Na Meadhanan Gàidhlig air an aithneachadh air Geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha na meadhanan Gàidhlig air aithne fhaighinn le 14 ainmeachaidhean airson duaisean Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2021, nam measg prògraman bho BhBC ALBA, Radio nan Gàidheal agus Thèatar Nàiseanta na h-Alba.

Chaidh dà phrògram mu Peat & Diesel ainmeachadh; an prògram aithriseach That’s the Way We Do It! agus an cuirm-ciùil aca à Glaschu From the Barrow to the Barrowlands agus bha ainmeachadh eile ann do na riochdairean MacTV airson a’ phrògraim sònraichte aca, An Lot, a’ leantainn beatha a’ chroitear Dòmhnall ‘Sweeny’ MacSuain tro àm Covid.

Bha fòcas cuideachd air prògraman aithriseach BBC ALBA le ainmeachaidhean airson Curaidh na Coille, Crodh Gàidhealach an Àird Bhàin agus sealladh de Margaret Fay Shaw a choisinn dà ainmeachadh, nam measg airson an sàr-dhuais Spiorad na Fèise.

Chaidh BBC Radio nan Gàidheal ainmeachadh cuideachd airson stèisean na bliadhna còmhla ri ainmeachadh airson a’ chraoladair cliùiteach Cathy NicDhòmhnaill mar Preseantair Rèidio na Bliadhna.

Thog Danni the Champion, film dà-chànanach Gàidhlig agus Beurla le Thèatar Nàiseanta na h-Alba ainmeachadh anns an roinn Cruth Goirid.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha na prògraman seo air còrdadh gu mòr ri ar luchd-amhairc agus tha an aithne seo cho cudromach dhuinn. Tha Fèis nam Meadhanan Ceilteach na deagh thaisbeanadh airson susbaint ioma-chruth agus tha e math a bhith a’ faicinn a leithid de shusbaint tarraingeach bho BhBC ALBA aithneachadh leis an Fhèis. Meal-a-naidheachd chun a h-uile duine.”

Thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail am-bliadhna air-loidhne eadar 7-9 Sultain.

Tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Prògraman BBC ALBA a th’ air geàrr-liosta na bliadhna-sa:

Ealain

Peat & Diesel: That’s the Way We Do It! (Riochdaichte le MacTV)

Dibhearsan Fìrinneach

An Lot: An Glasadh (Riochdaichte le MacTV)

Prògram aithriseach (barrachd na 60 mionaidean):

Crodh Gàidhealach an Àird Bhàin (Riochdaichte le TrixPixMedia)

Eachdraidh

Solas – Margaret Fay Shaw of Canna (Riochdaichte le National Trust for Scotland)

Prògram Ciùil Beò: Peat & Diesel

From the Barrow to the Barrowlands (Riochdaichte le MacTV)

Prògram aithriseach Singilte

Curaidh na Coille / The Birdman of Pollok (Riochdaichte le BBC Gàidhlig)

Spiorad na Fèise

Margaret Fay Shaw of Canna (Riochdaichte le National Trust of Scotland)

A thuilleadh air a bhith ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha BBC Radio nan Gàidheal a’ nochdadh air iomadach geàrr-liosta eile:

Prògram-aithris Rèidio

Fèin-aithne

Prògram Iriseach Rèidio

Feasgar

Prògram Ciùil Rèidio (Beò)

Mac IlleMhìcheil

Prògram Spòrs Rèidio

Spòrs na Seachdain

Preseantair Rèidio na Bliadhna

Cathy MacDonald

Cothrom Cabadaich: Choirstaidh NicArtair

’S i ceumnaiche Sgoil Ealain Ghlaschu agus preantas gnìomhachais MG ALBA Choirstaidh NicArtair a tha a’ toirt dhuinn A’ Chùil, sreath ùr a’ tòiseachadh air CBBC ALBA far am bi Choirstaidh, a tha na neach-ealain i fhèin, a’ toirt seachad a cuid eòlais ri luchd-amhairc Gàidhlig òg.

Na h-oileanach aig Sgoil Ealain Ghlaschu, agus ag obair pàirt-ùine ann an gnìomhachas na h-aoigheachd, bha Choirstaidh a’ strì cothrom fhaighinn na sgilean aice bha i a’ togail aig an oilthigh a leasachadh – bha sin ro chiad glasadh.

“Bha mi fhathast a’ cruthachadh ealain fhad ’s a bha mi ag obair ann an taighean-seinnse is taighean bìdh, ach leis nach robh mi a’ cosnadh ach an ìre tuarastail as ìsle, cha robh airgead sam bith agam airson mo chuid ealain a thoirt gu bith. Gu h-obann ge-tà, leis nach robh agam ri uairean fada duilich a dhèanamh aig m’ obair, bha mi a’ cur seachad an ùine saor agam a’ cruthachadh ealain.”

Thuirt i “Ged a bhiodh e air a bhith math an cothrom sin fhaighinn às aonais galar mòr air feadh an t-saoghail, thug e dhomh cothrom ceum a ghabhail air ais agus dèanamh na thogras mi, agus thàinig na cothroman sgoinneil seo air a shàillibh.”

Thàinig Choirstaidh, à Grianaig o thùs, gu saoghal BBC ALBA tron ghlasadh le pròiseact a dh’èirich às an t-suidheachadh, A-staigh, rud a thug guth do luchd na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

A’ cleachdadh a’ chothruim gus a cuid ealain a thaisbeanadh, ghlac seo aire luchd-coimiseanaidh BBC ALBA, a bha gu mòr airson Choirstaidh a chur ann an stiùidio beag dhi fhèin, agus ’s ann às a sin a thàinig A’ Chùil.

’S e seo a’ chiad turas aice mar phreasantair TBh agus thuirt i “Bha mi a’ beagan fo uallach an toiseach, ach às dèidh latha no dhà, thòisich rudan a’ tighinn ri chèile agus thòisich mi ag ionnsachadh mar a nì thu gach rud gu ceart, is bha mi ga fhaighinn gu math inntinneach aig deireadh a’ chùis.”

Tron t-sreath, bidh Choirstaidh a’ toirt cothrom don luchd-amhairc na ceistean aca fhèin a thogail mu ealain, agus airson beachd Choirstaidh fhèin fhaighinn a-mach mu na thug spionnadh dhi fhèin o shaoghal an ealain.

“Tha earrann ann a tha a-mach air Frida Kahlo, a’ sealltainn mar a nì thu dealbh dhiot fhèin a-mach às na rudan as prìseile dhut air an t-saoghal, agus earrann eile mu Hilma af Klint, a bha na neach-ealain eas-chruthach, agus mar a dh’fhaodas tu dealbh a tharraing gun phlana a chruthachadh airson do chuid fhaireachdainnean a chur an cèill.”

“Tha sinn cuideachd a’ feuchainn chleasan ùra a-mach – tha earrann againn far a bheil sinn a’ cruthachadh fosailean dhuinn fhèin, agus bidh sinn an uair sin a’ feuchainn ri dealbh a tharraing le aona loidhne leantainneach.”

Tha A’ Chùil a’ toirt an smaoineachaidh a tha air cùl cuid den luchd-ealain as fheàrr? air an t-saoghal gu ìre a tha furasta greimeachadh, a’ toirt air daoine òga rudan ùra fheuchainn nach biodh iad ’s mathaid air fheuchainn ron seo.

“Chan eil ealain cho doirbh sin, ann an dà-rìreabh,” thuirt Choirstaidh, “’s ann mu bhith innleachdail annad fhèin a tha e, agus rudan de sheòrsa sam bith a chruthachadh. Tha rudeigin anns A’ Chùil do gach aois, agus cothroman sgilean ùra ionnsachadh. Tha min dòchas gum faigh clann nach bi a’ faighinn na cothroman sin tric rudeigin às A’ Chùil agus gum bi tlachd mhòr ann dhaibh.

Tha A’ Chùil a’ tòiseachadh Dimàirt 7 Ògmhios aig 16.45 air BBC ALBA, gach seachdain, suas gu 7 Sultain.

An t-Ollamh Coinneach MacFhionghain nach maireann

An t-Ollamh Coinneach MacFhionghain nach maireann

Tha MG ALBA a’ cuimhneachadh air an Ollamh Coinneach MacFhionghain nach maireann, sàr-Ghàidheal agus fear a bha air bòrd MG ALBA eadar 2008-2011.
Thuirt Ceannard MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:

“’S e sgoilear uabhasach cudromach agus buadhmhor a bha san Ollamh Coinneach MacFhionghain agus tha an rannsachadh agus na beachdan aige fhathast gan cleachdadh an-diugh.
Bha e na bhall air bòrd MG ALBA aig àm sònraichte, nuair a bha BBC ALBA dìreach a’ tòiseachadh, agus chuidich e gus craoladh na Gàidhlig agus leasachadh na Gàidhlig a stiùireadh fad a bheatha.

Tha ar smuaintean le a theaghlach agus a charaidean aig an àm dhuilich seo.”

MG ALBA a’ comharrachadh Mìos nan Gàidheal Alba Nuadh le filmichean Gàidhlig à Canada

Tha MG ALBA a’ comharrachadh toiseach Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh, le bhith a’ nochdadh dà fhilm goirid Gàidhlig à Canada air YouTube BBC ALBA, gus am faigh Gàidheil thall thairis, agus iadsan a tha an seo, cothrom na filmichean comadaidh fhaicinn.

Bidh an dà fhilm, An t-Inneal Espresso agus Na Tuinichean Mì-Thoilichte rim faicinn airson 7 latha, 1-7 Cèitean, airson toiseach Mìos nan Gàidheal a chomharrachadh, le co-bhoinn eadar MG ALBA agus 1913 Films, a riochdaich na filmichean.

Anns an fhilm An t-Inneal Espresso, feumaidh Ealasaid dèiligeadh ri suidheachadh caran cearbach –tha a caraid Ailig air ùr-sgaradh bho leannan, Una, ach chan e sin a-mhàin a tha a’ cur dragh oirre – thug Ealasaid an t-inneal cofaidh spaideil aice dha Una, is amharas oirre nach fhaic i gu bràth tuilleadh e…

Tha dà thuiniche Albannach air Alba Nuadh a ruigsinn airson a’ chiad uair ann an Na Tuinichean Mì-Thoilichte, agus chan eil a h-uile càil coltach ris na bha iad an dùil, is iad a’ tionndadh gu neach-fearainn seòlta airson cuideachadh.

Chithear an dà fhilm air YouTube BBC ALBA, agus gheibhear tuilleadh mu Mhìos nan Gàidheal Alba Nuadh an seo.

Sreath Ùr BBC ALBA a’ taisbeanadh Bàrdachd na Gàidhlig

Tha sreath ùr air BBC ALBA a’ comharrachadh a’ bheartais agus an dualchais a th’ aig bàrdachd Ghàidhlig agus a cuid buntainneas a leanas ris an latha an-diugh.

Anns an t-sreath Dàn, tha dà dhuine dheug a’ leughadh agus a’ bruidhinn mu na dàin a tha cudromach dhaibh agus aig a bheil buaidh orra.

Dh’inns riochdaire Caledonia TV, Ramsay MacMahon: “Tha cumhachd air leth aig bàrdachd. Faodaidh e ar toirt a dh’àiteigin eile, faodaidh e neach no àm sònraichte a chur nar cuimhne agus tha e ag innse dhuinn mu ar n-eachdraidh is an t-saoghal anns a bheil sinn beò.”

“Tha measgachadh math farsaing de na rannan as bòidhche nar cànan thairis air dusan prògram goirid. Bho dhàin èibhinn gu tàlaidhean, bàird ainmeil na Gàidhlig gu feadhainn nach eil buileach cho aithnichte, bho bhàrdachd baile gu seann bhàrdachd a chluinnear tric ga seinn.”

Thèid an t-sreath gu lèir air BBC iPlayer air 24 Giblean. Às dèidh sin bidh gach prògram air BBC ALBA gach là aig 7.55f bho Dhiluain gu Diardaoin a’ tòiseachadh 26 Giblean.

Bidh an t-sreath cuideachd ri fhaicinn air YouTube BBC ALBA agus tionndadh dà chànanach den bhàrdachd ann an Gàidhlig agus Beurla air làrach-lìn a’ BhBC – theirigibh gu bbc.co.uk/alba

Clàr

Diluain, 26 Giblean – Ep 1: Tha Pàdraig MacAoidh à Eilean Leòdhais na bhàrd agus oide ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Tha e na eòlaiche air litreachas Albannach agus Èireannach bho 1800 air adhart, agus gu sònraichte a thaobh litreachas na Gàidhlig. Bidh e a’ sgrùdadh agus ag aithris “Tha Thu air Aigeann M’ Inntinn” le Iain Chrichton Mac a’ Ghobhainn.

Dimàirt, 27 Giblean – Ep 2: Bidh Eilidh NicCarmaig, bhon chòmhlan SIAN a’ bruidhinn air agus ag aithris an dàin “Thig Trì Nithean Gun Iarraidh” a chaidh a dhèanamh o chionn 300 bliadhna le Nighean Fhir na Rèilig. Tha i a’ bruidhinn air mar a tha na teachdaireachdan mu spèis agus misneachd do bhoireannaich a th’ anns an dàn a cheart cho chudromach an-diugh.

Diciadain, 28 Giblean – Ep 3: Bruidhnidh Ross Christie mu mar a thàinig e tarsainn air obair a’ bhàna-bhàird Catriona NicIlleBhàin Ghrannd às an Òban, tè nach eil cho aithnichte. Bidh e ag aithris “Blàith-Fhleasg o Mhòd nam Maca-Meamna” agus ag innse mu mar a tha bàrdachd air a bhogadh anns a’ Ghàidhlig.

Diardaoin , 29 Giblean – Ep 4: Bidh Màiri NicLeòid a’ bruidhinn mu mar a dh’fhaodas bàrdachd do thoirt air ais ann an tìm. Bidh i ag aithris an dàin “An t-Seann Dachaigh” le Ealasaid Shutharlanach (Lizzie a’ Ghlinne) às an Eilean Sgitheanach a tha ga toirt air ais gu bhith na leanabh anns an Eilean Sgitheanach agus a cuimhneachain air lampaichean-ola agus teintean monaidh anns na taighean.

Diluain 3 Cèitean – Ep 5: Bidh Catriona Mhoireach, craoladair, sgrìobhadair agus cathraiche Comhairle nan Leabhraichean, a’ bruidhinn mu mar a dh’fhaodas bàrdachd cuimhneachan air duine a dhùsgadh. Bidh i ag aithris “An Luchag ’s an Cat” a tha a’ toirt cuimhne a h-ogha nach maireann dhi. Tha cuimhne làidir aice air ag aithris an dàin na bhalach òg aig a’ Mhòd.

Dimàirt, 4 Cèitean – Ep 6: Bidh Màrtainn MacGriogair, àrd-oide Eachdraidh aig Oilthigh Glaschu, a’ bruidhinn air luach bàrdachd mar thus eachdraidheil do dhaoine dhe leithid. Tha e a’ leughadh “Griogal Cridhe” a tha na caoidh agus tàladh le Mòr Chaimbeul, a dh’innseas tòrr dhuinn mu ùpraid nan cinnidhean anns a’ Ghàidhealtachd anns na 1500an.

Diciadain, 5 Cèitean – Ep 7: Bruidhnidh Iain MacChoinnich mun cheangal eadar bàrdachd agus àite is e a’ leughadh “Air Mòinteach Shuardail” le Ruaraidh MacThòmais. Tha an dà chuid Eilean Leòdhais agus Ameireaga a Deas a’ nochdadh anns an dàn, agus Iain a’ mìneachadh a’ cheangail eatorra.

Diardaoin, 6 Cèitean – Ep 8: Leughaidh Linda NicLeòid an dàn “Mar Chuimhneachan air Mo Mhac Ghràdhach” a chaidh a dhèanamh Mòrag Sheumais Bhàin à Uibhist a Tuath (Mòrag Dhòmhnallach, bàrd a bha càirdeach ri Linda na sinnsireachd) an dèidh dhi mac a chall. Bruidhnidh Linda mun t-solas a fhuair a’ bhàrd bho bhith a’ dèanamh na bàrdachd sin.

Diluain, 10 Cèitean – Ep 9: Rugadh Ruairidh Iain MacLeòid, a’ Mhorair Mhinginis QC, a tha na neach-lagha Albannach anns an Eilean Sgitheanach. Bidh e ag aithris an dàin “Òran Mòr MhicLeòid.” Bidh e a’ bruidhinn mu àm ann an eachdraidh a tha a’ nochdadh anns an dàn nuair a bha seann thraidiseanan nan cinnidhean a’ crìonadh agus an ath ghinealach de chinn-chinnidhean a’ gabhail thairis.

Dimàirt, 11 Cèitean – Ep 10: Do Melina Maclean, tha an dàn “Ban-Ghàidheal” le Somhairle MacGill-Eain a’ bualadh oirre aig iomadh ìre. Bidh i ag aithris an dàin agus a’ bruidhinn mu mar a tha i a’ faireachdainn ceangal ri ìomhaigh bhoireannach a’ giùlan clèibh feamad mar a rinn na sinnsirean aice.

Diciadain, 12 Cèitean – Ep 11: Bidh Rosemary Ward, Stiùiriche Phrògraman aig Urras Leabhraichean na h-Alba, a’ bruidhinn mun tarraing làidir a dh’fhaodadh a bhith aig dàn air neach. Bidh i ag aithris bàrdachd Dhòmhnall Dhòmhnallaich mu dheidhinn Uibhist “Còmhradh an Eilthirich ris an Stuaidh” agus ag innse mun chianalas tha e a’ fàgail oirre.

Diardaoin, 13 Cèitean – Ep 12: Bidh Eòghainn MacEanruig, ceòladair a tha stèidhte ann an Glaschu agus a tha a’ cluich don chòmhlan Mànran a’ bruidhinn mun togail a gheibhear à bàrdachd. Bidh e ag aithris “Do dh’ Arm Rìgh Sheumais” le Sìleas na Ceapaich agus a’ cur thairis gum faod gairm togarrach a’ bhàird agus a liut airson bheachdan làidir a chur an cèill a bhith gu math feumail dhuinn anns an latha an-diugh.

BBC ALBA a’ lìbhrigeadh taghadh ceòl bho air feadh na dùthcha an cuideachd Fèis Rois

Bidh BBC ALBA a’ toirt cuid den tàlant as fheàrr ann an saoghal a’ chiùil ann an Alba gu dachannan dhaoine a’ mhìos-sa, le dà phrògram ùr a’ nochdadh stuthan bho Phàillean Srath Pheofhair gus fhèis air-loidhne Fèis Rois na bliadhna-sa a chomharrachadh.

Thèid dà chuirm a shealltainn air BBC ALBA, leis a’ chiad earrann a’ nochdadh ceòl bho chlàr The Seer le Lauren NicColla, a bha na choimisean bho Fhèis Rois an 2017. ’S e beatha agus ro-sheallaidhean Choinnich Odhair a bhrosnaich ceòl a’ chlàir seo, agus nochdaidh agallamhan a bharrachd air ceòl anns a’ phrògram. Nochdaidh ceòl bho thaghadh den luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba anns an dàrna chuirm: SIAN, Mairearad & Anna agus Project Smok. Tha gach còmhlan a’ nochdadh bhuill a bha roimhe nan com-pàirtichean aig Fèis Rois, agus airson 35 bliadhna de dh’Fhèis Rois a chomharrachadh, bidh agallamhan ann bhuapa sin.

Tha Fèis Rois, fear de na buidhnean ealain as aithnichte ann an Alba, gu bhith a’ cumail fèis air-loidhne air a’ mhìos-sa bho 30 Giblean gu 3 Cèitean, airson an dàrna bliadhna às dèidh a chèile, a bhios làn ceòl agus òrain bho thaghadh de na ceòladairean traidiseanta as fheàrr ann an Alba. Bha aig a’ bhuidheann ealain, a tha stèidhte ann an Inbhir Pheofharain, ris na tachartasan-còmhnaidh ciùil àbhaisteach aca ann an Ulapul a chur dheth as t-earrach an-uiridh, airson an dàrna bliadhna ri linn Covid. Ach, ri linn iarrtas sònraichte tha e air ais am-bliadhna le tachartas mòr air-loidhne le tachartasan mar phàirt dheth, leithid bhùithtean-obrach, cuirmean, òraidean agus seiseanan saor an-asgaidh a’ nochdadh luchd-ciùil leithid Liz Carroll, fìdhleadair Èirinneach a chaidh a chur air adhart airson duais Grammy, triùir nuadh-trad Project Smok, fìdhleadair Lauren NicCollla, dithis à Gleann Fhionnain Iain MacPhàrlain agus Ingrid NicEanruig, fìdhleadair bhon Kinnaris Quintet Laura Wilkie agus còmhlan co-sheirm Gàidhlig, SIAN.

Thuirt Fiona Dalgetty, Ceannard Fèis Rois: “Tha bliadhna air leth trang air a bhith againn aig Fèis Rois, ag atharrachadh na h-obrach againn gus a bhith air-loidhne, agus a’ leasachadh phròiseactan ùra gus luchd-ciùil a thaiceachadh air feadh na dùthcha. Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ tabhann cosnadh pàighte gu còrr air 50 ceòladairean agus luchd-cruthachail a tha ag obair air an cinn fhèin tron dheireadh sheachdain Fèis Rois air-loidhne 2021 againn. A’ leantainn air soirbheachas tachartas an-uiridh, tha sinn ag obair ann an co-bhanntachd le BEEZR Studios Ltd gus dà phrògram a riochdachadh airson BBC ALBA.”

Thuirt Ewan Duncan, leas-riochdaire aig BEEZR Studios Ltd ann an Glaschu, a riochdaich na prògraman a tha seo airson BBC ALBA: “Tha sinn air ar dòigh a bhith ag obair le Fèis Rois gus an taghadh sgoinneil de phrògraman ciùil a thoirt do luchd-amhairc BBC ALBA.

“Tha a’ bhliadhna mu dheireadh air a bhith gu sònraichte dùbhlanach do sheinneadairean agus luchd-ciùil, agus mar sin tha sinn riaraichte gu bheil e air a bhith comasach dhuinn air cuid a chur ri seo ann a bhith a’ taiceachadh nan daoine air leth tàlantach seo a tha dìreach airson tlachd a thoirt do bheathannan dhaoine tro cheòl anns na h-amannan duilich a tha seo.”

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-Bhanntachdan Cruthachail airson BBC ALBA: “Tha BBC ALBA na dheagh dhachaigh airson nan cuirmean seo, agus tha sinn air ar dòigh an craoladh air an t-seanail agus a bhith ag obair còmhla ri Fèis Rois air a’ phròiseact seo a tha a’ faireachdainn gu math nàdarrach dha BBC ALBA. Tha sinn cuideachd ag obair air pròiseactan ciùil co-obrachail eile còmhla ri Beezr Studios a bhios a’ taisbeanadh farsaingeachd tàlant ceòlmhor na h-Alba, agus a bhios a’ toirt rionnagan mar seo chun sgrìn.”

Earrann 1: Fèis Rois The Seer – BBC ALBA, Dihaoine, 30 Giblean, 9f
Earrann 2: Fèis Rois 2021 – BBC ALBA, Disathairne, 1 Cèitean , 9f

Bidh gach prògram ri fhaicinn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là an dèidh dhaibh a bhith air an craoladh

MG ALBA ag ainmeachadh cùmhnantan riochdachaidh ioma-bhliadhnail BBC ALBA

Tha MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, air cùmhnantan riochdachaidh cudromach ainmeachadh a lìbhrigeas taghadh farsaing de phrògraman buadhmhor airson na seanail thairis air an ath trì bliadhna.

Nì seachd companaidhean riochdachaidh solarachadh air susbaint airson BBC ALBA agus na h-ùrlaran didseatach aige, a’ gabhail a-staigh dibhearsain, ceòl, prògraman chloinne agus prògraman aithriseach.

Chaidh na cùmhnantan a bhuileachadh air companaidhean stèidhichte air feadh Alba, nam measg feadhainn ann an Steòrnabhagh, Obar Dheathain agus Glaschu, agus tha iad a’ comharrachadh in-ionmhas sònraichte ann an roinnean cruthachail na h-Alba.

Tha aontaidhean ann am prionnsabal air an dèanamh leis na companaidhean a leanas:
• Mantra TBh (Dibhearsain Fìrinneach)
• Beezr Studios (Ceòl agus Tachartasan)
• MacTV (Prògraman aithriseach/Prògraman Fìrinneach stèidhichte air susbaint a chaidh fhaighinn)
• Caledonia TV (Prògraman aithriseach /Dibhearsain Fìrinneach)
• Midas Media (Prògraman aithriseach)
• Obh Obh Productions (Prògraman chloinne)
• Solus Productions (Prògraman chloinne)

Tha am modail trì bliadhna a’ toirt sàbhailteachd solarachaidh don t-seanail, a thuilleadh air bunait seasmhach a thoirt do chompanaidhean airson fàis, a’ gabhail a-staigh co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta ann an cuid de ghnèithean.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha na h-aontaidhean ùra seo ag amas air dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ lìbhrigeadh susbaint buadhmhor do luchd-amhairc BBC ALBA ann an àrainneachd a tha a’ sìor fhàs farpaiseach. Sa bhliadhna mu dheireadh tha sinn air faicinn luchd-solair BBC ALBA a’ freagairt gu luath agus gu cruthachail ann an suidheachaidhean a bha air leth dùbhlanach, agus tha na h-aontaidhean ùra seo a’ daingneachadh an comais a tha sin. Tha na h-aontaidhean ioma-bhliadhnail a’ cruthachadh bunait seasmhach airson leasachadh cruthachail agus coimearsalta.”

Thuirt Calum Aonghas MacAoidh, Àrd-Stiùriche a’ chompanaidh riochdachaidh Mantra TBh: “Tha mi fhèin agus an sgioba bho Mantra TBh a’ coimhead air adhart gu mòr ris a’ chothrom prògraman ùra chruthachail a thoirt gu BBC ALBA airson a’ chiad uair taobh a-staigh a’ mhodal riochdachaidh ioma-bhliadhnail seo.

“Leis an taic air leth bho MG ALBA, tha an cùmhnant ioma-bhliadhnail na chothrom mòr gus amasan Mantra TBh a choileanadh – tàlant agus obraichean ùra a thàladh chun na seanail aig an aon àm ri bhith dèanamh cinnteach gum bi gach prògram na thlachd mhòr dhan luchd-amhairc.”

Thuirt Patricia NicLeòid, stiùiriche aig Midas Media: “Aig Midas Media tha sinn air a bhith ag innse sgeòil air telebhisean airson còrr air fichead bliadhna. Tha sinn ann an suidheachadh sònraichte agus moiteil gu bheil MG ALBA a’ tairgse a’ chùmhnaint seo dhuinn gus prògraman aithriseach a lìbhrigeadh.
“Thairis air an ath thrì bliadhna, tha seo a’ toirt cothrom dhuinn prògraman buadhmhor a chruthachadh agus sgilean is tàlant a leasachadh anns an sgìre far a bheil sinn stèidhichte ann an Obar Dheathain. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri guthan is beachdan de gach seòrsa a chur air beulaibh an luchd-amhairc le sgeulachdan bho cheann ear-thuath na dùthcha agus nas fhaide air falbh, an dà chuid aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.”

Thuirt Alasdair MacCumhais, Àrd-Stiùiriche aig Beezr Studios: “Tha Beezr air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri MG ALBA gus taghadh inntinneach, tarraingeach de phrògraman a thoirt gu BBC ALBA thairis air an ath thrì bliadhna. Tha Alba loma-làn cheòladairean chruthachail a tha daonnan a’ tighinn an àrd le dòighean obrach iongantach agus ag obair am measg diofar ghnèithean. Tha an sgioba air fad aig Beezr gu mòr a’ coimhead air adhart ri cothrom an tàlant mìorbhailteach seo a thaisbeanadh air an t-seanail anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thuirt Faye NicIlleathain, Ceannard na Gàidhlig aig Caledonia TV: “Tha sinn toilichte dha-rìreabh gun lean ar càirdeas le BBC ALBA, agus gum bi cothrom ann farsaingeachd de phrògraman ùra a dhèanamh do luchd-amhairc na seanail.”

Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Riochdachaidh agus Leasachadh aig MacTV: “Tha MacTV a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air ar co-obrachadh cruthachail le MG ALBA, le taghadh farsaing de stuthan ioma-mheadhanan aithriseach aig àrd-inbhe thar na h-ath trì bliadhna.

“Bho chionn ghoirid, dh’atharraich cruth na companaidh agus ghabh an luchd-obrach sealbh air, agus tha an cùmhnant seo le MG ALBA na chothrom a tha gar misneachadh mar sgioba agus sinn ag amas air prògraman ùra, aig am bi fìor bhuaidh, a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA.”

Thuirt May Smart stiùiriche na companaidh aig Obh Obh Productions: “Tha Obh Obh Productions air leth toilichte cùmhnant a ghleidheadh gus a dhol air adhart ann an com-pàirteachas le BBC ALBA, gus prògraman togarrach chloinne airson telebhisein a lìbhrigeadh. Tha fadachd oirnn airson ar sgilean, ar n-eòlas agus ar goireasan ùr-nodha a chur an cèill le snas.”

Thuirt Tony Kearney, Stiùiriche aig Solus Productions: “Bho 2013 tha Solus air àrd ìre de dhealbhan-beò air an tionndadh gu Gàidhlig a thoirt do luchd-amhairc òg BBC ALBA, le sgrìobhadh, cleasachd agus sàr riochdachadh aig cridhe seo.

“Tha a’ chùmhnant ùr ioma-bhliadhnail seo le BBC ALBA gu bhith a’ cur ris an t-soirbheachas seo, a’ togail agus a’ brosnachadh leudachadh leantainneach a thaobh tàlaint, agus bidh e a’ cur ri comas Solus Productions a bhith a’ tabhann obair a bharrachd do thàlant riochdachaidh Gàidhlig agus cleasaichean thar-ghuth.”

BBC ALBA a’ toirt sgrìob dhan bhlàr a-muigh as t-Earrach

Le tuairmse den àbhaist air fàire, tha BBC ALBA a’ gabhail cuairt dhan bhlàr a-muigh gus bòidhchead àrainneachd na h-Alba a thaisbeanadh tro phrògraman tarraingeach bho àm na Càisge. 

Bidh an dealbhadair agus filmeadair Calum MacIlleathain, a tha aithnichte airson a bhith a’ snàmh gu dàna a-muigh, a’ sireadh nan seallaidhean as fheàrr ann an Alba agus a’ feuchainn rin glacadh tron chamara ann an Dealbh is Slighe | Picture Trail.

Bidh Calum (32), a tha a’ fuireach ann an Obar Pheallaidh, a’ faighinn a-mach mar a thill gu leòr againn gu nàdar gus dèiligeadh ri buaidh Covid-19 ann an Trusadh: Air ais gu Nàdar | Back to Nature.  Bidh e an cuideachd aoighean a tha a’ toirt seachad na teisteanasan aca fhèin mu bhith a’ faighinn a-mach dhan bhlàr a-muigh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh.

Bidh Calum a’ ruith cuide ris an t-seinneadair aithnichte Julie Fowlis, air bruaichean Loch Nis, agus bidh i ag innse mar a chleachd ise nàdar agus eacarsaich tro 2020, gus a’ bheàrn a dh’fhàg cion chuirmean is fèisean a lìonadh.

Bidh an t-eileanach agus fìor mhaighdinn-mara Kate NicLeòid a’ cumail oirre a’ rùrach mun cuairt oir-thìr Ùige, Eilean Leòdhais, is i a’ tional sgeulachdan eachdraidheil agus mu àite a h-àraich.  Tha an t-sreath seo a’ glacadh seallaidhean iongantach bho mhuir is tìr, de thràighean òr-bhuidhe, uisgeachan fìor ghlan agus beanntan corrach ann an Miann na Maighdinn Mara | Mermaid Tales.

Dhuibh-se a tha am beachd làithean-saora a ghabhail nas fhaisge ri làimh nan àbhaist am-bliadhna, cha b’ fhuilear dhuibh coimhead ri Mach à Seo airson beagan bhrosnachaidh.

Bho dhualchas dìomhair Lodainn an Ear gu cruinn-eòlas creagach an Eilein Mhuilich air a’ chost an iar, bidh Ramsay MacMhathain a’ sireadh àiteachan sònraichte a lorg, is e gu dealasach a’ toirt sgrìob gach deireadh sheachdain air feadh Alba.

Tha BBC ALBA a’ cur fàilte air ùrachadh an Earraich, leis na prògraman sgoinneil seo sa chlàr bhon Ghiblean. Fhad ’s a tha na làithean a’ sìneadh mean air mhean, is làithean geala air fàire, tha fios gun glac prògraman BBC ALBA aire, is gum bi iad nan adhbhar brosnachaidh is misneachaidh.

Thuirt Uilleam MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh aig BBC ALBA: “Tha sinn air faicinn cho fìor chudromach ’s a tha e do dhaoine anns na h-amannan dùbhlanach a tha seo a bhith a’ faighinn a-mach dhan àrainneachd, agus tha e anabarrach math gu bheil BBC ALBA a’ tairgsinn taghadh fharsaing de phrògraman làidir dhaibh-san a tha ag ionndrainn a bhith a’ siubhal, agus a’ tabhainn beachd no dhà airson an t-àm às dèidh a’ ghlasaidh.

“Tha na Gàidheil aithnichte airson an cuid gràdh agus ceangal do nàdar, agus mar sin tha sinn dha-rìreabh toilichte gum faod sinn rudeigin sònraichte a chur ri sin le clàr an earraich.”

Bidh na prògraman air fad rim faicinn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là an dèidh gan craoladh.

MG ALBA a’ cuimhneachadh air a’ ghaisgeach craolaidh, Euryn Ogwen Williams

A’ meòrachadh air an naidheachd an-diugh gun do chaochail Euryn Ogwen Williams, thuirt Cathraiche MG ALBA, Ailean Dòmhnullach:

“Chaidh iomradh a thoirt air Euryn an-diugh mar ghaisgeach de chraoladh Chuimreach, agus chan eil teagamh sam bith ann gu robh seo fìor. Tha an dìleab aige, a tha ri fhaicinn gu follaiseach ann an S4C, a’ nochdadh a dhealas don chànan Chuimreach agus mar a dhìon e àite a’ chànain ann an saoghal craolaidh agus didseatach.

Bha an dòigh-obrach gnìomhach aige a thaobh mion-chànanan na b’ fharsainge na Cuimris, agus an seo aig MG ALBA tha sinn a’ cuimhneachadh air an taic a thug e seachad anns na làithean tràtha aig Comataidh Telebhisean Gàidhlig, taic a lean chun an là an-diugh. Tha sinn ga chuimhneachadh le taing mhòr airson a chuid obrach agus a choibhneas.

Tha ar smuaintean le a theaghlach, a cho-obraichean agus a charaidean aig an àm dhuilich seo. ‘

Buannaichean Co-fharpais Fhilmichean Goirid Gàidhlig FilmG gu bhith air an ainmeachadh

Thèid buannaichean co-fharpais cliùiteach nam filmichean goirid Gàidhlig, FilmG, ainmeachadh air BBC ALBA bho 9f Dihaoine 19 Màrt le prògram duaisean ùr agus sònraichte.

Gu h-àbhaisteach, ’s ann aig cuirm beò anns an Old Fruitmarket ann an Glaschu a tha na duaisean gan toirt seachad, ach am-bliadhna, bidh prògram sònraichte a’ sealltainn nam buannaichean air BBC ALBA.

Thuirt Debbie NicAoidh, Manaidsear Pròiseict aig Cànan Graphics Studio, “Thug na bacaidhean a tha ann an-dràsta oirnn aithneachadh nach biodh e comasach a h-uile duine fhaighinn cruinn còmhla airson cuirm beò mar is àbhaist. A dh’aindheoin sin, tha e sgoinneil gu bheil an cothrom ann a bhith a’ taisbeanadh nam filmichean air leth a th’ againn agus an obair chruaidh air an cùlaibh air BBC ALBA. Tha sinn cuideachd a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn mar a tha a h-uile duine a’ comharrachadh na h-oidhche thairis air na meadhanan sòisealta againn!”

Chaidh 104 inntrigidhean a chur a-staigh gu co-fharpais na bliadhna-sa, nas motha na bha ann a-riamh, le 41 dhiubh a’ cosnadh àite air geàrr-liosta thairis air na 17 roinntean a tha ann, a’ gabhail a-staigh duais Roghainn an t-Sluaigh, an duais a tha an urra ri bhòtadh bhon phoball.

’S iad gaisgich FilmG agus BBC ALBA Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach a bhios aig an stiùir mar is àbhaist.

A bharrachd air na duaisean, cluinnidh luchd-amhairc bho Lana Pheutan, Rachel NicAoidh agus Hannah McKirdy bhon phod-chraolaidh aig Radio nan Gàidheal Aig Astar mu mar a tha iadsan a’ dèanamh deiseil airson duaisean FilmG, agus innsidh filmeadairean Hamish MacLeòid agus Coinneach MacFhraing mar a tha an cuid soirbheachas aig FilmG an-uiridh air an taiceachadh ìrean àrda ùra a ruigsinn.

Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh aig MG ALBA “Tha FilmG a-riamh air a bhith na chùis bhrosnachaidh mar thachartas, le filmeadairean a’ taisbeanadh an cuid rùintean agus cruthachalachd uile tro mheadhan na Gàidhlig. Am-bliadhna, tha sinn air uiread de dh’filmichean fhaicinn nach fhacas a-cheana, agus bheir na duaisean seo a’ chiad chothrom gu tòrr de na filmeadairean seo a bhith a’ nochdadh air TBh, rud a tha na chlach-mhìle shònraichte do dhuine sam bith.”

Tha FilmG a-nise air a bhith a’ ruith airson 13 bliadhna, agus on uair sin, tha e air a bhith mar ùrlar do thòrr fhilmeadairean a tha a-nise ag obair ann roinn nam meadhanan Gàidhlig agus an gnìomhachas film.

Bidh FilmG 2021 air BBC ALBA Dihaoine, 19 Màrt bho 9f agus bidh e ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson suas ri 30 là às dèidh sin.

Geàrr-liostaichean FilmG 2021:

Òigridh

Inbhich