MG ALBA A’ BROSNACHADH PROIFEISEANTAICH AN AMA RI TEACHD
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ tabhann taic do phroifeiseantaich an ama ri teachd a bhith an làthair còmhla riutha aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2017 ann an Douglas, Eilean Mhanainn, bho 3mh – 5mh den Chèitean.
Tha bursaraidhean ann airson còignear eadar 18 agus 30 bliadhna a dh’aois a tha airson dreuchdan a leantainn sna meadhanan Gàidhlig no a tha mu thràth ag obair air an cinn fhèin no airson companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a bhios a’ riochdachadh phrògraman airson BBC ALBA.
Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh aig a’ chòignear a phàigheadh.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e an Fhèis Cheilteach aon de na prìomh thachartasan a th’ ann, chan ann a-mhàin airson lìonrachadh ach cuideachd airson tuigse fhaighinn air dè tha a’ toirt buaidh air ciamar a tha an luchd-amhairc a’ coimhead agus a’ cleachdadh nam meadhanan. Tha sgeama bursaraidh MG ALBA air a bhith uabhasach soirbheachail, agus tha seo na theisteanas don ùidh a th’ aig òigridh thàlantach a tha airson dreuchd a leantainn anns na meadhanan Gàidhlig, gus feum a dhèanamh dhen a h-uile cothrom a tha ri fhaighinn.
“Tha sinn ag amas air a bhith a’ cur taic agus a’ bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de phroifeiseantaich sna meadhanan Gàidhlig, agus bheir cothroman leithid seo tuigse agus deagh bheachd dhaibh air a’ ghnìomhachas, agus a thuilleadh air sealltainn dhaibh cho cudromach ’s a tha sealladh eadar-nàiseanta airson riochdachadh dùthchasail agus prògraman seanail.”
Am measg nan tagraidhean soirbheachail bhon uiridh, bha sgrìobhaiche agus deasaiche-sgriobt, Laura NicIllInnein agus oileanach PhD ‘Telebhisean agus Poileasaidh Cànain san Teaghlach’, Carrie NicNèill.
A’ bruidhinn air an eòlas aice bhon Fhèis an-uiridh, thuirt Laura: “Chuidich bursaraidh MG ALBA mise gu mòr airson mo leasachadh phroifeiseanta, oir choinnich mi ri iomadach neach a tha ag obair air feadh nam meadhanan anns gach ceàrnaidh Cheilteach. Bha seo gu h-àraidh feumail nuair a thàinig e gu bhith a’ frithealadh nan seiseanan mu dhràma, a’ cluinntinn gu dìreach bho na h-eòlaichean a tha air a bhith a’ cruthachadh dràma leantainneach ann an ceàrnaidhean Ceilteach eile agus ciamar a tha iad air a bhith soirbheachail, chan ann a-mhàin air na seanailean aca fhèin ach gu h-eadar-nàiseanta.
“Thug an Fhèis tòrr misneachd dhomh mun obair anns a bheil mi fhìn an sàs agus spionnadh às ùr airson a bhith a’ cruthachadh prògraman tarraingeach agus inntinneach leis a’ ghuth sònraichte Gàidhlig againn fhìn. Tha mi a-nis gu mòr den bheachd gu bheil ùrlar ann dha na sgeulachdan againne a thoirt chun mhòr-shluaigh, agus gum bu chòir dhuinn a bhith moiteil asta.”
Thuirt Carrie, a tha a’ rannsachadh an àite a th’ aig telebhisean cloinne air cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh: “’S e deagh sgeama a th’ ann a bhios a’ toirt cothroman do dhaoine lìonraidhean a chruthachadh le muinntir a’ ghnìomhachais, bho Èireann gu Nirribhidh! Tha e cudromach gu bheil daoine bhon t-saoghal acadaimigeach a’ faicinn mar a tha an gnìomhachas ag obair gu practaigeach agus cnuasachadh a dhèanamh air bho shealladh nas fharsainge.
“Aig an Fhèis, bha cothrom ann ceistean a thogail le eòlaichean agus fiosrachadh fhaighinn ann an co-theacsa mion-chànain eile. Cuideachd, thug e dhomh cothroman còmhraidh le muinntir MG ALBA fhèin agus bha sin gu math feumail dhan obair rannsachaidh agam.”
Tha MG ALBA a’ sireadh bhidio goirid ann an Gàidhlig, eadar 2-4 mionaidean a dh’fhaid, a thèid leis an tagradh, gus cothrom a thoirt do gach neach-tagraidh an tàlant, cruthachalachd agus sgilean a thaisbeanadh, a bharrachd air a bhith a’ mìneachadh na h-adhbharan aca airson a bhith a’ frithealadh na fèise.
Tha MG ALBA a’ tabhann cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh a phàigheadh. Lean an ceangal seo airson bileag-iarrtais agus bu chòir duine le ùidh, post-dealain a chur gu kerryanne.macleod@mgalba.com airson tuilleadh fiosrachaidh. Feumaidh na h-iarrtasan a bhith aig MG ALBA ro 10f air 9mh Giblean.