Prògram aithriseach a’ sgrùdadh mar a bhios luchd-labhairt Gàidhlig Afro-Caraibeach gan aithneachadh fhèin le cultar agus eachdraidh na Gàidhlig

Bidh seinneadar le buntainneas Albannach agus Nigèiriach aig a bheil a’ Ghàidhlig a’ sgrùdadh an dàimh aice fhèin ri cultar agus eachdraidh na Gàidhlig ann am prògram aithriseach ùr air BBC ALBA.

Bheir Cass Ezeji, 27, sealladh pearsanta de a beatha seachad ann an Trusadh: Afro-Gàidheil – Afro-Gaels, is i a’ feuchainn ri a h-àite a lorg ann an cultar far nach fhacas riochdachadh dhi fhèin cho bitheanta ’s a dh’iarradh i.

Coinnichidh i ri luchd-labhairt Gàidhlig eile le sinnsireachd Afraganach agus Caraibeach gus bruidhinn air mar a bhios iadsan a’ dèanamh ceangail leis a’ chultar, agus aig an aon àm a’ bruidhinn le eòlaichean gus fhaighinn a-mach mun riochd a bh’ aig na Gàidheil ann am malairt thràillean.

’S ann nuair a chaidh Cass dhan bhun-sgoil ann an Glaschu, a’ chiad bun-sgoil Ghàidhlig ann an Alba, a dh’fhulang i grain-chinnidh an toiseach. Mar thè òg de chinneadh-measgaichte, bha mì-chinnt aice mun àite aice-se anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, agus ged a bhruidhneadh i an cànan gu fileanta, ’s ann tric a thèid a ceasnachadh mu cuid aithne co-cheangailte ri sin.

Thuirt Cass: “Bha sinn air ar bogadh ann an Gàidhlig anns an sgoil, agus cha chreid mi gun robh fios-am gur e sin a’ chùis a bhiodh ann, is mar sinn bha mi a’ faireachdainn rud beag air chall.

“’S e am faireachdainn a fhuair mi nuair a dh’fhàg mi an sgoil gur e is nach robh mi a’ faireachdainn mar phàirt de shaoghal na Gàidhlig. Cha robh mi gam fhaicinn fhèin a’ faighinn riochdachadh anns a’ chultar, is mar sin bha faireachdainn neo-cheangailte ann.”
Buinidh pàrantan Cass ri Glaschu. ’S ann à Nigèiria a bha athair a h-athar agus dh’fhuirich e ann an taobh Sear Glaschu còmhla ri a seanair à Newcastle. Thuirt Cass: “Cha robh an uimhir de dhaoine Black a’ fuireach ann an Alba aig an àm sin. Bha iadsan mar aon de na beag-uiread de theaghlaichean Black a bha anns a’ bhaile.

Thuirt Cass, a bhios a’ seinn ann an còmhlan air a bheil LAPS còmhla ri a deagh caraid Alicia Matthews; “Ag èirigh suas, cha robh eòlas sam bith agam air Nigèiria. Bha mi gu math fortanach gun robh athair mo mhàthar ag innse tòrr dhomh mu dheidhinn an àite.

“Bha mapa cruinne againn, agus bhiodh e a’ sealltainn dhomh cà robh Nigèiria. Bha dà threubh ann an Nigèiria a b’ aithne dha – Igbo agus Yoruba; ’s e Igbo a th’ anns an teaghlach againne.”

Thadhail Cass air Nigèiria airson a’ chiad turas o chionn dà bhliadhna, agus ged a thug an cultar crathadh oirre, ’s e turas sònraichte a bh’ ann agus dh’fhairich i ceangal làidir ris an àite agus ris na daoine.

Le bhith a’ bruidhinn le daoine eile le dualchas Afraganach-Caraibeach aig a bheil Gàidhlig, tha Cass a’ sgrùdadh na tha e a’ ciallachadh a bhith mar phàirt de choimhearsnachd na Gàidhlig agus tha i a’ faighinn a-mach nach eil i leatha fhèin ann a bhith a’ faireachdainn mi-chofhurtail leis an fhacal Ghàidhlig airson ‘Black’: dubh. Bidh i a’ meòrachadh air dòighean eile airson a fèin-aithneachadh, agus bidh i a’ feuchainn gus ceangal a thogail a-rithist ris a’ chànan tro cuid dealas airson ceòl is i a’ seinn anns a’ Ghàidhlig airson a’ chiad uair.

Coinnichidh Cass leis an eòlaiche eachdraidh an Dotair David Alston, agus a’ chiad Comhairliche Afro-Caraibeach ann an Glaschu, Graham Campbell airson sùil a thoirt air fianais tràilleachd a tha ri lorg fhathast ann an Glaschu agus air a’ Ghàidhealtachd. Gheibh i a-mach gun deach a’ chiad fhaclair Gàidhlig a mhaoineachadh le tabhartasan bho thuathanasan thràilleachd, agus cluinnidh i an sgeulachd mun nighean de chinneadh-measgaichte, Eliza Junor, a thàinig dhan Chromba à Demerara anns na 1800an còmhla ri a h-athair Gàidhealach, aig àm nuair a bha mu 10% de na sgoilearan aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis clàraichte mar feadhainn a thàinig à sgìre a’ mhuir Charaibeach.

Gheibh i a-mach mu na ceanglaichean eachdraidheil eadar na Gàidheil agus a’ mhalairt thràillean, agus mar a fhuair teaghlaichean na Gàidhealtachd buannachdan mòra às a’ gnìomhachas seo, agus aig an aon àm dèiligidh i le cuid de na ceistean as duilghe mu ghràin-chinnidh agus tràilleachd, agus làthaireachd na dìleib sin ann fhathast.

Thuirt Cass: “Nuair a smaoineachas sinn air Alba agus tràilleachd, ’s ann glè ainneamh a chluinneas sinn mun cheangal a bh’ aig na Gàidheil ris.

“Tha e deatamach gum bruidhinn sinn mu seo anns a’ choimhearsnachd againn, oir tha sinn daonnan air a bhith gar faicinn fhèin mar na gaisgich is chan e an luchd-ainneirt. ’S e eachdraidh pianail a th’ ann, ach bha sinn mar phàirt dheth. Feumaidh sinn èisteachd ris, gun a bhith ga chur gu aon taobh air làrach nam bonn.”

Thèid Trusadh – Afro-Gàidheil – Afro-Gaels a shealltainn air BBC ALBA air Diluain, 4 Dàmhair aig 9f, agus bidh e ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là.

BBC ALBA a’ buannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha cuirm Peat & Diesel, From the Barrow to the Barrowlands, air duais a thogail airson a’ Phrògram Ciùil Beò a’ b’ Fheàrr aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna.

Riochdaichte leis a’ chompanaidh riochdachaidh MacTV a tha stèidhte ann an Steòrnabhagh, fhuair am prògram soirbheachas mòr air BBC ALBA nuair a chaidh a chraoladh an toiseach anns a’ Ghiblean 2020 mar phàirt de dh’fheasgar sònraichte air an t-seanail a’ comharrachadh a’ chòmhlain.

Anns a’ chuirm dhuaisean a chaidh a shruthadh beò mar phàirt de dh’Fhèis nam Meadhanan Ceilteach, le Sanjeev Kohli (Still Game) aig a’ cheann, bha an neach-breithneachaidh Marie MacNeill a’ moladh an “sgioba air leth aig MacTV” airson a bhith a’ sealltainn “còmhlan a bha a’ faighinn cumhachd bho chonnadh ionadail air fad!”.

Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Leasachaidh & Co-riochdachaidh / Coimiseanan aig MacTV, “Tha sinn cho fìor thoilichte gun do bhuannaich MacTV an duais chliùiteach seo! Tha an dòigh sònraichte sa bheil Peat & Diesel a’ dèanamh luaidh air Gàidhlig agus cultar nan eilean le fealla-dhà agus an ceòl tarraingeach aca air aire mhòr a ghlacadh, agus bha e na thlachd agus na thoileachas an sgeulachd aca innse tron phrògram aithriseach againn agus tron phrògram bhon chuirm iongantach sin aig na Barrowlands!”

Tha mi dìreach moiteil à sgioba MacTV agus coimhearsnachd mheadhanan nan eilean a bha gu mòr na phàirt dheth, agus balaich Peat & Diesel fhèin. Bha e dhà-rìreabh na mhìorbhail a fhuair mòr-spionnadh à neart ealanta nan eilean!’ –  ach hey, ‘sin agad mar a tha sinn ga dhèanamh sna h-Eileanan an Iar!”

Chaidh am prògram aithriseach mu na balaich That’s the Way We Do It, a thàinig an cois a’ chuirm seo, ainmeachadh airson duais eile aig an fhèis, agus chosnaich e duais airson Fad-phrògram Aithriseach Eadar-nàiseanta aig an fhèis aithnichte Williamsburg International Film & Music Festival ann am Brookyln, New York.

Bha an dà phrògram a’ leantainn a’ chòmhlain à Steòrnabhagh is iad a’ faighinn cliù dhaibh fhèin air thoiseach air cur air bhog an dàrna chlàir aca agus an cuirm sònraichte aig talla-ciùil cho aithnichte ’s a tha ann an Glaschu, am Barrowland Ballroom.

Tha Peat & Diesel air a dhèanamh an-àrd den iasgair, Calum ‘Boydie’ MacLeòid, dealanair Innes Scott agus draibhear-lìbhrigidh Uilleam ‘Uilly’ MacLeòid, agus tha iad air buaidh nach beag a thoirt air an t-saoghal ciùil ann an Alba mar-thà, is an cuid sgeulachdan àraid agus ceòl tarraingeach a’ toirt sealladh air beatha nan eilean a’ glacadh mac-meanmna na dùthcha.

Fhuair BBC Radio nan Gàidheal soirbheachas aig an Fèis nam Meadhanan Ceilteach cuideachd, le Spòrs na Seachdain a’ faighinn an duais airson Prògram Spòrs Rèidio as Fheàrr airson a’ cheathraimh thurais, a’ glèidheadh an tiotail airson a’ phrògram as soirbheachaile a-riamh ann an eachdraidh na fèise a tha a’ dol air ais 42 bliadhna.

Leis a’ chraoladair Iain Moireasdan aig an stiùir, bhuannaich am prògram ann an 2016, 2017 agus 2019, agus chaidh prògram na bliadhna-sa a chomharrachadh airson a bhith a’ dèanamh oidhirp air leth ann a bhith a’ taisbeanadh an adhartais a tha ga dhèanamh ann an spòrs nam ban.

Thuirt Iain: “Feumaidh mi moladh mòr a dhèanamh air an riochdaire, Màiri NicRisnidh, a chum gnothaichean a’ dol tro sheachdaineanan a’ ghlasaidh, nuair nach robh spòrs beò ann airson còmhradh mu dheidhinn. Bha mise a’ craoladh bho rùm beag san taigh, agus bha a h-uile duine a bhruidhinn sa phrògram nan dachannan fhèin. Taing mhòr dhaibh-san airson bruidhinn cho ealanta mu dheidhinn spòrs nam ban, a’ dèanamh prògram a bha airidh air duais a bhuannachadh.

“Dhomh-sa, tha Spòrs ag obrachadh seach gu bheil e a’ dèanamh ceangal dlùth ris an luchd-èisteachd a tha a cheart cho measail rinn fhèin air spòrs aig a h-uile ìre. Tha Spòrs a’ gluasad gu siubhlach bho chòmhradh mu dheidhinn rionnagan mòra an t-saoghail, leithid Messi, gu rionnagan ùra mar Emma Raducanu, gu rionnagan sgìreil a’ bruidhinn mu spòrs sa choimhearsnachd aca fhèin. Measgachadh a tha a-nise air buannachadh ceithir tursan ann an sia bliadhna.”

Thuirt Màiri NicRisnidh, Riochdaire Spòrs na Seachdain: ““Mòran taing do dh’Fhèis nam Meadhanan Cheilteach agus na breitheamhan airson an duais, Prògram Spòrs Rèidio as Fheàrr a thoirt do Spòrs na Seachdain airson an ceathraimh thurais.  Tha mi fhèin, Iain agus an sgioba air fad air ar dòigh glan.  Bha na prògraman uile aig àrd ìre, le cuspairean eadar-dhealaichte agus inntinneach. Chaidh iad uile a lìbhrigeadh gu proifeasanta agus sheall iad dhuinn mar as urrainn aithris mu dhiofar chuspairean spòrs a tha cho eadar-dhealaichte.  Taing uile, dhan a h-uile aoigh a ghabh pàirt anns a’ phrògram, a chaidh a-mach tron chiad glasaidh-sluaigh, airson a bhith cho fosgailte le an cuid beachdan agus a’ cur earbsa anns an teicneòlas”

Thuirt Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha e air leth brosnachail a bhith a’ faicinn gu bheil na meadhanan Gàidhlig a’ faighinn an aithneachadh gu cunbhalach am measg an t-susbaint a b’ fheàrr a th’ aig na nàiseanan Ceilteach. Bidh na riochdairean, companaidhean riochdachaidh, sgiobannan agus tàlant ag obair gu dìoghrasach thairis air na meadhanan airson prògraman sgoinneil a chruthachadh gach latha agus gach seachdain den bhliadhna, agus tha sinn a’ cur fàilte bhlàth air duaisean cliùiteach gnìomhachais mar seo.”

Suidh air ais is gabh anail le Clàr Foghair BBC ALBA

Tha BBC ALBA an-diugh (10 Sultain) a’ foillseachadh clàr foghair làn phrògraman ùra le sgeulachdan brosnachail is togarrach, cuairtean air a’ bhlàr a-muigh agus cuid den cheòl beò as fheàrr a gheibhear ann an Alba.

Tha SpeakGaelic na phrògram ùr a chuireas fàilte air dòighean ionnsachaidh ioma-mheadhain, ag amas air fìor luchd-tòiseachaidh agus iadsan a tha air rud beag misneachd a chall sa chànan, agus cuiridh e taic ri ginealach ùr agus èasgaidh de luchd-labhairt Gàidhlig.

’S i a’ phearsa TBh agus rèidio Joy Dunlop a bhios aig ceann SpeakGaelic, còmhla ris an rionnag air-loidhne – a tha aithnichte son a bhith a’ snàmh anns gach àite – Calum MacIlleathain.

Tha seallaidhean iongantach na h-Alba rim faicinn ann an iomadh sreath ùr air BBC ALBA as t-Fhoghar: An dèidh dhi an NC500 agus an Wild Atlantic Way a dhèanamh, tha Anne Lundon a’ siubhal a’ Chuain Sgìth, is i a’ coinneachadh ri na daoine dha bheil An Cuan Sgìth mar dhòigh beatha agus beò-shlàinte.

’S iad sgeulachdan dhaonna a tha aig cridhe clàr BBC ALBA, leis an dràibhear railidh òg à Leòdhas, Màiri Ross mar theisteanas air an sin. ’S e tha san amhairc do Mhàiri ach cead-draibhidh de gach ìre fhaighinn – motor-baidhg, bus agus a-nise HGV. Sin uile, is i na màthair ùr. Faic mar a thèid dhi ann am Mach às mo Rathad / Born to Drive. Ann an Afro-Gàidheil / AfroGaels, bidh Cass Ezeji a’ coimhead air na tha ‘Gàidheal’ a’ ciallachadh do dhaoine eile aig a bheil an dearbh dhualchas Afraganach agus Caraibeach a th’ aice fhèin.

Bidh an t-sreapadair Coinneach MacFhraing a’ sealltainn a chuid dhealas airson nan àitichean as iomallaiche ann an Alba, is e a’ toirt sealladh orra bho chreagan casa na dùthcha ann an Dàna | Scotland’s Wild Side.

Tha Ratharsair gar toirt air chuairt eilean a tha a cheart cho mòr ri Manhattan, ach le nas lugha na 200 daoine a’ fuireach ann, a’ toirt sùil air an dà chuid na dùbhlain agus na cothroman a tha ron choimhearsnachd agus tha Ramsay MacMhathain a’ tilleadh uair eile airson sealltainn dhuinn ciamar a gheibh sinn Mach à Seo bhon stairsnich againn fhèin.

Bidh Seumas MacLetchie a’ toirt luchd-coimhid air turas iasgaich inntinneach agus eachdraidheil tro fhìor-uisgeadan nan eilean, is e a’ trusadh dualchas an dreuchd aige fhèin ann an Trusadh: The Ghillie’s Story, fhad ’s a the Evelyn Coull a’ rùrach tro thobhtaichean agus bailtean falamh an Eilein Fhada ann an Trusadh: Beatha air an Oir / Lost Villages, is i a’ toirt sùil às ùr air na beathannan a bha ann agus na teachdaireachdan a bhiodh aca dhuinn san latha an-diugh.

Tha Gàrraidhean Mòra na h-Alba/Scotland’s Gardens a’ toirt luchd-coimhid air cuairtean beaga snoga – mun cuairt ceithir gàrraidhean poblach, nam measg Gàrraidhean Botanaigeach agus Gàrradh foirmeil Iapanach le eachdraidh air leth inntinneach. ’S ann ann an Dùn Èideann a tha Cathy NicDhòmhnaill airson sùil a thoirt air an fhìrinn air cùl an fhicsein anns an nobhail aithnichte aig Muriel Spark, Sàr-Sgeòil: The Prime of Miss Jean Brodie.

Tha Golf: Mun Cuairt Alba gar toirt dha na h-àitichean dìomhair agus feadhainn nas aithnichte ann an saoghal a’ ghoilf ann an Alba, agus cluinnidh sinn bho chluicheadairean de gach aois, le criomag no dha bho na proifeiseantaich cuideachd. Ged nach fhaigh Seòid a’ Chidsin / The Kitchen Coves air siubhal gu dùthchannan cèin cus sna làithean-sa, faodaidh iad feuchainn air cuid den bhiadh aca ath-chruthachadh, a’ toirt luchd-amhairc air chuairt air feadh an t-saoghail bhon chidsin aca fhèin.

Thèid dùbhlain na h-àrainneachd a sgrùdadh anns an t-sàr phrògram Eòrpa, a bhios a’ coimhead gu mionaideach air cùisean làitheil a bhuineas rinn uile, agus co-labhairt mòr na gnàth-shìde aig na Dùthchannan Aonaichte, COP26, a’ teannadh air Glaschu, agus bidh CBBC ALBA a’ cur air bhog prògram ùr Uaine / Green a bheireas dhuinn sealladh nan òg air a’ chùis, agus croitear Dòmhnall ‘Sweeny’ MacSuain, a tha aithnichte airson An Lot, a’ faighneachd dè ’s urrain dha-san a dhèanamh airson na h-àrainneachd ann an Mac ’S Uaine / MacSween Goes Green.

Gheibh iadsan a tha dèidheil air ceòl taghadh air leth le ceòl bho fhèis TRNSMT ann an Glaschu, am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis agus cuairtean iar-deireannach bho BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year. Bidh Julie Fowlis aig ceann sreath eile de phrògraman a fhuair breith anns a’ chiad ghlasadh, le tuilleadh Julie Fowlis | Ceòl aig Baile, anns am bi sàr-roghainn de cheòladairean traidiseanta bho air feadh na dùthcha; Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach, Mùideart agus Glaschu. Mur nach biodh gu leòr an sin, tha sreath sònraichte eile ann de cheòl traidiseanta, le Julie Fowlis a’ tilleadh uair eile airson rùrach tron tasglann de sheiseanan iongantach a thug rionnagan ceòl-dùthcha agus traidiseanta còmhla ann an Transatlantic Sessions: Dlùth an Dàimh.

Air clàr chloinne BBC ALBA, bidh sreathan ùra Alba Eagalach, a bhios a’ leantainn dòrlach phreseantairean treun is iad a’ siubhal a dh’iomadh àite a tha aithnichte airson an cuid eachdraidhean inntinneach agus eagallach, a thuilleadh air dealbhan-beò air leth leithid Pompon Am Mathan Beag agus Na Dàna-thursan aig Tintin.

Tha BBC ALBA na dhachaigh airson spòrs nam ban ann an Alba, le susbaint bho Chuairtean Dearbhaidh Cupa Cruinne nam Ban FIFA, Lìog nam Ban Albannach, iomairt nam ban Albannach Cupa Rugbaidh na Cruinne a ruighinn, a thuilleadh air a’ phrògram sheachdaineil iriseach Women’s Sport 360, a tha ri fhaotainn air BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA.

Airson a’ chiad turas a-riamh, thèid Cuairt Deireannach Cupa na Camanachd a shealltainn beò air BBC ALBA air Disathairne 18 Sultain.

Faic Clàr an Fhoghair an seo. 

Sàr-Shusbaint Ball-coise nam Ban air BBC ALBA

Tha BBC ALBA an-diugh ag ainmeachadh sàr-shusbaint ball-coise nam ban le 20 geama beò bhon SWPL, an àireamh as motha a-riamh, a thuilleadh air susbaint beò sònraichte a’ leantainn Sgioba Nàiseanta nam ban anns na cuairtean dearbhaidh.

Chaidh ainmeachadh an-diugh gum bi BBC ALBA cuideachd a’ sealltainn gheamaichean cudromach Glasgow City is iad anns an dàrna chuairt den UWCL.

Bidh prìomh sgiobannan na h-Alba air an àrd-ùrlar air BBC ALBA as t-Fhoghar, le Obar Dheathain, a tha air gluasad an-àrd o chionn goirid, a’ cur fàilte air Celtic air a’ chiad latha den t-seusan ùr.

Thuirt Ceannard an SWF, Aileen Campbelll: “Tha sinn air ar dòigh a bhith ag ainmeachadh co-bhanntachd craolaidh meudaichte eile còmhla ri BBC ALBA air thoiseach air an t-seusan ùr. ’S e com-pàirtiche dha-rìreabh a thaobh spòrs nam ban a th’ anns an t-seanail, a tha daonnan a’ feuchainn ris an t-susbaint aca a leasachadh, gus an spèis air a bheil geama nam ban airidh a thoirt seachad.

“An dèidh dhuinn a bhith a’ coimhead dràma seusan 2020/21 SWPL, tha làn fhios agam cho cudromach ’s a tha faicsinneachd. Tha e deatamach gum bi an SWF a’ dearbhadh gum bi ball-coise nam ban ri fhaotainn gu furasta, agus gum bi sinn a’ dol an sàs le luchd-leantainn ball-coise air feadh na dùthcha.

“Tha sinn cuideachd a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air tilleadh luchd-leantainn beò, oir mar a bhios a h-uile duine ag aideachadh, chuir faireachdainn an cuid làthaireachd gu mòr ri dràma agus fèill an latha mu dheireadh den t-seusan a chaidh seachad.”

Bidh Sgioba nam ban Nàiseanta cuideachd ri fhaicinn air BBC ALBA, is iad ag iomairt gus àite fhaighinn ann an Cupa na Cruinne 2023.

Lean BBC ALBA sgioba nàiseanta nam ban tro chuairtean dearbhaidh agus deireannaich Cupa Cruinne nam Ban 2019, agus tòisichidh an iomairt aca an turas seo air falbh san Ungair air 17 Sultain.

Thuirt Fiona McIntyre, Ceannard Ball-coise nam Ban aig an SFA: “Tha taic BBC ALBA air leth cudromach ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh a’ gheama ann an Alba.

“Tha ùidh ann an geama nam ban air fàs aig astar o chionn ghoirid, agus tha sin air cur gu mòr ris an taic leantainneach bho BhBC ALBA ann a bhith a’ craoladh gheamannan Sgioba nam ban Nàiseanta.

’S e togail cho mòr a th’ ann dhan luchd-leantainn againn, an iomairt a tha air thoiseach oirnn a bhith air a chraoladh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an sgioba a’ cluich chan ann a-mhàin air beulaibh shluaghan mòra aig Hampden, ach cuideachd air beulaibh luchd-coimhid air an telebhisean, airson an dà chuid geamannan aig an taigh agus air falbh.”

Tha BBC ALBA cuideachd a’ cumail air le bhith a’ leantainn Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban UEFA le geama an dàrna chuairt aig Glasgow City an aghaidh Servette, às an Eilbhis, is iad a’ strì aite fhaighinn ann an Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban airson an 11mh bhliadhna as dèidh a chèile.

Thuirt Laura Montgomery, Ceannard Glasgow City FC “Tha geama Diciadain ann an Lìog nan Sàr Sgiobaidhean cho cudromach do Glasgow City, agus tha susbaint beò BBC ALBA agus an iPlayer a’ leigeil le luchd-leantainn bho air feadh na dùthcha a bhith a’ leantainn iomairt UWCL an sgioba gu dlùth.”

Tha an naidheachd as ùire seo a’ cur ri susbaint gun choimeas aig BBC ALBA a thaobh spòrs nam ban, le prògram seachdaineil Women’s Sport 360 a’ taisbeanadh an t-saoghail sin air fad, is e ri fhaicinn gach Diardaoin aig iPlayer a’ BhBC agus YouTube BBC ALBA aig 8f.

Bidh Women’s Sport 360 a’ toirt nan leasachaidhean agus naidheachdan as ùire ann an saoghal spòrs nam ban do na h-ùrlaran didseatach aig BBC ALBA, agus a’ toirt ùrlar airson agallamhan agus sgeulachdan bho chuid de na h-ainmean as motha ann an spòrs nam ban.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha sinn air ar dòigh gum bi BBC ALBA a’ taisbeanadh gheamannan dearbhaidh cupa na cruinne, a thuilleadh air an uiread de shusbaint nach fhacas cheana den lìg aig an taigh, agus an t-susbaint as ùire bho lìog nan Sàr sgiobaidhean ban airson an luchd-amhairc againn. ’S e ceum ceum cudromach eile a tha seo ann a bhith a’ meudachadh meas agus faicsinneachd spòrs nam ban, agus airson BBC ALBA, a bhith a’ dearbhadh gum bi an t-seanail mar dhoras chun na Gàidhlig airson luchd-amhairc aig nach eil a’ chànan.”

Bidh Women’s Sport 360 a’ toirt seachad breithneachadh agus sùil gheur air geamannan gach seachdain air ùrlaran didseatach BBC ALBA gach Diardaoin o 8f, gus cur ri susbaint an t-seusain a tha romhainn: BBC ALBA iPlayer & BBC ALBA YouTube

Tha na geamannan a leanas dearbhte aig an ìre-sa;

SWPL

• Obar Dheathain v Celtic | Didòmhnaich 5 Sultain | 16:00 | Balmoral Stadium
• Celtic v Glasgow City | Didòmhnaich 12 Sultain | 16:00 | The Penny Cars Stadium
• Hibernian v Rangers | Didòmhnaich 3 Dàmhair | 16:00 | Tony Macaroni Arena
• Glasgow City v Rangers | Didòmhnaich 17 Dàmhair | 16:00 | Petershill Park
• Celtic v Rangers | Didòmhnaich 7 Dàmhair | 16:00 | The Penny Cars Stadium

Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban UEFA Cuairt 2:

• Servette v Glasgow City | Diciadain 1 Sultain | 1805

Cuairtean Dearbhaidh Cupa Cruinne nam Ban 2023

• An Ungair v Alba | Dihaoine 17 Sultain
• Alba v Eileanan Fàrach | Dimàirt 21 Sultain
• Alba v An Ungair | Dihaoine 22 Dàmhair
• Alba v An Ucràin | Dihaoine 26 Samhain
• An Spainn v Alba| Dimàirt 30 Samhain

Chithear Women’s Sport 360 an air BBC ALBA iPlayer & BBC ALBA YouTube

BBC ALBA a’ taisbeanadh ais-thilleadh luchd-èisteachd ceòl beò le Fèis air a’ Ghàidhealtachd

Under Canvas, Eden Court. Day 2
Beezer Studios Production.
©Paul Campbell

Tha Under Canvas a’ samhlachadh faochadh dha cuid de na h-ainmean as motha ann an saoghal ceòl Albannach, agus fadachd air a bhith orra cluich air beulaibh luchd-èisteachd beò, agus bidh BBC ALBA a’ toirt a’ chiùil sin do na sluaghan mòra a th’ air a bhith ag ionndrainn nan còmhlan sin fhaicinn.

Am measg an fheadhainn a bha a’ cluich Under Canvas a bhios gan sealltainn air BBC ALBA tha an t-seinneadair Gàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain, dèanadair-pìoba agus ceòladair tùsanach Malin makes Music, còmhlan nuadh-thraidiseanta Eabhal, Brian Ó hEadhra & Fionnag NicChoinnich, Josie Duncan, The Canny Band, Iona Fyfe agus sàr-chòmhlan McKerron-Brechin-Ó hEadhra.

’S e seann-oileanach Sgoil-Ciùil a’ Phluic a th’ ann am Malin makes Music, a bhuineas don Phloc bho thùs. Le stoidhle thar iomadh gnè-ciùil, ach stèidhte gu mòr ann an traidisean pìobaireachd na Gàidhealtachd an Iar, ’s e fìor rionnag ùr a th’ ann am Malin ann an saoghal chiùil thraidiseanta.

’S i an t-seinneadair Gàidhlig aithnichte agus preseantair Ellen NicDhòmhnaill a bhios a’ toirt nan criomagan bho Under Canvas gu BBC ALBA. Tha Ellen, a tha aithnichte mar sheinneadair anns a’ chòmhlan Dàimh cuideachd mar bhall den chòmhlan co-sheirm Gàidhlig Sian.

Thuirt Ellen “Tha ceòl beò aig cridhe a’ chultar Ghàidhealach, agus mar sin tha e sgoinneil a bhith ga fhaicinn a’ tilleadh an dèidh cho fada gun fhios cuin a thachradh sin. Tha a‘ choimhearsnachd chiùil traidiseanta Albannach air sealltainn cho treun ’s a bha e thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh, agus mar sin ’s e urram a th’ ann a bhith a’ toirt cheòladairean agus luchd-èisteachd còmhla a-rithist.”

Thuirt Iain Macleòid, bho riochdaire a’ phrògraim Beezr Studios a tha stèidhte ann an Glaschu: “Tha an sgioba aig Cùirt Eden air a bhith air leth taiceil bho thoiseach a’ chùis agus cha b’ urrainn dhuinn a bhith air a’ chòrr iarraidh ann an co-bhanntachd den leithid. ’S e càirdeas gun shamhla a th’ air a bhith ann dhuinn agus tha gach dùil a bh’ againn mu bhith ag obair le ionad adhartach ealain agus cultural air a thighinn gu bith.”

Tha Under Canvas a’ comharrachadh clach-mìle airson gnìomhachas ceòl is tachartasan na h-Alba an dèidh bhliadhna de mhì-chinnt, le Cùirt Eden agus Fèis Rois a chruthaich am prògram de chèol an dùil gum bi an fhèis a’ samhlachadh tilleadh gu àbhaist air choireigin.

Thuirt Seona McClintock, Riochdaire, Ealain Ghàidhlig agus Dhualchasach aig Cùirt Eden: “Tha e air a bhith dùbhlanach am-bliadhna fèis a leithid Under Canvas a dheasachadh, ach ‘s fhiach an obair airson cuirmean beò fhaicinn a-rithist.

Tha sinn taingeil dhan luchd-ciùil tàlantach a tha air a bhith a’ cluich air àrd-ùrlar Under Canvas fad an t-samhraidh, agus dhan luchd-èisteachd a tha air earbsa a chur annainn tachartas sàbhailte, fàilteachail a chur air dòigh, agus a tha air tilleadh anns na ceudan!”

Bidh Under Canvas air BBC ALBA aig 9f air Disathairne 28 Lùnastal & Disathairne 4 Sultain, agus ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là às dèidh làimh.

Sreath ùr de phrògram Women’s Sport 360 ga chur air chois le rionnagan spòrs air BBC ALBA

Tha prìomh phrògram spòrs nam Ban ann an Alba Women’s Sport 360 a’ tilleadh an t-seachdain-sa, le cuid den tàlant lùth-chleasachd as fheàrr san dùthaich air ùrlaran didseatach BBC ALBA.

’S i curaidh ruithe Geamannan a’ Cho-fhlaitheis Lee McConnell a tha còmhla ri preseantair Iona Ballantyne airson a’ chiad phrògram den t-sreath ùr, a’ toirt sùil air ais air co-fharpaisean lùth-chleasachd Tokyo 2020.

Cuideachd anns a’ chiad phrògram, tha an snàmhadair òg Albannach Katie Shanahan, tè a tha air sia buinn a thogail aig na European Junior Championships.

Le sgioba snàimh GB a’ tilleadh à Tokyo leis an uiread de bhuinn as motha a-riamh, tha Katie airson an dìleab aca a chumail an àrd, is i a’ coimhead air adhart ris na geamannan Oilimpigeach a tha gu bhith ann am Paris ann an 2024.

Tha Alyson Bell cuideachd a’ nochdadh anns a’ phrògram, neach-ruith a tha air ceithir buinn òir a ghlèidheadh dhi fhèin aig na European World Junior Championships.

Leanaidh an t-sreath air leis na naidheachdan agus leasachaidhean as ùire ann an spòrs nam ban ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, le taghadh aoighean thairis air a’ chòrr den bhliadhna.

Tha an t-sreath as ùire de Women’s Sport 360 a’ cur ris an taghadh gun choimeas a th’ aig BBC ALBA airson spòrs nam ban, le geamannan beò bhon SWPL air a’ chlàr as t-Fhoghar.

Thuirt Lee McConnell, rionnag ruith Albannach: “Tha e dìreach sgoinneil cothrom fhaighinn a bhith an sàs le Women’s Sport 360, agus a bhith a’ cur na tha boireannaich a’ coileanadh anns an t-saoghal spòrs air àrd-ùrlar mar seo.

“Nuair a thòisich mise a-mach air mo shlighe, cha robh dad den leithid ann, is mar sin tha e air leth brosnachail gu bheil na h-òganaich air a’ phrògram a’ faighinn nan cothroman seo agus ùrlar airson na tha iad a’ coileanadh aig toiseach nan dreuchdan aca.”

Thuirt Margot McCuaig, àrd-riochdaire companaidh solarachaidh spòrs BBC ALBA, Nemeton TV: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ toirt sreath eile de Women’s Sport 360 gu bith. ’S e tlachd a th’ ann daonnan a bhith ag obair leis na tosgairean spòrs seo, agus a bhith a’ dearbhadh gum faigh spòrs nam ban an riochdachadh air a bheil e airidh.

“Airson barrachd is deich bliadhna a-nise, tha mi air a bhith ag obair gus sgeulachdan bhoireannach ann am spòrs a thoirt air beulaibh an t-sluaigh, a’ toirt dhaibh-san an cothrom a bhith mar sgeulaichean, le ùrlar far am faod iad na tàlantan aca a shealltainn agus na ginealachdan a tha a’ tighinn às an dèidh a bhrosnachadh.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùriche Susbaint Ioma-Ùrlair BBC ALBA, agus àrd-riochdaire susbaint spòrs na seanail: “Tha sinne aig BBC ALBA moiteil a bhith a’ taisbeanadh agus a’ toirt ùrlar do bhoireannaich ann an spòrs, agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ togail air làthaireachd Women’s Sport 360 air BBC iPlayer, YouTube BBC ALBA agus na meadhanan sòisealta. Tha gach sgeulachd agus gach turas a chì agus a chluinneas sinn brosnachail agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ leantainn ann a bhith a’ toirt ùrlar do bhoireannaich ann an spòrs air BBC ALBA.

Bidh Women’s Sport 360 ri fhaicinn gach seachdain air BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA bho Dhiardaoin 12 Lùnastal.

BBC ALBA ag ainmeachadh Susbaint Chamanachd Beò

Dh’ainmich BBC ALBA agus Comann na Camanachd, buidheann riaghlaidh camanachd an t-saoghail, na geamannan a bhios gan craoladh air BBC ALBA ann an 2021.

’S iad seo na geamannan a chaidh a thaghadh airson an craoladh beò;

• Cuairt Deireannach Cupa MhicAmhlaigh Artemis, Pàirc Mossfield, An t-Òban
o Dis 21 Lùnastal – buille-bhàire: 4.10f

• Cuairt Iar-deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes 1, làrach TBC
o Dis 28 Lùnastal – buille-bhàire: 4.10f

• Cuairt Iar-deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes 2, làrach TBC
o Dis 4 Sultain – buille-bhàire: 4.10f

A thuilleadh air seo, thèid cuairt deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes a chraoladh beò le BBC ALBA, le taghadh chriomagan às dèidh làimh air BBC Scotland mar phàirt de chom-pàirteachas ùr eadar BBC ALBA, BBC Scotland agus Comann na Camanachd a bheir leasachadh air craoladh beò agus taghadh chriomagan den chuairt deireannach.

• Cuairt deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes, Pàirc Mossfield, An
t-Òban
o Dis 18 Sultain – buille-bhàire: 2.15f

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair BBC ALBA: “Tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn na camanachd air ais air an sgrìn, agus tha BBC ALBA riaraichte gu dearbha a bhith a’ toirt cuairt deireannach Cupa na Camanachd beò chun luchd-amhairc againn airson a’ chiad uair.”

Thuirt Derek Keir, Ceannard Comann na Camanachd: “Tha an t-aonta seo a’ leigeil dhuinn an spòrs eachdraidheil againn a thoirt gu luchd-amhairc ùr air feadh na dùthcha. Tha sinn air ar dòigh gun deach leinn an t-aonta craolaidh seo a chur air chois airson 2021, a dh’aindeoin nan dùbhlan a tha mu ar coinneimh ann a bhith a’ gluasad seachad air a’ phandeimig.”

MG ALBA ag ainmeachadh Stiùiriche Ionmhais Ùr

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air ainmeachadh gur i Raonaid NicCoinnich a bhios mar Stiùiriche Ionmhais na buidhne.

Tha an dreuchd, a bhios stèidhichte aig oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh, aig teis-mheadhan ceannas agus stiùireadh ro-innleachdail MG ALBA, a’ lìbhrigeadh ro-innleachd ionmhais agus gnothachais na buidhne, agus MG ALBA ag ullachadh gus lèirsinn airson na h-ath chòig bhliadhna a chur air bhog aig àm dùbhlanach ach àm anns an nochd cothroman dha roinn nam meadhanan.

À Eilean Leòdhais bho thùs, tha Raonaid na neach-cunntais cairte le eòlas sònraichte thairis air an dà chuid an roinn phoblach agus phrìobhaideach, agus a tha a’ tighinn gu MG ALBA bho bhith na Manaidsear Roinneil air sgìre Innse Gall de dh’Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Cuiridh Raonaid gu mòr ri sgioba ceannais MG ALBA, agus tha sinn air ar dòigh glan gu bheil i gu bhith còmhla rinn. Bidh a cuid sgilean, eòlas, lìonraidhean, agus dealas mar bhuannachd shònraichte chan ann a-mhàin do MG ALBA ach dha na meadhanan Gàidhlig air fad, is sinn ag obair còmhla gus nas urrainn dhuinn a dhèanamh de na cothroman a tha romhainn. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air Raonaid chun sgioba againn.”

Preasantairean iomairt ionnsachaidh SpeakGaelic air an ainmeachadh

Preasantairean iomairt ionnsachaidh SpeakGaelic air an ainmeachadh

‘S iad na preasantairean BBC agus na rionnagan meadhanan sòisealta Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain a bhios aig cridhe iomairt ionnsachaidh ùr, SpeakGaelic, a tha ag amas air daoine a thàladh chun a’ chànain.

Tha na goireasan ionnsachaidh ùra Gàidhlig SpeakGaelic inntinneach agus àrd-amasach a’ tabhann frèam-obrach farsaing airson na Gàidhlig ionnsachadh thairis air TBh, iPlayer a’ BhBC, BBC Sounds, an eadar-lìon, clasaichean aghaidh ri aghaidh, YouTube, a thuilleadh air meadhanan sòisealta eile.

Tha mòran luchd-amhairc BBC Scotland agus BBC ALBA eòlach air a bhith a’ faicinn Joy Dunlop, às a’ Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, mar riochdaire na h-aimsir, seinneadair agus neach-conaltraidh air prògraman.

Thuirt Joy Dunlop: “Mar neach a tha air a bhith ag ionnsachadh fad-mo bheatha, tha làn fhios agam mun dùbhlan buadhmhor a tha an cois a bhith ag ionnsachadh cànan, agus mar sin, tha e air leth tarraingeach dhomh-sa a bhith mar phàirt de phròiseact a bhios a’ toirt air luchd-ionnsachaidh na sgilean Gàidhlig aca a chur gu feum thairis air taghadh cho farsaing de mhodhan ionnsachaidh. Tric, bidh daoine a’ faighneachd dhomh ‘dè an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh?’ ’S e tha cho math mu dheidhinn SpeakGaelic, gu bheil e a’ tabhann uiread de roghainnean dhut air mar a dh’ionnsaicheas tu, a’ ciallachadh gum faigh thu dòigh a tha a’ freagairt ort fhèin.”

Tha Calum MacIlleathain aithnichte air na meadhanan sòisealta airson a bhith ri cur seachadan air a’ bhlàr a-muigh, (leithid ‘dùbhlan nam meanbh-chuileagan’) agus bidh e a’ taisbeanadh ùidh ann a bhith a’ snàmh ann an uisgeachan na h-Alba anns a’ phrògram BBC ALBA Dhan Uisge.

Thuirt Calum, a bhios a’ cur pìosan bhon bhlàr a-muigh ri prògraman SpeakGaelic: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ cur ri ionnsachadh dhaoine eile, agus a bhith a’ toirt orra tlachd fhaighinn às a’ chànan, gu sònraichte leis gur e àm air leth cudromach a tha seo a thaobh na tha sinn a’ tabhann dhaibh-san a tha airson a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig. Tha mi fìor dhèidheil air eòlas a thoirt seachad dhaibh-san aig a bheil ùidh ann, gu sònraichte leis gun urrainn dhomh a dhèanamh ann an dòigh a fhreagras orm fhèin, a’ fighe na Gàidhlig ris a’ bhlàr a-muigh. Tha an cànan, agus na tha cho tarraingeach mu dheidhinn do dhaoine, gu mòr stèidhte air an àrainneachd nàdarrach againn ann an Alba, agus mar sin ’s e ceum nàdarra a th’ ann an t-àm ri teachd airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhith a’ tighinn às a sin cuideachd.”

A’ bruidhinn às leth bòrd pròiseict SpeakGaelic, thuirt an cathraiche Iseabail Nic an t-Sagairt bho MG ALBA: “Tha SpeakGaelic gu bhith mar an t-iomairt ionnsachaidh Gàidhlig as iomlan a th’ air a bhith ann fad ginealach. ’S e àm air leth inntinneach agus togarrach a th’ ann a bhith ag ainmeachadh gur iad Joy agus Calum – dithis phearsa tarraingeach agus làidir – a bhios a’ lìbhrigeadh nam prògraman. ’S ann dhaibh-san le ùidh ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain a tha SpeakGaelic; dhaibh-san a tha air tòiseachadh air ionnsachadh mar thà, dhaibh-san nach eil cho misneachail mun cuid comasan, dhaibh-san a tha gu tur ùr dhan chànan agus dhuinn uile a tha air turas ionnsachaidh fad-beatha. Tha sinn uile a tha sa cho-bhanntachd air ar dòigh glan mu bhith a’ cruthachadh nan cothroman seo tro SpeakGaelic airson a’ choimhearsnachd air fad an cuid Ghàidhlig a chleachdadh – #cleachdi!”

Faic www.speakgaelic.scot airson na naidheachdan as ùire agus clàradh an-àrd.

MG ALBA a’ comharrachadh soirbheachas ach le rabhadh air na dùbhlain a tha air thoiseach

’S e a bhith a’ comharrachadh obair chruaidh agus coileanas ann an suidheachadh dhuilich a tha aig cridhe Aithisg Bhliadhnail MG ALBA, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, le rabhadh air na dùbhlain a tha ro na meadhanan Gàidhlig.

Tha an aithisg a’ toirt seachad sealladh air bliadhna de dh’fhàs airson MG ALBA, a dh’aindeoin a’ bhuaidh a bh’ aig Covid-19 air a’ bhuidhinn agus a chuid luchd-solarachaidh; le BBC ALBA, LearnGaelic agus FilmG uile a’ tarraing tuilleadh dol an sàs bho luchd-amhairc.

Air feadh na bliadhna ionmhais, chunnaic BBC ALBA àrdachadh ann an ruigsinneachd am measg a’ phrìomh luchd-amhairc aige agus air iPlayer a’ BhBC ann am bliadhna le cho beag de thachartasan beò agus nas lugha de shusbaint spòrs, na rudan air BBC ALBA air a bheil tòrr cho measail.

Fhuair FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, an àireamh as motha de dh’inntrigidhean a fhuair e a-riamh, le cuirm dhuaisean sònraichte ga chraoladh air BBC ALBA a-mhàin airson a’ chiad uair anns a’ Ghiblean 2021.

Fhuair LearnGaelic, an làrach-ionnsachaidh Gàidhlig aig MG ALBA, na h-ìrean as àirde de luchd-cleachdaidh fa leth air feadh 2020 agus àrdachadh de 26% bhon bhliadhna roimhe, le fàs ann an ionnsachadh na Gàidhlig thairis air a’ ghlasadh.

Anns an t-Sultain 2021, bidh MG ALBA a’ cur air bhog SpeakGaelic, iomairt ùr agus àrd-amasach airson Gàidhlig ionnsachadh, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Ann an teachdaireachd a’ Chathraiche anns an Aithisg Bhliadhnail, chuir Ailean Dòmhnullach, Cathraiche MG ALBA, fàilte air toraidhean na bliadhna-sa, ach chaidh a’ cheist a thogail mu mhaoineachadh iomchaidh mar chùis deatamach agus na meadhanan Gàidhlig a’ coimhead air adhart, is e ag ràdh:

“Tha MG ALBA cuideachd an-dràsta a’ cumail chòmhraidhean le Riaghaltas na RA agus iad a’ dèanamh sgrùdadh air Cìs Craolaidh a’ BhBC mar ullachadh airson nan còig bliadhna a tha romhainn. Tha e air leth cudromach do na meadhanan Gàidhlig gum bu chòir am maoineachadh san àm ri teachd gu h-iomchaidh mar chùis poileasaidh poblach”.

Cuideachd a’ coimhead air adhart, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA:

“Ann an 2021, foillsichidh sinn an Lèirsinn: Mapa Slighe airson nam Meadhanan Gàidhlig. Aig cridhe ar lèirsinn tha dealas a bhith a’ frithealadh ar luchd-amhairc air fad, nam measg gu h-àraidh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a tha nas òige a bhios, mar an ginealach fhèin, a’ coimhead barrachd den t-susbaint aca air innealan agus ann an cruth goirid.

“Cha bu chòir an obair seo a mheasadh ann an suarachas. Chan eil maoineachadh airson BBC ALBA fhathast gu leòr airson làn sheirbheis a lìbhrigeadh. Bhithinn airson sònrachadh nach robh e comasach do BhBC ALBA ach ceithir uairean a thìde de dhràma agus comadaidh a lìbhrigeadh sa bhliadhna a tha dìreach air crìochnachadh, agus gu sìmplidh chan eil seo gu leòr airson ceangal gu cunbhalach ri luchd-amhairc nas òige. Ma tha BBC ALBA gu bhith a’ ciallachadh rudeigin do luchd-amhairc òga, feumar seilbheachd a bharrachd a lorg”.

Faodar Aithisg Bhliadhnail MG ALBA 2020/21 a leughadh an seo.