Belladrum beò air BBC ALBA

Tha Belladrum beò a’ tilleadh gu BBC ALBA, ’s an fhèis ciùil as càirdeile ann an Alba a’ cur fàilte air trì sàr ainmean ann an saoghal a’ chiùil, Elbow, Jess Glynne agus Chvrches.

Gheibh luchd-leantainn stiùireadh tron tachartas beò air BBC ALBA, bho Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, Diardaoin 1 gu Disathairne 3 Lùnastal, agus bidh prìomh thachartasan na fèise air an craoladh air an t-sianail ùr BBC Scotland air Dihaoine agus Disathairne.

Tha an 16mh Fèis a’ gabhail àite air a’ Ghàidhealtachd, air Oighreachd Bhelladrum faisg air Inbhir Nis. ’S ann air prìomh àrd-ùrlar na fèise, cuartaichte le ballaichean gàrradh àlainn Eadailteach na h-oighreachd, a bhios cridhe na fèise fhèin, a’ toirt cothrom do BhBC ALBA ceòl agus snas an tachartais a thaisbeanadh le cuirmean fuaimearra thairis air trì oidhche. Am measg na chithear agus na chluinnear bidh seatan fuaim sònraichte agus agallamhan le mòran den phrìomh luchd-ciùil.

Am measg na bhios ri fhaicinn ’s ri chluinntinn bidh Skerryvore agus seinneadairean mar Johnny Marr, Tom Odell, Dodie agus na rionnagan Lewis Capaldi agus Jess Glynne, a bhios a’ toirt an tachartais mhìorbhaileach seo gu ceann.

Tha BBC ALBA air a bhith a’ craoladh beò bho Bhelladrum bho 2011 agus thathar a’ dol ann an com-pàirteachas leis an t-seanail ùr BBC SCOTLAND gus barrachd taisbeanaidh na bha ann a-riamh a thoirt don fhèis air an dà shianail.

Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha Belladrum aig cridhe clàr samhraidh BBC ALBA agus tha an luchd-amhairc a’ coimhead air adhart gu mòr ris agus abair gun còrd e riutha. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an co-obrachadh le BBC SCOTLAND aig fèis ciùil na bliadhna seo, a thòisich cho soirbheachail aig TRNSMT, a’ leantainn air adhart aig Belladrum agus bheir e barrachd taisbeanaidh air an fhèis a tha sinn cinnteach a chòrdas gu mòr ri luchd-leantainn a’ chiùil.”

Diardaoin 1 Lùnastal
BBC ALBA, 9.30f – 11.00f

Dihaoine 2 Lùnastal
BBC ALBA, 9.00f – 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m

Disathairne 3 Lùnastal
BBC ALBA 9.10 – 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m

Aithisg Bhliadhnail 2018/19

Le bhith foillseachadh Aithisg Bhliadhnail na buidhne airson 2018-19, tha MG ALBA air iarraidh lèirmheas sa bhad de chraoladh Ghàidhlig.

Tha am buidheann a tha a’ ruith seanail Ghàidhlig na h-Alba ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air iarraidh air a’ BhBC, Ofcom, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a dhol an sàs ann an conaltradh ag amas air a bhith a’ tighinn gu rèite ùr a thaobh craoladh Gàidhlig.

An-dràsta, tha fìor dhùbhlan mu choinneimh BBC ALBA, le ìre ath-chraolaidh de 75% an coimeas ri rìoch de 50% ris a bheil dùil airson BBC Scotland; agus chan eil an t-seanail ri fhaighinn ach air Deifinisean Coitcheann (SD) a-mhàin air telebhisean.

A’ sgrìobhadh ann an Teachdaireachd a’ Chathraiche, thuirt Ailean Dòmhnullach nach eil stèidh sam bith a bhiodh iomchaidh airson luchd-amhairc na Gàidhlig a bhith a’ faighinn seirbheis aig ìre nas ìsle.”

Tha MG ALBA air iarraidh air a chom-pàirtiche a’ BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an t-aona chothrom agus an t-aona chàileachd de sholair aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr agus na cànain dùthchasail eile san RA.

Ann an 2017, dh’ainmich am BBC gu poblach mu suas ri 100 uair a thìde de phrògraman a bharrachd gach bliadhna airson BBC ALBA mar thoradh air seilbh san t-seanail ùir BBC Scotland.

Tha Ailean Dòmhnullach air dearbhadh iarraidh mu ciamar a thèid an t-amas seo a lìbhrigeadh: “Brosnaichidh sinn am BBC gu bhith fosgailte agus follaiseach mu na prionnsabalan agus na co-ghnàthsan a bhithear a’ cleachdadh ann a bhith a’ riarachadh ghoireasan air craoladh Gàidhlig, agus mar a bhithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil modh-obrach cothromach ga chleachdadh thar nam mion-chànanan dùthchasail a tha mar phàirt den uallach chultarail san fharsaingeachd a tha aige air feadh na RA”.

Chomharraich BBC ALBA 10 bliadhna air an èadhar an-uiridh. Am measg nan soirbheasan sònraichte bha am prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, FUNC agus an t-seanail ga stèidheachadh fhèin mar Dhachaigh Spòrs nam Ban ann an Alba.

Gheibhear Aithisg Bhliadhnail MG ALBA an seo.

Duaisean RTS Scotland

’S ann aig BBC ALBA a bha sgeulachd na h-oidhche aig duaisean Royal Television Society (RTS) 2019 agus ceithir duaisean air am buannachadh.

A’ cosnadh duaisean ann an roinnean Comadaidh, Clann agus Spòrs, chaidh BBC ALBA aithneachadh airson nan sàr phrògraman tha ri fhaighinn air an t-seanail, ‘s iad a’ comharrachadh 10 bliadhna air an èadhar.

Chaidh ìrean àrda sgilean ciùird, ann am prògraman BBC ALBA, aithneachadh cuideachd leis an duais a choisinn Daibhidh Màrtainn, bho MacTV, mar neach-camara proifeasanta airson a chuid obrach air Sùlaisgeir: An t-Sealg.

Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte na duaisean chliùiteach seo a chosnadh. Tha e na urram dhuinn aithne mar seo fhaighinn agus tha e a’ dearbhadh sàr obair ar companaidhean riochdachaidh. Tha na buanaichean gu lèir agus iadsan a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta nan sàr eisimpleir den obair riochdail a tha ar companaidhean riochdachaidh a’ dèanamh, chan ann a-mhàin thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, ach thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh.”

Chòrd FUNC, prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, gu mòr ri luchd-amhairc BBC ALBA, an dà chuid air Tbh agus air na meadhanan sòisealta ann an 2018. Thuirt, stiùiriche FUNCMichael Hines: “Tha mi cho moiteil gun do bhuannaich sinn. Tha cleasaichean òga agus criutha air leth againn agus sgrìobhadh mhìorbhaileach. Chan eil mòran sheanailean ann a tha a’ cur uiread de dh’earbsa ann an riochdairean phrògraman agus aig a bheil uiread de dhealas ann an tàlant ùr agus tha sinn follaiseach sa phrògram. Tha sinn air bhioran gus sreath 2 de FUNC a chraoladh nas ainmiche am bliadhna!”

Bha an dràma cloinne, Buidheagan le Sorbier Productions, a’ farpais an aghaidh prògraman mòra CBBC ann an gnè na cloinne agus seo a’ chiad bliadhna a bha BBC ALBA air ainmeachadh anns a’ ghnè seo. Tha am prògram, a chaidh a chruthachadh mar phàirt de dh’iomairt leis an Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU), leis an stiùiriche Tony Kearney, a’ toirt sùil air nighean òg a tha a’ feuchainn ris an dòigh-beatha aice a dhìon bho thuathanach mhì-chàileir.

Thuirt Patsi NicChoinnich, stiùiriche Sorbier Productions agus sgrìobhadair Buidheagan: “Tha seo uabhasach math do Sorbier agus na tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh airson BBC ALBA. Tha sinn a’ cruthachadh prògraman a tha ceart airson luchd-amhairc na Gàidhlig, ach tha e cuideachd comasach na prògraman atharrachadh airson ar com-pàirtichean Eòrpach agus tha an duais seo mar dhearbhadh gu bheil e ag obair!”

Seo an treas duais RTS Scotland aig PurpleTV le duais airson a’ phrògram aithriseach Tommy Burns. Tha seo às dèidh duaisean fhaighinn a cheana airson nam filmichean eile aca Jim Baxter agus Jock Stein.

Thuirt, Margot McCuaig, an stiùiriche: “Bu mhath leam taing a thoirt do theaghlach Tommy airson an stòiridh aca innse dhuinn. Tha BBC ALBA aithnichte airson a bhith a’ coimiseanadh prògraman le sgeulachdan fìrinneach agus faireachail agus ’s e urram a th’ ann a bhith na phàirt den seo a bharrachd air na duaisean eile RTS Scotland a tha sinn air fhaighinn thairis air na bliadhnaichean a dh’fhalbh.”

Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg, a bha air a riochdachadh le MacTV, ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta trì tursan. Choisinn Daibhidh Màrtainn an Duais airson Sàr-mhathas Proifeasanta – a’ chiad uair a thachair seo airson prògram BBC ALBA aig duaisean RTS Scotland. Tha am prògram mu thràth air duais a bhuannachadh aig an Chicago International Television Festival agus chaidh ainmeachadh aig duaisean cliùiteach Grierson cuideachd.

Tha Daibhidh Màrtainn, a choisinn duais Neach-camara airson a chuid obrach air Sùlaisgeir: An t-Sealg, a’ moladh stiùiriche a’ phrògraim, Niall Caimbeul, a bha air ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais RTS Scotland: “’S ann air sàillibh Nèill a fhuair sinn cothrom clàradh air Sùlasgeir. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do na fir airson earbsa a chuir annainn an sgeulachd aca innse. Thàinig orm fhèin agus air Niall sinn fhèin fhigh a-steach don t-sealg, dlùth ri na sealgairean agus thàinig oirnn faighinn seachad air ioma dùbhlan gus am prògram seo a thoirt gu luchd-amhairc – chan ann a-mhàin fhad ’s a bha sinn air an eilean, ach airson mìosan ro làimh cuideachd. Tha mi uabhasach toilichte gu bheil am prògram air còrdadh cho math ri daoine.”

Is iad Jennifer Reoch agus Des Clarke a bha a’ lìbhrigeadh duaisean RTS Scotland 2019 a chaidh a chumail san Old Fruitmarket ann an Glaschu Diciadain, an 12 Ògmhios.

Còisir Eurovision 2019 air BBC ALBA

Bidh taisbeanadh barraichte de sheinn chòisirean air BBC ALBA air an t-samhradh seo, agus an còisir Albannach, Alba a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair ann am farpais Eurovision do Chòisirean 2019 ann an Gothenburg san t-Suain.

A’ seinn an aghaidh naoi de na còisirean neo-dhreuchdail as fheàrr san Roinn Eòrpa, bidh Alba mar phàirt de thaisbeanadh beò iongantach a bhios air a chraoladh gu luchd-amhairc air feadh na Roinn Eòrpa air 3mh den Lùnastal. Bidh gach còisir an dùil buaidh a thoirt air beachdan luchd-ciùil chòisireach chliùiteach eadar-nàiseanta le bhith a’ taisbeanadh measgachadh de dh’òrain às aonais taic-ciùil agus ann an caochladh nòsan.

’S i an ceòladair agus preseantair telebhisein Joy Dunlop a bhios a’ stiùireadh còisir Alba, le ceathrad bhall air an tarraing às gach ceàrnaidh den dùthaich. Tha am buannaiche de bhonn Mòid às A’ Chonghail an Earra-Ghàidheal a cheart cho aithnichte mar neach-lìbhrigidh na sìde agus phrògraman telebhisein ach tha i air a bhith a’ seinn fad a beatha agus ghabh i ri bhith a’ tarraing còisir ri chèile leis an dealas a bu dual dhi.

Thuirt Joy, “Mar thè a bha a-riamh a’ leantainn Eurovision, tha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ stiùireadh còisir airson farpais sheinn cho cliùiteach. Tha e air a bhith na mhiann dhìomhair agam seinn air àrd-ùrlar Eurovision agus ’s e fìor urram a tha seo. ’S e ceum mòr a tha ann a bhith a’ toirt Còisir Gàidhlig gu Gothenburg am-bliadhna. Tha an fharpais seo a’ toirt cothrom dhuinn cànan agus dualchas na Gàidhlig a thoirt gu aire luchd-amhairc bho air feadh na Roinn Eòrpa. Tha mi air bhioran gus Alba a riochdachadh nar cànan fhèin aig farpais den mheudachd seo. Cha ghabh luach cur air a’ chothrom air a bheil mi fhìn agus an còisir a’ cur a h-uile fàilte.”

Air thoiseach air an taisbeanadh beò anns an Lùnastal, bidh an t-slighe aig Joy agus a còisir air a chlàradh le BBC ALBA airson prògram a thèid a chraoladh seachdain na farpais fhèin air Diciadain 31mh den Iuchar. Leanaidh am prògram sin adhartas na còisir, tro dheuchainn an ullachaidh, co-dhùnaidhean mu èideadh, iomagain mu rèiteachaidhean ciùil, obair stiùiridh agus cinn-là dhùblanaich. Ann a bhith ag ullachadh airson an tachartas as motha a-riamh na beatha, bidh Joy a’ faighinn chomhairle bho stiùirichean, dannsairean agus fiù ‘s bho guth Eurovision, Graham Norton. Bidh i a’ siubhail chun na Cuimrigh airson coinneachadh ri Ysgol Gerdd Ceredigion an còisir a riochdaich na Cuimrich aig Eurovision, agus a’ còmhradh ris an stiùiriche Islywn Evans, a tha air iomadh duais a bhuannachadh.

’S e seinn air àrd-ùrlar ann an Gothenburg an dùbhlan as motha a bhios a’ feitheamh oirre fhèin agus Alba. Airson beachd fhaighinn air meud na farpais bidh Joy a’ siubhal gu Tel Aviv agus gu àrainn Farpais Òran Eurovision, tachartas a ghlac a h-aire nuair a bha i òg anns A’ Chonghail, agus leis am bheil i air a bhith beò-ghlacte bhon uair sin.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail BBC ALBA, “Tha sinn moiteil gu bheil còisir Ghàidhlig gu bhith air àrd-ùrlar Còisirean Eurovision 2019, agus gum faigh luchd-amhairc air feadh na Roinn Eòrpa blasad ann an dha-rìribh de dh’òrain Ghàidhlig aig an ìre as àirde. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Alba fhaicinn a’ farpais an aghaidh còisirean às gach ceàrnaidh den Roinn Eòrpa, agus ri bhith a’ toirt tachartas ùr gu aire luchd-amhairc BBC ALBA le sealladh iongantach den deuchainn ’s den àmhghar agus den toileachas a bhios ann a bhith a’ feuchainn air farpais airson a’ chiad uair.”

Bidh am prògram aithriseach agus an fharpais bheò a’ sealltainn an còisir Ghàidhlig seo air an àrd-ùrlar as motha a chunnaic duine aca a-riamh. Le measgachadh de dheasachadh stèidse iongantach is àrainneachd bheò còmhla ri taisbeanaidhean ciùil bho ruigse mhòr de dhualchasan is chultaran, bheir Eurovision Choir 2019 luchd-amhairc air slighe dhreachmhor an tòir air a’ bhuidheann ghuthach as fheàrr anns an Roinn Eòrpa.

Tha Eurovision Choir 2019 air a riochdachadh le Bees Nees Media airson BBC ALBA. Thèid am prògram aithriseach a chraoladh air Diciadain 31mh den Iuchar aig 9.30f agus thèid an fharpais de 100-mionaid a chraoladh beò air Disathairne 3mh den Lùnastal aig 7.30f

Marion Nic na Ceàrdaich air a suidheachadh air bòrd MG ALBA

Tha MG ALBA a’ cur fàilte air an naidheachd gu bheil Marion Nic na Ceàrdaich air a bhith air a suidheachadh air bòrd MG ALBA.

Chaidh Marion a h-ainmeachadh leis a’ BhBC, air a bheil uallach reachdail aona bhall de MG ALBA ainmeachadh, agus chaidh moladh Ofcom airson an t-suidheachaidh aontachadh le John Swinney BPA, Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean. Bha seo a’ leantainn pròiseas taghaidh neo-eisimeileach a rinneadh le Ofcom ann an Alba.

Tha Marion air a bhith air a suidheachadh airson teirm ceithir bliadhna, a’ tòiseachadh air 1 Ògmhios 2019.

Tuilleadh fiosrachaidh

BBC ALBA air ainmeachadh seachd tursan air geàrr-liosta duaisean RTS

Tha BBC ALBA air ainmeachadh seachd tursan air geàrr-liosta duaisean Royal Television Society (RTS) Scotland 2019 – an àireamh as motha a fhuair an t-seanail air geàrr-liosta nan duaisean cliùiteach seo.

Tha duaisean RTS Alba a’ comharrachadh sàr-mhathas ann an gnìomhachas telebhisein thar farsaingeachd de ghnèithean phrògraman agus sgilean craolaidh.

An-uiridh, chomharraich BBC ALBA 10 bliadhna air an èadhar agus tha na prògraman air a’ gheàrr-liosta ag aithneachadh cuid de na sàr phrògraman a tha rim faighinn air an t-seanail.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:

“Tha sgioba BBC ALBA moiteil gun deach aithne a thoirt airson feabhas phrògraman na seanail le na tha seo de phrògraman air a’ gheàrr-liosta. Tha sinn moiteil cuideachd a bhith ag obair le leithid de thàlant ealanta san roinn chruthachail – iadsan a chaidh agus nach deach ainmeachadh airson duais – a tha cho dripeil a’ lìbhrigeadh an t-susbaint as fheàrr gu maith luchd-amhairc BBC ALBA. Tha an dealas agus an cruthachas seo aig cridhe na tha a’ deanamh BBC ALBA cho soirbheachail.”

Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg ainmeachadh airson trì duaisean, le roinn Prògram Aithriseach airson Saidheans agus Eachdraidh Nàdarrach nam measg. Tha prògram MacTV mu thràth air duais a bhuannachadh aig an Chicago International Television Festival agus chaidh ainmeachadh aig duaisean cliùiteach Grierson cuideachd.

Chaidh ìrean àrda sgilean ciùird sa phrògram aithneachadh cuideachd, le Niall Caimbeul agus Daibhidh Màrtainn ainmichte sna gnèithean airson Stiùiriche agus Neach-camara airson an cuid obrach air Sùlaisgeir.

Thuirt Ceannard Riochdachaidh agus Leasachaidh MacTV, Seumas Mac an t-Sagairt:

“Bha Daibhidh agus Niall aig cridhe na seilg, dlùth ri na sealgairean. Bha dùbhlain gu leòr romhpa leithid cumail cumhachd ri na camarathan agus mar a stòr iad nam filmichean aca gu dian. Bha iad mar phàirt den sgioba, a’ cadal sa bhothan agus ag ullachadh a’ bhìdh còmhla. Thug an dlùth cheangal seo dhuinn sealladh iongantach air an t-sealg”.

B’ e an comadaidh FUNC, a chaidh a stiùireadh leis an stiùiriche ainmeil Michael Hines, aon de phrìomh phrògraman BBC ALBA ann an 2018. Le taic bho BBC Writer’s Room a’ trusadh sgrìobhadairean ùra chaidh còrr is 100 sgeidse a chruthachadh a chòrd gu mòr ri luchd-amhairc BBC ALBA, an dà chuid air TBh agus air na meadhanan sòisealta.

Thuirt Michael Hines: “Tha mi cho moiteil gun deach ar n-ainmeachadh. Tha cleasaichean òga agus criutha air leth againn agus sgrìobhadh mhìorbhaileach. Chan eil mòran sheanailean ann a tha a’ cur uiread de dh’earbsa ann an riochdairean phrògraman agus aig a bheil uiread de dhealas ann an tàlant ùr agus tha sinn follaiseach sa phrògram.”

Sa ghnè Beothachadh & VFX, tha prògram a’ comharrachadh call na h-Iolaire air ainmeachadh. Tha an dealbh-beò, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, riochdaichte le Catriona Black bhon chompanaidh Am Bocsa, a’ nochdadh sealladh air an tubaist-mara oillteil seo. Tha e air a chuir ris a’ bhàrdachd dhrùidhteach a rinn am bàrd Gàidhlig, Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn.

Thuirt Catriona: “Rinn mi am film airson muinntir Leòdhais agus na Hearadh agus chuir iad fàilte bhlàth air, ach tha e math cuideachd a bhith ga fhaicinn a’ faighinn aithne ann an seadh nas fharsaing mar seo”.

Tha Buidheagain le Sorbier Productions air ainmeachadh ann an Gnè na Cloinne. Mar phàirt de dh’iomairt leis an Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU) tha e a’ toirt sùil air strì teaghlaich a tha a’ feuchainn ris an dòigh-beatha aca a dhìon bho thuathanach mhì-chàileir aig a bheil gnìomhachas uighean.

Tha an t-seanail air a bhith soirbheachail sna bliadhnaichean a dh’fhalbh sa ghnè Spòrs. Am-bliadhna tha purpleTV ainmichte aon uair eile, an turas seo airson na sgeulachd mu Tommy Burns, cluicheadair agus manaidsear ainmeil sgioba ball-coise Celtic.

Thèid iadsan a bhuannaicheas ainmeachadh aig cuirm aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu air 12 Ògmhios.

Tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Geamannan deasachaidh nam Ban Albannach airson Cupa na Cruinne gu bhith air BBC ALBA

Tha BBC ALBA air aonta a ruighinn a bhith a’ craoladh gach geama deasachaidh aig Sgioba Nàiseanta nam Ban mus tèid iad airson a’ chiad turas a-riamh gu Cupa na Cruinne san Fhraing.

Sa chiad gheama deasachaidh, chithear Alba an aghaidh Sile aig ionad-cluiche Pinatar ann am Murcia sa Spàinn, beò air BBC ALBA aig 6f air Dihaoine 5 Giblean.

Bidh BBC ALBA cuideachd a’ sealltainn Alba an aghaidh Brasil air Diluain 8 Giblean aig 7f, beò bho ionad-cluiche Pinatar.

Bidh an geama càirdeil mu dheireadh aig Alba, cuideachd beò air BBC ALBA, aig Hampden Dimàirt 28 Cèitean, le dòchas gum bi grunnan mhath luchd-leantainn ann airson soraidh slàn a chuir orra.

Sna priomh gheamannan, bidh Alba an aghaidh Sasainn, Argentina agus Iapan. Bidh Alba a’ cluich Sasainn sa chiad gheama aca air 9 Ògmhios.

Bidh gach geama aig Alba sa phrìomh chuairt aig Cupa na Cruinne beò air BBC ALBA – dachaigh spòrs nam ban ann an Alba.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:

“Tha BBC ALBA air a bhith air an turas seo le sgioba nàiseanta nam ban airson deich bliadhna agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ sealltainn nan trì geamannan deasachaidh, ’s iad a’ deisealachadh airson na co-fharpais, a thuilleadh air a bhith a’ craoladh nam prìomh gheamannan. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith gan taiceachadh aig an àm eachdraidheil seo dhaibh.”

Thuirt cluicheadair meadhan na pàirce airson Alba Leanne Crighton:

“The e cho math dhuinne agus airson an sgioba. Chan ann a-mhàin mun tùrnamant seo a tha e ach an taic a tha BBC ALBA air a thoirt dhuinn sna cuairtean deuchainn cuideachd. Tha fios againn nach eil e comasach do charaidean, teaghlach agus luchd-leantainn a bhith aig gach geama agus mar sin tha e cho cudromach dhuinne gu bheil an comas aig daoine a thighinn air an turas còmhla rinn.”

Trì deug prògraman Gàidhlig ainmichte air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha trì deug prògraman Gàidhlig bho BhBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2019.

Am measg prògraman BBC ALBA air a’ gheàrr-liosta bha Sùlaisgeir: An t-Sealg, Gaol is Call agus Bannan.

Tha BBC Radio nan Gàidheal aon uair eile ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, le prògraman leithid Tormod – An Oiteag Uibhisteach agus Frances: Ceum air Cheum air a’ gheàrr-liosta.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Leis gu bheil an fhèis a’ tilleadh a dh’Alba a-rithist, 40 bliadhna às dèidh a’ chiad fhèis ann am Beinn na Fadhla, tha e math a bhith a’ faicinn na h-uiread de phrògraman Gàidhlig air a’ gheàrr-liosta – teisteanas air cho soirbheachail ’s a bha am bliadhna a chaidh seachad – an deicheamh bliadhna de BhBC ALBA.”

Thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail am-bliadhna san Aghaidh Mhòr bho 4-6 Ògmhios.

Prògraman BBC ALBA a th’ air geàrr-liosta na bliadhna-sa:

Prògraman Chloinne
Leugh le Linda: Là Mòr na Glaodhaich (Riochdaichte le BBC Gàidhlig)

Sreath Dràma
Bannan (Riochdaichte le Young Films)

Dibhearsan Fìrinneach
An Drochaid (Riochdaichte le MacTV)

Sreath-aithris Fìrinneach
Sùlaisgeir: An t-Sealg (Riochdaichte le MacTV)

Eachdraidh
Call air Cladach Ìle (Riochdaichte le Caledonia)

Prògram Aithris Singilte
Gaol is Call (Riochdaichte le HG Productions)

A thuilleadh air a bhith ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha cuideachd prògraman bho BhBC Radio nan Gàidheal air a’ gheàrr-liosta:

  • • Ciorramach (Prògram-aithris Rèidio)
  • • Frances – Ceum air Cheum (Prògram-aithris Rèidio)
  • • Tormod – An Oiteag Uibhisteach (Prògram-aithris Rèidio)
  • • Beag air Bheag: Runrig (Prògram Iriseach Rèidio)
  • • Mac ‘Ille Mhìcheil: Kris Kristofferson Special (Prògram Ciùil Rèidio (Beò))
  • • Rapal – Belladrum 2018 (Prògram Ciùil Rèidio (Beò)
  • • Spòrs na Seachdain (Prògram Spòrs Rèidio)

MG ALBA a’ coimhead ris a’ BhBC gus rèite fhaighinn air an aonta a thaobh uairean a thìde a bharrachd

Tha MG ALBA an-diugh (Dihaoine 15 Màrt) air meal an naidheachd a chur air a’ BhBC airson tòiseachadh soirbheachail na seanail ùir agus air fàilte bhlàth a chur air na cothroman ùra airson na roinne chruthachail.

Ach tha am buidheann a tha a’ ruith seanail Ghàidhlig na h-Alba ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air iarraidh air a’ chraoladair dèanamh cinnteach gu bheil an t-aon chothrom a thaobh soirbheachais aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr BBC Scotland.

Deich bliadhna an dèidh do BhBC ALBA a dhol air an èadhar, tha fìor dhùbhlain mun coinneimh le ìre ath-chraolaidh de 75%, le 50% an crìoch ris a bheil dùil airson BBC Scotland; agus chan eil ri fhaighinn ach air Deifinisean Coitcheann (SD) a-mhàin air telebhisean.

Tha BBC ALBA air cliù làidir a chosnadh airson stuthan ùra, so-aithnichte agus brosnachail a chruthachadh agus tha e air a bhith na sgeulachd shoirbheachail ann an Alba bho chaidh a chur air chois bho chionn deich bliadhna.

Tha an t-seanail air taic mhòr a thoirt do ghnìomhachasan nam meadhanan cruthachail, le roinn gnìomhachas nam meadhanan air fàs gu mòr air feadh na dùthcha. Tha e cuideachd air àite follaiseach a thoirt do thàlant ùr ciùil na dùthcha agus air ùrlar a cruthachadh airson ball-coise proifeasanta nam ban a bhith air fhaicinn air telebhisean thalmhaidh.

Tha MG ALBA air iarraidh air a chom-pàirtiche a’ BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an t-aona chothrom agus an t-aona chàileachd de sholair aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr agus thathar a’ coimhead air adhart ri clàr-ama soilleir gus na prògraman ùra Gàidhlig a chaidh a ghealltainn aig àm foillseachaidh na seirbheis ùir a lìbhrigeadh.

Thuirt Ailean Dòmhnullach, Cathraiche MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:

“Tha sinn a’ toirt co-ghàirdeachas bhlàth do ar co-obraichean aig BBC Scotland air an tòiseachadh ro-soirbheachail a rinn an t-seanail agus tha sinn a’ leantainn le bhith a’ guidhe gach maith dhaibh mar a bhios an t-seanail a’ tighinn air adhart sna mìosan air thoiseach.

“Ach tha tòiseachadh BBC Scotland air a’ phrosbaig a chur air dà dhragh bhrìgheil airson bòrd MG ALBA mu thimcheall lìbhrigeadh BBC ALBA, aig a bheil ìre ath-chraolaidh de 75% – ìre nach bu chòir gabhail ris – agus a tha fhathast ri fhaighinn air SD a-mhàin. Tha am BBC air gealltanas a thoirt seachad 100 uair a thìde a bharrachd a lìbhrigeadh do BhBC ALBA agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri seo a bhith air a choileanadh.

“Aig àm far a bheil seanailean craolaidh seirbheis poblach eile leithid BBC One, STV agus an t-seanail ùr BBC Scotland air a dhol air Àrd Dheifinisean (HD), rud a tha air fhaicinn mar àbhaist airson libhrigeadh Tbh, tha e na mhòr-uallach gu bheil BBC ALBA ri fhaicinn air an telebhisean ann an SD a-mhàin.

“Air a chur gu simplidh, tha luchd-amhairc BBC ALBA airidh air seirbheis aig àrd ìre a thaobh càileachd dheilbh.

“Eadar prògraman aithris chumhachdach, spòrs beò, ceòl no ar seirbheis naidheachd seachd-là, tha ar luchd-amhairc airidh air an t-seirbheis as fheàrr a gheibhear. Dhuinne, tha seo – agus a bhith a’ fàs an àireamh de phrògraman ùra air an t-seanail – na phrìomh amas.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ar com-pàirtichean aig a’ BhBC a bhith a’ dèiligeadh ris an dà chuspair a tha seo agus dealas soilleir a nochdadh a thaobh clàr-ama airson seo a choileanadh.”

MG ALBA a’ cosnadh trì duaisean

Tha MG ALBA mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean, a rèir fear de phrìomh irisean a’ ghnìomhachais.

Airson a’ cheathramh bliadhna co-leantaileach, tha Broadcast Magazine air a’ phrìomh chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA ainmeachadh mar aon de na 30 àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an gnìomhachas telebhisein.

Tha am buidheann a’ fastadh 34 neach-obrach thar làraich ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Glaschu.

Tha an geàrr-liosta air a chruthachadh tro rannsachadh neo-eisimeileach air a dhèanamh leis an iris, le ceannardan agus luchd-obrach bho chompanaidhean air feadh na RA air iarraidh na beachdan aca a thoirt seachad mun bhuidheann agus an cultar obrach aca fhèin.

Tha am fios air ais an uair sin tomhaiste mu choinneamh slatan-tomhais stèidhichte.

Tha miann air leth aig MG ALBA cuideachd a bhith a’ tairgse chothroman do dhaoine òga aig a bheil Gàidhlig gus cùrsa-beatha a stèidheachadh anns na gnìomhachasan cruthachail.

Tha prògram-obrach samhraidh na buidhne a’ tabhann raon farsaing de chothroman, le FilmG a’ toirt cothrom do thàlant òg a bhith air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.

Tha am modh-obrach seo air aithne fhaighinn cuideachd le inbhe Òir ann an Creideas nar Cosnaichean Òga agus inbhe Airgid ann an Creideas nar Cosnaichean a bhith air a bhuileachadh air a’ bhuidheann, a’ sealltainn fàs na buidhne ann a bhith a’ taiceachadh dhaoine.

Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:

“Tha mi air leth toilichte gu bheil MG ALBA a-rithist air aithne fhaighinn mar bhuidheann a tha a’ cur sàr àrainneachd obrach aig cridhe ar n-obair.

“Tha ar dòigh-obrach sùbailte airson luchd-obrach a’ cuideachadh gach neach. Bho uairean obrach teannaichte, cothrom a bhith dheth tro làithean-saora na sgoile no ag obair gu pàirt-ùine, tha sinn ag amas a bhith ag obair le ar co-obraichean gus fuasgladh fhaighinn a tha ag obrachadh dhaibhsan agus a tha ag aithneachadh beatha-obrach an là an-diugh ann an Alba agus san roinn craolaidh. Tha cothrom cuideachd aig luchd-obrach fòrladh neo-phàighte a ghabhail gus pàirt a ghabhail ann am pròiseactan cruthachail. Tha seo a’ toirt cothrom dhaibh eòlas ùr fhaighinn a tha aig a’ cheann thall na bhuannachd dhaibhsan agus dhuinne.

“Tha sinn cuideachd a’ tabhann raon de shochairean leithid ballrachd chorporra gym, tachartasan coimhearsnachd, cothrom a bhith an làthair aig prìomh thachartasan agus là trèanaidh spòrsail gach bliadhna. Ach tha e mu barrachd na sin. Dhomhsa dheth tha e mu dheidhinn an cultar a tha sinn air cruthachadh taobh a-staigh na buidhne. Tha luach againn nar daoine agus tha sinn airson grèim a chumail air an tàlant as fheàrr, ach chan fhaigh sinn air sin a dhèanamh gun a bhith a’ cruthachadh àrainneachd a tha a’ còrdadh ri daoine a thighinn a dh’obair ann.”

Chleachd Abigail Nicìomhair (aois 18) a bhith na h-oileanach samhraidh agus a tha a-nis ag obair do MG ALBA. Thuirt i:

“Bho thùs tha mi airson rudeigin a dhèanamh co-cheangailte ri na meadhanan no Tbh agus thug an cothrom-obrach samhraidh cothrom dhomh blasad fhaighinn air na obraichean diofraichte taobh a-staigh MG ALBA. Tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair an seo agus ’s e cothrom air leth a th’ ann. Tha a h-uile duine airson ’s gun tèid gu math leat agus tha iad cho cuideachail. ’S e àrainneachd obrach uabhasach math a th’ ann.”

Thuirt An t-Iar-Phrìomh-Mhinistear:

Mo mheala-a-naidheachd do MG ALBA airson na h-aithne seo mar fastaiche air leth le na duaisean a tha seo.

“Tha sinn ag aithneachadh nam buannachdan cultarach, eaconamach, slàinte agus sòisealta a tha cànan agus cultar na Gàidhlig a’ toirt do dh’Alba air fad. ’S e sin an t-adhbhar a thathas airson àireamh luchd-cleachdaidh a’ chànain àrdachadh agus aig an aon àm na cothroman a cleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil a mheudachadh.

“Tha craoladh de fhilmichean agus prògraman Gàidhlig deatamach gus dèanamh cinnteach gun lean an cànan aig cridhe ar n-aithne chultarail.”

Thuirt Mary Leishman, measadair Creideas nar Cosnaichean:

“Airson nan 10 deich bliadhna mu dheireadh, tha MG ALBA air a bhith a’ fastadh, a’ trèanadh agus a’ leasachadh dhaoine òga gu ìre àrd dha-rìribh agus air cothroman a thoirt dhaibh na cùrsaichean-obrach aca sna meadhanan Gàidhlig a leasachadh. Tha iad dha-rìribh airidh air inbhe Òir ann an Creideas nar Cosnaichean Òga a ghleidheadh.”