Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Matt & Alex a’ moladh spiorad nan Eilean Siar

20 Iuchar 2018

A-raoir mhol Matt Baker agus Alex Jones an sàr obair sgioba a chaidh a dhèanamh an lùib craoladh The One Show beò às Na Hearadh.

B’ e seo a’ chiad fhear de dà phrògram, le fòcas air dualchas na Gàidhlig agus beatha sna h-Eileanan an Iar.

B’ e seo a’ chiad uair a chaidh am prògram a chraoladh beò às Na h-Eileanan an Iar agus rinneadh e ri linn co-bhanntachd shònraichte eadar MG ALBA & Am BBC.

B’ e MG ALBA a sholar còrr air leth den chriutha de 50+, cho math ri cuid den t-sàr sgioba le sgilean fuaim, camara, solais, deasachadh agus craoladh bho muigh (OB).

Am measg nam pìosan a chaidh a chraoladh, bha cuairt a rinn Ben Fogle air ais gu Tarasaigh, ’s e a’ cuimhneachadh air an àm a bha e ann an lùib a’ phrògraim tbh, Castaway agus bha Marty Jopson an sàs ann an ath-chruthachadh de dheuchainn a rinneadh sna 1930an gus litrichean a chuir bho aon eilean gu eilean eile.

Cuideachd nochd John Maher air a’ phrògram, fear togail dheilbh, a b’ àbhaist a bhith ann an còmhlan punc, agus na chois bha fear a bhios a’ nochdadh sna deilbh aige, Iain Macleòid, fear a bhios a’ togail bhionaichean air feadh Na Hearadh.

Matt Baker and Alex Jones The One Show

Thuirt Matt Baker, a cheannaich bonaid ùr clò Hearach a bhiodh air sa phrògram:

“We received a fantastic welcome, and the stunning location made it extra special. The crew, including dozens of staff from MG ALBA, put in a herculean Hebridean effort to be able to make the show really special, so a big thank you to them.”

Thuirt an co-phreseantair, Alex Jones:

“We still have a fair bit of work to do on our Gaelic – albeit Matt and I have been trying – but the welcome we have received has been absolutely brilliant!”

Thig am prògram a-nochd (Dihaoine) beò bhon Fhèis Innse Gall ann an Steòrnabhagh. Chithear Fiona NicChoinnich bho BBC ALBA air a’ phrògram agus i ag innse mu na deich bliadhna a chaidh seachad on chaidh an seanail Gàidhlig a stèidheachadh.