Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

“Am FilmG as Làidire A-Riamh”

30 Faoilleach 2025

Geàrr-liostaichean FilmG Beò

Tha FilmG air na geàrr-liostaichean fhoillseachadh air thoiseach air cuirm dhuaisean FilmG sa Mhàrt, agus iad air an crathadh as motha a dhèanamh air na roinnean ann an eachdraidh na farpais.

Airson a’ chiad uair ann an 17 bliadhna, cha bhi roinn Film as Fheàrr ann an co-fharpaisean -18 no 18+. An àite sin, thèid na prìomh dhuaisean a-nis a thoirt seachad airson an Dràma as Fheàrr, am Prògram Aithriseach as Fheàrr, agus an Comadaidh as Fheàrr – a’ soilleireachadh farsaingeachd tàlant sgeulachdas na Gàidhlig.

Am-bliadhna cuideachd bha atharrachadh mòr eile ann: cha deach cuspair idir air beulaibh nam filmeadairean, le tagraidhean de sheòrsa sam bith air am brosnachadh gus làn shaorsa chruthachail a cheadachadh. Agus thairis air 127 tagradh gu h-iomlan san dà fharpais, bha am fòcas am-bliadhna air leasachadh agus adhartas follaiseach.

Thagh britheamhan neo-eisimeileach na geàrr-liostaichean thar 15 roinnean, agus nì am poball co-dhùnadh air an dà dhuais mu dheireadh tro bhòt air-loidhne.

Geàrr-liostaichean 18+

Bhuannaich na ceithir  filmeadairean air geàrr-liosta Dràma as Fheàrr duais aig FilmG roimhe, a’ gabhail a-steach buannaiche am Film as Fheàrr an-uiridh, Kayleigh Bell.

Tha trì filmichean a’ seasamh a-mach le trì ainmeachaidhean an urra: Mhàiri NicGillìosa às an Eilean Sgitheanach agus Eilidh Chandler & Rae NicÌomhair airson nam filmichean aithriseach aca, cuide ri ‘Geama’ an dràma aig Luca Kerr, fear a bhuannaich an-uiridh cuideachd.

Geàrr-liostaichean -18

Tha Parker Dawes, buannaiche Film as Fheàrr an-uiridh, air dà gheàrr-liosta, nam measg an Dràma as Fheàrr.

Chan eil ach ceithir filmichean eile a’ cruinneachadh iomadh ainmeachadh – Àrd-sgoil Gheàrrloch, Sgoil an Taobh Siar, agus Àrd-sgoil Phort Rìgh uile le dà ainmeachadh, agus fhuair buidheann CnaG na Hearadh air trì geàrr-liostaichean airson an comadaidh aca mun phrògram telebhisein The Voice.

Bha deagh thaisbeanadh aig sgoiltean Inbhir Pheofharain cuideachd, le dà fhilm air an ainmeachadh bho Bhun-sgoil Inbhir Pheofharain agus aon bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG, “’S e seo am FilmG as làidire a-riamh a thaobh càileachd agus tha geàrr-liostaichean farpaiseach againn. Tha bhòt a’ phobaill air a bhith làidir cuideachd, agus mar sin bidh e brosnachail faicinn dè an dà fhilm a thig am bàrr sna roinnean sin”.

Còmhla ris a’ cho-fharpais, bha bùthan-obrach, clubaichean agus tachartasan FilmG ag àrach an ath ghinealach de sgeulaichean Gàidhlig, a’ toirt slighe do fhilmeadairean gus slighe fhaighinn a-steach do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig.

Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, an Ceannard Foillseachaidh aig MG ALBA: “Tha FilmG air leth luachmhor dha na meadhanan Gàidhlig, leis gu bheil e a’ taisbeanadh an tàlant ùr a tha a’ tighinn troimhe. Tha obair chruaidh air a bhith aig na britheamhan am-bliadhna ach tha sinne moiteil mu gach filmeadair bho air feadh na dùthcha agus mar a bha iad ag innse nan sgeulachdan aca sa Ghàidhlig.”

Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean FilmG aig an SEC ann an Glaschu air Dihaoine, 7 Màrt 2025. Tha na filmichean air fad rim faicinn aig: www.filmg.co.uk