Chomharraich FilmG, farpais nam filmichean goirid, an 15mh bliadhna aca le cuirm sgoinneil a-raoir (Diardaoin 16 Gearran).
Bhuannaich Parker Dawes à Àird nam Murchan trì duaisean an-uiridh, agus fhuair e Film as Fheàrr ann am Farpais na h-Òigridh airson Gàidhlig sa Chiste am-bliadhna.
Fhuair Eilidh NicIain à Inbhir Nis, a choisinn trì duaisean roimhe cuideachd, am Film as Fheàrr san Fharpais Fhosgailte le Bochd, a chaidh a dhèanamh còmhla ri a bràmair agus a co-fhilmeadair Allan Crook.
Chaidh cuspair FilmG na bliadhna-sa ‘Buidhe’ a mhìneachadh ann an diofar dhòighean le filmeadairean agus cha deach a dhìochuimhneachadh aig cuirm nan duaisean leis gu robh solais bhuidhe agus soidhnichean a’ deàrrsadh san togalach.
B’ e seo a’ chiad turas bho 2020 a tha duaisean FilmG air ais san Old Fruitmarket ann an Glaschu, agus bha preasantair BBC ALBA, Fiona NicChoinnich agus preasantair Radio nan Gàidheal, Niall Iain Dòmhnallach, air an àrd-ùrlar gus an àireamh as àirde de dh’inntrigidhean a chomharrachadh.
Thuirt Fiona NicChoinnich: “Tha e math a bhith air ais ann an Glaschu agus air mo chuairteachadh le tàlant òg a tha cho math.
“Bha e coltach ri bhith a’ coimhead air muir buidhe bhon àrd-ùrlar, agus cho brèagha a bhith a’ faicinn aodainn cho toilichte a’ comharrachadh cruthachalachd agus seanchas na Gàidhlig.”
Chaidh am film Bochd le Eilidh NicIain (22) agus Allan Crook ainmeachadh thairis air còig diofar roinnean, a’ cosnadh dà dhuais, airson am Film as Fheàrr agus Cluiche as Fheàrr bho Eilidh.
Tha an dràma dorcha a’ toirt a-steach cuspair na bliadhna-sa agus tha e a’ leantainn boireannach òg air a bualadh sìos le tinneas dìomhair buidhe às dèidh blind date.
Chruthaich Parker Dawes (15) à Àird nam Murchan am beòthachadh Gàidhlig sa Chiste mun ùpraid a dh’fhaodadh a bhith ann nan tionndaidheadh a h-uile facal Beurla san t-saoghal gu Gàidhlig.
Fhuair Parker, a tha a’ dèanamh chùrsaichean beothalachd le British Film Institute còmhla ri luchd-teagaisg bho Aardman Animations, an duais airson Film as Fheàrr (Òigridh) agus Sgriobt as Fheàrr, agus a’ togail ainmeachaidhean ann an dà roinn eile.
Ann am Farpais na h-Òigridh, bha oidhche shoirbheachail aig seann bhuannaiche eile, a’ togail dhà de na duaisean fa leth as cliùitiche.
Chruthaich Fionnlagh Moireasdan (14) bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu comadaidh Ò, Nuair a Bha Mise Òg! Sgrìobh is rinn e cleasachd san fhilm còmhla ri a bhràthair a b’ òige, Calum.
Chruinnich Fionnlagh duaisean airson Cluiche as Fheàrr (Òigridh) agus Rionnag na Bliadhna, a’ cur ris a’ chruinneachadh de dhuaisean aige bho bhliadhnaichean roimhe.
Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Pròiseact FilmG: “Tha a bhith a’ faicinn buannaichean mar Fionnlagh, Eilidh agus Parker a’ tilleadh gus barrachd a bhuannachadh na dhearbhadh air soirbheachas FilmG.
“’S e leasachadh filmeadairean am prìomh adhbhar a tha FilmG ann agus tha na filmichean àrd-inbhe a tha rim faicinn aig na duaisean a’ sealltainn gu bheil cùisean a’ coimhead gealltanach do na meadhanan Gàidhlig airson an ama ri teachd.”
Le còrr air 59,000 bhòt thairis air an dà fharpais, b’ e farpais chruaidh a bh’ ann an Duaisean Roghainn FilmG.
B’ i Bun-sgoil an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach a thug dhachaigh an duais ann am Farpais na h-Òigridh le Misean a dh’Astràlia, a tha air am brosnachadh le MI5.
Bhuannaich an neach-ealain Choirstaidh NicArtair (26) a tha stèidhichte ann an Glaschu an duais san fharpais Fhosgailte le Priob, a’ measgachadh a beothalachd agus a coileanadh fhèin le bhith a’ conaltradh ri a seanair nach maireann tro thonnan rèidio.
Buannaichean Farpais Òigridh Eile
Tha an t-Eilean Sgitheanach air tòrr de fhilmeadairean Gàidhlig a thoirt gu buil thar nam bliadhnaichean, agus cha robh a’ bhliadhna seo eadar-dhealaichte idir le Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Bun-sgoil Stafainn a’ toirt duaisean dhachaigh, a’ cur ri Duais Roghainn FilmG airson Bun-sgoil an Ath Leathainn.
Chuir Àrd-sgoil Phort Rìgh an spionnadh aca fhèin ris an sgeulachd air cùl an òrain Òganaich an Òr Fhuilt Bhuidhe ann an Eachdraidh Uabhasach agus sheall Bun-sgoil Stafainn cho furasta ’s a’ dh’fhaodadh e a bhith a’ dèanamh mearachd eadar Maligar san Eilean Sgitheanach agus Malaga san Spàinn anns an fhilm aca Teas aig Deas.
Chaidh an Duais Ghàidhlig a thoirt do Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn airson am film Dath Falaichte a chaidh a mholadh airson a bhith a’ cleachdadh a’ chànain le clas de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an dòigh sgiobalta agus ùr-ghnàthach.
Agus bidh an duais Aithriseach as Fheàrr a’ tilleadh dha na Hearadh, le film aithriseach Sgoil Sir E Scott agus Comunn na Gàidhlig mu sgioba bhàta-teasairginn na sgìre air a thaghadh mar am fear as fheàrr leis a’ bhritheamh.
Buannaichean Farpais Fhosgailte eile
Thill Innes MacLeòid (35) à Eilean Leòdhais, a bhuannaich FilmG roimhe, airson Duais a’ Ghnìomhachais a thogail, agus e air a mholadh airson an obair camara aige air Gàidheil Ùra, an fhilm aithriseach aige a’ leantainn beatha luchd-ionnsachaidh fileanta na Gàidhlig.
Fhuair Ciorstaidh NicBheathain (24) agus Caradh Turner (22) an duais airson an Stiùiriche as Fheàrr airson Na Caileagan Gàidhealach, air a bhrosnachadh leis na Kardashians.
Tha Ciorstaidh agus Cara ag obair anns na meadhanan mar-thà, agus tha iad an dòchas gun urrainn don duais am putadh air adhart air na slighean dreuchdail aca fhèin.
Às dèidh dha a bhith air ainmeachadh mar an TikToker Albannach as buadhaiche aig deireadh na bliadhna an-uiridh, lean Calum MacIllEathain (34) air adhart leis an t-sreath shoirbheachail aige a’ togail an Duais Cruthachaidh le Snàmh, le Wes Anderson; air a bhrosnachadh le stoidhle stiùiriche Grand Budapest.
Chaidh an Duais Dùthchais a bhuannachadh le Buidheann Taic Aillse Fir Innse Gall agus sgoilearan bho Sgoil MhicNeacail.
Thog Na Balaich cho cudromach ’s a’ tha a’ bhuidheann agus iad a’ comharrachadh 15 bliadhna a’ toirt fir còmhla gus innse mun eòlas aca air aillse.
Bidh na balaich sgoile a’ toirt seachad leth den airgead duais £1000 aca do Bhuidheann Taic Aillse Fir Innse Gall agus an £500 eile a’ dol a dh’ionnsaigh oidhirpean dèanamh fhilmichean san àm ri teachd.
Fhuair Somhairle MacIain (20) an duais airson Film Oileanach as Fheàrr airson am film aithriseach mu bheatha bhan Air an Rathad.
Tha Somhairle na neach-cruthachaidh susbaint Gàidhlig a tha air na mìosan mu dheireadh den chùrsa TBh aige aig Sabhal Mòr Ostaig agus bha e na rionnag o chionn ghoirid air Take A Hike air BBC2.
Thuirt Alison Bruce, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean aig MG ALBA: “B’ e FilmG 15 a’ bhliadhna a b’ fheàrr a bh’ againn a-riamh, le farpais cho soirbheachail agus cuirm dhuaisean air leth.
“Tha an oidhirp mhòr agus an amas a nochd sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd agus filmeadairean fa-leth gu cinnteach air a bhith soirbheachail. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn dè a tha romhpa.”
Thèid prògram de phrìomh thachartasan a shealltainn air BBC ALBA agus BBC iPlayer air Dihaoine 24 Gearran aig 9f.
Gheibhear liosta iomlan de na buannaichean air làrach-lìn FilmG aig www.filmg.co.uk.
Lean FilmG air na meadhanan sòisealta airson fiosrachadh fhaighinn mu fharpais na h-ath-bhliadhna.
Buannaichean Farpais Òigridh FilmG
Duais Roghainn FilmG
Misean a dh’Astràilia (Bun-sgoil an Ath Leathainn, An t-Eilean Sgitheanach)
Film Aithriseach as Fheàrr
Bòtannan Buidhe (CnaG & Sgoil Sir E Scott, na Hearadh)
Rionnag na Bliadhna
Fionnlagh Moireasdan (Glaschu)
Coltas as Fheàrr
Eachdraidh Uabhasach: Òganaich an Òr Fhuilt Bhuidhe (Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach)
An Duais Ghàidhlig
Dath Falaichte (Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis)
Buidheann Òg as Fheàrr
Teas aig Deas (Sgoil Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach)
Cluiche as Fheàrr (Òigridh)
Fionnlagh Moireasdan – Ò, Nuair a Bha Mise Òg (Glaschu)
Film as Fheàrr (Òigridh)
Gàidhlig sa Chiste (Parker Dawes, Àird nam Murchan)
Buannaichean Farpais Fhosgailte FilmG
Duais Roghainn FilmG (Fosgailte)
Priob (Choirstaidh NicArtair, Glaschu)
Film Dùthchais
Na Balaich (Buidheann Aillse Fir Innse Gall agus Àrd-sgoil MhicNeacail, Eilean Leòdhais)
Duais a’ Ghnìomhachais
Innes MacLeòid – Gàidheil Ùra (Eilean Leòdhais)
Duais Cruthachaidh
Snàmh, le Wes Anderson (Calum MacIlleathain, Obar Pheallaidh)
Stiùiriche as Fheàrr
Ciorstaidh NicBheathain & Caradh Turner – Na Caileagan Gàidhealach (Glaschu)
Cluiche as Fheàrr (Fosgailte)
Eilidh NicIain – Bochd (Inbhir Nis)
Film as Fheàrr (Fosgailte)
Bochd (Eilidh NicIain & Allan Crook, Inbhir Nis)
Duaisean Eile
Sgriobt as Fheàrr
Gàidhlig sa Chiste (Parker Dawes, Àird nam Murchan)
Film Oileanach as Fheàrr
Air an Rathad (Somhairle MacIain, Glaschu)