’ taisbeanadh dìleab dhealbhach eile, an turas seo aig an Dr Iain Hay à Ùig ann an Eilean Leòdhais; às dèidh sin chithear tasglann ciùil sgoinneil a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’Fhèis HebCelt agus a’ ruith suas chun a’ chèilidh mhòr tha OMC! air ais le sreath ùr comadaidh sgoinneil.
Bheir cèilidh BBC ALBA, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach, a’ Bhliadhn’ Ùr a-steach ann an cuideachd sàr luchd-ciùil agus aoighean a bhios cruinn ann am Malaig.
Air Latha na Bliadhn’ Ùire, tha an ceòl a’ leantainn le Barrowland Roar agus leithid Gun, Amy NicDhòmhnaill agus Travis a’ bruidhinn air na cuimhneachan aca air an ionad ainmeil.
Tha 2023 a’ leantainn le cùisean ùra, leis an t-sreath dhràma ùr sia-phàirteach An Clò Mòr a’ nochdadh airson a’ chiad uair. Bho shrainnsearan dalma gu gaol dìomhair agus teaghlach a tha an ìmpis tuiteam às a chèile, tha an dràma ùr seo loma làn thachartasan toinnte is buadhmhor.
Agus cluinnidh sinn cò ris a bha e coltach ann an da-rìribh ann an Trusadh: Muinntir a’ Mhuilinn – far am bi luchd-obrach nam muilnean a’ tighinn còmhla a-rithist gus cuimhneachadh air a’ ghnìomhachas chudromach eileanach seo.
Cuideachd anns a’ chlàr aig BBC ALBA tha prògram aithriseach cumhachdach Mise is ADHD; prògram sònraichte le Aonghas Dubh MacNeacail a ràinig aois 80 am-bliadhna; agus tha pailteas phrògraman chloinne ann leithid Ernest agus Celestine, Father Frismas agus The Smeds and the Smoos.
Airson tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air clàr Nollaig BBC ALBA an seo.