Tha cruth atharrachadh ri thighinn air modhan ionnsachaidh na Gàidhlig le cùrsa ùr ionnsachaidh a tha cho iomlan ’s a ghabhas, SpeakGaelic, ga chur air bhog Dihaoine 15 Dàmhair.
Thathas a’ moladh a’ phròiseict ionnsachaidh seo mar chothrom ionnsachadh na Gàidhlig atharrachadh gu bunaiteach, le susbaint dhaibhsan a tha airson a’ Ghàidhlig a thogail airson a’ chiad uair, agus dhaibhsan a dh’iarradh na sgilean aca a dhaingneachadh.
Bho Dihaoine 15 Dàmhair, bidh an t-susbaint SpeakGaelic air fad airson fìor luchd-tòiseachaidh aig ìre A1 ri fhaotainn air làrach-lìn SpeakGaelic, le prògraman rim faotainn aig an aon àm air iPlayer a’ BhBC, BBC Sounds, YouTube agus seirbheisean sruthadh fuaime eile.
Thèid prògraman cuideachd a chraoladh an dà chuid air BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal, le goireasan ionnsachaidh ri dhol leotha air duilleagan meadhanan sòisealta SpeakGaelic.
Bidh ionnsachadh aghaidh-ri-aghaidh cuideachd ri fhaotainn, le clasaichean Gàidhlig ionadail agus oidean a’ tighinn air bòrd le SpeakGaelic, a’ frithealadh air luchd-ionnsachaidh a tha ag iarraidh àrainneachd ionnsachaidh nas iomlan, le susbaint nam meadhanan a’ cur ri slighe ionnsachaidh a tha eadhoin nas coileanta.
Tha seo a’ ciallachadh gum bi daoine a tha nan luchd-ionnsachaidh mar-thà, no a tha a’ tighinn thuige às ùr, a’ togail modhan ionnsachaidh a tha gu tur a’ freagairt orra fhèin, agus a dh’fhaodas iad atharrachadh a rèir an toil.
’S e dithis a tha air ceumnachadh o Shabhal Mòr Ostaig a bhios air ceann prògraman SpeakGaelic: Neach-sìde a’ BhBC, ceòladair agus pearsa TBh Joy Dunlop, agus Calum MacIllEathain a tha aithnichte air na meadhanan sòisealta airson a bhith ri iomadh diofar chur-seachad air a’ bhlàr a-muigh.
Anns an stiùidio, bidh Joy a’ toirt seachad criomagan feumail airson cànan ionnsachadh, agus a’ cur fàilte air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig eile a tha air slighean ionnsachaidh iad fhèin.
Thuirt Joy Dunlop, a bhuineas don Choingheal ann an Earra-Ghàidheal: “Tha buaidh mhòr air a bhith aig ionnsachadh na Gàidhlig air mo bheatha. Tha e aig cridhe na dreuchd agam, na càirdean agam, agus a’ mhòr chuid de na rudan air a bheil mi cho fìor dhèidheil.
“Bheir SpeakGaelic cothrom do na mìltean a’ Ghàidhlig ionnsachadh, a thuilleadh air beagan misneachaidh a thoirt dhaibhsan a tha feumach air. Tha mi an dòchas gun cuir daoine fàilt air a’ chothrom, oir chan eil sìon a dh’fhios agad cà landaig thu air sàillibh na Gàidhlig!”
Bidh Calum MacIllEathain a’ lìbhrigeadh earrannan is e air chuairt air feadh na dùthcha, a thuilleadh air susbaint nam meadhanan sòisealta.
Tha Calum aithnichte air-loidhne airson susbaint bhon bhlàr a-muigh (le ‘dùbhlan nam meanbh-chuileagan’ am measg nam bhidiothan as ainmeile aige) agus ann an Dhan Uisge, air BBC ALBA, bidh e a’ taisbeanadh a chuid dealas airson a bhith a’ snàmh a-muigh ann an uisgeachan na h-Alba.
Bidh preseantair BBC Radio nan Gàidheal Iain Urchardain, a thogadh anns Na Hearadh, a’ lìbhrigeadh susbaint rèidio agus podcastan.
Tha Coinneach Macleòid (47) à Glaschu, no ‘The Hebridean Baker’ mar as fheàrr a dh’aithnichear e airson nam bhidiothan aige anns am bi e a’ taisbeanadh reisibidhean agus sgeulachdan eileanach, an sàs ann an clàradh airson SpeakGaelic. Rugadh is thogadh e ann an taigh anns an robh a’ Ghàidhlig ga bruidhinn gu nàdarra air Eilean Leòdhais.
Thuirt e: “Nuair a bhios mi a’ dol dhachaigh dhan eilean, bidh mo theaghlach a’ bruidhinn rium anns a’ Ghàidhlig. Feumaidh mi beagan misneachd airson a bhith gam freagairt anns a’ Ghàidhlig, agus ’s e sin as coireach gu bheil mi gu bhith a’ dèanamh SpeakGaelic.”
Tha Caroline Quinn (31), à Trinidad agus Tobago o thùs, ach a-nise a’ fuireach ann an Glaschu, cuideachd air clàradh airson SpeakGaelic, oir tha i a’ miannachadh gun tog i an cànan gu ìre fileantais.
Thuirt Caroline: “Tha e gu math coltach gur mi an t-aon neach à Trinidad agus Tobago aig a bheil a’ Ghàidhlig! Tha e cho chudromach dhomh gun cùm sinn an cànan beò, oir tha e a’ cur ri beothachadh a’ chultair cuideachd.”
Tha Clare Coghill (28), a tha na còcaire às an Eilean Sgitheanach cuideachd air clàradh airson SpeakGaelic. Tha i an dòchas cafaidh fhosgladh san eilean an ath-bhliadhna, a bhios a’ tarraing air cultar nan eilean, agus a’ toirt orra-san a bhios anns a’ chafaidh a’ Ghàidhlig a chleachdadh ri chèile.
Thuirt i: “Tha mi gu mòr airson mo chuid meas air còcaireachd agus Gàidhlig fhighe ri chèile, tro na reisibidhean agam agus air na meadhanan sòisealta.”
’S e còmhlan cho cliùiteach ’s a ghabhas ann an saoghal ciùil na h-Alba, Niteworks, às an Eilean Sgitheanach, a bhios a’ lìbhrigeadh ceòl airson SpeakGaelic.
Bidh SpeakGaelic, co-bhanntachd eadar MG ALBA, Sabhal Mòr Ostaig agus am BBC, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba, a’ tabhann dòigh choileanta ioma-ùrlair a tha mar shamhla air an àrainneachd dhidseatach anns an latha an-diugh.
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville: “Tha mi air mo dhòigh gum bi prìomh phàirt aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ toirt taic do chur air bhog SpeakGaelic. ’S e seo iomairt a bheir cruth-atharrachadh air ionnsachadh na Gàidhlig tro bhith a’ cruthachadh chothroman ùra an cànan a thogail. Tha misneachd agam gum bi SpeakGaelic a’ tàladh dhaoine don chànan às ùr agus cuideachd gum fàs cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan.
“Bu mhiann le Riaghaltas na h-Alba moladh gach neach a tha air a bhith ag obair còmhla mar phàirt den chom-pàirteachas mheadhanan ùr-ghnàthach seo.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Pròiseict SpeakGaelic agus Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA: “’S e SpeakGaelic am pròiseact as motha a th’ air a bhith ann chun a seo a tha ag amas air inbhich a thoirt chun na Gàidhlig, an dà chuid gus a togail às ùr agus a leasachadh. Tha sinn an dòchas gun adhbhraich e atharrachadh nach beag air an àrainneachd ionnsachaidh Ghàidhlig a tha ann mar-thà.
“Tha e air leth cudromach gum bi sinn ga dhèanamh cho furasta ’s a ghabhas Gàidhlig ionnsachadh, agus mar sin tha an t-slighe ioma-ùrlair seo ag amas air leigeil le daoine fa leth, clasaichean agus buidhnean, na modhan aca fhèin a thaghadh, le susbaint a bharrachd a’ dol leis ann an dòigh thaiceil, agus a tha ri fhaotainn aig àm sam bith.”
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ris a’ ghoireas ùr sgoinneil seo, a bhios a’ brosnachadh tòrr a bharrachd dhaoine a bhith a’ faighinn an sàs leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, ma tha beagan eòlais aca mar-thà, no tha ma tha iad air thighinn chun a’ chànain às ùr.
“Cuiridh SpeakGaelic gu mòr ri amas a’ Phlana Nàiseanta, is ’s e sin gun tèid a’ Ghàidhlig a cleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann an suidheachaidhean nas fharsainge.”
Thèid SpeakGaelic a chur air bhog an toiseach le ìre A1, ag amas orra sin a tha ùr dhan chànan, le A2 a’ tighinn tràth ann an 2022.
Bidh am pròiseact cuideachd a’ leudachadh gus luchd-labhairt a tha air tuiteam air falbh bhon chànan agus luchd-labhairt le cion misneachd a thàladh air ais, stèidhichte air an sgèile ionnsachaidh aig ìrean B1 agus B2, nas fhaide air adhart ann an 2022 agus 2023.
Tha an t-in-ionmhas, an dà chuid a thaobh maoineachaidh agus in-ionmhas “in kind”, a dh’fheumar gus amas a’ chom-pàirteachais airson a’ phròiseict a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach an àrdachaidh a dh’fheumar airson nan ìrean as adhartaich, aig £4m thar ceithir bliadhna.
Tha 75% den t-sùim seo air a bhith air fhaotainn, air neo faisg air aontachadh le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig. Tha an com-pàirteachas misneachail gum faighear an còrr dhen t-sùim a dh’fheumar gus am pròiseact a lìbhrigeadh.
Clàraich airson tuilleadh fiosrachaidh an-diugh aig www.speakgaelic.scot air neo lean duilleagan meadhanan sòisealta a’ phròiseict – Instagram, Twitter, Facebook & TikTok.