Barrachd phrògraman beò air BBC ALBA

Le clàr làn phrògraman beò dibhearsain agus spòrs air BBC ALBA, barrachd na bha air an t-seanail a-riamh, tha rudeigin ann airson a h-uile duine.

Thàinig luchd-lìbhrigidh Joy Dunlop, Fiona NicChoinnich agus Màiri Anna NicUalraig còmhla gus na prògraman ùra a chomharrachadh.

Dhaibhsan a tha dèidheil air ceòl tha deagh dheireadh-sheachdain air fàire le Joy Dunlop is Brus MacGriogair a’ toirt thugaibh Neach-Ciùil Traidiseanta Òg 2020 BBC Radio Scotland, beò à Talla Bhaile Ghlaschu.

Bidh sianar luchd-ciùil òga a’ cluich beò sa chuairt-deireannach ann am farpais a bhios a’ cuideachadh le crìoch a chuir air Celtic Connections 2020 agus thèid am buannaiche ainmeachadh air an oidhche.

A’ farpais am-bliadhna tha seinneadairean Josie Duncan à Leòdhas agus Cameron Nixon à Obar Dheathain, cuide ri Pàdruig Moireasdan à Uibhist air a’ bhocsa, Ali Levack à Inbhir Pheofharain air an fheadag agus a’ phìob, Mhàiri MacKinnon à Siorrachd Pheairt air an fhidheall agus Calum McIlroy à Siorrachd Obar Dheathain a bhios a’ seinn agus a’ cluich a’ mhandoilin agus a’ ghiotàr.

Bidh BBC Radio Scotland agus BBC ALBA a’ craoladh an tachartais aig an aon àm aig 5.05f air 2 Gearran.

Bha Fiona NicChoinnich a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim chòmhraiteach Nochd air BBC ALBA, beò thairis air Celtic Connections, leis an t-sreath fhathast ri fhaicinn air BBC iPlayer. Thèid am prògram mu dheireadh, a’ coimhead air ais air an fhèis, a-mach air Disathairne 1 Gearran.

Tha taghadh ciùil Celtic Connections ri thighinn cuideachd leis an t-sreath Seirm a’ tòiseachadh air Disathairne 8 Gearran. Air a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig, chaidh a chlàradh air beulaibh luchd-amais aig na Arches ann an Glaschu agus chithear ceòl beothail bhon fhèis air fad.

Tha tuilleadh craoladh beò ri thighinn le spòrs agus Sia Nàiseanan nam Ban, air a lìbhrigeadh le Iona Whyte, a’ tòiseachadh air Didòmhnaich 2 Gearran le Èirinn an aghaidh Alba.vBidh Alba an uair sin a’ cluich an aghaidh Sasainn aig Scotsoun air Disathairne 9 Gearran; na h-Eadailt air Didòmhnaich 23 Gearran, an Fhraing air Disathairne 4 Màrt agus a’ Chuimrigh air Didòmhnaich 15 Màrt.

Bidh BBC ALBA cuideachd a’ craoladh an iar-chuairt dheireannach bho Chùpa Dùbhlain an SPFL le Partick Thistle an aghaidh Raith Rovers air 14 Gearran agus Inverness Caledonian Thistle an aghaidh Rangers Colts air Didòmhnaich 16 Gearran, leis a’ chuairt dheireannach ri thighinn aig deireadh a’ Mhàirt.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC:

“Tha BBC ALBA air a bhith cho soirbheachail le bhith a’ craoladh phrògraman beò. Mar eisimpleir tha fèill mhòr air Cèilidh na Bliadhn’ Ùire gach bliadhna agus tha sinn air a bhith a’ sealltainn spòrs beò aig àrd ìre mar Chupa Cruinne nam Ban an-uiridh agus Sia Nàiseanan nam Ban airson dà bhliadhna a-nis. Tha daoine a’ tighinn gu BBC ALBA gu faic iad susbaint nach fhaic iad ann an àite sam bith eile.”

Stiùiriche ùr ga h-ainmeachadh

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air Ealasaid Dhòmhnallach ainmeachadh mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taoibh A-muigh.

Bidh an obair ùr a’ leasachadh dhàimhean chudromach agus ag ùrachadh Lèirsinn (Lèirsinn 5-bliadhna na buidhne) le com-pàirtichean airson saoghal nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd. Bidh an obair cuideachd a’ stiùireadh na h-obrach co-cheangailte ri bhith a’ cur air adhart agus a’ lìbhrigeadh ro-innleachdan airson cruth-atharrachadh aig àm làn dùbhlain agus cothroman do MG ALBA agus an cuid chom-pàirtichean sna meadhanan.

Tha Ealasaid a’ tòiseachadh san dreuchd air 27 Faoilleach agus bidh i stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Air a togail ann an Èirisgeigh agus Uibhist a Deas, bha Ealasaid aig àm ag obair air poileasaidhean airson Comhairle Shiorrachd Rinn Friù agus tha i air a bhith a’ fuireach agus ag obair air Eilean Leòdhais thar còig bliadhna, ag obair air a ceann fhèin mar neach-comhairle phoileasaidhean agus cùisean-poblach.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sinn aig àm cruth-atharrachaidh nach fhacar a-riamh. Bidh Ealasaid a’ cur gu mòr ri sgioba àrd-stiùiridh na buidhne agus tha sinn fìor thoilichte gu bheil i a’ tòiseachadh còmhla rinn gus an fheum as fheàrr a dhèanamh de na cothroman a tha air thoiseach air MG ALBA agus roinn nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.”

Co-fharpais FilmG

Àireamh as motha de dh’fhilmichean a-riamh ann an Co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig

Chaidh an àireamh as motha a-riamh de dh’fhilmichean a chur gu Co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig, FilmG, am-bliadhna, ron cheann-latha an t-seachdain sa chaidh agus ’s urrainnear a h-uile film a choimhead air-loidhne a-nis (bho Dhiciadain 18 Dùbhlachd).

Chaidh 103 filmichean a dhèanamh uile gu lèir, agus 23 dhiubh sin anns an roinn fhosgailte, 75 filmichean le daoine òga agus 5 sgriobtaichean.

Tha a’ cho-fharpais stèidhichte ann an sgoiltean agus am measg Ghàidheil is luchd-film air feadh na dùthcha a-nis. Tha bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh fosgailte gu deireadh an Fhaoillich. Thèid geàrr-liostaichean, a thaghas eòlaichean sna meadhanan, fhoillseachadh san Fhaoilleach agus thèid an fheadhainn a shoirbhicheas a ghairm aig Cuirm nan Duaisean, 14 Gearran 2020.

Bidh FilmG a’ brosnachadh tàlant agus ealain luchd-film ùr a h-uile bliadhna. Am-bliadhna, chaidh iarraidh air muinntir nam filmichean film a dhèanamh stèidhichte air a’ chuspair, “Treòraich.”

Thuirt Eilidh NicFhraing, Manaidsear Pròiseict FilmG:

“Bha e na thlachd a bhith a’ dol tro fhilmichean na bliadhna agus a bhith a’ faicinn nan àireamhan a’ dol am meud a h-uile bliadhna – agus tha sin fhèin a’ sealltainn gu bheil ùidh sa cho-fharpais a’ dol am meud cuideachd.

“’S e cùis misneachd a th’ ann gu bheil liuthad chuspairean ann agus tha na filmichean anns an fharsaingeachd aig ìre glè àrd.

“Tha e math gu bheil aodannan as aithne dhuinn air tilleadh agus gu bheil tàlant ùr ri fhaicinn.”

Bha MG ALBA, a bhios a’ maoineachadh a’ phròiseict, air an dòigh le ìre nam filmichean. Thuirt Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, Murchadh MacSuain:

“Tha e fìor mhath gu bheil FilmG a’ dol am feabhas gach bliadhna agus gu bheil susbaint inntinneach, làn dràma is dibhearsain ga chruthachadh ann an Gàidhlig.

“’S e cothrom air leth a th’ ann am FilmG do dhaoine an cuid thàlant a thoirt gu aire an t-sluaigh, agus tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn na h-uimhir a’ gabhail pàirt agus a’ leantainn orra gu obraichean sna meadhanan.”vGhabh grunn luchd-film à Glaschu is Dùn Èideann pàirt, a leithid neach-film à Glaschu, Hamish MacLeòid. Lean am film aithriseach leis, Air an Oir, an sreapadair Aillseach, Coinneach MacFhraing, air slighe ainmeil ann an Siorrachd Àir, agus oileanach film, Tommy Hammond, a rinn film aithriseach anns a bheil obair dithis thidsearan bhon t-seann sgoil Ghàidhlig aige ga moladh.

Sheall bun-sgoiltean Ghlaschu ùidh cuideachd, le inntrigidhean bho sgoiltean Chondobrait agus Bheinn Chamshroin. Bha club film a’ ruith aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail air taobh deas a’ bhaile, far an do rinn iad film dràma goirid, An Coidse.

Fhuaireadh filmichean gu leòr à Dùn Èideann cuideachd anns na roinnean òigridh is fosgailte. Tha film le oileanach QMU, Cara Turner, a’ sgrùdadh saoghal far a bheil stiùireadh ri fhaighinn air cùisean mòra an latha an-diugh le bhith a’ bruthadh putan. Rinn oileanach Napier, Joseph Flower, film mu bhean-nighe a tha a’ toirt taic seach nigheadaireachd a-mhàin dha na nàbaidhean aice gun fhiosta dhaibh. Rinn sgoilearan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig film mar phàirt de sgeama Bhùithtean-obrach FilmG agus fhuaireadh dà fhilm neo-eisimeileach agus film èibhinn mu cho-fharpais na tì nam measg.

Bha filmichean èibhinn às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan pailt am-bliadhna. Rinn Club Dràma Chille Mhoire an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich tionndadh den dealbh-chluich, Bùth nan Èisg, a tha a’ leantainn reiceadair air a bheil ainm àit’ agus luchd-obrach is luchd-ceannaich na bùtha.

Chì sinn ann am film le sgoilearan S2 Àrd-sgoil MhicNeacail, Holiday Inn-tinneach, luchd-turais a’ ruigsinn taigh-òsta ann an Leòdhas a tha car coltach ri Fawlty Towers agus rinn luchd-ionnsachaidh Acadamaidh Chùil Lodair film mu bhodach a tha air fuasgladh àraid a lorg nuair a tha a’ mharag-dhubh gann.

Tha cuid de na h-àrd-sgoiltean air taobh os-nàdarra no eachdraidheil de chuspair na co-fharpais a thaisbeanadh, a leithid fileantaich Àrd-sgoil Àird nam Murchan a rinn am film Reòite!, anns a bheil eòlaiche saidheans, John, air inneal a dhèanamh a bhios a’ reothadh tìm ach tha cuideigin carach air greim fhaighinn air an inneal. Chì sinn daoine mòra ann an eachdraidh na h-Alba ann an dràma le Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus tha Àrd-sgoil Citadel ann an Halafacs, Ceap Breatainn, Alba Nuadh, air pàirt a ghabhail airson a’ chiad uair le film stèidhichte air seann sgeul à Ceap Breatainn.

Bha fèill mhòr air an duais ùir, Film Aithriseach as Fheàrr, ann an roinn na h-òigridh cuideachd. Tha am film Tìr a’ Gheallaidh le fileantaich Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ag innse sgeul na luinge, Annie Jane, a chaidh às an rathad far cladach Bhatarsaigh ann an 1853 agus 450 de luchd-siubhail air bòrd, agus a’ mhòr-chuid dhiubh sin nan eilthirich.

Tha luchd-film neo-eisimeileach air measgachadh de chuspairean a thaisbeanadh nan cuid fhilmichean aithriseach, cho math ri dràma, comadaidh agus beò-dhealbhadh.

Tha filmichean na bliadhna rim faicinn aig www.filmg.co.uk

Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire

Bidh sinn air bhioran air Oidhche Challainn is sinn a’ cuir fàilte mhòr air a’ chòmhlan Peat & Diesel is aoidhean sònraichte eile aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA, beò à Tobar na Màthar.

’S ann à Steòrnabhagh a tha an còmhlan a choisinn cliù airson an cuid chiùil air feadh na Gàidhealtachd am-bliadhna, bliadhna shoirbheachail le fiùs cosnadh an duais airson cluich beò aig Duaisean Ceòl Thraidiseanta Albannach MG ALBA 2019.

Chan eil tiocaid air fhàgail son a’ chuirm mhòr aca ‘sna Barrowlands ann an Glaschu san Fhaoilleach, agus tha iad air innse gun till iad don àite chliùiteach son an dàrna cuirm-chiùil, a thuilleadh air cuairt air feadh Bhreatainn agus Èirinn ann an 2020. ’S gann gun gabh a chreidsinn le na balaich a bha nas cleachdte a bhi cluich ann an cidsinean, sabhail agus taighean-seinnse ‘s na h-eileanan.

Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air a chraoladh beò o Thalla Thobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cur fàilte oirnn uile.

’S ann o fhreumh Gàidhlig a thàinig ainm a’ bhaile. ’S e seann tobar a bh’ ann an Tobar na Màthar agus tha ceangal làidir fhathast eadar Siorrachd Lannraig agus a’ Ghàidhlig far a bheil foghlam Gàidhlig o sgoil-àraich gu ruige àrd-sgoil ri fhaotainn, agus bu mhinig a choisinn Còisir Gàidhlig Comar nan Allt duaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Air Oidhche Challainn bidh beartas de sheinneadairean is luchd-ciùil Gàidhlig mar chompanaich do ar luchd-coimhid air BBC ALBA is luchd-èisteachd air BBC Radio nan Gaidheal tro na mionaidean mu dheireadh de 2019 agus a-steach do 2020.

Bidh an còmhlan Mànran, aig am bi 10mh ceann-bliadhna ann an 2020, a’ gabhail pàirt, le Kim Carnie, an seinneadair ùr aca, a’ nochdadh cuide riutha airson a’ chiad uair air TBh.

Chithear cuideachd an Glenfinnan Ceilidh Band, Maighread Stiùbhart agus Coisir Alba a sheinn aig farpais Eurovision nas tràithe air a’ bhliadhna, fo stiùir chinntich Joy Dunlop.

’S iad Cathy agus Niall Iain a bhios os cionn na cuirme, dithis air a bheil sinn eòlach bhon cuid obair craolaidh. Bidh Cathy a’ cur fàilt’ is furan air an t-sluagh gu prògraman a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus gu a prògraman fhèin air rèidio. Bha Niall Iain agus BhBC ALBA aig fèis TRNSMT na bliadhna-sa, agus aig fèis Belladrum fo bhratach BBC ALBA agus BBC Scotland – air an dà seanail air an aon oidhche!

Thuirt Niall Iain: “Tha sinn a’ toirt fiughair ris, glainne a thogail agus fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùir ann an cuideachd luchd-coimhid BBC ALBA agus luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal. Bheir sinn a’ Bhliadhn’ Ùr a-steach gu sunndach.”

“’S fìor thoil leamsa is le Cathy a bhith ann an teis-mheadhan a’ ghnothaich, agus ’s gann gun cuimhnich sinn gur e seo obair agus chan e gu bheil sinn dìreach ann a dhannsa còmhla ri càch.”

“’S i sàr-oidhche a bhios againn ann an Tobar na Màthar, agus tha sinn air bhioran gus an tòisich e.

“Feuch gun cuir sibh air an cèilidh aig an taigh agus gun tog sibh glainne còmhla rinn nuair a dh’fhàgas sin soraidh aig an t-seann bhliadhna agus a ghuidheas sinn slàinte air a’ Bhliadhn’ Ùir.”

Tha Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal bho 11.30f air Oidhche Challainn, agus cuideachd air iPlayer a’ BhBC agus air feadh na cruinne-cè air bbc.co.uk/alba

Curaidh na Coille

Tha prògram ùr air BBC ALBA a’ cuimhneachadh air beatha Chailein Mhicleòid a bha aithnichte mar neach-glèidhteachais a chuir iomadh bliadhna seachad a’ strì gus aire dhaoine a thogail gu maith na h-àrainneachd tro na 90an.

Aig an àm sna 90an, cha robh guth air leithid Greta Thunberg ach bha Cailean aig muinntir Ghlaschu.

Chaidh a thogail ann am Pollok, sgìre far an robh trioblaidean aig mòran ri linn deoch agus drugaichean. Fear de Ghàidheil Ghlaschu, chleachd e freumhan a dhualchais airson Stàite neo-eisimeileach Pollok a stèidheachadh agus guth a thoirt do mhuinntir na sgìre.

Anns a’ phrògram, chithear deilbh agus criomagan bhidio nach fhacas roimhe a thug Gehan, bean Chailein, agus a dhlùth charaidean seachad.

Tha sgeulachd Chailein a’ tòiseachadh tràth sna 90an nuair a chuir e naoi latha seachad shuas ann an craobh air Oighreachd Pollok ag iomairt an aghaidh leudachadh mòr rathad an M77 tron phàirce.

Chaidh a’ phàirce a thoirt do mhuinntir baile Ghlaschu mar ghibht agus bha Cailean gu mòr den bheachd gur ann le na daoine a bha an àrainneachd phrìseil a bha seo.

Le uallach gu robhas dol a chall àite a bha leotha fhèin, chaidh cuid de chlann-sgoile na sgìre a-mach air stailc, chuir luchd-iomairt bacadh air rathaidean agus bha na mìltean a’ caismeachd tro shràidean baile Ghlaschu gus seasamh an aghaidh na bha a’ tachairt.

A’ bruidhinn mu Chailein, thuirt a dheagh charaid Alastair MacIntosh gur e ceann-cinnidh a bh’ ann, gun cheist, agus gun bhris e a chridhe a’ strì gus sgìrean a’ bhaile a thoirt a-mach à bochdainn.

Cluinnear cuideachd anns a’ phrògram bho athair Chailein, Donnie, caraidean mar Babs NicGhriogair, a bhean Gehan, a charaid am fear-glèidhteachais Alasdair MacIntosh, Rosie Kane McGarvey a bha uair na BPA agus Darren McGarvey a sgrìobh an leabhar a choisinn Duais Orwell, “Poverty Safari”.

A’ bruidhinn mu Chailein anns a’ phrògram, thuirt Darren McGarvey gur e duine a bh’ ann a bha tarraingeach agus gur e fìor cheannard a bh’ ann.

Aig a’ cheann thall, chaidh mòr rathad an M77 a leudachadh ach lean Cailean air ag obair agus a’ strì às leth muinntir Ghlaschu, agus a’ stèidheachadh GalGael.

Nuair a bhàsaich Cailean ann an 2005 aig aois 39, bha sràidean Bhaile Ghobhainn nan tàmh le 600 duine a’ fàgail na h-eaglaise agus a’ coiseachd tron sgìre.

Thuirt riochdaire agus stiùiriche a’ phrògram, Nina Torrance gun robh tòrr de na bha a’ tachairt san latha th’ ann ri fhaicinn san obair ionmholta a rinn Cailean bho chionn faisg air trichead bliadhna.

Chithear The Birdman of Pollok / Curaidh na Coille air BBC ALBA Diluain 30 Dùbhlachd aig 9f agus air BBC iPlayer.

MG ALBA a’ cur fàilte bhlàth air buill ùra

Tha MG ALBA fìor thoilichte gu bheil Ofcom air innse an-diugh gun deach ceathrar bhall ùra a shuidheachadh air bòrd MG ALBA.

Tòisichidh Lisa Annette, Rhoda NicDhòmhnaill agus Iain Mac a’ Mhaolain air 1 Faoilleach 2020 agus Ceit-Anna NicLeòid air 1 Cèitean 2020. Bidh gach neach suidhichte airson ceithir bliadhna.

Tha fiosrachadh-beatha nam ball ùra ri fhaotainn san fhios-labhairt aig Ofcom.

Chuir cathraiche MG ALBA Ailean Dòmhnullach fàilte air an naidheachd:

“Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air a’ cheathrar sàr-thàlantach seo gu Bòrd MG ALBA a’ tòiseachadh sa Bhliadhn’ Ùir. Mar sgioba tha dùbhlain romhainn sa chòig bliadhna air thoiseach mu thimcheall maoineachaidh, teicneòlais agus sgaoilidh a thuilleadh air cnapan-starraidh eile an lùib craoladh.

“’S e àm mòr-dhùbhlain agus mòr-atharrachaidh a th’ ann agus sinn a’ teannadh dlùth ri 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig ann an 2023, agus ’s e ar n-obair dèanamh cinnteach gu bheil susbaint ioma-ùrlair de dh’àrd-chàileachd air a sgaoileadh ann an co-obrachadh le ar com-pàirtichean am BBC.

“Feumaidh sinn a bhith mothachail nach robh dùilean dhaoine òga a-riamh cho àrd ’s a tha iad a-nis.

“Cuidichidh ar buill ùra ann a bhith a’ sireadh nam freagairtean air a bheil feum gus faighinn seachad air na dùbhlain agus na riosgan a tha mu choinneimh nam meadhanan Gàidhlig. Bidh pàirt mhòr acasan – mar a th’ aig a h-uile duine againn – ri choileanadh”.

Prògraman na Nollaige agus na Bliadhna Ùire

Tha BBC ALBA a’ taisbeanadh pailteas de phrògraman thar àm na Nollaige agus na Bliadhna Ùire le clàr de shàr phrògraman bhon taigh agus bho air feadh an t-saoghail.

Tha Seòid a’ Chidsin air ais! Tha na Seòid a’ còcaireachd a h-uile rud a dh’iarradh tu ann an dìnnear na Nollaige ach le tionndadh sònraichte Gàidhealach air cuid de na cùrsaichean – gu h-àraid an Yule Log!

Tha Alleluia na Nollaige, air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain, a’ comharrachadh leughaidhean agus laoidhean na Nollaige. Cluinnear bho Alasdair Whyte, Mischa Nic a’ Phearsain agus bhon chòmhlan a chaidh a stèidheachadh gu sònraichte, Caireall.

Còisirean gu leòr ann an Eurovision Choir Gothenburg 2019, le sgeulachd chòisir Alba a bha a’ co-fharpais son a’ chiad uair ann an Gothenburg am-bliadhna.

Ann an Macleod MP/Maclean KGB tha Cathy NicDhòmhnaill a’ sealltainn dè threòraich an dithis gu slighean cho fad’ o chèile. Rugadh Dòmhnall MacIlleathain agus Iain MacLeòid san aon bhliadhna ann an 1913. Dithis le freumhaichean sna h-eileanan a chaidh gu oilthigh Chambridge, ach sin far a bheil na comasan cha mhòr a’ tighinn gu crìch.

Ann an Sgoil nan Sagart/Priest School, gheibhear sreath de thrì prògraman a’ leantainn Raghnall Caimbeul à Beinn nam Faoghla a tha anns a’ bhliadhna mu dheireadh de chuid oideachaidh airson na sagartachd ann am baile eachdraidheil na Ròimhe. Aig deireadh na bliadhna-sa, cuiridh Raghnall a chùl ris a’ Ròimh, thèid e dhachaigh dha na h-Eileanan agus thig e a-mach mar shagart.

Às dèidh pòsadh ann an Uibhist a Deas aig deireadh 2018, chaidh Gemma Steele, a choisinn duaisean airson a h-obair dhaonnachd, agus an duin’ aice Sean MacFhionghain, air turas shònraichte aig toiseach 2019 airson beannachadh pòsaidh le a teaghlach eile ann an Kenya.

Tha 2019 a’ comharrachadh 130 bliadhna bho chaidh am Moulin Rouge a stèidheachadh. Bidh Cathy NicDhòmhnaill a’ leantainn triùir nighean Albannach a tha mar phàirt de dh’eachdraidh iomraiteach an taisbeanaidh chliùitich seo. Itean, grìogagan agus maise-gnùis – tha a h-uile rud san taisbeanadh seo, agus bidh Cathy na theis-mheadhan!

Ann an Curaidh na Coille/Birdman of Pollok, gheibhear sealladh air beatha Chailein Mhicleòid a thog fianais an aghaidh leudachadh an M77 tro cheann a deas baile Ghlaschu tràth sna 90an.

Ann an 1949, chaidh Millicent agus Sydney Richardson à Hertfordshire an Sasainn gu ruige Tolstadh bho Thuath, Leòdhas, airson saor-làithean an t-samhraidh a chur seachad còmhla rin sean-phàrantan. Cha robh iad ach òg is dh’fhalbh iad gun chead. Cha do cheannaich iad tiocaidean-siubhail sam bith, is ged nach robh aon inbheach còmhla riutha, cha deach an glacadh. Seachdad bliadhna às dèidh làimh, seo an sgeulachd iongantach nam faclan fhèin – Sgeulachd Syd Agus Millie/Two Go to Tolsta.

Tha FUNC air ais airson Oidhche Challainn le prògram ùr loma làn sgeidsichean luath is èibhinn. Bidh aoighean aithnichte a’ nochdadh is rudan air leth neònach a’ tachairt – dìreach mar a shaoileadh sibh bhon phrògram a ghlèidh duais RTS nas tràithe air a’ bhliadhna!

Agus bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire a’ tighinn beò à Talla Thobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach. Le Peat & Diesel, Mànran, Còisir Alba, Mairead Stiùbhart agus an Glenfinnan Cèilidh Band, lìonaidh sinn drama agus cuiridh sinn fàilte air deichead eile!

Agus chan eil cùisean a’ stad an sin! Air Là na Bliadhn’ Ùire, bidh rionnag BBC ALBA air cùl na cuibhle airson sreath ùr de cheithir phrògraman. Às dèidh Costa a Tuath 500 a dhèanamh, tha an craoladair Anne Lundon air ais air turas-rathaid shònraichte eile. Tha slighe Costa an Iar na h-Èireann an-diugh a’ tàladh dhaoine bho air feadh an t-saoghail agus gheibh Anne a-mach carson.

Cuideachd air Là na Bliadhn’ Ùire, gheibhear sgeulachd am Park Bar far am bi sinn a’ feuchainn ri faighinn a-mach carson a tha an taigh-òsta ainmeil seo a’ maireachdainn mar phrìomh àite cruinneachaidh nan Gàidheal ann an Glaschu.

Air 2 Faoilleach, bha BBC ALBA a’ cur eòlas air an teaghlach air cùlaibh Crodh Gàidhealach Àird Bhàin air eilean faisg air Uibhist a Tuath anns na h-Eileanan Siar. Tha am film seo a’ siubhal an cois Ena, a mac Aonghas agus a theaghlach thairis air bliadhna.

Bidh seann eòlaich a’ tilleadh thugainn san Fhaoilleach le An Lot, Farpaisean Chon Chaorach / Sheepdog Trials agus bidh sinn a-muigh an cois Ramsay ann an Mach à Seo!

Agus abair prògraman chloinne air BBC ALBA aig àm na Nollaige!

Tha BBC ALBA a’ taisbeanadh pailteas de phrògraman spòrsail chloinne thar àm na Nollaige le clàr a tha a’ taomadh le stuthan ùra airson an fheadhainn òga.

Air Là na Nollaige tha seudan sònraichte rim faicinn, nam measg tionndaidhean seunta de dh’obair Julia Donaldson – An Fhaochag agus a’ Mhuc-mhara agus Gleann na Mùmain.

Cuideachd chithear dà film bhon EBU, dràma chloinne agus prògram-aithris ghoirid air an dèanamh le Sorbier Productions à Glaschu, le maoineachadh bhon YACF, a tha air a ruith leis am BFI.

’S e dràma-comadaidh neo-àbhaisteach a th’ ann an Rùn, mu bhith ag èisteachd agus ag ionnsachadh. Chithear mar a tha saoghal balach òg, bodhar, a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach a tha toirt dha a’ chlaisneachd nach robh a-riamh aige.

Ann am Balach aig a’ Mhullach cuideachd bho Sorbier Productions gheibhear sealladh air leth air oidhirp balach sreap beanntan co-ionnan ri àrd Everest – beann as dèidh beann ann an Alba.

Bidh na prògraman seo cuideachd rim faighinn air iPlayer a’ BhBC bho 9m madainn na Nollaige, dìreach an dèidh na tiodhlacan fhosgladh!

Agus bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail tha cothrom ann airson teaghlaichean an cuid cloinne fhaicinn le cuid de stuth ùr bho bhuanaichean tachartas na Dàmhair.

Agus ma dh’fhuiricheas an fheadhainn bheaga an àrd anmoch gu leòr air oidhche Challainn, bidh na balaich fhèin, Peat & Diesel, a’ toirt a-steach na Bliadhna Ùire cuide ri rionnagan BBC ALBA Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach.

Thuirt Bill MacLeòid, Deasaiche Coimseanaidh BBC ALBA:

“Tha BBC ALBA a’ taisbeanadh cuid de na prògraman chloinne as fheàrr san t-saoghal. Le preseantairean òga, èasgaidh ann an stiùidiothan CBeebies agus CBBC thathas a’ gealladh fealla-dha thar làithean na Nollaige agus fad na làithean saora – an dà chuid air BBC ALBA agus air an iPlayer.”

Gheibhear tuilleadh fios mu na prògraman an seo

Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr bho BBC ALBA!

Buannaichean air an ainmeachadh airson Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA 2019

Chaidh buannaichean Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA 2019 ainmeachadh a-raoir (7 Dùbhlachd) aig Talla Ciùil Obar Dheathain, aig cuirm a bha air a chraoladh beò, a’ comharrachadh an tàlant ciùil traidiseanta as fheàrr thairis air a’ bhliadhna.

Air a chur air dòigh le Hands up for Trad, tha an oidhche a’ comharrachadh an dualchais bheairtich a tha aig Alba a thaobh ceòl traidiseanta. Air a lìbhrigeadh le seinneadair Gàidhlig ainmeil Màiri Anna NicUalraig agus an seinneadair cliùteach Kim Carnie, fhuair iadsan a bha an làthair deagh chuirm beò le ceòl tradiseanta bho ghaisgich mar Skerryvore, Session A9, Benedict Morris, Heisk agus Sian thairis air an oidhche.

Chaidh an duais as motha, am Belhaven Bursary airson nuadhachas ann an ceòl Albannach, air a thaiceachadh le Showcase Scotland Expo a’ toirt taic don bhuannaiche airson beachdan agus cruthachaileachd a bhrosnachadh. Leis an duais aig an aon ìre ris a’ Mhercury Prize, chaidh an £25,000 gu Kinnaris Quintet, a’ chiad chòmhlan le boireannaich a-mhàin a fhuair an duais.

Fhuair Breabach an duais airson Clàr na Bliadhna airson an t-siathamh clàr aca, Frenzy of the Meeting.

Fhuair Màiri Anna NicUalraig, a bha a’ lìbhrigeadh nan duaisean, an duais airson Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, le taic bho Chomunn Ghàidhealach Lunnainn.

A’ cur ri na duaisean a fhuair i bliadhnaichean eile aig na Trads, fhuair Jenna Reid an duais airson Sgrìobhaiche-ciùil na Bliadhna, bho gheàrr-liosta làn bhoireannaich. Fhuair còmhlan Jenna, Blazin’ Fiddles, an duais airson Còmhlan Folc na Bliadhna. Ann an 2005 bhuannaich Jenna an duais airson Up and Coming Artist agus dà bhliadhna às dèidh sin bha i air a’ gheàrr-liosta airson Neach-ciùil na Bliadhna.

Às dèidh deich bliadhna a’ reic gach tiocaid, bhuannaich an Tiree Music Festival an duais airson Tachartas na Bliadhna. Tha an fhèis air a bhith cho soirbheachail agus gu bheil e air £6.4 millean a chur ri eaconamaidh an eilein.

Air ainmeachadh le Rolling Stone mar “forward-thinking folk music” fhuair Man of the Minch an duais airson Up and Coming Artist, a tha ag aithneachadh tàlant ùr.

Às dèidh bliadhna mhòr far an robh iad air beulaibh an t-sluaigh aig Belladrum agus iad deiseil airson nan cuirmean aca air feadh na RA, fhuair na triùir à Peat & Diesel an duais airson a bhith a’ cluich beò.

Chaidh an duais airson Club na Bliadhna gu Sutherland Sessions, buidheann ùr a tha a’ toirt chothroman do cheòladairean òga a bhith a’ cluich beò agus a’ tarraing luchd-ciùil ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta suas a Chataibh.

Fhuair Steve Byrne an duais airson Seinneadair Albais na Bliadhna Citty Finlayson, le taic bhon Traditional Music and Song.

Chaidh a’ chuirm a chraoladh beò air BBC ALBA agus thèid a shealltainn a-rithist air Didòmhnaich 8 Dùbhlachd aig 8.55f, le taghadh eile ri fhaicinn air program sònraichte air 27 Dùbhlachd aig 9f.

Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich an tachartas, agus a tha ga chur air adhart:

“Abair deagh bhliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA. Bha buannaichean air leth againn a’ gabhail a-steach na fheadhainn a bhuannaich duaisean a’ ghnìomhachais cuideachd. Tha cùisean a’ coimhead math airson ceòl tradiseanta.”

Thuirt Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, Murchadh MacSuain:

“Abair gu bheil deagh bhliadhna eile air a bhith aig ceòl tradiseanta na h-Alba agus tha sinne cho toilichte gu bheil MG ALBA a-rithist aig cridhe an tachartais seo a tha a’ comharrachadh an tàlant eireachdail againn. ’S e BBC ALBA ùrlar uabhasach cudromach airson nan seinneadairean agus nan cluicheadairean a chaidh ainmeachadh a-nochd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith gam faicinn air an telebhisean sna bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thuirt Alan Morrison, Ceannard Ciùil, Alba Chruthachail:

“A-rithist tha Na Trads a’ dearbhadh gu bheil ceòl traidiseanta beò san 21mh linn. Tha buannaichean am bliadhna a’ gabhail a-steach gaisgich ionadail agus rionnagan eadar-nàiseanta, rionnagan a tha air a bhith air an t-slighe airson iomadach bliadhna agus iadsan a tha dìreach air tòiseachadh. Meal an naidheachd orra uile agus chun a h-uile duine a chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta cuideachd airson an ceòl suaicheanta a tha iad a’ cruthachadh.

“Meal a naidheachd cuideachd gu Iain Ruari Finlayson, buannaiche Neach-oideachaidh Ciùil na Bliadhna às leth Youth Music Initiative. Tha an obair aige le Còmhlain Pìoba Òg an Eilean Sgitheanaich a’ toirt an ionnsramaid Albannach chun an ath-ghinealach.”

Thuirt Gordon Muir, Stiùiriche Margaidheachd aig Belhaven Brewery:

“Tha sinne cho toilichte duais Belhaven Bursary a thoirt do Kinnaris Quintet. ’S e na fuinn ceòlmhor, ùr aca agus mar a tha iad gan riochdachadh fheìn air an àrd-ùrlair a sheas a-mach bhon gheàrr-liosta. Bho thàinig iad còmhla ann an 2017, tha Kinnaris Quintet air lùths a thoirt do shaoghal na Trads agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri mar a chuidicheas am bursaraidh iad san àm ri teachd.

“Tha e air a bhith cho brosnachail a bhith faicinn cho farsaing ’s a tha nuadhachas ann an ceòl thraidiseanta Alba, le na ceòladairean a tha a’ fighe brosnachadh a-steach do dh’iomadh ghnè agus cultar gus fuaimean suaicheanta ùra a chruthachadh.

“Tha Belhaven Brewery cho pròiseil mun ceangal le ceòl traidiseanta, saoghal gu math coltach ris an saoghal againn fhìn – air a bhrosnachadh le traidisean agus freumhan, tha sin a’ toirt spionnadh dhan mac-meanma againn gus leann ùr agus ceòl ùr a chruthachadh airson daoine a thoirt còmhla. Tha sinn air bhioran mu dheidhinn a bhith ag obair le Kinnaris Quintet ann an 2020 agus chan urrainn dhomh feitheamh airson sin.”

Thuirt Stuart Fleming, Àrd-Mhanaidsear airson PRS for Music, Alba agus Èirinn a Tuath:

“Meal a naidheachd dhan h-uile duine a bha air a’ gheàrr-liosta agus dhaibhsan a bhuannaich. Tha e cho math a bhith faicainn tàlant cho eadar-mheasgte air aithneachadh aig Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA, rud a tha taisbeanadh an tàlant cruthachail bho choimhearsnachd ceòl traidiseanta Albannach. Tha PRS for Music cho pròiseil gu bheil sinn a’ cur taic ri Sgrìobhaiche Ciùil na Bliadhna – gu h-àraid am bliadhna le uiread de bhoireannaich air an liosta.”

Chaidh duaisean a thoirt seachad cuideachd ag aithneachadh oidhirpean dhaoine, mar eisimpleir Dr Peter Cooke, a fhuair duais Hamish Henderson airson Seirbhisean gu Ceòl Tradiseanta le taic bho Edinburgh Folk Club.

Chaidh an duais airson Seirbhisean gu Gàidhlig, le taic bho Bòrd na Gàidhlig, gu Anna Soutar.

Fhuair Sheena Blackhall, aithnichte airson a bàrdachd, duais Janet Paisley airson Seirbhisean gu Albais le taic bho Scots Radio.

Lean an oidhche air adhart le ceòl às dèidh na cuirm bho Ceilidh Minogue agus The House of Song le Doris Rougvie.

Na Buannaichean:

Album of the Year sponsored by Birnam CD
Frenzy of the Meeting by Breabach

The Belhaven Bursary for Innovation in Scottish Music in association with Showcase Scotland Expo
Kinnaris Quintet

Club of the Year sponsored by Traditional Arts and Culture Scotland
Sutherland Sessions

Composer of the Year sponsored by PRS for Music
Jenna Reid

Community Project of the Year sponsored by SKIPINNISH
SEALL Festival of Small Halls

Event of the Year sponsored by VisitScotland
Tiree Music Festival

Gaelic Singer of the Year sponsored by The Highland Society of London
Mary Ann Kennedy

Musician of the Year sponsored by The University of the Highlands and Islands
Jenn Butterworth

Live Act of the Year sponsored by Greentrax Recordings
Peat and Diesel

Citty Finlayson Scots Singer of the Year sponsored by Traditional Music and Song Association
Steve Byrne

Scottish Dance Band of the Year sponsored by National Association of Accordion and Fiddle Clubs
The Cruickshank Family Band

Scottish Folk Band of the Year sponsored by Threads of Sound
Blazin’ Fiddles

Scottish Pipe Band of the Year sponsored by Gordon Duncan Memorial Trust
Inverary and District Pipe Band

Trad Video of the Year Sponsored by Ceòlas Uibhist
Heroes by Tide Lines

Music Tutor of the Year sponsored by Creative Scotland’s Youth Music Initiative
Iain Ruari Finlayson, Skye Schools

Up and Coming Artist of the Year sponsored by Royal Conservatoire of Scotland
Man of the Minch

Venue of the Year Award sponsored by Musicians’ Union
An Tobar (Mull)

The Hamish Henderson Services to Traditional Music Award Sponsored by Edinburgh Folk Club
Dr. Peter Cooke

Services to Gaelic Sponsored by Bòrd na Gàidhlig
Anne Soutar

The Janet Paisley Services to Scots Language Sponsored by Scots Radio
Sheena Blackhall

11 Craoladairean Eadar-Nàiseanta a’ tadhal air BBC ALBA

Tha BBC ALBA an t-seachdain seo air a bhith a’ cur fàilte air craoladairean bho air feadh an t-saoghail airson tachartas taisbeanadh phrògraman chloinne ùra dràma agus aithriseach airson Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa (EBU).

Tha am BBC, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd le MG ALBA, air a bhith na chom-pàirtiche leis an EBU airson iomadh bliadhna, agus ’s e an EBU a thug na 11 craoladairean eile chun a’ BhBC ann an Glaschu.

San sgeama, feumaidh na craoladairean prògraman 15 mionaid de dh’fhaid a chruthachadh, uile mu dheidhinn an aon chuspair agus air an dèanamh ann an dòigh a tha furasta airson tionndadh eadar-nàiseanta a dhèanamh. Tha na com-pàirtichean an uair sin ceadaichte prògraman nan dùthchannan eile a chleachdadh air na seanailean aca fhèin.

Tha na prògraman dràma uile a’ leantainn a chuspair “innis dhomh rudeigin dìomhair” agus na prògraman aithriseach a’ leantainn “’S urrainn dhomh a dhèanamh”.

Tha craoladairean a’ tighinn bhon Spàinn, A’ Ghearmailt, Iapan, Fionnlainn, Serbia, a’ Phortagail, Poblach na Seic, Slobhinia, Bulgàiria, Croatia agus Èirinn.

Bha Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA, Uilleam MacLeòid, sa chathair thairis air an dà là. Thuirt Uilleam:

“Tha e sgoinneil gu bheil ar com-pàirtichean eadar-nàiseanta air a bhith còmhla rinn an seo ann an Glaschu, ag iomlaid bheachdan agus seallaidhean. ‘S e fòram cruthachail a th’ ann a tha cruthachadh nam filmichean eadar-nàiseanta as fheàrr airson clann, rudeigin a tha uabhasach cudromach do BhBC ALBA agus airson clann a tha ag iarraidh stuthan Gàidhlig aig àrd-ìre.

“’S urrainn susbaint chloinne mar seo a bhith cho tarraingeach air feadh an t-saoghail. Ge bith gur ann ann an Gàidhlig, Gearmailtis no Iapanais a tha e, tuigidh clann na teachdaireachdan agus na cuspairean anns gach sgeulachd.”

Tha BBC ALBA air pàirt a ghabhail san sgeama dràma airson trì bliadhna mar-thà agus an-uiridh, choisinn am prògram Buidheagain, le Sorbier Production, an duais airson prògram chloinne as fheàrr aig duaisean RTS Scotland am-bliadhna.

’S e Rùn dràma na bliadhna-sa, comadaidh mu dheidhinn a bhith ag èisteachd agus ag ionnsachadh. Thathas a’ faicinn mar a tha saoghal balach òg, bodhar a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach a tha mar na cluasan nach robh a-riamh aige.

Am bliadhna, tha BBC ALBA san sgeama airson prògraman aithriseach airson a’ chiad turas le Balach aig a’ Mhullach, far a bheil balach a’ feuchainn ri fearann a tha co-ionann ri Everest a shreap, beinn an dèidh beinn!

Bha Sorbier Productions, companaidh riochdachaidh stèidhichte ann an Glaschu, soirbheachail leis an dà choimisean seo agus o chionn ghoirid dh’ainmich iad gun d’ fhuair iad maoineachadh a bharrachd bho Young Audience Content Fund am BFI.

Thuirt Patsi NicChoinnich, Stùiriche Sorbier Productions:

“Tha e air a bhith cho feumail dhomhsa mar riochdaire agus cuideachd airson Sorbier agus na tha ag obair còmhla rinn gu bheil sinn air a bhith ag obair le com-pàirtichean bho air feadh na Roinn Eòrpa. Tha am pròiseas air fad air a bhith cho co-obrachail agus tha sinn cho toilichte gu bheil sinn an lùib sgeama a tha cho eadar-mheasgte agus ioma-chànanach.”

Thuirt Phillis Fermer, Àrd Riochdaire air sreath aithriseach cloinne an EBU:

“’S e bliadhna mhìorbhaileach a bh’ ann ag obair air na prògraman aithriseach le air com-pàirtichean bho air feadh na Roinn Eòrpa agus Iapan agus tha sinn air 10 film làidir ach eadar-dhealaichte a chruthachadh. Tha na prìomh charactaran bho na prògraman aithriseach againn bho diofar dhùthchannan, bho chultaran agus dòighean-beatha eadar-dhealaichte ach an aon rud gan ceangal ri chèile ’s e gu bheil a’ chlann faisg air an aon aois agus a’ strì an aghaidh dùbhlain phearsanta san aon dòigh. Tha na filmichean faireachail, fiosrachail agus sealltainn dhan luchd-amhairc anns gach dùthaich gu bheil sinn uile coltach ri chèile.”

Thuirt Beryl Richards, Àrd Riochdaire sreath dràma na cloinne an EBU:

“Tha e cho snog a bhith faicinn nan diofar nàiseanan a’ tighinn còmhla aig coinneamhan an t-sreath dràma againn agus tha mi mothachail gu bheil sinn uile a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn an aon chànan cruthachail. Agus leis an tuigse cho-roinnte seo, bithidh filmichean nas fheàrr agus nas fheàrr againn.

MG ALBA ag ainmeachadh prìomh dhreuchdan ann an susbaint ioma-ùrlair

Tha MG ALBA an-diugh (Dimàirt 3 Dùbhlachd 2019) ag ainmeachadh Iseabail Nic an t-Sagairt mar Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair mar phàirt de dh’atharrachaidhean gus fòcas na buidhne àrdachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh susbaint aig àrd ìre ann an àrainneachd mheadhain a tha ag atharrachadh gu luath, agus gus togail air co-obrachadh agus ùr-ghnàthachas soirbheachail gu ruige seo.

Bha Iseabail Nic an t-Sagairt roimhe mar Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd agus tha i a’ stiùireadh coimiseanadh agus leasachadh ro-innleachdail susbaint Gàidhlig airson BBC ALBA air gach ùrlar, a thuilleadh air FilmG agus LearnGaelic. Am measg nan atharrachaidhean chithear cuideachd Fiona NicChoinnich air a h-àrdachadh gu Leas-Coimisinear, Didseatach. ’S e amas na h-obrach seo fàs a thoirt air solar susbaint ghoirid agus dol an sàs le na meadhanan sòisealta, a’ togail air obair shoirbheachail an Aonaid Dhidseataich thar an dà bhliadhna mu dheireadh. Tha na h-atharrachaidhean seo air an dealbhachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil gach co-dhùnadh susbaint ga dhèanamh le sealladh ioma-ùrlair.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha na h-atharrachaidhean seo a’ sealltainn dealas MG ALBA a thaobh leasachadh agus fàs nam meadhanan Gàidhlig anns gach roinn den obair. Thèid togail air an t-soirbheas a tha air a bhith ann mu thràth le Iseabail, Fiona agus co-obraichean, taobh ri taobh ri coimhearsnachd cruthachail BBC ALBA – nam measg ìrean còrdaidh àrda eachdraidheil, an àireamh as motha a-riamh de dhuaisean agus àireamh luchd-coimhid nam meadhanan didseatach a tha a’ fàs gu luath. Am-bliadhna chaidh MG ALBA an sàs san àireamh a bu mhotha a-riamh de cho-obrachaidhean eadar-nàiseanta, a’ lìbhrigeadh luach sònraichte chun luchd-amhairc Gàidhlig – nì air a bheil sgioba MG ALBA ag amas fàs a thoirt.

“Ni na dreuchdan ùra seo cinnteach gu bheil MG ALBA ann an deagh shuidheachadh airson àite nam meadhanan Gàidhlig a dhaingneachadh mar as fheàrr a thèid aige air ann an àrainneachd mheadhain a tha ag atharrachadh gu luath, gus am buannachd as fheàrr fhaighinn às na cothroman a tha ann airson co-obrachadh agus ùr-ghnàthachas agus ar n-aghaidh a chur air an àm ri teachd le misneachd.”