Bannan ga shealltainn sna Stàitean Aonaichte, Canada agus san Fhraing

Tha an t-seirbheis chraolaidh MHz gu bhith a’ sealltainn an t-sreath dràma shoirbheachail aig BBC ALBA, Bannan, ann an Ameireaga a Tuath.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Young Films agus an companaidh reic, Videoplugger, agus bithear a’ tabhann cothrom an sreath fhaicinn air MHz Choice sna Stàitean Aonaichte agus Canada bho thràth sa Mhàrt 2021.

Tha seo às dèidh mar a chaidh Earrannan 1-18 de Bhannan a chraoladh san Fhraing mu thràth, agus tha an craoladair san Fhraing air 10 earrannan eile a cheannach airson an sealltainn.

Tha a-nis 7 sreathan air a bhith ann den phrìomh dhràma aig BBC ALBA agus tha Young Films a tha a’ riochdachadh Bhannan an dùil an 8mh sreath a chlàradh san t-Sultain am-bliadhna.

Tha Bannan stèidhichte ann an coimhearsnachd Ghàidhealach agus air a chlàradh san Eilean Sgitheanach, agus tha e a’ sealltainn cò ris a tha beatha dhaoine coltach ann an sgìre dhùthchail san latha an-diugh tro sgeulachdan drùidhteach nam prìomh charactaran.

Tha an dràma air coimhead air diofar chuspairean dùbhlanach agus doirbh bho thòisich e, leithid na cunnartan do chloinn bho chàirdeas tron eadar-lìon, aillse bhàsmhor agus a’ chiad mhurt ann an dràma air BBC ALBA.

Thuirt Chris Young, a tha na riochdaire air Bannan agus a stèidhich an companaidh Young Films, “Tha sinn a’ faicinn a-rithist mar as urrainn do dhràma Gàidhlig a bhith tarraingeach do dhaoine bho dhùthchannan cèin aig a bheil dualchas agus cànanan eadar-dhealaichte bho na th’ againne.

“Bidh luchd-amhairc sna Stàitean Aonaichte, Canada agus san Fhraing airson fhaicinn dè thachras do charactaran leithid Màiri agus Ceitidh fhad ’s a tha iad a’ dèiligeadh ri cùisean dùbhlanach a dh’èireas nam beatha.

“Ged a bhiodh na fo-thiotalan ann am Beurla no Fraingis no ged a bhiodh guthan Breatnais air a thoirt dha na cleasaichean, bidh na sgeulachdan seo a cheart cho làidir is buadhmhor ’s a tha iad ann an Gàidhlig.

“Agus le luchd-amhairc ùra ann an Ameireaga, tha sinn cinnteach gun sgaoil Bannan gu dùthchannan eile rè ùine agus daoine a’ faicinn an luach a th’ ann an deagh sgeul air a deagh innse.”

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA, “Tha Bannan air còrdadh gu mòr ri daoine ann an Alba agus tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil cothrom ann an dràma fìor mhath seo a chur fa chomhair luchd-amhairc eadar-nàiseanta feuch am faigh iadsan blasad den chànan agus feuch am faic iad mar as urrainn dhuinne mar Ghàidheil sgeul ar beatha a chur an cèill gu h-ealanta is gu gleusta.”

Thuirt an Riochdaire Susbaint Dhidseataich aig MHz, Susan Strand, “Tha an dràma seo lèirsinneach agus drùidhteach, agus bheir e sealladh dhut air cultar nan Gàidheal.”

Thuirt Emanuele Galloni, Ceannard Videoplugger, “Tha sinn air ar dòigh gun tèid Bannan a shealltainn airson a’ chiad uair ann an Ameireaga a Tuath air MHz, tha sinn gu làidir den bheachd gun còrd am prògram seo ri daoine air feadh an t-saoghail.”

Pròiseact Ùr Àrd-amasach gus taic a chur ri Ionnsachadh na Gàidhlig

Tha fios mu iomairt ionnsachaidh, ùr, farsaing agus ioma-fhillte air ainmeachadh, a’ tabhann mheadhan cho iomlan ’s a th’ air a bhith ann fad ginealach airson Gàidhlig ionnsachadh.

Thèid SpeakGaelic a chur air bhog san fhoghar 2021 le cùrsa, làrach-lìn sònraichte agus prògramadh air ùrlaran BBC ALBA, a’ gabhail a-staigh YouTube BBC ALBA, a’ dearbhadh ruigsinneachd eadar-nàiseanta.

Bidh a’ bhrannd ùr seo a’ tabhann cruth-atharrachadh cho chudromach ’s a th’ air a bhith ann airson cha mhòr deich air fhichead bliadhna, a thaobh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, agus thèid aire luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt a tha nan inbhich a ghlacadh leis.

Ag amas air ìre-cleachdaidh na Gàidhlig àrdachadh, thèid am pròiseact a chur air bhog thairis air ceithir diofar ìrean bho 2021-2023, gach fear dhiubh ag amas air ìre-sgil eadar-dhealaichte a rèir sgèile CEFRL (Common European Framework of Reference for Languages); A1, A2, B1 agus B2.

Bidh SpeakGaelic a’ tabhann do luchd-cleachdaidh an roghainn airson clasaichean aghaidh-ri-aghaidh, ionnsachadh fèin-stiùirichte, agus susbaint nam meadhanan tro fharsaingeachd de dh’ùrlaran – no gach fear dhiubh aig an aon àm. Chan eil an leithid de chothrom air a bhith aig daoine Gàidhlig a chleachdadh agus ionnsachadh a-cheana. A bharrachd air fìor luchd-tòiseachaidh, bidh SpeakGaelic ag amas air luchd-labhairt a tha air an cànan a chall, agus luchd-labhairt le cion-mhisneachd an cuid Gàidhlig a chleachdadh le misneachd.

Bidh an iomairt a’ cur ri agus a’ meudachadh an taghadh fharsaing a tha ri fhaotainn mar-tha do luchd-ionnsachaidh tro thùsan eile, leithid LearnGaelic, cùrsaichean foirmeil a tha stèidhte mar-tha agus an iomairt shoirbheachail a th’ anns a’ chùrsa Ghàidhlig air Duolingo. Le soirbheachas Duolingo, aig a bheil mu 600,000 luchd-cleachdaidh clàraichte a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, dùblachadh luchd-cleachdaidh làrach-lìn LearnGaelic, agus fàs ann an ùidh anns a’ Ghàidhlig, an dà chuid ann an Alba agus gu h-eadar nàiseanta, bidh SpeakGaelic a’ tabhann structar a tha air fhighe ri chèile gu dlùth aig àm air leth cudromach.

Thèid SpeakGaelic a lìbhrigeadh leis a’ bhuidheann meadhanan MG ALBA, le Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach mar a’ phrìomh chom-pàirtiche acadaimigeach, agus am BBC mar riochdaire an t-susbaint meadhanan.

Tha SpeakGaelic ga mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba; am prìomh bhuidheann airson a bhith a’ brosnachadh leasachadh na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig; am BBC; agus MG ALBA, a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC; agus thèid a lìbhrigeadh thar trì bliadhna aig cosgais £2.4 millean uile gu lèir.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA: “Tha SpeakGaelic na iomairt co-bhanntachd gun shamhla gus measgachadh de dhòighean sònraichte a thabhann do dhaoine gus Gàidhlig a thogail – agus a leasachadh. Tha e brosnachail, agus cudromach airson na tha an dàn don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha sinn uile aig MG ALBA moiteil a bhith mar phàirt de dh’iomairt a tha sinn an dòchas a bheir cruth-atharrachadh air na tha ron chànan. Tha mi fhèin cuideachd gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cleachdadh nan goireasan uile gus a’ Ghàidhlig agam fhèin a neartachadh.”

Thuirt Marsaili NicLeòid, Iar-Phrionnsabal agus Stiùiriche Foghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Bheir SpeakGaelic cruth atharrachadh air àrainneachd ionnsachadh na Gàidhlig – tha a’ cho-bhanntachd a’ cruthachadh ghoireasan ionnsachaidh structaraichte, ruigsinneach agus le beartas a thaobh na meadhanan. Cuiridh e ris a’ choimhearsnachd teagaisg againn, bho oidean prìobhaideachd gu Comhairlichean agus buidhnean coimhearsnachd gu oilthighean. Cuiridh e ris a’ choimhearsnachd againn de luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig, a’ cur fàilte air duine sam bith aig a bheil ùidh, ceangal no gràdh airson a’ chànain pàirt a ghabhail ann.”

Thuirt Mairead Mhàiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Ghàidhlig aig a’ BhBC: “’S e modh ùr-nòsach a thaobh ionnsachadh a bhios ann an SpeakGaelic air na seirbhisean Gàidhlig aig a’ BhBC, a’ cur susbaint didseatach, claisneach agus lèirsinneach agus cùrsaichean foirmeil acadaimigeach le chèile ann an dòigh ghrinn. Bidh SpeakGaelic a’ tabhann seirbheis ùr sgoinneil do luchd-amhairc BBC ALBA, BBC iPlayer, Radio nan Gàidheal, Sounds agus YouTube BBC ALBA.”

Thuirt John Swinney, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba: “’S e pròiseact air leth a tha seo agus tha mi toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri SpeakGaelic. Bidh buannachdan aig an sgeama uile-chùiseach agus àrd-amasach seo airson luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh Alba – agus air feadh an t-saoghail. Tha mi cuideachd toilichte a bhith a’ faicinn a’ cho-bhanntachd a tha air cùl a’ phròiseict ag obair, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri adhartachadh fhaighinn leis an obair seo.”

Thuirt Shona NicIllinnein Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn gu mòr a’ cur fàilte air an iomairt cho-obrachail agus innleachdail seo a chuireas ri prìomh amas a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig, ’s e sin gum bi a’ Ghàidhlig ga cleachdadh nas trice le barrachd dhaoine ann an barrachd shuidheachaidhean. Bheir e comas do luchd-ionnsachaidh ùra na sgilean aca a leasachadh agus a’ Ghàidhlig aca a chur gu feum ann an dòigh phractaigeach. Tha iomairt Bòrd na Gàidhlig #cleachdi co-cheangailte ri SpeakGaelic, agus mholainn do gach duine a tha a’ faireachdainn gum b’ fheàrr leotha barrachd Ghàidhlig a bhruidhinn feum a dhèanamh às na goireasan a tha rim faotainn air an làrach againn.”

Àireamh Filmichean a’ dol am Feabhas Airson FilmG

Fhuair FilmG, farpais nam filmichean Gàidhlig, an àireamh as motha a-riamh de dh’ìnntrigidhean am-bliadhna agus filmeadairean òga bho air feadh na dùthcha a’ cruthachadh obair ùr, tharraingeach sa chànan.

A bharrachd air an àireimh – 104 gu h-iomlan – bha MG ALBA, a tha air cùlaibh lìbhrigeadh na farpais leis a’ chompanaidh Cànan Graphic Studio (CGS) san Eilean Sgitheanach, cuideachd mothachail air cho farsaing ‘s a bha na cuspairean a nochd sna filmichean. Nam measg, a’ chiad fhilm san fharpais bho Eilean Mhanainn, anns a’ Ghàidhlig aca fhèin.

Chaidh diofar sheòrsaichean teicneòlais a chleachdadh gus taic a thoirt do dhaoine òga airson piseach a thoirt air na sgilean cruthachail aca tro mheadhan na Gàidhlig.

Ghabh na sgoiltean pàirt ann am bùthan-obrach air-loidhne, le taic bho bhidiothan agus stuthan-obrach fìorachd leasaichte (Augmented Reality). Thug Bòrd na Gàidhlig taic do na bùthan-obrach seo, a leig le daoine òga bho air feadh na h-Alba an cuid sgilean a leasachadh tro mheantoradh agus chlasaichean, a dh’aindeoin suidheachadh Covid-19.

Choinnich na britheamhan cuideachd air-loidhne gus cnuasachadh air dè na filmichean as fheàrr a bh’ ann a thaobh sgeulachd, beairteis-cànain agus coltais.Thèid na geàrr-liostaichean a thaghadh agus bidh na buannaichean air an ainmeachadh aig cuirm nan duaisean Dihaoine, 19 Màrt.

Cha bhi cuirm ceart ‘beò’ ann am bliadhna ri linn a’ Chorònabhìorais, agus mar sin thèid Duaisean FilmG a shealltainn airson a’ chiad uair a-riamh air BBC ALBA an toiseach Dihaoine, 19 Màirt 2021. Thèid a’ chuirm a chlàradh ann an Steòrnabhagh am bliadhna, le Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach aig an stiùir.

Thuirt Debbie NicAoidh, Manaidsear Phròiseactan aig CGS: “Abair dùbhlan a bh’ aig na britheamhan am-bliadhna le àireamh nam filmichean a fhuair sinn! Bha filmichean sònraichte math againn, agus bha e follaiseach cho cruaidh ‘s a dh’obraich na tagraichean, agus cho mòr ‘s a chòrd e riutha a bhith a’ cruthachadh nam filmichean. Chan e obair fhurasta a bhios ann a bhith a’ taghadh nan geàrr-liostaichean, agus a’ taghadh nam buannaichean.”

Thuirt Murchadh MacSuain, a tha a’ stiùireadh a’ phròiseict agus a tha na Mhanaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Mar a bha e airson iomadach tachartas eile, ‘s e bliadhna mhì-chinnteach agus dheuchainneach a bh’ ann, ach chithear leis an àireimh àird de dhaoine a chuir a-steach airson FilmG am-bliadhna, am meas a th’ aig daoine air an fharpais. Tha an dà chuid sgoiltean agus filmeadairean air innse dhuinn dìreach cho cudromach ‘s a tha e do Ghàidheil òga, gu bheil cothroman leithid seo aca airson sealltainn cho cruthachail ‘s a tha iad. Tha sinn moiteil às a h-uile duine a ghabh pàirt.

Tha Sgioba FilmG airson taing a thoirt don a h-uile duine a chuir film a-steach dhan fharpais. Tha sinn cuideachd fada an comain na sgoiltean a bha cho cuideachail agus taiceil ro àm na Nollaig.

Tha bhòtadh fosgailte an-dràsta fhèin airson an dà chuid Duaisean Inbheach agus Òigridh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn FilmG:

www.filmg.co.uk

Faodaidh sibh cuideachd pàirt a ghabhail sa chòmhradh tro na diofar mheadhanan sòisealta aig FilmG:

www.facebook.com/filmgalba/ 
www.instagram.com/filmg_alba/
twitter.com/FilmGAlba