Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Tha MG ALBA a’ cur fàilte air an naidheachd gu bheil taic-airgid bhliadhnail MG ALBA ag èirigh gu £14.8m airson na bliadhn’ ionmhais 2025-26

28 Gearran 2025

Tha MG ALBA air fàilte a chur air an naidheachd gu fàs am maoineachadh bliadhnail aca bho Riaghaltas na h-Alba gu £14.8 millean airson na bliadhna ionmhais 2025-26. Tha an t-àrdachadh seo a’ sealltainn aithne chudromach air an luach a tha na meadhanan Gàidhlig a’ toirt do chruth-tìre cultarach na h-Alba.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA:

“Tha an t-ionmhas a bharrachd a tha seo ag aithneachadh an diofar a tha na meadhanan Gàidhlig a’ dèanamh.

​”Chomharraich Aithisg Ernst & Young gu bheil MG ALBA a’ cruthachadh luach de £1.34 le gach £1 de mhaoineachadh, a dh’aindeoin mar a tha cosgaisean air èirigh anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Tha sinn air ar misneachadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh sin le bhith ag àrdachadh ar maoin.

“Cha bhiodh e comasach prògraman leithid An t-Eilean a dhèanamh gun chinnt ionmhasail. Tha mòran dhaoine a’ coimhead BBC ALBA agus a’ cleachdadh goireasan luachmhor SpeakGaelic agus LearnGaelic, agus thèid an t-àrdachadh airgid uile mu choinneimh a bhith a’ neartachadh nan seirbheisean sin”

Tha an t-àrdachadh maoineachaidh mar phàirt de ghealladh leantainneach Riaghaltas na h-Alba airson taic agus brosnachadh a thoirt do chànan is cultar na Gàidhlig. Cuidichidh e MG ALBA gus leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh susbaint air leth do luchd-amhairc air feadh Alba, agus aig an aon àm a’ brosnachadh fàs anns na meadhanan Gàidhlig, cothroman agus goireasan airson nan ginealaichean ri teachd.

Aithisg Ernst & Young

Dealbhan le Riaghaltas na h-Alba