Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Sunset+Vine air ainmeachadh mar Chom-pàirtiche Riochdachaidh Spòrs ùr BBC ALBA

23 Lùnastal 2023

Bidh Sunset+Vine a’ riochdachadh craoladh spòrs BBC ALBA le cùmhnant ùr ioma-bhliadhnail.

Fhuair a’ chompanaidh, a tha stèidhichte san RA an t-aonta trì bliadhna às dèidh pròiseas coimiseanaidh farpaiseach.

Bidh uallach air Sunset+Vine airson craoladh co-dhiù 176 uair de thachartasan spòrs beò gach bliadhna, a’ gabhail a-steach ball-coise, iomain agus rugbaidh.

Mar sin, bidh an companaidh neo-eisimeileach spòrs a’ lìbhrigeadh co-dhiù 26 geamannan SWPL beò gach seusan, 21 geamannan beò Lìg a h-Aon SPFL agus geamannan Challenge Cup.

Bidh iad cuideachd a’ craoladh taghadh de chamanachd beò tron Lùnastal agus an t-Sultain le iar- chuairtean deireannach Cupa na Camanachd, Cuairt Dheireannach Cupa MhicAmhlaidh, Cuairt Dheireannach Cupa Valerie Fraser agus Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd.

B’ e an iar-chuairt dheireannaich bho Chupa na Camanachd eadar Ceann Loch Seile agus Ceann a’ Ghiuthsaich air 5 Lùnastal a’ chiad gheama beò aig Sunset+Vine agus tha an sgioba bhon uair sin air tuilleadh chamanachd agus a’ chiad fhear de gheamannan SWPL seusan 2023 a chraoladh.

Tha brannd ùr spòrs aig BBC ALBA ri fhaicinn air na prògraman o chionn ghoirid cuideachd. Tha am brannd ùr a’ gabhail a-steach an dath buidhe aithnichte a thathas a’ cleachdadh thairis air branndaichean spòrs eile air a’ BhBC.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: 

“Tha spòrs fhathast glè tharraingeach do luchd-amhairc BBC ALBA agus tha sinn dealasach a bhith a’ togail air a’ chliù a th’ againn ann a bhith a’ lìbhrigeadh spòrs aig àrd-inbhe chun luchd-amhairc againn.

“Tha an cùmhnant trì-bliadhna seo air leth cudromach a thaobh ro-innleachd MG ALBA agus BBC ALBA. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Sunet+Vine gus togail air a’ chliù a th’ aig BBC ALBA mar chraoladair spòrs aig àrd-ìre agus ar dealas a thaobh spòrs nam ban ann an Alba gu sònraichte.”

Thuirt Grant Philips, Ceannard aig Sunset+Vine ann an Alba:

“Aig Sunset+Vine, bidh sinn gu sònraichte a’ craoladh spòrs beò ann an ALBA, an RA agus air feadh an t-saoghail. Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le MG ALBA agus BBC ALBA gus dòigh- obrach ùr a thoirt a-steach don chraoladh spòrs aca. Lìbhrigidh sinn na h-ìrean riochdachaidh as àirde thar nan trì bliadhna a tha romhainn airson luchd-amhairc BBC ALBA.”

Gheibhear geamannan BEÒ de Lìg 1 Cinch SPFL bho Dhisathairne 26 Lùnastal agus geamannan ScottishPower SWPL air BBC ALBA agus BBC iPlayer bho Dhidòmhnaich 27 Lùnastal 2023.

Gheibhear craoladh BEÒ bho iomain ann an geama deireannach Cupa Valerie Fhriseil WCA Mowi air BBC ALBA is BBC iPlayer bho Dhisathairne 2 Sultain 2023.