Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Thoir sùil às ùr air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig!

10 Dàmhair 2019

Air thoiseach air pròiseact àrd-amasach gus an tuilleadh dhaoine a thàladh chun na Gàidhlig, tha LearnGaelic an-diugh (Diardaoin 10 Dàmhair) air làrach-lìn ùr-dhealbhaichte fhoillseachadh aig Oilthigh Ghlaschu mar phàirt den t-seiminear A’ Ghàidhlig ann an Aois Chruinneil is Dhidseatach airson Mòd Rìoghail Ghlaschu.

Cruthaichte ann an 2011, tha LearnGaelic air e fhèin a shuidheachadh mar chàraid sheasmhach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, le innleanan agus goireasan feumail airson gach ìre de chomas sa Ghàidhlig.

Le 30,000 luchd-cleachdaidh air leth an-dràsta a’ tadhal air an làrach gach mìos, tha dùil gun tig fàs air an àireamh seo mar thoradh air leasachaidhean dealbhaichte gu sònraichte gus piseach a thoirt air an t-slighe ionnsachaidh.

A dh’aithghearr bidh e comasach do luchd-cleachdaidh an ìre fhèin de chomas a mheasadh gus na goireasan as freagarraich a lorg.

Tha gach ìre de luchd-ionnsachaidh air am frithealadh, bho dhaoine aig fìor thoiseach ionnsachadh gu ìre fileantas adhartach, agus tha e comasach do luchd-cleachdaidh gu luath agus gu furasta leantainn air an t-slighe ionnsachaidh gu dìreach bho dhuilleig-dachaigh na làrach-lìn.

Tha LearnGaelic a’ leantainn sgèile ùr Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG) a thèid fhoillseachadh gu foirmeil tràth ann an 2020. Leasaichte le Oilthigh Ghlaschu mar phàirt de lìonraidh Soillse agus le taic bho Oilthigh Obar Dheathain, cuidichidh an sgèile ann a bhith a’ measadh chomasan labhairt airson an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus oidean-ionnsachaidh, a bhios feumail airson ionnsachadh structarail.

Chaidh bhidiothan ùra an cruthachadh airson na làrach-lìn gus taic a chur ri fuaimneachadh agus gus brosnachadh a thoirt do dhaoine a tha an amhairc Gàidhlig ionnsachadh an turas ionnsachaidh aca fhèin a thòiseachadh.

Tha bhidiothan ann cuideachd a tha a’ sònrachadh luchd-ionnsachaidh a’ cur solas air diofar shlighean ionnsachaidh, a’ toirt mapa-rathaid dhaibhsan a tha a’ tòiseachadh an slighe aca chun na Gàidhlig.

’S e com-pàirteachas a tha ann an LearnGaelic de MG ALBA, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Bòrd na Ceiltis (Alba) air a riochdachadh le Oilthigh Ghlaschu, am BBC agus buidhnean eile le ròl ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig. Tha an làrach-lìn air a ruith le MG ALBA.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh, tadhal air: LearnGaelic.Scot. Siudaibh!

Aithrisean

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA agus cathraiche buidheann-stiùiridh LearnGaelic: “Tha LearnGaelic mu thràth na inneal luachmhor airson luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ach a-nis bidh beairteas de ghoireasan airson luchd-ionnsachaidh ri làimh ann an dòigh ionnsachaidh structaraichte. Tha an ath-dhealbhachadh seo air an làrach na cheum air leth mòr airson fàs na Gàidhlig.”

Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte faicinn gum bi LearnGaelic.scot a’ leantainn nan sgèilean CLAG (Comasan Labhairt ann an Gàidhlig) mar bhunait, a bhios a’ toirt stiùir shoilleir chun dà chuid daoine a tha ag amas air na sgilean Gàidhlig aca a neartachadh agus chun luchd-oideachaidh. Aig a’ cheann thall, tha sinn ag amas gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha LearnGaelic.scot, le CLAG mar bhunait, a’ cuideachadh leis an amas sin gu mòr. Thug Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhonn le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Oilthigh Ghlaschu taic-airgid gus am pròiseact CLAG a chur air dòigh. Bu mhath leinn taing a thoirt dhan sgioba uile gu lèir aig Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Obar Dheathain airson seo a thoirt gu buil.”

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbhisean Gàidhlig aig a’ BhBC: “Tha LearnGaelic na ghoireas mhìorbhaileach airson luchd-ionnsachaidh de gach aois agus aig gach ìre agus tha an ath-dhealbhachadh seo a’ tairgse dòigh rianail, furasta, taobh a-staigh làrach-lìn tarraingeach. Le luchd-cleachdaidh LearnGaelic a’ fàs ann am fileantas, comas agus misneachd, cuiridh sin fàilte agus luach air tabhartasan gu, agus eadar-obrachadh le, ar seirbheisean craolaidh Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA.”

Thuirt an t-Ollamh Rob Ó Maolalaigh, Iar-Phrionnsapal agus Ceannard Colaiste nan Ealan, Àrd-Ollamh airson na Gàidhlig agus PI de phròiseact CLAG: “Tha mi fhèin agus mo cho-obraiche An Dr Nicola Carty air a bhith cho toilichte a bhith ag obair air a’ phròiseact bhrosnachail seo gus an tuilleadh dhaoine a mhisneachadh gus Gàidhlig ionnsachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri goireasan ùra fhoillseachadh sa bhliadhna ùr tro LearnGaelic gus an tuilleadh taic a thoirt do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus tidsearan Gàidhlig. Le bhith a’ meudachadh ìrean comais na Gàidhlig, thathas an dòchas an tuilleadh dhaoine fhaicinn a’ cleachdadh Gàidhlig ann an raon nas fharsaing de shuidheachaidhean agus nam beatha làitheil. A thuilleadh air a bhith a’ cur taic ri leasachadh sgilean Gàidhlig a th’ ann mu thràth, thathas an dòchas gun toir seo air daoine eile Gàidhlig ionnsachadh agus àrdachadh a dhèanamh air an àireamh de luchd-labhairt.”