Tha Rugbaidh nam Ban an Alba air sàr aonta a ruighinn le BBC ALBA gus àireamh mhòr de mhaidsichean a chraoladh thar na bliadhna a tha romhainn.
Chan e a-mhàin geamannan Sia Nàiseanan nam Ban a bhios air an craoladh, ach cuideachd a’ chuairt dheireannach den phrìomh ghèam aig an taigh, Cupa Sarah Beaney – taic mhòr airson fàs geama nam ban.
Tha am fiosrachadh a’ tighinn dìreach mìosan an dèidh prìomh aonta airson ball-coise nam ban, agus a’ chiad chraoladh de iomain nam ban, a’ neartachadh suidheachadh an t-seanail mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba.
Is e a’ chiad ghèam Rugbaidh nam Ban an Alba a thèid a shealltainn fon aonta ùr an gèam eadar Alba agus Canada aig Scotstoun air Dimàirt 27 Samhain. Bidh an gèam air fhaicinn beò thar na RA air an t-seanail agus air BBC iPlayer.
Tha Rugbaidh na h-Alba an-dràsta a’ putadh rugbaidh nam ban leis an amas a bhith ann am farpais Cupa an t-Saoghail airson Rugbaidh nam Ban ann an 2021, agus tha iad air a’ gheama atharrachadh o chionn ghoirid gus a bhith a’ brosnachadh com-pàirteachadh. Tha MG ALBA agus Rugbaidh na h-Alba le chèile dealasach mu bhith a’ meudachadh profail a’ gheama mar a bhithear a’ dol air adhart gu Cupa Rugbaidh an t-Saoghail.
Thuirt Dominic McKay Prìomh Oifigear Gnìomh aig Rugbaidh na h-Alba:
“Tha sinn ag obair cruaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-ùrlar as làidir is urrainn aig rugbaidh nam ban gus cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh nan cluicheadairean agus a bhith a’ meudachadh ùidh sa ghèam agus tha an com-pàirteachadh seo le BBC ALBA a’ cur gu mòr ri sin. Tha càirdeas fad-ùine air a bhith againn le BBC Alba tron obair aca a thaobh A’ Phrìomh Lìg agus PRO14 agus mar sin tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla riutha gus rugbaidh nam ban a chraoladh ann an Alba.”
Thuirt Gemma Fay, Ceannard Rugbaidh nam Ban agus nan Caileag aig Rugbaidh na h-Alba:
“Tha mi air leth toilichte gu bheil BBC ALBA air ainmeachadh gum bi iad a’ craoladh maidsichean Rugbaidh nam an Alba air an t-seanail aca. Tha an dealas a tha iad air nochdadh do spòrs nam ban ann an Alba deimhinneach dha-rìribh agus tha sinn an dòchas gun cuidich seo ann a bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de chluicheadairean rugbaidh.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd agus Com-pàirteachas aig MG ALBA:
“Tha sinn toilichte gu bheil e comasach a bhith a’ sealltainn mar a tha geama nam ban a’ fàs ann an Alba le geamannan Sia Nàiseanan nam Ban agus Gèam Deireannach Cupa Sarah Beaney. Tha sinn air a dhearbhadh le bhith a’ craoladh farpais PRO 14, mar as urrainn dhuinn a bhith nar com-pàirtichean gus cuideachadh a bhith a’ fàs spòrs, agus a’ bhith a’ tàladh luchd-amhairc ùr – cuid airson a’ chiad uair – chun na Gàidhlig. Tha mi air mo dhòigh gun urrainn dha BBC ALBA a bhith a’ comharrachadh oidhirpean nam ban ann an spòrs sna sgiobaidhean nàiseanta agus cuideachd ann an sgiobaidhean Cupa Sarah Beaney. Tha sinn air leth toilichte cuideachd a bhith a’ sealltainn gèam Chanada san dùthaich sin aig deireadh na mìos.”
Thuirt am Ministear Spòrs Joe FitzPatrick:
“Is e prìomh cheum a tha sa chom-pàirteachas seo ann a bhith a’ comharrachadh agus a’ togail mothachadh air rugbaidh nam ban ann an Alba. Chan e a-mhàin gum bi geamannan cudromach nam ban air an craoladh, nam measg Sia Nàiseanan nam Ban, ach cuideachd gèam aig ìre nas ìsle leis gum bi e comasach do dhaoine a’ chuairt dheireannach fhaicinn den phrìomh fharpais aig an taigh, Cupa Sarah Beaney.
“Tha Rugbaidh na h-Alba agus an com-pàirtichean air obrachadh gu cruaidh gus an àireamh de mhnathan agus de chaileagan a tha an sàs ann an rugbaidh àrdachadh, agus tha dealas a’ BhBC agus MG ALBA ann a’ bhith a’ taisbeanadh an spòrs na cheum eile air adhart.”