Tha BBC ALBA air aonta a ruighinn a bhith a’ craoladh gach geama deasachaidh aig Sgioba Nàiseanta nam Ban mus tèid iad airson a’ chiad turas a-riamh gu Cupa na Cruinne san Fhraing.
Sa chiad gheama deasachaidh, chithear Alba an aghaidh Sile aig ionad-cluiche Pinatar ann am Murcia sa Spàinn, beò air BBC ALBA aig 6f air Dihaoine 5 Giblean.
Bidh BBC ALBA cuideachd a’ sealltainn Alba an aghaidh Brasil air Diluain 8 Giblean aig 7f, beò bho ionad-cluiche Pinatar.
Bidh an geama càirdeil mu dheireadh aig Alba, cuideachd beò air BBC ALBA, aig Hampden Dimàirt 28 Cèitean, le dòchas gum bi grunnan mhath luchd-leantainn ann airson soraidh slàn a chuir orra.
Sna priomh gheamannan, bidh Alba an aghaidh Sasainn, Argentina agus Iapan. Bidh Alba a’ cluich Sasainn sa chiad gheama aca air 9 Ògmhios.
Bidh gach geama aig Alba sa phrìomh chuairt aig Cupa na Cruinne beò air BBC ALBA – dachaigh spòrs nam ban ann an Alba.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:
“Tha BBC ALBA air a bhith air an turas seo le sgioba nàiseanta nam ban airson deich bliadhna agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ sealltainn nan trì geamannan deasachaidh, ’s iad a’ deisealachadh airson na co-fharpais, a thuilleadh air a bhith a’ craoladh nam prìomh gheamannan. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith gan taiceachadh aig an àm eachdraidheil seo dhaibh.”
Thuirt cluicheadair meadhan na pàirce airson Alba Leanne Crighton:
“The e cho math dhuinne agus airson an sgioba. Chan ann a-mhàin mun tùrnamant seo a tha e ach an taic a tha BBC ALBA air a thoirt dhuinn sna cuairtean deuchainn cuideachd. Tha fios againn nach eil e comasach do charaidean, teaghlach agus luchd-leantainn a bhith aig gach geama agus mar sin tha e cho cudromach dhuinne gu bheil an comas aig daoine a thighinn air an turas còmhla rinn.”