Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Sreath comadaidh air BBC ALBA

9 Màrt 2022

’S e program sgeidsichean Gàidhlig a th’ ann an OMC! bho riochdairean Scot Squad, The Comedy Unit.

Le caractaran annasach agus craic am pailt, cumaidh an t-sreath daoine ann an sunnd agus a’ gàireachdainn ri na sgeidsichean èibhinn.

Le gaol aon-taobhach eadar ‘phostaidhean’ gu còcairean TBh garbh, tha sgaod de charactaran craicte ann an OMC! a’ chiad sreath comadaidh Gàidhlig riochdaichte le gaisgich comadaidh Albannach, The Comedy Unit do BhBC ALBA.

Bidh Hannah McKirdy, rionnag prògraman chloinne agus comadaidh, gar toirt gu Croit Albannach na Bliadhna agus Cogadh nan Cèic ann an OMC!  a’ cleasachd cuide ri Lana Pheutan, agus gaisgich comadaidh na Gàidhlig Artair Donald agus Carina NicLeòid.

Am measg nan suidhichidhean a tha a’ nochdadh tha dinnear eadar dithis, co-strì maslachail anns a’ bhùth, aimhreit air na h-aiseagan agus gealladh-pòsaidh air nach tig crìch idir.

Thuirt Rab Christie, Àrd-Stiùiriche aig riochdairean OMC! The Comedy Unit: “Bha sinn air ar dòigh cothrom fhaighinn a bhith ag obair leis an uiread de dhaoine tàlantach air gach taobh den chamara, gus sreath ùr sgeidsichean a dhèanamh airson BBC ALBA. 

“Tha OMC! a’ tional agus a’ taisbeanadh obair grunn sgrìobhadairean, agus abair gun robh taghadh de bheartas sgrìobhaidh againn. Tron phròiseas air fad, bha e na phrìomhachas dhuinn gum biodh luchd-cleachdaidh Gàidhlig a’ stiùireadh agus an sàs anns gach ceum den chruthachadh agus ‘s e a bha sgoinneil a bhith a’ faicinn an criutha agus na cleasaichean nan dòigh glan an cois OMC!”

A’ bruidhinn air cho sònraichte cudromach ’s a tha comadaidh ùr-nòsach, Gàidhlig, thuirt Uilleam MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh airson BBC ALBA: “Tha Gàidheil gu math dèidheil air beagan fealla-dhà, agus chan eil dad nas fheàrr na a bhith a’ tarraing às a’ chèile – mar a tha làn fhios agam fhèin, is mi air a bhith air a’ cheann cheàrr dheth ann an coinneamhan sgrìobhaidh!

“Tha a h-uile càil anns a’ phrògram seo – bho aoir gu neo-àbhaisteachd gu dearg amaideas”! 

Thèid OMC! a shealltainn gach seachdain o Diciadain 9 Màrt airson 4 seachdainean air BBC ALBA, agus bidh gach earrann ri fhaicinn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là às dèidh làimh.